.
.
Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail nas fhaide air adhart dhan bhliadhna. Mar a bu dual don Mhòd a h-uile bliadhna, ‘s ann anns an Dàmhair a bhios an tachartas; a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig.
Bha dùil ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna-bhìoras, b’ fheudar a chur dheth chun an ath-bhliadhna.
Tha fàilte ga chur air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an tachartas. Eadar roinnean seinn, bàrdachd, ionnstramaidean agus dannsa Albannach, faodar clàraidhean a chur dhan Chomunn tron eadar-lìon. Bithear gan taisbeanadh tro mheadhanan sòisealta a’ Chomuinn.
Bruthaibh air an ceangal seo airson Clar-eagair Mod Naiseanta Rioghail air-loidhne 2020: Clar-eagair Mod air-loidhne
Bruthaibh air an ceangal seo airson tuilleadh stiùreadh air Mòd Nàiseanta Rìoghail Air loidhne 2020: Stiùreadh Mòd Air-loidhne 2020
Bruthaibh air an ceangal a leanas airson claradh airson farpaisean Mod Naiseanta Rioghail Air-loidhne 2020: Claraibh an seo
Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709705 no post-d gu .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Tha e AN-ASGAIDH do dhuine sam bith a tha airson pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd Air-loidhne, ach, ma tha sibh airson taic a thoirt dhan obair againn agus tabhartas a thoirt seachad, faodaidh sibh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn: