Books

  • Am Fear Meadhanach

    Am Fear Meadhanach

    Am Fear Meadhanach le Alasdair Caimbeul Aig aois dà fhichead 's a h-ochd, an dèidh a bheatha a chuir seachad a' teagaisg air a' Ghalltachd, tha Murchadh, mac Dhòmhnaill, mac Mhurchaidh, mac Mhurchaidh Oig air tilleadh dhachaigh...   At the age of 48, after spending his life teaching in the Lowlands, Murdo, son of Dòmhnall, son of Murdo, son of Wee Murdo are returning home...

    £7.95

    £7.95

  • An Cearcall

    An Cearcall

    An Cearcall le Torcuil MacRath Tha sgeulachdan Torcuil MacRath a' toirt sùil air ais gu làithean agus cleachdaidhean a bh' ann ach tha a-nis air caochladh. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air tachartasan iongantach a thachair na bheatha fhèin agus am beatha cuid eile sa choimhearsnachd nan òige 's nan èirigh suas. Tha aimsir agus seann ghliocas air am fighe a-steach cuideachd ann an oidhirp air deasbad a thogail air cearcall tìme.   Torqull MacRae's stories take a look back at the days and the way people lived but that has now changed. He also touches on interesting events that happened in his own life and also in the lives of those that were in his community as a youth and while growing up. Weather and wisdom are also woven in in an attempt to dicsuss circle time.

    £5.99

    £5.99

  • An Dosan

    An Dosan

    Duine annasach a tha san Dosan, fear òg a tha a' fàgail a dhachaigh 's a' sireadh beatha eile dha fhèin. Gheibh e sin, is thèid e na dhuine dèanadach, trang, mòran a' dol aige. Ach a bheil an saoghal ùr a tha e air a chruthachadh gu bhith na bhuaireadh dha? Tha sgeulachd am broinn sgeulachd seo, is iad air leth tarraingeach. Saoil ciamar a chrìochnaicheas eachdraidh an Dosain?

    £9.99

    £9.99

  • An Dubh Is An Gorm

    An Dubh Is An Gorm

    An Dubh Is An Gorm le Iain Mac a' Ghobhainn Anns a' chruinneachadh ùr so tha fichead sgeulachd, a' chuid mhòr dhiubh air cuspairean a tha glè dhlùth ri ar beatha anns an linn so. Bheir iad smuaineachadh air an leughadair, agus bheir iad fìor thoileachas dha.   There are 50 stories in this new creation, most of them on topics that are rather close to our lives in this era. They will make the reader think, and will make give them joy.

    £3.60

  • An Sgàineadh

    An Sgàineadh

    An Sgàineadh le Tormod Calum Dòmhnallach Tha a' chiad earrann stèidhichte air beatha an ùghdair, ged a tha esan a' dearbhadh gur e uirsgeul a th' ann: nach e ficsean a th' anns a h-uile h-eachdraidh? Gun teagamh, bha an sgrìobhadair òg, bha  air taobh eile an t-saoghail, is e bha gòrach. Anns an dara h-earrainn tha e a' lorg beagan gliocais agus a' gabhail grèim air an dòigh-beath' aige, le bhith a' rannsachadh mu dheidhinn nan daoine bhon tàinig e agus a' seachnadh nan taighean-seinns'.  Leis an treas earrainn, tha sinn a' dol a-steach do shaoghal an dràma beò, is oidhirp ga dèanamh air sealltainn, tro bhith a' cruthachadh dealbh-chluich stèidhichte air eachdraidh Alba san 16mh linn, dè chaidh ceàrr air feallsanachd nan Gàidheal. Bheir an ceathramh earrann dhuinn sgeul inntinneach stèidhichte air eachdraidh Steòrnabhaigh o chionn 100 bliadhna, nuair a bha am baile aig inbhe nach do ràinig e bhon uair sin. Tha seo air a chur sìos ann an riochd film a thathas a' cruthachadh anns an là an-diugh.   The first section is set on the writer's life, even though he's determined it's a novel: isn't everything in history fictional? Without a doubt, the writer was young, he was on the other side of the world, and he was silly. In the second section he finds some wisdom and sorts out his lifestyle, by researching the people he came from and avoiding the pubs.  With the heard section, we enter the world of animation, and attempts to show it, by creating plays set on history in Scotland in the 16th century, what went wrong in the philosophy of the Gaels. The fourth section will give us an interesting story set on the history of Stornoway over 100 years ago, when the town was at a level that it hasn't reached since. This is now made in the form of a film that is created in the present day.

    £7.99

    £7.99

  • An Sgoil Dhubh

    An Sgoil Dhubh

    An Sgoil Dhubh le Iain F. MacLeòid (2014) 190 pages. Tha an Rìgh marbh, na Draiudhean a-nis a' riaghladh agus tha duine sam bith a bruidhneas nan aghaidh a' dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh. Tha eagal is mì-chinnt air an t-sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas far iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh. Air eailean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a' tachairt air dithis strainnsear air a' mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t-slighe a bha an dàn linntean mus do rugadh e. Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul. _____________________________________________________ Aiteal: Sreath de sgrìobhaidean sgoinneil bho sgrìobhaidearan sgaiteach. Sreath ùr bho Acaor, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.

    £9.99

    £9.99

  • Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair

    Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair

    Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair - Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach / Facal-toisich le Joan Dhòmhnallach, nighean a' Bhàird Ma tha thu ag iarraidh bàrdachd a leughadh a th' air a cur ri chèile le faireachdainn, grinneas, loinn agus tuigse, 's e seo an leabhar dhut. Tha Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach air a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd a-nis bho chionn iomadh bliadhna agus tha cuid dhith air nochdadh mu-thràth ann an diofar àiteachan. Anns a' chruthachadh seo tha cuspairean gaoil dhe gach seòrsa. Tha luinneagan sunndach ann cuideachd a bheir gàire agus fiamh-ghàire. A bharrachd air an sin tha e a' togail chuspairean phoilitigeach, agus a' toirt dhuinn iomradh làidir air cogadh 's air sìth. Tha rud anns a' bhàrdachd aige a chòrdas ri aois òige an là an-diugh agus ri na ginealaich a thig às an dèidh.   If you are looking to read poetry that is put together with emotion, elegancy, grace and understanding, this is the book for you. Dòmhnall Alasdair MacDonald has now written poetry over a number of years and some have already been noticed already in different places. In this book love is expressed in different ways. There are cheerful lullaby's included as well that will make you laugh and smile. As well as that, he picks up on politcial topics, and gives us and comments strongly on war and peace. There is something in his poems that people of a young age will enjoy now-a-days and the generations to come.  

    £5.95

    £5.95

  • Bàrdachd Leòdhais

    Bàrdachd Leòdhais

    Bàrdachd Leòdhais lain N. Macleòid The fèill mhòr air an leabhar seo anns a bheil còrr is ceud òran Gàidhlig. Tha tòrr de na h-òrain fhathast air beul dhaoine agus cuid gan seinn aig cuirmean agus fèisean. Tha dàin spioradail nam measg cuideachd a bheir mòran toileachais. Tha Acair air leth moiteil a bhith a' cur an leabhar seo a-mach às ùr airson seann bhàrdachd Ghàidhlig a chumail fa chomhair an t-sluaigh.   There is a festival in this book where there are arounf 100 Gaelic songs. Many of the songs are still sung by people and are sung at gigs and festivals. There are spiritual poems amongst the songs as well that will bring joy to many people. Acair are very proud to be launching this book in the effort to keep these old poems alive.

    £10.00

    £10.00

  • Bàrdachd Uilleam Iain Caimbeul

    Bàrdachd Uilleam Iain Caimbeul

    Bàrdachd Uilleam Iain Caimbeul (Poems of Willie John Campbell (Willie Teddy)) "Chan e leabhar a tha seo a tha dìreach do mhuinntir an Rubha, 's e leabhar a th' ann a bheir brosnachadh dhuinn uile aig a bheil faireachdainn làidir de dhìlseachd do ar cànan, ar cultar agus ar freumhan". Seo mar a sg`riobh Mata MacÌomhair anns an ro-ràdh sa chruinneachadh thaitneach seo dhen bhàrdachd aig Willie John Caimbeul. The òrain de gach seòrsa againn an seo - òrain gaoil, òrain molaidh, òrain cianalais agus òrain èibhinn eirmseach. Tha iad uile air an sgrìobhadh le bàrd baile aig a bheil liut air leth. 'S e mìorbhail a th' ann gu bheil iad againn a-nis ann an aon leabhar, glèidhte airson ginealach ùr a bhith gan gabhail.  "This is not just a book for the people of Point, it is one that will inspire all of us who feel a strong sense of loyalty to our language, our culture and our roots", states Matthew MaIver in his introduction to this charming boo. The book has poems and songs that reflect the poet's own life and by turn the life of the wider part of this close knit island community. Love songs, songs that praise his island home and songs that will make you laugh out loud - they are all here, written in Willie John's very personal style and this book now shares them with a new generation.

    £12.95

    £12.95

  • Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath

    Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath

    Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath le AAonghas Lachlainn  

    £2.50

  • Bho Leabhar-Latha Maria Malibran

    Bho Leabhar-Latha Maria Malibran

    Bho Leabhar-Latha Maria Malibran (From the Diary of Maria Maliburn) le Christopher Whyte Tha mo bhodhaig, saoilidh mi, 'na h-aodach a chuireas mi a thaobh ag amannan, gu cùramach is gaolach, 's mis' a' siubhal 'nam ghuth, is dòcha, air neo ann an sgàthan. Ach chan eil mi 'nam aonar anns an sgàthan.   Sometimes I think my body is a dress I can take off and put aside at times, lovingly and with care, while I myself move off into my voice, or to the mirror. But in the mirror I can get no peace.

    £10.00

  • Breab, Breab, Breab- Iain D. Urchardan

    Breab, Breab, Breab- Iain D. Urchardan

    Cluinnear guth an t-seanchaidh gu làidir anns a' chruinneachadh seo, cheart mar gum bhiodh sinn ga èisteachd an tac na teine. Tha Iain D. Urchardan a' cur blas traidiseanta air sgeulachdan an latha an diugh a tha air am breacadh le caractaran agus cainnte a dh'aithnicheadh duine sam bith a thogadh ann an coimhearsnachd Ghàidhealach, ged a bhruidhneas e air cuspairean a bhuineas ri iomadh àm agus àite.

    £11.99

9
More
Top

Mailing List

Enter your e-mail address to receive our newsletter
Please enter a valid email address.
Email address already subscribed. Continue if you wish to unsubscribe.
Subscribe
Unsubscribe