​CO-CHOMHAIRLEACHAIDH CO-FHARPAISEAN NAN CÒISIREAN

Published: 01 Mar 2024

Mar a bhios fios aig mòran agaibh, tha co-chomhairleachadh a’ dol gus beachdachadh air structar farpaisean còisirean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

’S e cothrom a tha seo do stiùirichean chòisirean, buill agus leughadairean Gàidhlig nan còisir am beachdan a thoirt seachad air dòighean anns an gabh na farpaisean a leasachadh gu maith na h-uile.

’S e pròiseas fosgailte a th’ anns a cho-chomhairleachadh ann an co-bhann le na còisirean Gàidhlig.

Is e seo a’ chiad turas ann an 100 bliadhna a tha ceumannan practaigeach gan gabhail gus structar nam farpaisean seo ath-sgrùdadh. Tha cothroman air leth a’ tighinn an cois seo, gus dèanamh cinnteach gu bheil an cruth a’ freagairt air coimhearsnachd agus dualchas na Gàidhlig. Thathas ag amas air na farpaisean a bhith ion-ghabhaltach agus aig a cheart àm a’ cumail suas ar cultar, ag adhartachadh comasan sa Ghàidhlig agus a’ dèanamh cinnteach gu mair na farpaisean airson na ginealaich a tha ri teachd.

Tha diofar roinnean gan ath-sgrùdadh mar phàirt den phròiseas seo- nam measg stuthan ùra agus structar ionnsachaidh nas adhartaiche do bhuill nan còisir. Às dèidh mion-sgrùdadh mionaideach air an fhiosrachadh agus na beachdan a thèid a thoirt seachad, thèid co-dhùnadh am bu chòir atharrachaidhean sònraichte a chuir an gnìomh, ath-sgrùdadh leantainneach a dhèanamh no ùrachadh sam bith a dhiùltadh agus na farpaisean a chumail mar a tha iad. Cha tèid atharrachadh sam bith a dhèanamh gu 2025 aig a’ char as tràithe.

Tha sinn air leth taingeil dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail pàirt sa phròiseas co-chomhairleachaidh seo agus tha sinn mothachail air cho prìseil sa tha na farpaisean seo do choimhearsnachd a’ Mhòid air fad. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan nan còisirean agus beartas cultar na Gàidhlig a’ soirbheachadh agus air a thaisbeanadh chun na h-ìre as àirde.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Mar 2024

​Gheibhear cuairt-litir a’ Chomuinn an seo.

Ma tha naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Tapadh leibh!

Back to ACG News List

​Mòd ùr do dh’Inbhir Pheofharain air a dhearbhadh aig cruinneachadh nàiseanta Gàidhlig.

Published: 29 Feb 2024

​Tha Mòdan Ionadail Alba gu bhith a’ tighinn còmhla airson a’ chiad uair mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024, a’ comharrachadh clach-mhìle shònraichte ann an gleidheadh agus dearbhadh air cultar na Gàidhlig, a thuilleadh air Mòd às ùr fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain.

Mar a’ chiad chruinneachadh de a leithid air eagrachadh leis a’ Chomunn, bidh a’ cho-labhairt fon tiotal Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd, a’ gabhail àite air 24 Gearran ann an Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis. Tha an tachartas co-obrachail seo a’ seasamh mar fhianais do chudromachd ghnìomhachdan cultarach Gàidhlig agus com-pàirt coimhearsnachd, a tha a’ sìor fhàs air feadh na dùthcha.

Tha Mòdan Ionadail a’ coileanadh àite deatamach ann an cultar na h-Alba mar mhòr-ionadan beòthail far a bheil cultar na Gàidhlig a’ soirbheachadh. Tha na tachartasan ionadail sin a’ solarachadh àrd-ùrlar do fharpaisich òga agus inbhich gu an tàlantan ann an diofar chuspairean a thaisbeanadh, leithid òran, bàrdachd, dannsa agus ceòl, glè thric a’ frithealadh mar chlach-cheum chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann am baile diofraichte ann an Alba san Dàmhair gach bliadhna.

Tha Seachdain na Gàidhlig a’ solarachadh suidheachadh freagarrach do riochdairean bho gach Mòd Ionadail airson a thighinn còmhla ann an co-obrachadh, aig àm nuair a tha cuimse chruinneil air comharrachadh agus air adhartachadh a’ chànain.

A thuilleadh air deasbadan timcheall gach aon de shoirbheachasan agus dùbhlain nan 18 Mòdan Ionadail ann an Alba, agus mar a dh’fhaodas gach aon a bhith air a riaghladh gu ìre nàiseanta san àm ri teachd, agus clas seinn inbheach, chì an cruinneachadh cuideachd foillseachadh air Mòd Iondail Inbhir Pheofharain. Mar phàirt den tachartas, bidh e comasach do sgoilearan à Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Geàrrloch agus inbhir Nis, a thuilleadh air nas fhaide air falbh, com-pàirteachadh sna farpaisean agus ionnsachadh còmhla tro cheòl agus òrain Ghàidhlig.

Ri bhith a’ gabhail àite air 7 Sultain 2024, bidh am Mòd ionadail ùr nodha seo a’ nochdadh com-pàirteachas eadar An Comunn agus Fèis Rois, a’ tabhann ghnìomhachdan ciùil neo-fharpaiseach còmhla ri farpaisean traidiseanta. Tha an co-obrachadh às ùr seo a’ dearbhadh dealas bhuidhnean Gàidhlig a bhith ag obair còmhla ann an adhartachadh dualchas agus cultar saidhbhir na h-Alba ann an dòighean a tha spòrsail agus ruigsinneach do na h-uile.

Bidh duaisean airson an t-subhachais san t-Sultain a’ gabhail a-steach seisean clàraidh ann an Stiuidio Rosecroft do fharpais Seinn Aon-neach Àrd-sgoiltean, air a thoirt gu fialaidh le Comhairle na Gàidhealtachd agus air a riochdachadh le Ball den Chomtaiadh Ghàidhlig agus neach-còmhnaidh ann an Inbhir Pheofharain, Mairead NicPhàdraig. Tha Fèis Rois cuideachd a’ dèanamh tabhartas de dh’àiteachan do sgoilearan aig Fèis Deireadh-seachdain na Càisge, a’ tabhann tuilleadh chothroman airson com-pàirt ann an cultar na Gàidhlig.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan e a-mhàin clachan-ceuma do fharpaisich le dòchas a th’ ann am Modan Ionadail Alba, ach tha iad cuideachd nan adhartaichean deatamach air cultar is dualchas na Gàidhlig taobh a-staigh ar coimhearsnachdan. Tha sinn air leth toilichte na buidhnean cudromach ionadail sin a thoirt còmhla san aon àite agus tha sinn an dòchas gun àraich an tachartas ùr seo faireachdainn de dh’aonachd agus de chàirdeas am measg dealasaich na Gàidhlig, agus a’ meudachadh nan àireamhan don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban. Tha an oidhirp cho-obrachail seo a’ nochdadh an dealais cho-roinnte a thaobh traidisean na Gàidhlig a ghleidheadh agus a bheathachadh air feadh Alba. Ann an seasamh còmhla, faodaidh sinn dèanamh cinnteach à soirbheachadh leantainneach ar dualchais shaidhbhir Ghàidhlig airson ginealaichean ri teachd. Bu mhath leam mealadh naidheachd a chur air an sgioba ann an Inbhir Pheofharain às leth foillseachadh an tachartais ùir aca. Tha e na thogail a bhith a’ faicinn Mhòdan Ionadail a’ soirbheachadh mar seo, agus chan eil teagamh sam bith agam nach fhaigh luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ciùil buannachd mhòr às a ghnìomhachdan.”

Thuirt Steven MacÌomhair, Cathraiche Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach): “Tha a’ chomataidh ionadail agus mi fhìn air leth toilichte Mòd Ionadail Inbhir Pheofharain a chur air a chasan a-rithist, an dèidh beàrn de mu 20 bliadhna. Is e ar prìomh adhbhar àrd-ùrlar eile a thabhann do chloinn, an dà chuid ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus am fileantachd a leasachadh taobh a-muigh a’ chlasruim. Tha am Mòd a’ toirt cothrom mìorbhaileach air an eachdraidh agus an cultar saidhbhir a chomharrachadh tro fharpais chàirdeil, agus tha sinn airson an cothrom prìseil seo a thoirt do gach neach, ach gu h-àraid don ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha e brosnachail a bhith a’ faicinn a leithid de thaic bhon choimhearsnachd ionadail ann an ath-stèidheachadh a’ Mhòid ionadail agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas le càch, gus tachartas soirbheachail a chruthachadh a leanas air adhart a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig.”

Le riochdairean bho gach aon de Mhòdan Ionadail Alba a’ faotainn cuireadh a bhith an làthair, bidh a’ cho-labhairt Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd cuideachad a’ foillseachadh Pasgan Taic Didseatach ùr do Mhòdan Ionadail. Anns a’ ghoireas seo, bidh sampallan de theamplaidean do chomataidhean an cleachdadh nuair a tha iad a’ stèidheachadh no a’ leasachadh am Mòdan, a thuilleadh air fiosrachadh luachmhor mu An Comunn, maoineachadh, àrachas, ionadan-cruinneachaidh, britheamhan agus tuilleadh, a’ goireasachadh eagrachadh agus obrachadh furasta air na tachartasan deatamach cultarach sin.

Back to ACG News List

Co-labhairt nam Mòdan Ionadail

Published: 27 Feb 2024

​​Chaidh Co-labhairt airson nam Mòdan Ionadail a chumail ann an Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis na bu tràithe air a’ mhìos seo. Choinnich riochdairean bho diofar Mhòdan Ionadail bho air feadh Alba aig a’ cho-labhairt.

Chaidh a’ cho-labhairt a chur air bhog le Magaidh Choinneagan, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Bha cothrom ann do riochdairean nam Mòdan beagan còmhradh a dhèanamh am-measg a’ chèile agus bha òraidean ann bho riochdairean bho diofair bhuidhnean bho saoghal na Gàidhlig.

Thug Steven Kellow bho Bòrd na Gàidhlig beagan stiùireadh air ciamar a bu chòrr a bhith a’ cuir tagraidhean a-steach airson maoineachadh. Bhruidhinn Fiona Dalgetty, Stiùiriche Fèis Rois, mu com-pàirteachadh coimhearsnachd agus bhruidhinn Nicola Simpson agus Abi Reid bho Fèisean nan Gàidheal mu dheidhinn taic saor-thoileach. Thug Alex Tearse, bho Reefnet, fiosrachadh seachad mu ciamar a bhios na comharran ag obrachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus sheall e mar a tha an siostam air-loidhne ag obrachadh cuideachd. Bhruidhinn Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, mu na h- tharrachaidhean a chaidh a dhèanamh air clàr-eagair a’ Mhòid agus gnothaichean britheamhachd.

Thug an Comhairliche Mairead NicPhàdraig seachad duais ùr gus Mòd Ionadail Inbhir Pheofharain a chur air bhog. Thèid Mòd Ionadail Inbhir Pheofharain a chumail san t-Sultain airson a’ chiad uair. Chaidh
bratach ùr airson a’ Mhòd Ionadail aca a chur air bhog cuideachd, air a dheabhachadh mar phàirt den fharpais ‘Design a Logo’, le sgoilearan bhon sgìre, Lewis Stiùbhart agus Anna Calder agus chaidh duaisean a thoirt seachadh dhaibh airson na h-obrach aca.

Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do gach neach a bha an làthair air an latha. Tha sinn an dòchas gun robh e feumail dhuibh uile agus gun do chòrd e ribh. Taing don fheadhainn a thug seachad òraidean
air an latha agus taing do luchd-obrach Cùirt an Easbaig cuideachd. Tha sinn an dòchas an tachartas seo a chumail gach bliadhna gus cothrom a thoirt do na Mòdan Ionadail a thighinn còmhla gus beachdachadh air dùbhlain sam bith agus airson coimhead ri dòighean ùr airson leudachadh air na Mòdan Ionadail.

Back to ACG News List

​​MÒRAN TAING

Published: 05 Feb 2024

Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do gach neach a ghabh pàirt agus a bha an làthair aig Fèill Chuimhneachaidh Iain Mhicleòid thairis air an deireadh sheachdain. Taing gu sònraichte do sgioba Oilthigh Dhùn Èideann agus Bothan Dhùn Èideann airson an cuid taic le bhith a’ cur an deireadh sheachdain seo air dòigh. Chòrd gach tachartas rinn uile. Chì sinn sibh an ath bhliadhna!

Back to ACG News List

A’ DÙNADH AIG 5F AN DIUGH! ⏰

Published: 02 Feb 2024

​Tha agaibh gu 5f an diugh airson cuir a-steach airson an dreuchd seo. Ma tha ceistean sam bith agaibh cuiribh fios gu james@ancomunn.co.uk

Clàraibh an seo:

Back to ACG News List

A-NOCHD!

Published: 01 Feb 2024

​​Tha sinn deiseil airson a-nochd agus a’ coimhead air adhart ri òraid Khatie! Mur am faigh sibh a bhith an làthair còmhla rinn, bidh sinn a’ craoladh beò air an duilleag Facebook againn!

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Feb 2024

​Seo agaibh cuairt-litir a’ Chomuinn. Ma bhios naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

https://bit.ly/3HHdoUZ

Back to ACG News List

​ Ealain, ceòl is litreachas gu bhith pàirt de dh’òraid chuimhneachaidh gaisgeach na Gàidhlig

Published: 01 Feb 2024

Thèid cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh ann an sreath de thachartasan mar phàirt de Fhèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid.

Bidh na tachartasan a’ luaidh na Gàidhlig agus bidh iad fosgailte do gach duine, bho dhaoine a tha ùr dhan a’ Ghàidhlig dhan fheadhainn a tha glè eòlach air a’ chànain is a’ chultar.

Tha ceòl is òraidean litreachais am measg nan tachartasan saora a bhios a’ gabhail àite eadar Diardaoin 1 agus Didòmhnaich 4 An Gearran 2024.

Òraid Chuimhneachaidh

Bidh an Òraid Chuimhneachaidh a’ fosgladh na fèille agus bidh an òraidiche a’ toirt sùil air ciamar a tha cothroman agus adhartas air atharrachadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean.

Bidh an òraid air a lìbhrigeadh le Katie NicAonghais, stiùiriche dhen bhuidheann margaidheachd is conaltraidh Astar Media agus ball-bùird Chomunn na Gàidhlig, buidheann a tha a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba.

Comharrachadh na Gàidhlig

Bidh na tachartasan-iomaill a’ tòiseachadh le bùth-obrach sgrìobhaidh, air a lìbhrigeadh le sar-sheinneadair agus sgrìobhadair Gàidhlig, Gillebrìde Mac ’Ille Mhaoil, agus le Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann, Màrtainn Mac an t-Saoir, air Dihaoine 2 An Gearran.

Air Disathairne, thèid tachartasan a chumail a comharrachadh beatha agus buaidh Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir, am bàrd cliùiteach a rinn an dàn ainmeil Moladh Beinn Dòbhrainn, a rugadh bho chionn 300 bliadhna.

Thèid òraid air obair a’ bhàird a lìbhrigeadh leis an Dr Anja Gunderloch, Òraidiche ann an Ceiltis aig an Oilthigh, agus an t-Ollamh Rob Dunbar, Cathraiche na Ceiltis. As dèidh nan òraidean, thèid cuairt coiseachd a chumail gus cuid dhe na làraich fhaicinn a tha co-cheangailte ris a’ bhàrd ann am prìomh bhaile na h-Alba.

A bharrachd air sin, bidh dà oidhche de cheòl is dannsadh ann, ann an co-obrachadh le buidhnean ealain ionadail, Bothan Dhùn Èideann agus Comunn Tìr nam Beann.

Bidh an sreath de thachartasan a’ crìochnachadh Didòmhnaich le seirbheis Ghàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath, air a lìbhrigeadh le Ruairidh Iain MacLeòid.

Iain MacLeòid

Chaidh Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a stèidheachadh ann an 2019, às dèidh dha Iain MacLeòid, seann-cheannard A’ Chomuinn Ghàidhealaich, bàsachadh.

À Leòdhas bho thùs, bha MacLeòid gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ag obair gus an cànan agus a chultar a bhrosnachadh.

Tha an sreath de thachartasan seo – air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach – a’ togail air obair MhicLeòid gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns a’
bhaile mhòr.

Thuirt Seumas Greumach, Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig làidir ann an Dùn Èideann agus tha sinn an dòchas gum bi an sreath ùr de thachartasan a’ brosnachadh dhaoine gus cànan, ealain is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh agus gus urram a thoirt air cuimhne Iain MhicLeòid agus air an obair chudromaich a rinn e airson a’ chànain.”

’Thuirt Rob Dunbar, Cathraichena Ceiltise aig Oilthigh Dhùn Èideann: “Tha e na adhbhar toileachais agus na urram a-rithist am bliadhn a bhith ag obair leis A’ Chomunn Ghàidhealach gus beatha agus obair Iain MhicLeòid, fìor ghaisgeach saoghal na Gàidhlig, a chomharrachadh agus tha mi cinnteach gum biodh ar deagh charaid Iain air a dhòigh ghlain gu bheilear a’ leudachadh air an òraid gus luaidh nas fharsaing a dhèanamh air a’ chànan is a’ chultar.”


Back to ACG News List

COTHROM OBRACH

Published: 25 Jan 2024

​OIFIGEAR THACHARTASAN AGUS CONALTRAIDH DIGITEACH

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Thachartasan agus Conaltraidh Digiteach.

Gheibhear foirm iarrtais agus tuilleadh fiosrachadh mun obair gu h-ìosal.

Ceann-latha: 02/02/2024

Tuilleadh an seo.

Back to ACG News List

​Òraid le Katie NicAonghais

Published: 18 Jan 2024

​ÒRAID CHUIMHNEACHAIDH IAIN MHICLEÒID

Air a lìbhrigeadh le Katie NicAonghais

Cuin: 01/01/2024 @ 7f

Càite: The Project Room, Oilthigh Dhùn Èideann

‘Aon Chroit, Iomadh Cothrom – Sùil air cothrom agus adhartas sa choihearsnachd Ghàidhlig san latha a bh’ ann agus san latha a th’ ann.’



Back to ACG News List

Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid

Published: 18 Jan 2024

​Thèid sreath de thachartasan air leth a chumail ann an Dùn Èideann mar phàirt de Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid. Tha sinn an dòchas gun tig sibh còmhla rinn!

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-d gu info@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn air 01463 709 705

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 22 Dec 2023

​Seo agaibh an iris mu dheireadh den Chuairt-litir againn airson 2023.

Bu mhath leinn taing mhor a thoirt dhuibh uile airson bh’ ur taic thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad. Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile!

https://bit.ly/3TzmJ8s

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 02 Dec 2023

​Seo agaibh cuairt-litir a’ Chomuinn. An dòchas gum bidh deadh dheireadh sheachdain agaibh! Should you wish to contribute to a future issue please contact marina@ancomunn.co.uk.

https://bit.ly/47zs6J0

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 11 Nov 2023

​Seo agaibh cuairt-litir a’ Chomuinn. An dòchas gum bidh deireadh sheachdain mhath agaibh uile!

https://bit.ly/3FZmDPm

Back to ACG News List

Oifisean Dùinte

Published: 25 Oct 2023

​​Tha na h-oifisean againn dùinte an t-seachdain seo. Bidh sinn fosgailte a-rithist bho Diluain 30mh den Dàmhair.

Both our offices are closed this week. We will re-open on Monday 30th of October.

Back to ACG News List

Taing!

Published: 25 Oct 2023

​Uill, tha sinn an dòchas gun do chòrd an t-seachdain ribh – chòrd e rinne gu mòr! Taing mhòr dhuibh uile airson a bhith còmhla rinn airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2023 ann am Pàislig. Bu toil leinn taing shònraichte ag ràdh ris a h-uile duine a chum taic rinn – buidhnean taic-maoineachaidh, buidhnean a th’ air a bhith ag obair còmhla rinn thairis air na mìosan a dh’fhalbh agus cuideachd luchd-saor thoileach a bha còmhla rinn tron t-seachdain fhèin. Tha sinn fada nur chomainn.

Cuimhnich gum faicear taghadh de dhealbhan bho sheachdain a’ Mhòid an seo: https://www2.ancomunn.co.uk/2023/1

Chì sinn sibh uile san Òbain an ath-bhliadhna sibh!

Back to ACG News List

Buannaichean Farpaisean Chrìochnachaidh a’ Bhuinn Òir 2023!

Published: 19 Oct 2023

Seo agaibh na buannaichean sna Farpaisean Chrìochnachaidh a’ Bhuinn Òir 2023: Emma Sgalpaigh agus Iain MacCarmaig! Mealaibh ur naidheachd!


Back to ACG News List

An Aigeallan Airgid 2023!

Published: 19 Oct 2023

‘S e Theresa Irving a bhuannaich an aigeallan airgid am bliadhna, ! ‘S math a rinn sibh!

Back to ACG News List

​Ballot airson Farpais Chrìochnachaidh a’ Bhuinn Òir

Published: 18 Oct 2023

A-nochd aig 19:30

1. Isabelle Bain
2. Pàdraig Mac a’ Phearsain
3. Emma Nicleòid
4. John Boa
5. Julie-Anne MacFadyen
6. Fergus Muir
7. Marina NicLeòid
8. Iain MacCarmaig

Back to ACG News List

COGADH NAN COMHLAN - FEASGAIR DIMAIRT!

Published: 17 Oct 2023

Farpais a tha a’ taisbeanadh an tàlant ùr ann an saoghal na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta. Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas cothrom clàraidh còmhla ri Stiùidio JJ Recordings, Pàislig.

https://renfrewshireboxoffice.ticketsolve.com/.../1173647080

Back to ACG News List

​Dealbhan a’ Mhòid 2023

Published: 16 Oct 2023

You can view a selection of photos that have been taken this week at Mòd Phàislig, here. Keep checking for more photos from the days to come!

https://www2.ancomunn.co.uk/2023/1

Back to ACG News List

​Tha Sruth air ais!

Published: 16 Oct 2023

​Bithidh Sruth a’ tachairt a-rithist aig a’ Mhòd le cothrom do dhaoine òg (iadsan a tha fileanta agus iadsan a tha ag ionnsachadh) a bhith cabadaich agus còmhradh cuide ri gaisgich òg na Gàidhlig leithid Somhairle MacIain à TikTok agus Christy O’ Hanlon bhon phodcast Big Gaels Don’t Cry. Feuch gun tadhail sibh oirnn!

Back to ACG News List

​Paisley welcomes The Royal National Mòd 2023 as new Gaelic Ambassador announced

Published: 13 Oct 2023

The prestigious event returns to the Renfrewshire town for the first time since 2013

The Royal National Mòd makes its highly anticipated return to Paisley today, returning to Paisley for the first time in 10 years.

The Mòd 2023, which runs until Saturday 21st October, is set to bring fans of Gaelic music and culture together once again to celebrate the language, history and future of the Gaels.

An incredible opening night concert featuring MG Alba Folk Band of the Year Breabach will take place this evening for what will be the first full-scale concert to take place at Paisley Town Hall since its reopening.

Around 7,000 visitors are expected to descend on the Renfrewshire town over the coming nine days to soak up the vast range of performances, competitions, recitals and cultural activities on offer.

Around 2,000 participants will take part in a total of 200 competitions, with stages, halls and libraries in over 20 venues across Paisley and its surrounding areas bursting to life for the event which is expected to generate in excess of £2
million to Paisley’s economy.

To mark the opening of this year’s event, organisers An Comunn Gàidhealach have announced the Gaelic Ambassador of the Year. The annual Scottish Government honour is this year being awarded to celebrated Gaelic singer, researcher and broadcaster Linda MacLeod.

Originally from North Uist and now based in Glasgow, Gaelic was songstress Linda Macleod’s first language. She studied Gaelic at the University of Glasgow, graduating with a first class honours degree in 2010. Linda researched Gaelic songs associated with her family and native homeland, and went on to continue this work, gaining an MPhil in Gaelic in 2011.

Since then, Gaelic language has been at the centre of Linda’s professional life. She has worked with the University of Glasgow’s Celtic and Gaelic Department, Glasgow’s Gaelic arts organisation An Lòchran, Fèisean nan Gàidheal, The Gaelic Books Council and freelanced on a number of Gaelic media, teaching, singing and community projects.

Over the years she has presented and voiced many BBC ALBA programmes and now works part-time as a presenter on CBeebies ALBA. Linda has been Comhairle nan Leabhraichean’s Young Gaelic Reading Ambassador since 2016 and in 2015 was awarded Bòrd na Gàidhlig and The Daily Record’s Young Gaelic Ambassador of the Year award. In June 2023 she was named on the Saltire Society’s inaugural ‘40 under 40’ list, for her contribution to the Gaelic language.

Linda MacLeod said: “It is a huge honour and a lovely surprise to be named Gaelic Ambassador of the Year. The Gaelic language has been a constant in my life and is very important to me, without it I don’t know where I’d be or what I’d be up to today. I have been very fortunate to have worked on various Gaelic projects and with every age in the community. I have learnt so much from kind, encouraging people who have helped me over the years and from my own family too, and I am so grateful for all their help. This award has encouraged me to learn more from these people and to be involved in other projects in the future. The Gaelic language is very dear to me and I’m proud and thankful that it is such a big part of my life.”

This evening will see the Mòd’s joyous programme of performances and competition kick off with an incredible opening concert headlined by one of Scotland’s most skilled and imaginary contemporary acts Breabach. The multi-award-winning Lochaber five-piece will be delighting audiences with a raft of material from their celebrated back catalogue.

The first ever Mòd Festival Club will burst into life tonight at The Sneddon. The relaxed sessions will provide a place for attendees and musicians alike to socialise and soak up the festival atmosphere throughout the week, with the Graham McLennan Trio first up to entertain Paisley audiences.

The town’s pubs will also play host to some lively trad music from artists around the world over the nine days for the Mòd Phàislig 2023 Late and Live programme. It all kicks off tonight with Canadian folk duo Pierre Schryer & Adam Dobres playing in The Bungalow, Celtic folk fusion band Reely Jiggered getting a ceilidh going at The Old Swan and Irish-Scottish folk duo Fuaim getting toes tapping at The Keg.

Across the following nine days, the festival will showcase a diverse programme of exciting live competitions and fringe concerts.

Competition highlights include the An Comunn Gàidhealach Gold Medal final on Wednesday 19th October and the Traditional Gold Medal final on Thursday 20th October. The Combined Rural Choirs’ Competitions and Combined Area Choirs’ Competitions will also return on Thursday and Friday next week bringing choral singers from across Scotland together, while the event’s Fringe programme sees everything from history-making sporting clashes to late-night pub sessions and concerts from the brightest talent across the Gaeldom.

Tomorrow will see competition get underway for pipers, fiddle players, accordionists and more and shinty return to Renfrewshire, while the Mòd Football Cup will see two fluent Gaelic-speaking teams, Gàidheil Ghlaschu and Na Gàidheil, play off against one another for the first time since the annual match launched in Perth in 2004.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “We are incredibly excited to welcome faces old and new to The Royal National Mòd in Paisley. It’s wonderful to officially get this year’s event underway with
the incredible sounds of Breabach at such a special venue like Paisley Town Hall. It’s been a decade since we brought the Mòd to Paisley and the town has already shown such warmth and enthusiasm for hosting this event once again. We
appreciate locals welcoming us honorary ‘buddies’ for the next nine days as we bring our music, culture, friendship and hospitality to the streets, pubs, libraries, venues and concert halls of Renfrewshire.

This is Maggie Cunningham’s first year overseeing the Mòd as An Comunn Gàidhealach’s new President, having taken the role in the association responsible for the preservation and promotion of the Gaelic language earlier this year.

Maggie Cunningham, President of An Comunn Gàidhealach, added: “ I’m very much looking forward to my Mòd as President. Once again the event will showcase the national and international importance and profile of the Gaelic language, provide an important opportunity for Gaels and Gaelic supporters to come together in celebration, share the significant cultural benefits of the event with musicians, artists and audience members alike and have a positive impact on the economy of our host town of Paisley.”

Education Secretary Jenny Gilruth said: “It’s great to see the Royal National Mòd return to Paisley for the first time in ten years and I’d like to pay tribute to everyone who worked so hard to make this possible. I’m looking forward to what I’m sure will be a lively and memorable Mòd that celebrates the very best of our rich Gaelic culture. I would also like to congratulate An Comunn Gàidhealach for its excellent choice of Linda MacLeod as Gaelic Ambassador for 2023.”

Renfrewshire Provost, Lorraine Cameron, said: “The banners and bunting are up across town, and we’re all excited and ready to get Mòd Phàislig underway. There’s a fantastic programme of events and performances for everyone to enjoy – whether they have a passion for Gaelic culture or if they’ve never engaged with the language and music before. The whole community has been involved in preparations from our local businesses and volunteers to our school pupils and I can’t wait to see the town full of buzz and excitement with visitors and locals enjoying everything this jam-packed festival has to offer.”

Paul Bush OBE, VisitScotland’s Director of Events, said: “EventScotland is once again delighted to be supporting the Royal National Mòd through our International Programme. Returning to Paisley for the first time in 10 years, the city will provide the perfect stage for these piping festivities alongside the usual packed programme celebrating Gaelic language and culture. Events play an important part in our communities by offering visitors and locals the chance to come together and share memorable experiences. I’m sure Renfrewshire will provide its renowned warm welcome as visitors come to the area from far and wide to enjoy this uniquely Scottish event.”

Ealasaid MacDonald, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said: “Bòrd na Gàidhlig is looking forward to what promises to be a fantastic celebration of Gaelic in Paisley. We are delighted to be a major supporter of this event and the wide range of cultural and community opportunities available is testament to the hard work of An Comunn Gàidhealach and the local Mòd team. A special congratulations to Linda MacLeod as she is named Gaelic Ambassador of the Year – well deserved recognition of all her hard work in supporting, entertaining, and encouraging young Gaelic speakers.”

Back to ACG News List

Cuirm na Clarsaich

Published: 12 Oct 2023

The Royal National Mòd harp competitions this year are on Wednesday the 18th October 2023 in The Wynd Centre, Paisley.

After the harp competitions there will be a concert at 5pm in The Wynd Centre: this concert will include the prize winners, all the ensembles, duets and many more musical moments!

Please do stay for the concert if you can as it’s a lovely opportunity to hear people perform again and to listen to others whom you may not have heard!

www.modphaislig.com

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 03 Oct 2023

​Tha an iris as uire den chuairt-litir againn ri fhaotainn an seo. Tha an iris seo lan fios mu cuid de na bhios a’ dol aig Mod Naiseanta Rioghail na bliadhna seo - tha sinn an dochas gun cord e ribh!

Ma tha naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris den chuairt-litir againn, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Prògram a’ Mhòid ri Fhaotainn

Published: 11 Sep 2023

​​Tha Prògram a’ Mhòid a-nis ri cheannach bho na h-oifisean againn ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus bho Bùth Chòmhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu.

Tha Prògram Iomall a’ Mhòid ri fhaotainn an seo.

‘S urrainnear tiogaidean airson prìomh thachartasan a’ Mhòid a cheannach an seo.

Back to ACG News List

​Mòd Phàislig a' toirt thugaibh: Cleith!

Published: 07 Sep 2023

​Mòd Phàislig a’ toirt thugaibh: Cleith

Thigibh chun a’ chuirm-ciùil sònraichte, dìomhair a tha seo, le ceòl bho chuid den luchd-ciùil as cliùitiche ann an saoghal ceòl tràidiseanta!

Clàraich an-dràsta gus tiocaid a ghlèidheadh airson an tachartas sònraichte, saor ‘s an-asgaidh a tha seo. Gheibh daoine le tiocaid tuilleadh fios air latha a’ chuirm fhèin mu dheidhinn càite am bi e ann am Pàislig agus cò bhios a’ cluich…

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 07 Sep 2023

​Gheibhear an iris as uire den chuairt-litir againn an seo.

Ma tha fiosrachadh no naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Prògram a’ Mhòid ri Fhaotainn!

Published: 05 Sep 2023

​Tha Prògram Farpaisean a’ Mhòid agus Prògram Iomall a’ Mhòid airson Mòd Phaislig 2023 a-nis ri fhaotainn air loidhne!

Prògraman slàn an seo: www.modphaislig.com/whats-on

Cò eile a tha a’ dèanamh fiughair ri tachartas na bliadhna?

Back to ACG News List

​Cur-seachadan teaghlaich aig cridhe Mòd Phàislig 2023

Published: 24 Aug 2023

Bidh cur-seachadan teaghlaich aig cridhe a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna, le barrachd ghnìomhachdan san amharc do chlann agus teaghlaichean na bh’ ann a-riamh roimhe.

Tha prìomh thachartas cultarach Gàidhlig na h-Alba a’ tilleadh a Phàislig eadar 13 – 21 Dàmhair 2023, le gnìomhaidhean sònraichte, farpaisean brosnachail, iomairtean spòrs, bùithtean-obrach do gach aois agus cèilidhean, a’ gabhail

àite air feadh a’ bhaile agus san sgìre mun cuairt.

Tha an tachartas a’ comharrachadh dualchas cultarach is cànanach na h-Alba agus a’ dol nas fhaide am-bliadhna gus clann agus daoine òga fhaighinn na lùib, mar sin a’ toirt dhaibh cothrom a bhith air an nochdadh don Ghàidhlig tro raon de

ghnìomhachdan spòrsail. Aig an aon àm, tha e a’ toirt cothrom do luchd-labhairt nas adhartaiche agus luchd-labhairt dùthchasach an cànan a thaisbeanadh agus coinneachadh ri luchd-labhairt eile de gach aois.

Mar a bhios saor-làithean an t-samhraidh a’ tarraing gu crìch, tha sinn a’ togail air na tachartasan com-pàirteachaidh aig àm nan saor-làithean san Dàmhair a tha ann am Pàislig agus mu thimcheall Phàislig mar phàirt de Mhòd na bliadhna seo.

Cèilidh Fàilteachaidh

Air Diardaoin 19 Dàmhair, thèid Cèilidh Fàilteachaidh air adhart ann an Ionad Tannahill – cèilidh fàilteachaidh blàth is ioma-chultarach do choimhearsnachdan de gach cultar gus an sgeulachdan a cho-roinn nan cànanan dùthchasach, agus Gàidhlig nam measg. Gheibh an tachartas aoigheachd bho Sgoil nan Cultaran Afraganach ann an com-pàirteachas leis na buidhnean coimhearsnachd ionadail Pachedu agus Inspiring Families.

Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud”

Tha tachartasan tadhail Sruth a’ tairgsinn cothrom do dhaoine òga còmhradh a chumail le cuid de na rionnagan as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig aig Skinnedars, Talla Baile Phàislig air Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh Dàmhair. Dìreach san dàrna bliadhna de a ruith, leigidh an tachartas neo-fhoirmeil seo le daoine òga le Gàidhlig a dhol ann an conaltradh le daoine aithnichte eile le Gàidhlig, leithid an t-seinneadair ’s an craoladair BBC, Eilidh NicDhòmhnaill agus am pearsa rèidio agus TikToker à Leòdhas, Marc Mac a’ Ghobhainn.

Cèilidhean Chloinne

A’ ruith Diluain agus Dimàirt 16mh agus 17mh Dàmhair ann an togalach Aonadh Oileanaich UWS, thathar a’ sùileachadh gum bi Cèilidhean na Cloinne làn spòrs is fealla-dhà don teaghlach air fad, le ceòl, geamannan, dannsa, agus cafaidh is bàr aig am bi clàr-bìdh sònraichte do chlann. Tha na tachartasan sin a’ faotainn taic agus gan lìbhrigeadh le Comunn na Gàidhlig còmhla ri Fèis Phàislig.

Club Gàidhlig Chloinne le Fèis Phàislig

A’ ruith Bho Dhiluain gu Dihaoine, 16mh gu 20mh Dàmhair, bidh Cluicheamaid, an club Gàidhlig beòthail do chlann, a’ tabhann ghnìomhachdan spòrsail do dhaoine òga an lùib ceòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig.

Bidh cuspair ùr tùsail ga chleachdadh gach latha agus anns na seiseanan sin bidh measgachadh de gheamannan, ealain is ciùird, seinn agus dannsa. Chan fheum eòlas sam bith a bhith aig a’ chloinn ro-làimh air Gàidhlig gus a dhol an lùib nan seiseanan seo an-asgaidh, a bhios a’ gabhail àite ann an ionadan air feadh Siorrachd Rinn Friù, le seiseanan maidne do dh’aois 4-7 bliadhna agus tachartasan feasgair do dh’aois 8-12 bliadhna.

Bookbug Gàidhlig

Tha Bookbug Gàidhlig a’ lìbhrigeadh òrain, gàirean agus sgeulachdan le caran Gàidhlig annta do dhaoine òga a tha measail air leabhraichean, aig seiseanan ann an leabharlannan mu thimcheall Phàislig fad seachdain a’ Mhòid, Diluain 16mh gu Dihaoine 20mh Dàmhair.

Cèilidh Teaghlaich Spooky Samhain

Air Disathairne 21mh Dàmhair, bidh cothrom ann Oidhche Shamhna agus Fèis Samhain a chomharrachadh anns an t-seann nòs Ghàidhlig le cèilidh teaghlaich air an fheasgar, air a stiùireadh le Fèis Phàislig. Bithear a’ tairgsinn sgilean siorcais, fealla-dhà chloinne, geamannan, ealain is ciùird, agus thathar a’ moladh dhuibh sib’ fhèin a sgeadachadh.

Bùth-obrach Sgilean Siorcais Ghàidhlig

Bidh cothrom aig clann de dh’aois 6-12 bliadhna sgilean siorcais fheuchainn a-mach agus beagan Gàidhlig ionnsachadh no a chleachdadh aig a’ bhùth-obrach seo, a tha an-asgaidh agus a’ gabhail àite ann an Siorcas Coimhearsnachd Phàislig air Diluain 16mh Dàmhair.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn cho toilichte gum bi Mòd Phàislig a’ toirt aoigheachd do a leithid de dh’fharsaingeachd thachartasan dha clann agus teaghlaichean san Dàmhair. ’S e cothrom mìorbhaileach a th’ ann do dhaoine òga ann an Siorrachd Rinn Friù a bhith an sàs sa Mhòd, Gàidhlig a labhairt agus ionnsachadh, sgilean ùra a thogail agus caraidean ùra a dhèanamh ann an àrainneachd fhàilteach agus spòrsail tro shaor-làithean na sgoile.

“Mholamaid do dhaoine a bhith a’ planadh ro-làimh agus na seiseanan a chur mu seach a bu mhath leotha a fhrithealadh, agus brath a ghabhail air a’ bheairteas de ghnìomhachdan a tha rim faotainn air feadh a’ bhaile agus san sgìre fharsaing. Eadar gu bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig no nad neach-labhairt dùthchasach a’ coimhead airson chothroman, tha rudeigin do na h-uile aig Mòd na bliadhna seo, ann an da-rìribh.

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha a leithid aig a’ Mhòd am-bliadhna anns am faod daoine tlachd a ghabhail. Chan e a-mhàin gu bheil na gnìomhachdan a’ tabhann cothrom air spòrs a bhith aig teaghlaichean còmhla rè saor-làithean na Dàmhaire, ach cuideachd a bhith comasach air barrachd ionnsachadh mu chànan agus mu chultar na Gàidhlig. Mholainn do gach neach a dhol gu na tachartasan a tha a’ gabhail àite agus cuideachd a dhol an sàs ann an subhachasan a’ Mhòid anns a’ bhaile.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ comharrachadh a’ chànain agus ceòl, òrain, dràma, litreachas, ealain agus spòrs na h-Alba. Bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-ealain a’ gabhail gu àrd-ùrlaran, tallachan agus leabharlannan ann an

còrr air 20 ionad-cruinneachaidh air feadh Phàislig agus na sgìrean mun cuairt, rè an tachartais naoi latha, nuair a thilleas e don bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù, airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Alba Chruthachail, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, An Reeling agus SQA.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan Mòd Phàislig agus gus tiogaidean a chur mu seach, tadhailibh air www.modphaislig.com.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Iuchar 2023

Published: 01 Aug 2023

​Gheibhear cuairt-litir na mios seo an seo.

Ma bhios naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 04 Jul 2023

​Seo agaibh an iris as uire den chuairt-litir. Ma tha sibh airson naidheachdan sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

https://bit.ly/3r5K99i​

Back to ACG News List

​Mòd Phàislig a’ foillseachadh prògram beòthail a tha ag adhartachadh Gàidhlig do na h-uile

Published: 04 Jul 2023

Tha prògram do-chreidsinneach, fiùghantach agus in-ghabhalach de chuirmean-ciùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùithtean-obrach air fhoillseachadh leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ’s e a’ tilleadh a Phàislig eadar 13 – 21 Dàmhair 2023.

Bidh prìomh thachartas cultarach Gàidhlig na h-Alba a’ comharrachadh a’ chànain còmhla ri ceòl traidiseanta, òrain, dràma, litreachas, ealain agus spòrs na h-Alba.

Bidh na ceudan de luchd-ciùil agus luchd-ealain a’ gabhail chun an àrd-ùrlair, tallachan agus leabharlannan ann an còrr air 20 ionad-cruinneachaidh ann am Pàislig agus san sgìre mun cuairt rè an tachartais naoi làithean seo, nuair a thilleas e don bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna.

Thèid Mòd Phàislig a chur fo sheòl le Cuirm Fosglaidh a’ Mhòid 2023 ann an Talla Baile Phàislig air Dihaoine 13 Dàmhair, a’ nochdadh a’ bhuidhinn cho-aimsireil tuath-cheòl, Breabach. Bidh an còmhlan de chòignear, a tha gu làithreach ainmichte mar Còmhlan Tuath-cheòl na Bliadhna, mar aon de na ciad thachartasan a ghabhas gu àrd-ùrlar an ionad-chruinneachaidh seo a tha air a dhèanamh suas às ùr, ann an Siorrachd Rinn Friù.

Bidh an talla a’ toirt aoigheachd cuideachd do dh’oidhche nach tèid à cuimhne de cheòl traidiseanta agus de chultar na Gàidhlig, a’ taisbeanadh tàlant òg à Siorrachd Rinn Friù agus nas fhaide a-muigh airson Ar Cànan ’s Ar Ceòl air Disathairne 14 Dàmhair. Bidh òigridh Fèis Phàislig agus Còmhlan Pìobaireachd Sgoiltean Siorrachd Rinn Friù a’ cur gnìomhadh iongantach air àrd-ùrlar, fhad ’s a bhios cuid de na seinneadairean Gàidhlig as grinne ann an
Alba, a’ gabhail a-steach Ainsley Hamill, Deirdre Ghreumach agus Joy Dunlop, a’ gabhail pàirt còmhla ri Còisir Ghàidhlig Ghlaschu. Còmhla riutha air àrd-ùrlar bidh Còmhlan Pìobaireachd Chill Bhearchain agus Jenna Reid is Harris Playfair a’ nochdadh air prògram na h-oidhche.

Thèid taisbeanadh air ùr-chruthachadh, a’ cur air bhog cruinneachadh às ùr de dh’òrain Ghàidhlig Frances Tolmie: Gun Sireadh Gun Iarraidh, a chur air àrd-ùrlar ann an Talla Baile Phàislig air Dimàirt 17 Dàmhair.

Tha an cruinneachadh suaicheanta de dh’òrain Tolmie air an sìneadh sìos, air an ath-obrachadh ’s air an ath-chumadh thar mòran bhliadhnaichean, agus air an toirt còmhla ann an aon chruinneachadh speisealta le Kenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Còmhla ris an dithis sin, bidh feadhainn eile a tha air Tolmie a chleachdadh nan cruinneachadh agus na stoidhle fhèin, a’ gabhail a-steach Ceitlin Lilidh, Mischa Nic a’ Phearsain, Màiri Callan, Seumas Greumach, Raonaid Walker, Màiri Anna NicUalraig, Wilma NicUalraig agus Seumas Caimbeul. Gheibh iad taic-ciùil bho chòmhlan taighe de rionnagan tuath-cheòl Albannach.

Bidh cothrom ann cuideachd ceangal a dhèanamh le Gàidhlig air an taobh a-muigh le taing do Chuairt Nàdair Ghàidhlig ann an Gàrraidhean Fuarain Phàislig, air a stiùireadh le Alasdair Whyte agus air a leasachadh ann an com-pàirteachas leis a’ bhuidheann leasachaidh coimhearsnachd ionadail, Pròiseact STAR. Air Didòmhnaich 15 Dàmhair, bidh cothrom aig com-pàirtichean eòlas a chur air na gàrraidhean poblach as sine ann am Pàislig, faighinn a-mach mu bheul-aithris Gàidhlig agus ainmean Gàidhlig do chraobhan, planntrais, beathaichean, eòin agus àiteachan cudromach sa phàirc, ionnsachadh.

Tha bùithtean-obrach air a’ phrògram cuideachd, leis an neach-labhairt Gàidhlig agus an neach-ciùil traidiseanta, Evie Waddell a’ toirt aoigheachd do Fàilte Gu Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) air Dihaoine 20 Dàmhair. Le sgioba de luchd-gnìomhaidh a tha bodhar, bidh Evie a’ cuideachadh chom-pàirtichean le beagan Gàidhlig ionnsachadh, agus òrain is dannsa-ceum traidiseanta ruitheamach soidhnichte, ann an suidheachadh a tha gu bhith na iomlaid chultarach thoilichte agus fosgailte do na h-uile. Leanaidh taisbeanadh beòthail ann an Talla Baile Phàislig air an fheasgar sin, a’ cleachdadh òrain agus sgeulachdan traidiseanta, soidhneadh agus dannsa, gus na dàimhean eadar cultar na h-Alba, Gàidhlig agus BSL a rannsachadh.

Bidh prògram farsaing agus measgaichte ann do theaghlaichean fad na seachdaine le gnìomhachdan a’ gabhail àite ann an ionadan-cruinneachaidh air feadh sgìre Siorrachd Rinn Friù. Tillidh Struth air Diluain agus Dimàirt, a’
toirt cothrom do dhaoine òga còmhradh ri cuid de na rionnagan as aithnichte ann an saoghal nan Gàidheal, fhad ’s a bhios Clubaichean Clann a’ Mhòid a’ dol fad na seachdaine agus seiseanan gach latha air an stiùireadh le Fèis Phàislig, agus com-pàirtichean ionadail leithid Fèis Ealain Loch Uinneach a’ lìonadh seachdain nan saor-làithean sgoile san Dàmhair le sreath de ghnìomhachd.

Ann an leabharlannan Linwood, Foxbar, Baile Raghnaill, Baile Iain agus Glenburn, bidh Bookbug Gàidhlig a’ ruith fhad ’s a bhios cèilidhean chloinne a’ gabhail àite ann an Aonadh Oileanaich UWS air Diluain 16 agus Dimàirt 17 Dàmhair.

Nas fhaide air adhart san t-seachdain, bidh Ionad Tannahill ga chleachdadh airson Cèilidh Fàilte – cèilidh ioma-chultarach fàilteach do choimhearsnachdan bho gach cultar gus sgeulachdan a roinn nan cànan dùthchasach, measgaichte le Gàidhlig. Gheibh an tachartas air Diardaoin 19 Dàmhair aoigheachd bho Sgoil nan Cultaran Afraganach ann an com-pàirteachas leis na buidhnean coimhearsnachd ionadail, Pachedu agus Inspiring Families.

Mar a bhios oidhche Shamhna a’ tarraing nas dlùithe agus am Mòd a’ tighinn gu crìch, air Disathairne 21 Dàmhair chithear Cèilidh Teaghlaich Spooky Samhain a’ gabhail àite aig Aonadh Oileanaich UWS. Bidh an cèilidh cuspaireil Samhna seo don teaghlach air fad, air a stiùireadh le Fèis Phàislig, a’ comharrachadh Oidhche Shamhna agus fèis Shamhna ann an stoidhle ainmeil Phàislig.

Bheir na tachartasan cliùiteach spòrs prògram ghnìomhachdan a’ Mhòid gu Raointean Cluiche Rìgh Seòras V air Disathairne 14 Dàmhair. Thèid iomain, spòrs nan Gàidheal, a chluich le sgiobaidhean nam fear, nam mnathan agus na h-òigridh ann am farpaisean crìochnachaidh a bhios gu math teann, agus chì Cupa Ball-coise a’ Mhòid dà sgioba le freumhan Gàidhlig a’ farpais an aghaidh a chèile. Air Didòmhnaich 15 Dàmhair, bidh Abaid Phàislig a’ cur fàilte air Seirbheis Eaglaiseil a’ Mhòid.

Tha na subhachasan deiseil airson a dhol air adhart gu uairean beaga na maidne air feadh a’ bhaile, agus sgaoileadh a-mach gu gnothachasan air feadh na sgìre, le Club Fèis a’ Mhòid ga chumail anns an Sneddon. Cuiridh an taigh-seinnse seo ann am Pàislig fàilte air measgachadh de sheiseanan ciùil beò sealach agus cur-seachad air gach latha den fhèis, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail air fois a ghabhail an dèidh subhachasan an latha.

Bidh am Bungalow a’ toirt aoigheachd don Mòd Anmoch is Beò anns a’ Bhungalow, a bheir cothrom do luchd-tadhail eòlas a chur air ceòl traidiseanta is Gàidhlig bho chuid de na h-ainmean as fheàrr a tha mun cuairt. Bidh an Swan agus an Keg nan dachaigh do sheiseanan taigh-seinnse air feadh na seachadaine.

Tha am beairteas de thachartasan agus ghnìomhachdan a thathar a’ tabhann a’ ruith taobh ri taobh le clàr fharpaisean cliùiteach a’ Mhòid, a chì an sreath àbhaisteach de thàlant a’ farpais airson nan tiotalan as tograiche ann an
saoghal nan Gàidheal. Gabhaidh am Bonn Òir, Farpais Crìochnachaidh an t-Seann Nòis, agus farpaisean an Aigeallain Airgid, farpaisean chòisirean agus Farpais Crìochnachaidh an Dràma àite tron t-seachdain, ri taobh farpaisean chloinne is ciùil, a chuireas uile fàilte air farpaisich bho air feadh Alba agus an t-saoghail nas fharsainge, gu Pàislig.

Bidh Cogadh nan Còmhlan air ais ann an 2023 agus còmhlain òga traidiseanta Albannach agus Gàidhlig a’ gnìomhadh mu choinneamh pannal spèiseil de bhritheamhan agus luchd-èisteachd beò aig Ionad Wynd, airson na farpais chrìochnachaidh air Dimàirt 17 Dàmhair agus na Duaisean Litreachais gam buileachadh air Diciadain 18 Dàmhair.

A’ leantainn air farpais ealain na bliadhna an-uiridh ga chur ri prògram a’ Mhòid, bidh obair-ealain ag adhartachadh cultar Gàidhlig agus beatha Alba bho air feadh Alba, ga chomharrachadh aig Mòd Phàislig le taisbeanadh didseatach. Thèid com-pàirtichean Duais Ealain na Gàidhealtachd a thaisbeanadh an uair sin sa Bhriggait ann an Glaschu bho Dihaoine 20mh Dàmhair. Faodaidh luchd-tadhail tlachd a ghabhail cuideachd à cuairt stiùirichte de obair nan deichnear luchd-crìochnachaidh air an liosta fhada.

Thig crìoch fhreagarrach air Mòd Phàislig ann an cruth Caithream nan Còisirean. Thig na ceudan de sheinneadairean bho air feadh Alba còmhla nuair a chruinnicheas iad ann am meadhan Baile Phàislig air Disathairne 21 Dàmhair.

An oidhche sin, bidh còmhlan folk-electronica Niteworks a’ cluich ann an Talla Baile Phàislig gus naoi làithean iongantach de shubhachasan a thoirt gu crìch. Tha a’ chuirm-chiùil a chaidh ainmeachadh air a’ mhìos mu dheireadh air a riochdachadh leis The Reeling, ’s iad a’ comharrachadh an aon chuirm a-mhàin aig a’ chòmhlan ann an Alba am-bliadhna, agus air a bhith a’ faicinn thiogaidean gan ceannach nan sruthan.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha dha-rìribh rudeigin do gach neach ann am prògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna, a’ sealltainn farsaingeachd is saidhbhreas do-chreidsinneach cànan is cultar na Gàidhlig tarsainn aoisean air fad. Bho fheadhainn bheaga a’ dol an sàs anns a’ chànan airson a’ chiad uair, gu na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san dùthaich, tha Pàislig deiseil airson fàilte a chur air na mìltean de dhaoine san Dàmhair. ’S e fìor thlachd a th’ ann tilleadh don bhaile airson a’ chiad uair ann an 10 bliadhna, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn shràidean, taighean-seinnse, leabharlannan agus ionadan-cruinneachaidh a’ soirbheachadh le gnìomhachd Mòd Phàislig tarsainn naoi làithean as t-fhoghar.”

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air luchd-tadhail agus farpaisich uile gu Mòd Phàislig san Dàmhair. Nuair a thug am baile aoigheachd don Mhòd mu dheireadh o chionn 10 bliadhna, bha e mar aon de na tachartasan againn a bu mhotha a chaidh a fhrithealadh. Tha mi cinnteach gum faod sinn togail air an dìleab seo agus tachartas mìorbhaileach eile a chruthachadh a thaisbeanas an t-àite luachmhor a tha Gàidhlig a’ coileanadh nar cultar.

“Tha rudeigin do gach neach ann am prògram a’ Mhòid am-bliadhna, agus mholainn do gach neach a thighinn agus com-pàirt a ghabhail ann an comharrachadh ar dualchas Gàidhlig.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan Event Scotland: “Tha e dìreach mìorbhaileach a bhith a’ faicinn a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Phàislig airson a’ chiad uair ann an 10 bliadhna, agus tha mi fìor thoilichte
gu bheil an tachartas a’ faotainn taic aon uair eile tro Phrògram Maoineachaidh Nàiseanta EventScotland. Bidh Pàislig agus Alba nan àrd-ùrlar foirfe airson a leithid de thachartas Albannach gun choimeas, le fàilte bhlàth ga thoirt do luchd-tadhail, an dà chuid ionadail is eadar-nàiseanta.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail na phàirt bhunaiteach de chultar is dualchas na Gàidhlig agus a’ coileanadh obair chudromach ann a bhith a’ toirt luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla. Tha am Mòd a’ cur ris an amas air cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh tro chomarrachadh ar cànain agus ar cultair.

“Tha sinn air leth toilichte prògram Mòd na bliadhna seo fhaicinn ga chur air bhog agus a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh seann charaidean agus caraidean ùra ann am Pàislig san Dàmhair.”

Tha am Mòd Nàiseamta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Alba Chruthachail, Caledonian MacBrayne, BBC ALBA, The Reeling agus SQA.

Back to ACG News List

Niteworks air àrd-ùrlar aig oidhche dheireannach Mòd Phàislig

Published: 25 May 2023

Is e an còmhlan folk-electronica lùthmhor Niteworks a bheir am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu crìoch iongantach is inntinneach am-bliadhna agus iad a’ gnìomhadh air àrd-ùrlar ann an Talla Baile Phàislig air Disathairne 21 Dàmhair.

Tha an gnìomhadh seo mar a’ chiad ann am prògram beòthail de chonsairtean, cuirmean, cèilidhean agus taisbeanaidhean a tha gu bhith air an ainmeachadh às leth tachartas ciùil is cultair na Gàidhlig a bhios a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile eadar 13 – 21 Dàmhair 2023.

Ainmeil airson an cuid measgachaidh spreagail de dh’òrain Ghàidhlig, Albais agus Beurla fighte-fuaighte le ceòl toinnte eileagtronaga, bidh Niteworks mar am prìomh chòmhlan aig Consairt Dùnaidh ainmeil a’ Mhòid airson a’ chiad uair, a’ cur crìoch ann an deagh stoidhle air naoi làithean de shubhachasan is chomharraidhean air cànan is cultar na Gàidhlig.

Air a riochdachadh le The Reeling, an fhèis chiùil thraidiseanta as ùire ann an Alba, bidh an consairt seo mar an aon ghnìomhadh den bhliadhna aig Niteworks ann an Alba, agus is e seo a’ chiad uair a tha an còmhlan, a bha ainmichte airson Duais SAY, air cluich air àrd-ùrlar do luchd-èisteachd ann am Pàislig.

Tha an gnìomhadh àrd-ùrlair seo a’ tighinn às dèidh cuairt shoirbheachail a’ chòmhlain ann an Alba ann an 2022, a chunnaic còrr air 6,000 tiogaid air an ceannach airson ionadan-cruinneachaidh a bha a’ gabhail a-steach SWG3 Galvanizers agus Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu.

Còmhla riutha air an oidhche sin bidh DLÙ, an còmhlan de cheòl measgaichte tradiseanta à Glaschu agus bidh cuirm-chiùil na h-oidhche a’ leantainn air an t-subhachas an lùib Co-Chruinneachadh nan Còisirean air sràidean Phàislig sa mhadainn.

Is e Mòd 2023 an dàrna turas a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tadhal air a’ bhaile seo ann an Siorrachd Rinn Friù, an dèidh aoigheachd a thoirt do thachartas a bha fìor shoirbheachail o chionn deich bliadhna.

Thuirt Ruairidh Greumach bho Niteworks: “Tha sinn air bhioran a thaobh a bhith a’ toirt Mòd Phàisling gu crìch airson oidhche Shathairne a bhios dìreach air leth. Tha a bhith cruthachail le Gàidhlig agus ga sùghadh le
fuaimean co-aimsireil aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh, agus mar sin tha a bhith a’ toirt seo gu tachartas a tha coisrigte do dh’adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba, fìor speisealta. Cha robh cothrom againn a-riamh roimhe air cluich ann am Pàislig ’s mar sin tha sinn a’ dèanamh fiughair ri faighinn a-mach air beulaibh luchd-èisteachd airson na h-aon chuirm a bhios againn ann an Alba am-bliadhna.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha prògram chuirmean-ciùil is ghnìomhaidhean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail an-còmhnaidh nan subhachasan nach tèid à dìochuimhn’, còmhla ri taisbeanadh air an tàlant bho shaoghal ciùil Ghàidhlig is thraidiseanta na h-Alba, agus bidh tachartas na bliadhna seo fiù nas beòthaile agus nas eadar-mheasgte na a-riamh roimhe. Le Niteworks deiseil gus ìre do-chreidsinneach de thogail a thoirt gu oidhche dheireannach Mòd Phàislig, tha sinn a’ sùileachadh gum bi mòr-mheas air a’ chonsairt seo. Chan eil an seo ach dìreach blasad de na bhios air fhoillseachadh mun phrògram naoi làithean sna
seachdainean ri teachd.”

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cur fàilte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Phàislig am-bliadhna, agus tha an naidheachd gum bi Niteworks a’ dùnadh an tachartais a’ taisbeanadh na h-ìre de thàlant ris am faod daoine coimhead air adhart thar chùrsa-ruith na fèise. Bheir an raon iongantach de thachartasan is ghnìomhachdan cothrom do dhaoine a thighinn còmhla agus na tha nas fheàrr de chànan is chultar na Gàidhlig a chomharrachadh, eadar gu bheil iad air a bhith a’ frithealadh a’ Mhòid fad bhliadhnaichean no gur e a’ chiad turas aca.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC Alba, The Reeling agus SQA.

Bidh tiocaidean Niteworks, ann an co-bhann le The Reeling aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Talla Bhaile Phàislig air 21mh Dàmhair, rin ceannachd bho 9m air Diardaoin 1mh den t-Ògmhios. Clàraichibh airson a’ chiad chothrom air tiocaidean aig niteworksband.com bho 9m air Diciadain 31mh den Chèitean.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 25 May 2023

Seo agaibh cuairt-litir na mìos seo, le fiosrachadh mu ceann-latha clàraidh a’ Mhòid, tachartasan ann am Pàislig agus mòran eile!

http://bitly.ws/FxUf

Back to ACG News List

Cèilidh mun Chagailt le Annie NicDhòmhnaill

Published: 24 May 2023

​​Seisean Seinn le Annie NicDhòmhnaill Le taic shonraichte bho Bhòrd na Gàidhlig tha An Comunn Gàidhealach agus Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte a bhith ag obair comhla airson seiseanan seinn a chur air doigh ann an co-bhonn ri na Mòdan is Fèisean ionadail ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

Bidh fàilte bhlàth romhaibh uile, sean is òg a bhith an làthair tro Zoom airson beagan seinn a dhèanamh còmhla ri Annie NicDhòmhnaill
Diardaoin 25 Cèitean aig 7f tro Zoom

Back to ACG News List

Loch Abar a’ toirt aoigheachd do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2025

Published: 22 May 2023

Clàradh airson tachartas Phàislig na bliadhna seo an ìmpis dùnadh agus An Gearasdan ga ainmeachadh mar aoigh 2025

Tha Loch Abar air a thaghadh mar sgìre aoigheachd Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, a’ toirt a’ chomhararchaidh bhliadhnail seo air cànan is cultar na Gàidhlig don Ghearasdan airson an naoidheamh turas. Tha an naidheachd seo a’ tighinn agus planaichean airson tachartas 2023 a’ siòr dhol air adhart, le dìreach làithean air fhàgail gus an dùin an cothrom air clàradh do na farpaisean.

Air a dhearbhadh a bhith a’ ruith eadar 10 - 18 Dàmhair 2025, bidh prìomh fhèis na Gàidhealtachd a’ gabhail na sgìre àlainn seo thairis le farpaisean is gnìomhaidhean cliùmhor agus gnìomhachdan cultarach.

Thug Loch Abar aoigheachd don tachartas ann an 2017, nuair a thàinig còrr air 10,000 neach a-steach don sgìre a ghabhail pàirt ann am farpaisean agus com-pàirteachadh anns an t-saidhbhreas de thachartasan a bha air an tabhann, a bhrosnaich còrr air £2.6 millean don eaconamaidh ionadail. A’ coimhead air adhart ri tachartas 2025, tha luchd-eagrachaidh misneachail gum faic an fhèis buaidh tharbhach a cheart cho mòr, no nas motha, don choimhearsnachd seo ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tarraing choimhearsnachdan Gàidhlig bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Èirinn, Astràilia, Canada agus na Stàitean Aonaichte le dìleab a sheasas fada seachad air a’ phrògram ochd làithean de fharpaisean is thachartasan.

Tha an fhèis bhliadhnail seo a’ goireasachadh an àrd-ùrlair as motha airson cànan, ealain, spòrs agus cultar na Gàidhlig adhartachadh agus a chomharrachadh, agus leis an àireamh àibheiseach de luchd-tadhail, tha i cuideachad a’ cur spionnadh cudromach san eaconamaidh ionadail aig gach àite aoigheachd gach bliadhna.

Tha Loch Abar aithnichte gu mòr airson a cheanglaichean ri cànan is cultar na Gàidhlig, le àireamh fìor mhòr de phrìomh luchd-ciùil na h-Alba a’ tighinn às an sgìre, a’ gabhail a-steach buannaichean a’ Bhuinn Òir mar Robert Robertson, Rachel Walker, Calum MacColla agus Margaret MacLellan-Ford.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn air adhart air siostam innteartan air-loidhne Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a thighinn gu crìch air Diciadain 31 Cèitean 2023. Tha ùine aig farpaisich a tha airson com-pàirteachadh ann an tachartas 2023 gu meadhan-oidhche air an latha mu dheireadh den mhìos seo airson an innteartan a chur a-steach.

Gheibhear làn liosta de fharpaisean a tha a’ tachairt, a’ gabhail a-steach seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, ann an clàran-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus faodar innteartan a chur a-steach aig https://enter.ancomunn.co.uk.

Tha an eileamaid air-loidhne air a mheas gu mòr mar dhòigh dhaibhsan a tha airson pàirt a ghabhail air astar agus a’ ceadachadh do fharpaisich an gnìomhaidhean a chur a-steach, a chlàradh agus a luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Thèid na farpaisean agus na gnìomhaidhean air-loidhne a thaisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail: “Tha sinn air leth toilichte ainmeachadh gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2025. Chaidh am Mòd mu dheireadh an sin a chumail ann an 2017 agus bha e anabarrach soirbheachail le còrr air 3600 farpaiseach a’ gabhail pàirt. Tha meur Loch Abair den Chomunn Ghàidhealach nam buidheann gnìomhach agus eòlach, a bhios a’ lìbhrigeadh Mòd Ionadail Loch Abar gach bliadhna gu cunbhalach agus aig àrd-ìre. Tha dualchas làidir Gàidhlig ann an Loch Abar agus chan eil teagamh sam bith agam nach bi Mod 2025 a cheart cho soirbheachail leis na mìltean de Ghàidheil a’ cruinneachadh airson nan cuirmean agus nam farpaisean ann an sgìre àlainn Loch Abair. Bidh an t-aon siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd na bliadhna seo a’ dùnadh aig deireadh na mìosa seo agus mar sin mholamaid do gach neach an innteartan a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur taic ris an àite fhìor chudromach a tha aig a’ Mhòd ann an adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig agus an ìomhaigh dhearbhach a tha an cruinneachadh ainmeil seo den choimhearsnachd Ghàidhlig a’ cruthachadh don chànan. Tha am Mòd a’ solarachadh cothrom cudromach do luchd-labhairt de gach comas air Gàidhlig a chleachdadh gu neo-fhoirmeil rè an tachartais agus a’ cur gu mòr ri luach sòisealta, eaconamach agus cultarach na coimhearsnachd aoigheachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte gu bheil am Mòd a’ tilleadh a Loch Abar far a bheil a’ choimhearsnachd aithnichte airson a dualchais Ghàidhlig is chultaraich, gu h-àraid a thaobh ceòl traidiseanta.”

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Is e seo an dàrna turas a tha am baile air aoigheachd a thoirt don chomharradh chliùiteach seo air cànan is cultar na Gàidhlig, an dèidh don tachartas a bhith an seo roimhe ann an 2013. Bidh am Mòd an uair sin a’ dol don Òban ann an 2024, agus an uair sin do Loch Abar sa bhliadhna às dèidh sin.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, Tadhailibh air www.ancomunn.co.uk

———————————————————————————————

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 28 Apr 2023

​​Madainn mhath, seo agaibh an iris as ùire den Chuairt-litir againn: http://bitly.ws/DE9t

An dòchas gum bidh deagh dheireadh sheachdain agaibh!

Back to ACG News List

S12 (P4 & P5) mixed Air and Tràigh.

Published: 26 Apr 2023

​Please note that the following prescribed piece has been amended, with verse 3 being taken out: S12 (P4 & P5) mixed Air and Tràigh.

If you had previously purchased this piece, please ensure competitors are aware of this change and there is now only 2 verses.

Should you have any questions, please do not hesitate to get in touch.

Best wishes with all the preparations and we look forward to seeing you in Paisley in October!

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Mart 2023

Published: 31 Mar 2023

​Tha Cuairt-litir na mios seo a-nis ri fhaotainn aig http://bitly.ws/Coe4

Ma tha sgeulachdan, naidheachdan no tachartasan sam bith agaibh a bhiodh sibh airson a shanasachd anns an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cothrom Obrach

Published: 21 Mar 2023

Oifigear nam Mòdan Ionadail

Tha An Comunn Gàidhealach a’ lorg neach dealasach is
comasach a thig a dh’obair còmhla rinn mar Oifigear nam Mòdan Ionadail.

Ceann-latha: 24.03.23

Sùbailte

Mu £26,000 a-rèir eòlas

Tuilleadh fios mun dreuchd an seo.

Foirm Iarrtais an seo

Back to ACG News List

​An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr

Published: 20 Mar 2023

Dh’ainmich An Comunn Gàidhealach an-diugh gu bheil iad a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr, agus Ailean Caimbeul ag èirigh às a dhreuchd an dèidh sia bliadhna shònraichte mar Cheann-suidhe agus 14 bliadhna an sàs ann an obair a’ Bhùird. Bidh Magaidh Choineagan a’ dol don dreuchd na àite mar Cheann-suidhe ùr, agus a’ gabhail uallach a’ chomainn air a bheil dleastanas airson Gàidhlig a ghleidheadh agus adhartachadh, agus bidh Ailean a’ fuireach air a’ Bhòrd.

Tha Magaidh a’ toirt leatha farsaingeachd de dh’eòlas don dreuchd, an dèidh a bhith a’ frithealadh mar Chathraiche air MG Alba agus na Co-Cheannard Phrògraman is Sheirbheisean aig BBC Scotland. À Sgalpaigh bho thùs ach
a’ còmhnaidh sa Phloc a-nis, tha Magaidh air a bhith a’ frithealadh Mhòdan thairis air grunn bhliadhnaichean agus air a bhith na ball den Chomunn Ghàidhealach bho 2021.

A’ gabhail thairis dreuchd an Iar-Cheann-suidhe bidh am ball Bùird, Iain Eòsaph MacNèill, a tha na cheannard air Ceòlas ann an Uibhist a Deas – aon de phrìomh bhuidhnean cultair, dualchais is ealain Ghàidhlig anns na h-eileanan an Iar.

Thuirt Ailean Caimbeul: “Tha Magaidh glè aithnichte agus na neach dha bheil mòran spèis aig a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, agus tha i air mòran eòlais a tharraing bho a dreuchd mar chraoladair agus a h-obair nas fharsainge mar neach-iomairt às leth na Gàidhlig. Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air Magaidh mar Cheann-suidhe agus a’ guidhe gach soirbheachadh agus tlachd dhi san dreuchd.

“Bho shealladh pearsanta, tha e air a bhith na fhìor urram dhòmhsa a bhith a’ frithealadh a’ Chomuinn Ghàidhealaich mar Cheann-suidhe agus tha mi misneachail gu bheil mi a’ sìneadh na dreuchd thairis do neach a chuireas mòran a bharrachd ri obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha am buidheann ann an suidheachadh làidir airson taic a chur ri leasachadh air ar cànan, ar ceòl agus ar cultar sna bliadhnaichean ri teachd.”

Thuirt Magaidh Choineagan, a’ labhairt às dèidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann am Pàislig: “Bu mhath leam taing a thoirt do dh’Ailean Caimbeul airson a chuid obrach agus a dhìchill ann am frithealadh a’ Chomuinn thar nan ceithir bliadhna deug a chaidh seachad, na sia mu dheireadh mar Cheann-suidhe. Tha e a’ fàgail dìleab làidir às a dhèidh ann an dèanamh cinnteach gu bheil àite fhèin aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail mar phrìomh fhèis na Gàidhlig agus a cheart cho buntainneach an-diugh ’s a tha e air a bhith thar nan 130 bliadhna a dh’fhalbh.

“Bidh dreuchd Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich an dà chuid dùbhlanach agus gu dòchasach coileanta. Tha am bun-structar taic a-nis na àite, agus is urrainn dhuinn cuideachadh le ath-bheothachadh ar cànain, ar ciùil agus ar cultair a ghluasad air adhart thar nam bliadhnaichean ri teachd. Bidh sinn a’ strì ris na h-àrd-amasan a tha mìnichte sa Phlana Ghàidhlig a choileanadh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an sgioba a stiùireadh a bhios a’
toirt cumadh air a’ Chomunn Ghàidhealach sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh san Òban ann an 1891 le dleastanas airson am Mòd Nàiseanta Rìoghail eagrachadh gach bliadhna, prìomh fhèis na Gàidhlig ann an Alba, a tha a’ toirt chothroman do dhaoine de gach aois gnìomhadh tarsainn raon de chuspairean farpaiseach, a’ gabhail a-steach ceòl is òrain Ghàidhlig, dannsa Gàidhealach, ionnsramaidean, dràma, spòrs agus litreachas.

Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

​Baile-mòr Eabhraig Nuadh gu bhith a’ taisbeanadh a’ chiad fharpais òrain Ghàidhlig a-riamh le Mòd na Seachdaine Thartain

Published: 09 Mar 2023

Bidh Mòd Seachdain Thartain NYC a’ gabhail àite airson a’ chiad uair a-riamh as t-Earrach agus Seachdain Thartain NYC, an cruinneachadh cultarach Albannach bliadhnail as motha ann an NYC, a’ toirt aoigheachd don chiad fharpais òrain Ghàidhlig a-riamh ann an comharrachadh air an 25mh Ceann-bliadhna aig Seachdain Thartain NYC air Latha Nàiseanta an Tartain.

Thèid an tachartas dà-latha a chumail ann an co-bhonn leis A Chomunn Ghàidhealach, air a bheil dleastanas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus bidh e fo stiùir Joy Dunlop, Buannaiche Bonn Òir is preasantair SpeakGaelic aig BBC Alba. Tha e a’ comharrachadh a’ chiad uair a bhios Mòd a’ gabhail àite ann am Baile-mòr Eabhraig Nuaidh.

Thathar a’ toirt cuireadh do sheinneadairean bho air feadh Aimeireaga a Tuath, Alba agus nas fhaide air falbh, com-pàirteachadh ann am farpaisean an tachartais eachdraidheil seo a bhios air a chumail ann an Taigh Poblach an Tàilleir air Diardaoin 13 Giblean.

Chì an tachartas seinneadairean aois 16+ bliadhna a’ seinn aon de shia òrain Ghàidhlig ainmichte, no an roghainn fhèin de dh’òran Gàidhlig, air beulaibh pannal de bhritheamhan. Thèid am buannaiche a chrùnadh (Bana)-G(h)aisgeach Mòd Seachdain Thartain NYC 2023, le duais airgid fo urrasachd Club Chailleannach Eabhraig Nuadh agus gheibh am buannaiche cuireadh gu com-pàirt a ghabhail ann an Cèilidh Ro-Chaismeachd Seachdain Thartain Club Chailleannach NYC.

Air Diciadain 12 Giblean, chithear an tachartas a’ tòiseachadh le sreath de bhùithtean-obrach ann an cànan is cultar na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach òrain, ceòl ionnsramaidean, dannsa-ceum agus dannsa cèilidh.

Bidh na subhachasan air an togail le Mac TV airson prògram aithriseach a thèid a-mach nas fhaide air adhart am-bliadhna. Leanaidh e Joy fhad ’s a tha i a’ siubhal tarsainn a’ Chuain Shiar gus spiorad, togarrachd agus càirdeas a’ Mhòid a cho-roinn agus bruidhinn ri Aimeireaganaich aig a bheil ceangal ri Alba mu dheidhinn cudromachd a bhith a’ comharrachadh na Gàidhlig agus an dualchais.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann an diofar àiteachan ann an Alba san Dàmhair gach bliadhna, mar am prìomh thachartas ann am mìosachan na coimhearsnachd Ghàidhlig agus is i an fhèis bhliadhnail seo an cruinneachadh as motha de dh’òrain, ceòl, agus cultar na Gàidhlig air an t-saoghal. Bidh còisirean, buidhnean, ceòl-ceathrair, ceòl-càraid, aon-neach, cleasaichean agus ceòladairean a’ farpais aig a’ chruinneachadh fad-sheachdain seo, le buannaichean nam farpaisean seinn agus ciùil a’ dol air adhart a thoirt mòr-thlachd do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.

Thuirt Joy Dunlop: “Tha traidisean a’ Mhòid air tlachd a thoirt dhuinn ann an Alba thairis air còrr agus 100 bliadhna, agus tha sinn cho moiteil a bhith a’ toirt an tachartais seo gu NYC airson a’ chiad uair. Is e dòigh bhrèagha a
th’ ann air ar coimhearsnachd agus ar n-eachdraidh a chomharrachadh, agus a’ phàirt chudromach seo de ar cultar a chumail a’ soirbheachadh air gach taobh den Chuan Shiar.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e am Mòd Nàiseanta Rìoghail an comharrachadh as motha a th’ ann air a’ Ghàidhlig, mar sin bha e a’ faireachdainn ceart gun deigheadh sinn ann an com-pàirt le cruinneachadh cultarach Albannach bliadhnail Aimeireaga a Tuath. Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn Seachdain Thartain NYC a’ toirt a mhòd fhèin beò air taobh eile a’ Chuain Shiar airson tachartas a bhios na
chothrom air leth do luchd-labhairt na Gàidhlig thall-thairis gu com-pàirteachadh ann am farpais seinn sa Ghàidhlig. Tha a leithid de chomas aig a’ phròiseact pìleit seo agus tha sinn a’ coimhead ri leantainn air adhart a’ cur fàs air a’ chàirdeas seo sna bliadhnaichean ri teachd.”

Tha Seachdain Thartain NYC 2023 agus Caismeachd Latha Tartain NYC air an eagrachadh le Comataidh Eabhraig Nuadh de Latha Nàiseanta an Tartain le taic bho Bùth Alba, Belhaven, NHSCOT, Riaghaltas na h-Alba, Lìonra Gnothachais na h-Alba, Comann Sloinnteil is Beath’-eachdraidheil Eabhraig Nuadh agus Compliant Global.

Tha Mòd Seachdain Thartain NYC a’ faotainn taic bho Chlub Cailleannach Eabhraig Nuadh, Taigh Poblach an Tàilleir, Lìonra Gnothachais na h-Alba agus An Comunn Gàidhealach. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air www.nyctartanweek.org/mod.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Tha cothroman tagraidh fosgailte a-nis aig www.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 02 Mar 2023

​Gheibhear Cuairt-litir a’ Chomuinn an seo

Ma tha naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Faoilleach 2023

Published: 02 Feb 2023

​Seo agaibh ceangal gu cuairt-litir a’ Chomuinn.

Ma tha sibh airson naidheachdan sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

https://www.bitlylinks.com/fvgozxS4F

Back to ACG News List

​Taic de £2.5m do Pheairt le taing don Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2022

Published: 30 Jan 2023

Buaidh mhòr eaconamach aig tachartas ciùil is cultair na Gàidhealtachd còmhla ri àrdachadh ùidhe ann an Gàidhlig

Chunnaic am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022, a ghabh àite ann am Peairt bho 14 – 22 Dàmhair, togail de £2.5 millean ann an eaconamaidh na sgìre le 98% de chaiteachas a’ gabhail àite anns a’ Bhaile
Bhòidheach thar nan naoi latha den fhèis chultaraich.

Thaisbean an tachartas a tha 130-bliadhna a dh’aois, agus a bhios a’ comharrachadh cànan, ceòl, agus cultar na Gàidhlig tro mheasgachadh de fharpaisean, coileanaidhean, bùithtean-obrach agus gnìomhachdan iongantach, togail sòisealta agus cultarach àibheiseach do bhaile-mhòr Pheairt.

Chunnaic tachartas 2022 meudachadh de 130% ann an luchd-frithealaidh pearsanta bho 2021 nuair a bha cuid de chuingealachaidhean Covid-19 nan àite, a’ cur fàilte air còrr air 7,500 neach-tadhal agus a’ toirt togail eaconamach a chuidich le taic a thoirt do mu 30 obair an coimeas ri làn-ùine.

Tha fianais ann cuideachd gum bi dìleab leantainneach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail do bhaile-mhòr Pheairt, agus do Mhòdan eile san àm ri teachd. Bha spèis mhòr aig luchd-tadhail don bhaile agus do na h-ionadan-cruinneachaidh, agus thathar a’ measadh gum faodadh £1 millean eile a bhith air a chosg an sin le luchd-frithealaidh a’ Mhòid a’ tilleadh an sin a-rithist san àm ri teachd. Cha robh aon Mhòd faisg air a bhith gu leòr don mhòr-chuid le 95% den fheadhainn san t-suirbhidh ag ràdh gum biodh iad coltach no glè choltach tilleadh gu Mòd na bliadhna-sa ann am Pàislig san Dàmhair.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gum faca Mod 2022 a leithid de mheudachadh ann an luchd-frithealaidh, agus sinn a’ tilleadh gu tachartas làn-sgèile. Is e fèis a th’ innte a tha cho deatamach ann an saoghal na coimhearsnachd Ghàidhlig agus aon a tha fìos againn aig a bheil buaidh àibheiseach chultarach is eaconamach air na bailtean
aoigheachd agus na bailtean mòra air feadh Alba. Bha Peairt mar an ceudna, a’ ginteadh togail eaconamach meudmhor don bhaile agus do na sgìrean mun cuairt, a thuilleadh air ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh.

“Tha An Comunn a’ cur mealadh naidheachd air gach neach a bha an sàs ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 agus tha sinn gu mòr a’ dèanamh fiughair ri tachartas 2023 na bliadhna-sa ann am Pàislig. Tha sinn an dòchas gum bi an t-slighe àrdachaidh seo a’ leantainn anns an àireamh de chom-pàirtichean agus luchd-tadhail agus sinn a’ dèanamh air Siorrachd Rinn Friù san Dàmhair.”

Thuirt Paul Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Bhon fhosgladh le caismeachd lòchrain agus taic bho na pìobairean gu na còisirean a’ seinn còmhla a’ cur dùnadh air an iomairt, bha
tilleadh a’ Mhòid a Pheairt na shoirbheachadh mòr agus sholaraich am baile àrd-ùrlar foirfe airson a’ chomharrachaidh seo air cultar na Gàidhlig. Tha a bhith a’ faicinn togail de £2.5m san sgìre na fhianais mhìorbhaileach air buannachdan eaconamach nan tachartasan, a thuilleadh air an àite chudromach aca ann an coimhearsnachdan a bhith a’ tighinn còmhla gus tlachd a ghabhail agus a’ roinn chuimhneachain.”

Thuirt an Comhairliche Anndra Parrott, neach-gairm Comataidh Àrainneachd, Bun-structar is Leasachadh Eaconamach aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bha am Mòd a’ tilleadh a Pheairt na shoirbheachadh mòr mar fharpais agus a thaobh na buaidh eaconamach a thug e do Pheairt.

“Thug am Mòd togail sònraichte do ghnothachasan ionadail ach thaisbean e cuideachd cho aoigheil ’s a tha baile-mòr Pheairt, an dà chuid a thaobh nan ionadan cruinneachaidh a th’ againn agus an fhàilte bhlàth a chuir sinn air luchd-tadhail an-uiridh.

“Ron bhliadhna an-uiridh, cha robh Peairt air aoigheachd a thoirt don Mhòd bho 2004 agus tha mi an dòchas nach bi 18 bliadhna eile ann mus till e.”

Thuirt an Comhairliche Iain Duff, gaisgeach na Gàidhlig aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bha e mìorbhaileach aoigheachd a thoirt don Mhòd ann am Peairt an-uiridh agus gun do chòrd a’ chùis
ris an àireamh mhòr de luchd-tadhail a bha seo. Tha am Mòd anabarrach cudromach ann an adhartachadh dualchas is cultar na Gàidhlig agus tha mi air leth toilichte gun robh buaidh cho deimhinneach aig tachartas na bliadhna an-uiridh.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Shirley-Anne Somerville: “Sheall am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am faireachdainn làidir a tha aig daoine don dà chuid cànan agus cultar na Gàidhlig. Tha e soilleir mar as urrainn dha togail air a bheil sinn a’ cur fàilte, a thoirt do dh’eaconamaidh nam bailtean mòra agus beaga.

“Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh dèanamh cinnteach à fàs leantainneach air a’ chànan tro iomairtean nàiseanta agus tachartasan subhachais, mar a chunnaic sinn sa Bhaile Bhòidheach. Tha mi a’ coimhead air adhart mar-thà ri tachartas a bhios gun teagamh soirbheachail ann am Pàislig.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Bha Mòd Pheairt anabarrach soirbheachail – fìor chomharrachadh air cànan is cultar na Gàidhlig. Bha e na thoileachas a bhith a’ faicinn na
h-àireimh a b’ àirde de luchd-frithealaidh a chunnaic sinn on a’ ghalar-sgaoilte. A’ leantainn air àm dùbhlanach do na h-uile, tha na cothroman sin air tighinn còmhla a’ cur a leithid ri sunnd agus tha iad cuideachd fìor chudromach don chànan.

“Is math a rinn iadsan uile a ghabh pàirt sna farpaisean agus cuideachd a thàinig a chomharrachadh na Gàidhlig. Mealadh naidheachd air A’ Chomunn Ghàidhealach airson Mòd air leth eile agus air na daoine uile – sean is òg – a tha a’ dèanamh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail na thachartas mìorbhaileach mar a tha e. Tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ Ghàidhlig ann do gach neach agus dè an dòigh as fheàrr air sin a chomharrachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart mar-thà ri Mòd Phàislig 2023. Chì sinn ann sibh!”

Fhuair am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt ann an 2022 taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhruthainn agus SQA.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a chumail ann am Pàislig eadar 13-21 Dàmhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Òraid Chuimhneachaidh Iain Mhicleòid

Published: 19 Jan 2023

​​Thèid an còigeamh òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain Macleòid a chumail air Diardaoin an 26mh den Fhaoilleach 2023 aig 7f, ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann.

‘S e Ruairidh Alastair MacIllfhinnein, a bhios a’ lìbhrigeadh na h-òraid. ‘S ann air “A’ togail guth ann an saoghal chruinneil: Ciall-chànain ri linn a lingua franca” a bhios an òraid aig Ruairidh.

Tha Ruairidh Alastair MacIllFhinnein na fhear-naidheachd aig a’ BhBC. Tha e cuideachd air a bhith na phreasantair, na riochdaire agus na sgrìobhadair ann an saoghal nan meadhanan neo-eisimeileach, a bharrachd air obair mar eadar-theangadair agus na neach-oideachaidh ann an cànain cèin ann an Alba agus thall thairis. Choisinn e ceum agus iar-cheum ann an cànain agus cultaran cèin aig Oilthigh Ghlaschu, far an do chriochnaich e ann an 2016, le speisealachd ann an ceangalaichean eadar reusan agus creideamh. Bhuannaich e Bonn Òir a Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2019.

Tha an tachartas seo an-asgaidh agus chan fheumar clàradh ro làimh. Thèid an tachartas a’ chraoladh beò air Facebook cuideachd.

Feuch gun tig sibh còmhla rinn, tha oidhche thlachdmhor, inntinneach gar feitheamh! Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-d gu rowan@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 22 Dec 2022

​Seo agaibh an iris mu dheireadh den chuairt-litir againn airson 2022! Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile nuair a thig i!

https://bit.ly/3GfyxG8

Back to ACG News List

Aonghas Dubh MacNeacail

Published: 22 Dec 2022

‘S ann duilich a bha sinn uile aig a’ Chomunn Gàidhealach cluinntinn mu bhàs Aonghas Dubh MacNeacail a chaochail an t-seachdain seo.

Bha Aonghas ann an dreuchd Bàrd a’ Chomuinn bho 2004 gu 2006.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air teaghlach Aonghais air fad aig an àm duilich a tha seo.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Dec 2022

​​Seo agaibh cuairt-litir a’ Chomuinn. Ma tha naidheachdan sam bith agaibh airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

https://bit.ly/3gQaWld

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 05 Nov 2022

​Sùil air ais air Mòd 2022 ann an Cuairt-litir a’ Chomuinn.

Deagh dheireadh sheachdain dhuibh uile!

https://bit.ly/3UrzUWf

Back to ACG News List

Bratach a’ dol a Phàislig airson Mòd 2023

Published: 25 Oct 2022

Thàinig Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 gu crìch an-diugh le guthan bho air feadh na dùthcha a’ seirm a-mach ann am Peairt, a’ comharrachadh deireadh prògram beòthail na fèise naoi-latha de thachartasan
cultarach is farpaisean.

Chaidh prìomh chomharrachadh na h-Alba air cànan is cultar na Gàidhlig a chumail aig 14 ionadan-cruinneachaidh air feadh Pheairt bho 14 – 22 Dàmhair agus dhùin e madainn an-diugh le Tachartas Co-Chòisirean aig Àrd-Shràid Pheairt agus Talla Consairt Pheairt, far an deach bratach a’ Mhòid a shìneadh seachad gu Pàislig a bhios a’ toirt aoigheachd do Mhòd 2023.

Tro chùrsa an tachartais naoi-latha, ghabh timcheall air 2,100 neach, a’ gabhail a-steach bailtean mòra is beaga air feadh Alba agus cho fada air falbh ris a’ Ghearmailt, pàirt ann an iomlan de 200 farpais.

Thathar a’ meas gun do thadhail mu 7,000 neach ann am Peairt airson na fèise agus thathar an dùil gun do chuir e mu £1 mhillean ris an eaconamaidh ionadail. Bha na mìltean de dhaoine bho air feadh na cruinne, a’ gabhail a-steach na Stàitean Aonaichte, ag èisteachd ’s a’ coimhead cuid de thachartasan a’ Mhòid air-loidhne.

Chunnacas am Mòd a’ tilleadh chun na h-àbhaist am-bliadhna às dèidh dà bhliadhna de throimh-chèile, le tachartasan gan cumail air-loidhne agus ann an cruth tar-chinealach ann an 2020 agus 2021. Chaidh na
Farpaisean Chòisirean a chumail gu pearsanta airson a’ chiad uair bho 2019, agus bha luchd-tadhail air an fhèis comasach air tlachd a ghabhail à prògram eadar-mheasgte air an iomall còmhla ris na prìomh fharpaisean agus raon de thachartasan ùra, a’ gabhail a-steach Cogadh nan Còmhlan agus farpais TikTok.

An-dè, chunnacas cuairt eile de fharpaisean Chòisirean – anns na Còisirean Sgìreil, bhuannaich Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt an fharpais Puirt-à-beul fhad ’s a bha buannachadh drùidhteach is faireachail aig Còisir Ghàidhlig an Òbain fon stiùir aig Sìleas Nic na Ceàrdaich, a thug dhachaigh Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain. An dèidh inntrigeadh don fharpais airson a’ chiad uair, bhuannaich Còisir Ghàidhlig an Eilein Duibh, fo stiùir Kirsteen NicIllinnein, Cuach Cuimhneachaidh Mairead NicDhonnchaidh. Bhuannaich Atomic Piseag à Earra-Ghàidheal farpais Còisir Sgìreil nam Ban.

Thuirt Sìleas Nic na Ceàrdaich: “Chan eil fios agam dè a chanas mi an dèidh seo a bhuannachadh agus tha mi dìreach cho toilichte agus cho moiteil às a’ chòisir, a tha air a bhith ag obair cho cruaidh ag ullachadh airson a’ Mhòid. Dhomh fhìn gu pearsanta, tha mo theaghlach air a bhith a-riamh an sàs anns a’ chòisir, m’ athair agus mo shean-phàrantan, mar sin tha e dìreach a’ ciallachadh a leithid dhomh.”

Thuirt Kirsteen NicIllinnein: “Tha seo dìreach iongantach agus cha b’ urrainn dhuinn a bhith na bu thoilichte gun do bhuannaich sinn. Tha a’ chòisir air a bhith ag obair cho cruaidh tro dhùbhlanan a’ phandamaig. Is e seo a’ chiad uair a tha sinn air a dhol don fharpais seo, ’s e còisir òg a th’ annainn, air a cur ri chèile dìreach às dèidh a’ ghlasaidh-sluaigh agus nar ciad Mòd fharpaiseach, agus air Cuach Cuimhneachaidh bhòidheach Mairead NicDhonnchaidh a thogail. Tha seo gu sònraichte tiamhaidh oir is e seo a’ chiad chuach a bhuannaich m’ athair, Hamish Menzies, air ais ann an 1963, bha e gu h-àraid measail air a’ chuaich seo an dèidh a buannachadh iomadh turas, mar sin tha i a’ ciallachadh mòran dhomh fhìn, do mo mhac agus don chòrr den chòisir.”

Ann an àiteachan eile, choisinn Còisir Eilean Mhuile a’ chiad àite ann am farpais Seinn Co-sheirm agus Bàideanach a’ buannachadh nan Òran Luaidh, le Còisir Ghàidhlig Ghlaschu a’ buannachadh Còisir nam Fear. Chaidh Ceathrar Chòisir Lunnainn a chrùnadh mar bhuannaichean Seinn Ceathrar, a’ toirt prògram fharpaisean na bliadhna seo gu crìch.

An-dè cuideachd chaidh buannaiche a’ chiad Duais Ealain na Gàidhealtachd a-riamh ainmeachadh. Air a bhuileachadh le Comann Gàidhlig Lunnainn ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comhairle Pheairt is Cheann Rois, tha an fharpais a’ comharrachadh aon taobh eile de chultar na Gàidhlig agus de bheatha na h-Alba.

Bho gheàrr-liosta de 10 pìosan ealain air leth a chaidh a thaghadh le Fraoch Nic an Deòir, an neach-ealain agus an craoladair à Ìle, chaidh David Page bho Gheamannan Gàidhealach Mhuile a chrùnadh mar bhuannaiche leis an dealbh peantaidh aige fon tiotal ‘Drift’. Chaidh an duais a thoirt seachad le Màiri Anna NicUalraig ann an Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil a’ Bhaile. Bidh an duais de £1,000 air a roinn
eadar am buannaiche agus am buidheann ealain aca, gus cuideachadh le taic a thoirt do chom-pàirteachadh ionadail ann an ealain. Bidh cothrom aig David Page cuideachd air a chuid obrach a thaisbeanadh
sa Bhriggait ann an Glaschu rè 2023, le taing do Wasps, carthannas a bhios a’ toirt seachad làraichean is stiuidiothan do luchd-ealain is luchd-cruthachaidh.

Bha Cuirm Chrìochnachaidh a’ Mhòid glè fhreagarrach mar chonsairt deireannach na seachdaine le Trail West, aon de na còmhlain traidiseanta as motha agus as gràdhaichte ann an Alba, a’ toirt seachad gnìomhadh iongantach don t-sluagh ann an Talla Consairt Pheairt.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Abair gur e tlachd a bh’ ann na Gàidheil a chruinneachadh còmhla uair eile gus urram a thoirt agus taisbeanadh a dhèanamh air ar cànan is ar cultar. Tha e air a bhith mìorbhaileach cuideachd a bhith air ais ann am Peairt an dèidh ùine cho fada – tha a chuid ionadan-cruinneachaidh air leth, a’ choimhearsnachd bhlàth agus a shràidean bòidheach air a dhèanamh na àite fìor mhath airson a’ Mhòid.

Taing mhòr do na h-uile a tha a’ dèanamh a’ Mhòid comasach, bho na saor-thoilich ag obair cho cruaidh gu na com-pàirtichean agus gach neach a thàinig a thadhal agus a chuir taic ris an tachartas. Tha a bhith
a’ cluinntinn na Gàidhlig agus a’ chiùil am measg nan ionadan-cruinneachaidh agus air na sràidean air feadh a’ bhaile fad na seachdaine air a bhith do-chreidsinneach.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar fèis Ghàidhlig de chultar is òrain a thoirt a Phàislig ann an 2023, airson a’ chiad uair ann an deich blaidhna. Bheir am Mòd cuideachadh mòr do chultar agus do thurasachd
sa bhaile agus tha mi glè chinnteach gun còrd na seallaidhean brèagha mun cuairt ris an luchd-frithealaidh a thuilleadh air an aoigheachd shàr-mhath a tha aig Pàislig ri thabhann.”

Thuirt an Comhairliche Grant Laing, Stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Is math a b’ fhiach an ùine a bha sinn a’ feitheamh ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tilleadh a Pheairt agus bha an tachartas crìochnachaidh Disathairne dìreach mìorbhaileach.

Tha e air a bhith iongantach fàilte a chur air a leithid de fharpaisich agus luchd-tadhail a Pheairt. Tha làthaireachd air leth air a bhith againn sa bhaile air feadh na seachdaine. Tha farpaisich agus luchd-èisteachd
air a bhith a’ làn mholadh ionadan-cruinneachaidh na bliadhna seo, agus bu mhath leam taing a thoirt don luchd-obrach agus na saor-thoilich uile air feadh Pheairt is Cheann Rois a rinn am Mòd cho soirbheachail am-bliadhna.”

Thuirt Xander McDade, Pròbhaist Pheairt is Cheann Rois: “Tha am Mòd air a bhith na shubhachas mhìorbhaileach de chultar na Gàidhlig ann an Alba agus na thaisbeanadh air leth air na tha aig Peairt ri thairgsinn, a thuilleadh air a’ chultar is dualchas Gàidhlig againn fhìn.

Tha ochd làithean mìorbhaileach air a bhith againn agus tha mi cinnteach gum bi cuimhne aig gach neach a bha na lùib air, airson bliadhnaichean ri teachd. Bu mhath leam cuideachd gach soirbheachadh a ghuidhe do Phàislig airson aoigheachd a thoirt don Mhòd an ath-bhliadhna – tha mi cinnteach gum bi iad nan aoighean air leth.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha Peairt air àrd-ùrlar foirfe a sholarachadh do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, agus tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn a’ chomharrachaidh seo air cultar na Gàidhlig ann an suidheachadh cho dlùth an-diugh, leis na còisirean uile còmhla a’ seinn tro shràidean a’ bhaile-mhòir againn mar chrìoch air Mòd 2022.

Tha àite cudromach aig tachartasan nar coimhearsnachdan le bhith a’ ceadachadh dhuinn uile ceangal a dhèanamh ri chèile, a bhith a’ gabhail tlachd agus a’ co-roinn eòlasan cuimhneachail, agus bha mi air leth toilichte a bhith a’ faicinn luchd-tadhail bho air feadh na cruinne a’ frithealadh agus a’ com-pàirteachadh ann a leithid de dh’àireamhan aig an tachartas Albananch seo gun choimeas, a fhuair taic le pròis bho Phrògram Eadar-nàiseanta EventScotland.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha Mòd Pheairt air a bhith anabarrach soirbheachail – comharradh sònraichte air cànan is cultar na Gàidhlig. A’ leantainn an dèidh beagan bhliadhnaichean glè dhùbhlanach dhuinn uile, tha na cothroman sin a th’ againn air a thighinn còmhla a’ cur, chan ann a-mhàin ri sunnd, ach tha iad cuideachd deatamach don chànan. Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd agus tha e air a bhith cho math a bhith a’ faicinn fharpaisean is ghnìomhachdan ùra mu thimcheall tachartas na bliadhna seo. Is math a rinn gach neach a ghabh pàirt sna farpaisean agus cuideachd gach neach a thàinig a chomharrachadh na Gàidhlig. Mealadh naidheachd air a’ Chomunn Ghàidhealach airson Mòd air leth eile agus na daoine sin uile – sean is òg – a tha a’ dèanamh a’ Mhòid. Tha a’ Ghàidhlig do na h-uile agus dè an dòigh as fheàrr air a comharrachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart ri Mòd Phàislig 2023. Ceud mìle taing dhuibh uile agus mealaibh ur naidheachd le chèile.”

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: ’S e urram a th’ ann bratach a’ Mhòid a ghabhail, a’ comharrachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Phàislig ann an 2023, dìreach deich bliadhna on a chaidh aoigheachd a thoirt dha sa bhaile roimhe.”

Tha am Mod a’ gealltainn a bhith na chomharrachadh mìorbhaileach de chultar is dualchas na Gàidhlig agus tha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air farpaisich is luchd-tadhail don sgìre againn.

Tha eachdraidh shaidhbhir Ghàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù. Gu làithreach, tha còrr air 1,500 neach-còmhnaidh ann an Siorrachd Rinn Friù a tha a’ labhairt, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh Gàidhlig, agus o chionn ghoirid chuir sinn fàilte air a’ chiad de mhòran chloinne gu ar sgoil ùr Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Iar.

Tha sinn air a bhith ag obair cruaidh còmhla ris a’ Chomunn Ghàidhealach agus ar Comataidh Eagrachaidh Ionadail ag ullachadh airson an tachartais, agus thèid tuilleadh fiosrachaidh mun phrògram ainmeachadh a dh’aithghearr.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Pàislig eadar 13-21 Dàmhair 2023. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Sultain

Published: 30 Sep 2022

​Bruthaibh air an ceangal a leanas airson Cuairt-litir a’ Chomuinn.

http://bitly.ws/uQLI

Back to ACG News List

Program a' Mhoid a-staigh!

Published: 23 Sep 2022

​Prògram Oifigeil a’ Mhòid 2022 ri fhaotainn a-nis! Official Mòd Programme 2022 now available!

Tha sinn toilichte innse dhuibh gu bheil prògram oifigeil a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a-nis ri fhaotainn air loidhne agus sna àitichean gu h-ìosal.

Prògram slàn an air loidhne https://bit.ly/3eRfBSv

Tha leth-bhreacan dhen a’ phrògram rin ceannachd aig na h-àitichean a leanas:

Oifis a’ Chomuinn (Steòrnabhagh)

Events Stornoway

Oifis a’ Chomuinn (Inbhir Nis)

Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu

Talla-Chonsairt Pheairt

Taigh-cluiche Pheairt

Gabhadh prògram òrdachadh tron phost cuideachd bho:

Oifis a’ Chomuinn (Steòrnabhagh): 01851 703487

Oifis a’ Chomuinn (Inbhir Nis): 01463 709705

Horsecross, Peairt: 01738 621031

Gheibh buill a’ Chomuinn am prògram aig prìs nas ìsle le bhith a’ cleachdadh an còd shònraichte a chaidh a-mach mu thràth.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Correction - Òran Mòr - Gold Medal Qualifier

Published: 21 Sep 2022

Please note the following correction:

Competition S103 Òran Mòr - Gold Medal Qualifier - A Mhàiri Bhàn òg

Rann 3 (4th line) - ‘s diùltach is incorrect - this should be ‘s diùltadh

Back to ACG News List

Litir don Rìgh

Published: 20 Sep 2022

​Litir bho Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich.


Back to ACG News List

Òraid le Comunn Gàidhlig Inbhir Nis

Published: 19 Sep 2022

Bidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis a’ cur air dòigh òraid air 23 An t-Sultain ann an Talla Naomh Anndra, Sràid Choinnich, Inbhir Nis, aig 7.30f.

Tiotal na h-òraid : Empire, culture, and society in the late-nineteenth century Highlands and Islands Le Ben Thomas

‘S ann sa Bheurla a bhios an òraid seo.

Bidh fàilte air a h-uile duine tighinn ann!

Back to ACG News List

Prògram a’ Mhòid ri Fhaotainn

Published: 14 Sep 2022

Tha sinn toilichte innse gu bheil Prògram oifigeil a’ Mhòid ri fhaotainn air-loidhne a-nis.

Program Mod Naiseanta Rioghail 2022 Peairt

Bidh lethbhreacan den Phrogram rin ceannach anns na laithean a tha romhainn. Cumaibh sùil air www.ancomunn.co.uk agus air na meadhanan sòistealta againn airson tuilleadh fiosrachadh.


Bidh na prògraman rin ceannach aig na h-àiteachan a leanas:
Oifis a’ Chomuinn (Steòrnabhagh)
Oifis a’ Chomuinn (Inbhir Nis)
Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu
Horsecross
iCentre Peairt

Bidh cothrom ann prògram òrdachadh airson a dhol thugaibh sa phost cuideachd.

Back to ACG News List

Atharrachadh - Sgiath Latharna

Published: 05 Sep 2022

Lorne Shield Set Piece Correction

At the moment 2 of the choruses read

An t-aparan goirid an t-aparan ùr,

and the other 2 read

An t-aparan goirid ‘s an t-aparan ùr

To clarify; All the choruses should read:

An t-aparan goirid ‘s an t-aparan ùr

The two places to make the corrections are bar 13 and bar 67.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Sep 2022

​Feasgair math dhuibh, seo agaibh ceangal gu cuairt-litir a’ Chomuinn: https://bit.ly/3B5uEkb

Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

Back to ACG News List

Prògram Iomall a' Mhòid!

Published: 27 Aug 2022

​A’ tadhal air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair agus airson planaichean a dhèanamh airson ur turas? Seo agaibh prògram oifigeil, slàn airson Iomall a’ Mhòid am bliadhna! Tha tachartasan ann airson an teaghlach air fad, ‘s mar sin, thoiribh sùil agus thigibh ann!

Prògram slàn an seo: bit.ly/3K5ZGvi

Tiocaidean airson na prìomh tachartasan an seo: https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%C3%B2d

Visiting the Royal National Mòd in Perth in October and trying to plan your trip? Take a look at this year’s official programme for the Mòd Fringe! There are events for the whole family, so make sure and get involved!

Full Fringe Programme: bit.ly/3K5ZGvi

Tickets for premier events: https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%C3%B2d

#modpheairt2022

Back to ACG News List

Comps S03 (G) and S03 (B) - Siùth’d a leanaibh

Published: 24 Aug 2022

Junior Solo Fluent Comps S03 (G) and S03 (B) - Siùth’d a leanaibh

Bars 7 and 15: On the first syllable of Goiridh, the high C (soh) should be a middle C (soh) ie one octave lower than written.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 03 Aug 2022

​Gheibhear gu h-ìosal ceangal gu cuairt-litir a’ Chomuinn. Anns an iris seo gheibhear fios mu Iomall a’ Mhòid, dreach clàr-ama farpaisean Mòd na bliadhna seo, fiosrachadh mun fharpais ur TikTok againn agus mòran eile!

Cuairt-litir ACG - Iuchar 2022

Ma tha fiosrachadh agaibh mu tachartasan no naidheachdan sam bith a bhiodh freagarrach airson a’ chuairt-litir againn, nach cuir sibh thugainn e. Cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Dreach Program airson Mod 2022

Published: 03 Aug 2022

​Chan eil fada ri dhol a-niste, ‘s tha daoine a’ gabhail ùidh ann am farpaisean a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna ann am Peairt. ‘S mar sin dheth, tha sinn air an clàr-ama cuideachail seo a chur ri chèile dhuibh mar stiùireadh. Tha cothrom ann gun atharraich seo fhathast agus, ‘s mar sin, cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta againn airson an fhiosrachadh as ùire.

Bidh prògram oifigeil a’ Mhòid ri fhaotainn an ceann beagan sheachdainean.

Dreach Prògram Mòd Pheairt 2022

Back to ACG News List

​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022

Published: 13 Jul 2022

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 a’ tarraing taisbeanadh deàlrach de cheòl is de chultar na Gàidhlig a Pheairt

Prògram de ghnìomhaidhean air an iomall gam foillseachadh ro thachartas a’ Mhòid san Dàmhair

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ foillseachadh agus a’ comharrachadh na tha as fheàrr de cheòl is de chultar na Gàidhlig nuair a thig am Mòd a Pheairt san Dàmhair am-bliadhna, airson a’ chiad uair ann an 18 bliadhna.

Chaidh prògram beòthail de chuirmean-ciùil, gnìomhaidhean-ciùil, cèilidhean agus taisbeanaidhean fhoillseachadh an-diugh airson iomall a’ Mhòid, a bheir toileachas do luchd-èisteachd air feadh a’ bhaile eadar 14 - 22 Dàmhair 2022.

Tha an tachartas ochd-latha seo mar phrìomh chomharrachadh ciùil is cultair na Gàidhealtachd a bhios a’ gabhail àite ann am baile eadar-dhealaichte ann an Alba gach bliadhna. Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann am Peairt a’ comharrachadh 130 bliadhna bhon chiad thachartas a ghabh àite san Òban ann an 1892.

Bidh timcheall air 1000 neach-ciùil agus com-pàirtiche a’ lìonadh còrr air 10 ionadan-cruinneachaidh fad’ is farsaing air feadh Pheairt anns an Dàmhair am-bliadhna, a’ gabhail a-steach Talla Consairt Pheairt, Taigh-cluiche Pheairt agus Àrainn Coimhearsnachd Innis a Tuath. Bidh tachartasan spòrs aig teis-meadhan chùisean cuideachd le iomain agus ball-coise air aoigheachd ann an Ionad Spòrs Bells, agus tachartas gàirdeachail nan còisirean uile còmhla air Àrd-Shràid Pheairt, a’ tarraing na fèise naoi-latha gu crìch.

Leis an àrdachadh a chaidh aithris o chionn ghoirid anns an àireamh de dhaoine ag ionnsachadh fhacail is abairtean ann an Gàidhlig, thathar a’ sùileachadh gun tarraing Mòd Nàiseanta na bliadhna seo na mìltean de fharpaisich agus luchd-tadhail chuirmean-ciùil aig a bheil ùidh sa chànan agus a cultar. Bheir an àireamh chudromach seo de luchd-frithealaidh buaidh glè dheimhinneach air eaconamaidh Pheairt.

Bidh Cuirm-Fosglaidh a’ Mhòid 2022 (Mòd 2022 Opening Concert) a’ cur fàilte air cuid den tàlant Ghàidhlig as fheàrr a th’ ann gu àrd-ùrlar Talla Consairt Pheairt san Dàmhair am-bliadhna. Bidh na seinneadairean Màiri Nic an Aonghais, Art MacCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Darren MacIlleathain a’ gnìomhadh ann an cuideachd còmhlan-ciùil ainmeil fo stiùir Gary Innes agus Eòghann MacEunraig bhon chliù aig Mànran.

Bidh feasgar Disathairne a’ taisbeanadh tachartas glè shònraichte air a choisrigeadh don chultar Ghàidhlig agus don cheòl thraidiseanta shoirbheachail a tha Siorrachd Pheairt a’ tabhann. Fon tiotal Ar Cànan ‘s Ar Ceòl (Our Language Our Music), bidh an oidhche shònraichte seo a’ nochdadh raon de dh’ainmean aithnichte a’ gabhail a-steach Mairead Bennett, Ross Ainslie agus Ali Hutton’s Symbiosis, còmhla ri Patsy Reid. Cha bhi a’ chuirm a’ comharrachadh a-mhàin luchd-ciùil is seinneadairean ainmeil a tha air Peairt a chur air a’ mhapa ciùil, ach cuideachd na mòran bhuidhnean coimhearsnachd is foghlaim a tha ag obair gun sguir le dealas agus dìoghras gus dèanamh cinnteach gun lean a’ choimhearsnachd chultarach thraidiseanta oirre a’ soirbheachadh. Am measg nam buidhnean sin, tha Còisir Ghàidhlig Pheairt, Cuirm Grdain Duncan agus Fìdhlearan Òga Thaobh Tatha.

Tha Cogadh nan Còmhlain (Battle of the Bands) na fharpais ùr aig Mòd Pheairt 2022 agus farpais chrìochnachaidh fo aois 13 bliadhna a’ gabhail àite air Diluain 17mh agus farpais chrìochnachaidh fo aois 19 bliadhna air Dimàirt 18mh Dàmhair. Bheir an fharpais òigridh seo cothrom mìorbhaileach do dhaoine òga a bhith a’ gnìomhadh beò air àrd-ùrlar, leis na còmhlain a bhuannaicheas a’ faighinn seisean clàraidh anns an Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Bidh Còmhlan Dannsa Albannach Leonard Brown a’ cluich aig cèilidh traidiseanta ann an Talla Dhannsa Taigh-òsta an Salutation air feasgar Diciadain, Diardaoin agus Dihaoine aig
tachartas na bliadhna seo.

Cuiridh Cuirm Crìochnachaidh a’ Mhòid (The Mòd Grand Finale) fàilte air còmhlan-ciùil ainmeil a’ Chosta an Iar, Trail West, gu Talla Consairt Pheairt gus prìomh thachartas ciùil is cultair na Gàidhealtachd 2022 a thoirt gu crìch.

Bidh Duais Ealain na Gàidhealtachd (The Highland Art Prize) a’ gabhail àite ann an Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil Baile Pheairt. Bithear a’ taisbeanadh obair-ealain a chaidh a thaghadh o
chionn ghoirid le comainn is gailearaidhean ealain ionadail a tha a’ comharrachadh ealain is cultar bho air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Ann an co-bhonn leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, thèid an obair-ealain a buannaicheas a thaghadh agus duais de £1000 a bhuileachadh air (air a roinn eadar an neach-ealain agus an gailearaidh do am buin iad) còmhla ri cothrom air an cuid obrach a thaisbeanadh ann an gailearaidh àrd-ìomhaigheil ann an Glaschu ann an 2023.

Bidh làn sreath de fharpaisean pearsanta a’ gabhail àite còmhla ri prògram beòthail air an iomall, cuid de fharpaisean air-loidhne agus taghadh de roinnean ùra brosnachail. Tha ùine aig farpaisich a tha an dùil com-pàirteachadh gu 10f air Dihaoine 15 Iuchar airson an innteartan a chur a-steach.

Tha na roinnean de fharpaisean a’ gabhail a-steach seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, agus am measg nan eileamaidean ùra tha farpaisean chòisirean le ceòl-taic ag amas air buidhnean seinn ann an co-sheirm de eadar còig agus deich seinneadairean còmhla ri farpais ùr seinn aon-neach, Farpais CalMac, a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach.

Taobh a-muigh a’ chlàir-obrach, bidh farpais ùr TikTok agus Sruth, tachartas ag amas air barrachd còmhraidh nàdarrach a mhisneachadh am measg dhaoine òga, na phàirt den phrògram am-bliadhna.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bidh tilleadh a Pheairt airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, na àm mìorbhaileach dhuinne. Bidh e cho sònraichte na tha as fheàrr de chultar na Gàidhlig a tha ri thabhann, a chluinntinn agus fhaicinn aig tachartas na bliadhna seo agus fàilte a chur air daoine à Peairt, an còrr de dh’Alba agus gu dearbh an còrr den t-saoghal chun a’ bhaile gus tlachd a ghabahil à ceòl is cultar na Gàidhlig tarsainn ionadan-cruinneachaidh air leth agus sònraichte Pheairt.”

Thuirt Xander McDade, Pròbhaist Pheairt is Cheann Rois: “Tha e anabarrach brosnachail a bhith a’ faicinn a’ Mhòid a’ tilleadh a Pheairt agus bheir e fìor thoileachas don bhaile san Dàmhair. Bidh seo na mhòr-thaisbeanadh iongantach do Pheairt agus na chomharrachadh mìorbhaileach air ar dualchas Gàidhlig agus cànan is cultar na Gàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Grant Laing, stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Bidh am Mòd agus prògram an Iomaill a’ dèanamh Peairt mar an t-àite a bu chòir a bhith ann an Alba san Dàmhair am-bliadhna. Tha mi air leth toilichte a leithid de thachartasan fhaicinn a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile. Tha mi cinnteach gur e fèis nach tèid à dìochuimhn’ a bhios innte agus gun toir i cuideachadh mòr do eaconamaidh a’ bhaile.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha EventScotland toilichte a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus e a’ tilleadh a Pheairt airson a’ chiad uair ann an 18 bliadhna. Is e Alba aon de na h-àiteachan as fheàrr air an t-saoghal airson com-pàirteachadh ann an tachartasan, agus solaraichidh Peairt àrd-ùrlar foirfe airson an tachartais Albannaich gun choimeas seo, a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa agus mòran a bharrachd.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ faicinn a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Pheairt. Tha am Mòd an-còmhnaidh na chomharrachadh mòr de chànan is de chultar na Gàidhlig, a’ solarachadh chothroman air an cànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thabhartasan. Tha e cuideachd a’ cur ri faireachdainn de shunnd, gu h-àraid tro bhith a’ tarraing charaidean sean is ùr an dèidh bliadhnaichean a bha glè dhùbhlanach. Tha sinn a’ cur fàilte air comharrachadh sam bith air Gàidhlig agus a cultar agus tha mi cinnteach gum bi Peairt na àite air leth a-rithist am-bliadhna.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian MacBrayne agus SQA.

Bidh am d Nàiseanta Rìoghail a’ ruith bho 14 - 22 Dàmhair 2022. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.ancomunn.co.uk. Bidh tiogaidean rim faotainn airson an ceannach ann an
oifis thiogaidean Ealain Horsecross bho mheadhan gu deireadh an Lùnastail air www.horsecross.co.uk.

Feumaidh innteartan airson farpaisean a’ Mhòid a bhith air an cur a-steach ro Dhihaoine 15mh Iuchar aig enter.ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 02 Jul 2022

​​Tha cuairt-litir a’ Chomuinn ri fhaotainn gu h-ìosal.

Tha sinn an dòchas gun còrd na saor-laithean ribh uile!

https://mailchi.mp/ce1a4a1a7552/cuairt-litir-a-chomuinn-gearran-8900958

Ciumhnichibh gur e Dihaoine 15/07/22 an ceann-latha airson clàradh airson Mòd Naiseanta Rìoghail na bliadhna seo!

https://enter.ancomunn.co.uk/

Back to ACG News List

Cèilidh mun Chagailt a-nochd!

Published: 09 Jun 2022

Tha sinn air leth toilichte gum bi sreath ùr de sheiseanan Cèilidh mun Chagailt a’ ruith thairis air na beagan sheachdainean ri thighinn, le seisean eadar-dhealaichte gach oidhche Dhiardaoin! Bidh fàilte bhlàth oirbh uile pàirt a ghabhail anns na seiseanan seo a thathar a’ cumail ann an co-bhonn le Fèisean nan Gàidheal is le taic-maoineachaidh bho Bòrd na Gàidhlig. Clàraichibh air Eventbrite gus àite a ghlèidheadh aig an tachartas saor ‘s an-asgaidh seo le Mary Ann Kennedy.

Clàraichibh:
https://bit.ly/3Q3ma2z

Back to ACG News List

Aonghas Dubh MacNeacail - 80 an diugh!

Published: 07 Jun 2022

Do Aonghas Dubh Là na h-Aoise

Fhir-dhàna ’s ollaimh ri filidheachd,
Seadh, agus ri seanchas
Is ealain a tha thu ann,

A cheist is a chuspair
A bhuain aois a’ gheallaidh
’S t’ anam dubh dubh gun sgur

Agus do shùilean beò nan lasair
Nad shuidhe sa chnoc a’ sealltainn a-mach
Air an Eilean ’s na Crìochan ’s Leum na Caillich,

An dèidh dhut èirigh ’s falbh
Agus an obair mhòr agad
Is an dreuchd ud a leigeil a-nuas

Mu dheireadh thall ’s a-bhos
Is na leabhraichean a chur an dara taobh
Mar a dhèanadh na linn am bodach

Na aon luaireagan beag air teòradh,
A chiall, ris a’ bhlàths a-staigh,
Cha chreid mi nach fhàg sinn,

Mar chuimhneachan ’s mar chomharradh,
A’ chathair agad thall ud
Bàn ’s falamh gu Là Luain.

Rody Gorman
Bàrd a’ Chomainn Ghàidhealaich 2021-2022

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Jun 2022

​Bruthaibh air a’ cheangal a leanas airson Cuairt-litir a’ Chomuinn:

https://bit.ly/3PSrvcV

Back to ACG News List

​ Comataidh Ionadail Mòd Nàiseanta Rìoghail Pheairt

Published: 01 Jun 2022

Tha Comataidh Ionadail Pheairt a’ sireadh neach-taic airson a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail san Dàmhair.

Ma tha ùidh agaibh taic a thoirt ann an dòigh sam bith, ron a’ Mhòd no thairis air seachdain a’ Mhòid, nach cuir sibh fios thugainn!

Lìonaibh am foirm gu h-ìosal agus tillibh e thugainn aig modpheairt22@gmail.com no cuiribh post-d thugainn airson tuilleadh fiosrachadh.

https://www.ancomunn.co.uk/images/uploads/Stewards_Form_2022.pdf

Back to ACG News List

​Farpaisean Ùr do Chòisirean Inbheach

Published: 05 May 2022

Tha sinn toilichte innse gu bheil dà fharpais ùr ri fhaotainn do chòisirean inbheach airson a’ Mhòd Naiseanta Rìoghail.

Aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, leis nach e farpaisean àbhaisteach a bh’ ann agus mar sin cha robh na h-aon riaghailtean ann, ghabh feadhainn de na còisirean an cothrom seinn le ceòl taic mar phàirt de na taisbeanaidhean aca. Chòrd seo ri na còisirean agus an luchd-èisteachd gu mòr agus mar sin tha sinn toilichte farpais ùr a chur air bhog airson Mòd na bliadhna seo:
Farpais C109 – Còisirean (Fosgailte) – Seinn aon òran, le ceòl taic air a’ phiàna.

A bharrachd air an sin, tha farpais ùr eile ann do bhuidhnean de 5 suas gu 10 neach:
Farpais C112 (Measgaichte) – Seinn aon òran ann an co-sheirm.

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris na farpaisean ùr seo fhaicinn mar phàirt den phrògram de thachartasan Còisir aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Pheairt agus tha sinn an dòchas gum bidh an Còisir agaibhse a’ gabhail pàirt.

Back to ACG News List

Measaidhean Ghàidhlig

Published: 04 May 2022

​Ma bhios farpaisich sam bith airson measadh a dhèanamh air thoiseach air Mòd na bliadhna seo, tha agabh gu deireadh an Lùnastal airson sin a dhèanamh.

Cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk airson ceann-latha a chur air dòigh.

Bidh cothrom ann measaidhean a dhèanamh aig Mòd Ionadail Obar Pheallaidh air an 11mh den t-Ògmhìos cuideachd.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Giblean

Published: 29 Apr 2022

​Bruthaibh an seo airson an iris as ùire de Chuairt-litir a’ Chomuinn.

Ma tha sibh airson naidheachdan sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Inntrigeadh fosgailte gu Farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2022 ann am Peairt

Published: 19 Apr 2022

​Tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh gu bheil an siostam inntrigidh air-loidhne gu Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fosgailte a-nis. Tha cothrom aig farpaisich a tha airson com-pàirteachadh ann an tachartas 2022, a bhios a’ gabhail àite eadar 14 - 22 Dàmhair ann am Peairt, an inntrigean a chur a-steach ro 10f air Dihaoine 15 Iuchair.

Chì a’ bhliadhna 2022 prìomh thachartas ciùil is cultarach na Gàidhealtachd a’ tilleadh gu làn phrògram de fharpaisean agus de fharpaisich an làthair, taobh ri taobh le cuid de fharpaisean air-loidhne a tha gan gleidheadh, còmhla ri foillseachadh air cuid de fharpaisean brosnachail ùra.

Is e seo a’ chiad turas bho 2004 a tha baile-mòr Pheairt air aoigheachd a thoirt don tachartas seo a tha 130 bliadhna a dh’aois, a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Am measg na làn liosta de fharpaisean a bhios a’ gabhail àite, bidh seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach, a lorgar ann an clàr-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/rules agus faodar inntrigean a chur a-steach gu enter.ancomunn.co.uk.

Mar thoradh air farpaisean soirbheachail a lìbhrigeadh air-loidhne air sgàth a’ ghalar-sgaoilte thar an dà Mhòd Nàiseanta Rìoghail mu dheireadh, bidh cuid de na farpaisean air-loidhne a’ fuireach, a’ gabhail a-steach seinn aon-neach, ionnsramaidean, agus farpaisean chòisirean don dà chuid òigridh agus inbhich.

Dhearbh an eileamaid air-loidhne a bhith gu mòr air a mheas leothasan a bha airson pàirt a ghabhail san tachartas bho astar, agus c eadaichidh e do fharpaisich an gnìomhaidhean inntrigeadh, a chlàradh agus an luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Bidh na farpaisean agus na gnìomhaidhean air-loidhne air an taisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Am-bliadhna, chithear farpais às ùr Cogadh nan Còmhlan ann an clàr-obrach fharpaisean na h-òigridh. Bheir Cogadh nan Còmhlan cothrom air leth do dhaoine òga gnìomhadh beò air
àrd-ùrlar, leis na còmhlain a bhuannaicheas a’ faighinn cothrom air seisean clàraidh san Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Taobh a-muigh a’ chlàr-obraich, thèid farpais ùr TikTok agus Sruth a chur air bhog, tachartas a bhios ag amas air barrachd còmhraidh nàdarrach a bhrosnachadh am measg dhaoine òga. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na farpaisean a bharrachd sin aig www.ancomunn.co.uk.

Bidh clàr-obrach nan inbheach a’ cur fàilte air farpais ùr chòisirean le taic-ciùil, a bhios ag amas air buidhnean seinn ann an co-sheirm sam bi eadar còig agus deich sheinneadairean, còmhla
ri farpais ùr seinn aon-neach, Farpais CalMac, a bhios fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach. Bidh tachartasan pìobaireachd nan inbheach a-nis a’ nochdadh fharpaisean aig Ìre A is Prìomh agus aig Ìre B, le farpais Pìobaireachd, agus farpais Caismeachd, Srath-spè is Ruidhle a’ gabhail àite aig gach ìre.

Cuideachd am-bliadhna, chithear ath-sgrùdadh air rèiteachadh àireamhan mu choinneamh fharpaisean agus ath-ùrachadh air riaghailtean fharpaisean, agus aig an aon àm thathar ag iarraidh air na farpaisich uile eòlas a chur air na riaghailtean ùra uile mus cuir iad inntrigean a-steach.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig a’ Chomunn Gidhealach: “Tha e na fhìor thlachd dhuinn ainmeachadh gu bheil na h-inntrigean airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2022
ann am Peairt, a-nis fosgailte. Is e àm mìorbhaileach a bhios ann a’ cur fàilte air na ceudan de fharpaisich air ais gu bhith a’ com-pàirteachadh gu pearsanta am-bliadhna agus chan eil teagamh sam bith againn nach bi càileachd nan inntrigean barraichte uair eile. Tha sinn air ar dòigh cuideachd a bhith a’ cur cuid de fharpaisean brosnachail ùra air bhonn còmhla ri eileamaidean sa
phrògram do dhaoine de gach aois, agus airson na treas bliadhna às dèidh a chèile tha sinn a’ coimhead air adhart ri inntrigean air-loidhne a thaisbeanadh bho dhaoine nach eil comasach air a bhith an làthair gu pearsanta. Tha an cunntadh-sìos gu Mòd air leth ann an Peairt dha-rìribh fo sheòl a-nis, agus mholadh sinn do chom-pàirtichean an inntrigean a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha prìomh àite aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann a bhith a’ tarraing luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla gus ar cànan agus cultar a chomharrachadh. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ faicinn Mòd na bliadhna seo ga chur air shiubhal agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’
coinneachadh seann chàirdean agus càirdean ùra ann am Peairt san Dàmhair.”

Thuirt Tòmas Glen, Àrd-Oifigear Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte bhlàth gu Peairt is Ceann Rois a chur air na com-pàirtichean, luchd-èisteachd agus aoighean uile nas fhaide air adhart am-bliadhna. A thuilleadh air comharrachadh mìorbhaileach air cànan is cultar na Gàidhlig air àrd-ùrlaran a’ Mhòid, tha sinn an dòchas gun gabh na
com-pàirtichean cothrom air na tha aig Peairt agus aig an sgìre mun cuairt ri thabhann a thaobh chuspairean cultarach, gnìomhachdan air a’ bhlàr a-muigh agus bùithtean neo-eisimeileach.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus SQA.

Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Peairt bho 14 - 22 Dàmhair 2022. Airson làn fhiosrachaidh mu shiostam inntrigidh air-loidhne Mòd 2022 agus clàran-obrach, tadhailibh air ancomunn.co.uk/nationalmod/rules agus airson pìosan ainmichte a’ Mhòid 2022, tadhailibh air ancomunn.co.uk/store .

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach aig info@ancomunn.co.uk no fòn: 01851 703487.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Màrt 2022

Published: 02 Apr 2022

​Gheibhear ceangal gu cuairt-litir na mìos seo gu h-ìosal.

Cuairt-litir a’ Chomuinn - Màrt 2022

Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Atharrachaidhean air Earrainnean Ainmichte

Published: 25 Mar 2022

​Gheibhear gu h-iosal liosta de atharrachaidhean airson Earrainnean ainmichte na bliadhna seo:

Atharrachaidhean air Earrainnean Mod 2022

Back to ACG News List

Coinneamh Phoblach - Mod Pheairt

Published: 02 Mar 2022

Coinneamh Phoblach

Thèid coinneamh phoblach a chumail air-loidhne air Dimàirt an 15mh den Mhàirt aig 7.30f gus Comataidh Ionadail a stèidheachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo, a thèid a chumail ann am Peairt eadar an 14mh agus an 22mh den Dàmhair 2022.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a chur air dòigh leis a’ Chomunn Gàidhealach agus ‘s e a’ phrìomh Fhèis Ghàidhlig, a bhios a’ comharrachadh cànan, ceòl ‘s cultar na Gàidhlig agus bidh e a’ tilleadh a Pheairt airson a’ chiad uair bho 2004.

Bidh a’ Chomataidh Ionadail ag obair fo stiùir a’ Chomunn Ghàidhealaich, agus bidh iad na phàirt chudthromach den Mhòd, le bhith a’ toirt taic gu saor-thoileach. Ma tha ùidh agaibh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig, ‘s e cothrom air leth a tha seo a thighinn an sàs anns an tachartas.

Ma tha sibh airson clàradh airson na coinneamh, cuiribh post-d gu: peigi@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Gearran 2022

Published: 02 Mar 2022

Gheibhear ceangal gu cuairt-litir na mios seo an seo.

Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur dhan ath iris, nach cuir sibh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Clàradh bhon Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2022 le Iona Whyte

Published: 21 Feb 2022

​​Clàradh bhon cheathramh òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain Macleòid, a chaidh a chumail air an 27mh den Fhaoilleach 2022, ann an co-bhonn leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Oilthigh Dhùn Èideann.

‘S i Iona Whyte a’ lìbhrig an òraid air a’ chuspair ‘Mealladh Uaine is Fionn-Sgeul an Lorg Carbon’.

Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2022 le Iona Whyte

Back to ACG News List

​Tharraing am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 taic de £1.2m gu Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd

Published: 13 Feb 2022

Bha buannachdan anabharrach sòisealta, cultarach agus eaconamach an lùib an tachartais chliùitich seo, a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig

Thog am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, a ghabh àite ann an Taigh-cluiche Eden Court bho 8 gu 16 Dàmhair 2021, £1.2m do dh’eaconamaidh sgìre Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, a thuilleadh air togail mòr sòisealta agus cultarach.

Anns an tachartas a tha 129 bliadhna a dh’aois agus a tha a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, bha measgachadh iongantach de fharpaisean, gnìomhaidhean agus ghnìomhachdan cultarach le 2,840 neach a’ frithealadh gu pearsanta, a’ toirt togail eaconamach a chuidich le taic a chur ri 14 obraichean FTE.

Thog an fhèis nàiseanta a tha eagraichte leis a’ Chomunn Ghàidhealach, roinn turasachd is aoigheachd Inbhir Nis aig àm a bha nas sàmhaiche ann an 2021, an dèidh bliadhna dhuilich don ghnìomhachas mar thoradh air COVID. Nochd suirbhidh air na com-pàirtichean gun robh iad glè choltach tadhal ann an Inbhir Nis a-rithist san àm ri teachd.

Chleachd an fhèis modh-obrach tar-mheasgaichte ann an 2021, le tachartasan a’ gabhail àite an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne. Dhearbh am prògram air-loidhne a bhith anabarrach

soirbheachail, oir chuir na com-pàirtichean uile fàilte air an dòigh-obrach agus sheall e gun robh e na chuideachadh do dhaoine gu smachd fhaighinn air cùisean slàinte inntinn a tharraing an glasadh-sluaigh.

Chuir prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba taic làidir ri leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus thug i buaidh air an iomallachadh a chaidh adhbhrachadh le cuibhreachaidhean COVID. A thuilleadh air a bhith comasach air eadar-chonaltradh le fileantaich, luchd-ionnschaidh is luchd-taic na Gàidhlig, bha an luchd-frithealaidh comasach air ath-cheangal a dhèanamh le caraidean agus teaghlach, a’ tarraing togail misneachd fìor mhòr thucasan a bha iomallaichte aig àm a’ ghlasaidh-sluaigh.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 air togail làidir a thoirt do dh’eaconamaidh Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt ann am bliadhna a bha doirbh do thurasachd sa bhaile. Tha e gu h-àraid na adhbhar gàirdeachais oir cha robh sinn cinnteach gu an Lùnastal am b’ urrainn don Mhòd àite a ghabhail ann an suidheachadh aghaidh-ri-aghaidh.

“Tha sinn dìreach air ar dòigh gu bheil am Mòd air pàirt dheatamach a choileanadh ann an cuideachadh le na taobhan àicheil de dh’iomallachadh sòisealta a chothromachadh còmhla ri cuid de na dùbhlain inntinneil a dh’adhbhraich an glasadh-sluaigh.

“Tha sinn air fhaicinn uair eile gu bheil com-pàirtichean a’ cur mòr-luach air an eileamaid air-loidhne agus tha e a-nis gu bhith na phàirt mhaireannaich den phrògram iomlan, a’ togail air an fhiosrachadh a fhuair sinn ann an 2020 agus 2021.

“Tha An Comunn a’ cur mealadh naidheachd air com-pàirtichean is luchd-eagrachaidh uile airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a dhèanamh cho fìor shoirbheachail. Tha sinn làn dòchais gun urrainn don Mhòd ann am Peairt ann an 2022 a dhol air adhart ann an iomlanachd.”

Thuirt Paul Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Bha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro Mhaoin Ath-leasachaidh Thachartasan Alba, a

chaidh a stèidheachadh le EventScotland ann an co-bhonn le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba. Tha am Mòd a’ taisbeanadh an àite chudromaich a tha aig tachartasan nar coimhearsnachdan. Tha e air buaidh eaconamach bhrìgheil a thoirt air Inbhir Nis agus air an sgìre mun cuairt a thuilleadh air a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine air eòlasan cuimhneachail a thogail agus a cho-roinn tro a phrògram de thachartasan air-loidhne agus gu pearsanta. Tha a leithid sin de thachartasan Albannach gun choimeas nar mìosachan, a’ toirt neartachadh a bharrachd do dh’amas agus suidheachadh na dùthcha mar cheann-uidhe thachartasan aig ìre chruinneil agus ag ath-dhaingneachadh dùthaich na h-Alba mar àrd-ùrlar foirfe airson thachartasan.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: Tha fàilte mhòr ga chur air an neartachadh a thug am Mòd do dh’eaconamaidh Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, gu h-àraid aig na h-amannan doirbh COVID a tha seo. Tha an soirbheachadh cultarach is sòisealta an lùib an tachartais a chur air adhart gu farsaingeachd de luchd-èisteachd air-loidhne, ag àrdachadh misneachd a dh’ionnsaigh leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Bha sinn air leth toilichte gun do ghabh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 àite an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne. Tha buaidh a’

Mhòid thar luaich ann am meudachadh cleachdadh is adhartachadh air Gàidhlig, agus tha a bhuaidh eaconamach gu cunbhalach a’

taisbeanadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaidh na h-Alba.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtach, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn agus SQA.

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail air adhart ann an Inbhir Nis bho 8 - 16 Dàmhair 2021. Bidh Mòd na bliadhna seo a’ gabhail àite ann am Peairt bho 14 - 22 Dàmhair 2022.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air https://www.ancomunn.co.uk/.

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Faoilleach 2022

Published: 27 Jan 2022

​Feasgair math!

Seo agaibh ceangal gu cuairt-litir na mìos seo. An dòchas gun còrd e ribh!

https://bit.ly/Cuairt-litirFaoilleach2022

Ma tha sibh airson naidheachdan sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

Mòran taing!

Back to ACG News List

Òraid Chuimhneachaidh Iain Mhicleòid

Published: 19 Jan 2022

​Thèid an ceathramh òraid bhliadhnail mar chuimhneachan air Iain Macleòid a chumail air Diardaoin an 27mh den Fhaoilleach 2022 aig 7f, ann an co-bhann leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Oilthigh Dhùn Èideann.

‘S i Iona Whyte, a bhios a’ lìbhrigeadh na h-òraid. ‘S ann air ‘Mealladh Uaine is Fionn-Sgeul an Lorg Carbon’ a bhios an òraid aig Iona.

Tha an tachartas seo an-asgaidh agus thèid a chumail air loidhne tro Zoom. Bidh seirbheis eadar-theangachaidh ann do dhuine aig nach eil Gàidhlig.

Feuch gun tig sibh còmhla rinn, tha oidhche thlachdmhor, inntinneach gar feitheamh!

Back to ACG News List

​​Bliadhna mhath ùr!

Published: 05 Jan 2022

Tha an sgioba againn air ais ag obair a-nis. Tha sinn an dòchas gun do chòrd na làithean-saora ribh uile!

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 24 Dec 2021

​​Seo agaibh an iris mu dheireadh den bhliadhna seo!

Nollaig Chridheil dhuibh uile agus bliadhna mhath ur nuair a thig i.

Cuairt-litir Dubhlachd 2021 (ancomunn.co.uk)

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Samhain

Published: 01 Dec 2021

​Gheibhear cuairt-litir a’ Chomuinn an seo.

Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur dhan ath iris, nach cuir sibh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Làn-Dùil air geàrr-liosta airson Duais Trad

Published: 30 Nov 2021

​Tha sinn air leth toilichte gu bheil pròiseact Làn-Dùil air geàrr-liosta airson Duais Trad san roinn Cuirm air Loidhne na Bliadhna 2021.

Dh’obraich An Comunn Gàidhealach gu dlùth ri Soisgeul gus am pròiseact seo a lìbhrigeadh agus abair gu bheil sinn a’ dèanamh fiughair ri Cuirm nan Duaisean!

Meal an naidheachd dhan a h-uile duine a chaidh ainmeachadh air geàrr-liostaichean airson duais agus gur math a thèid leibh!

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 29 Oct 2021

​Tha cuairt-litir a’ Chomuinn ri fhaotainn an seo: Cuairt-litir a’ Chomuinn - Damhair 2021

Cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur thugainn airson an ath iris.

Back to ACG News List

Bàrd a’ Chomuinn air Ainmeachadh

Published: 13 Oct 2021

Tha e na thlachd dhuinn Rody Gorman ainmeachadh mar Bàrd a’ Chomuinn am bliadhna seo. Seo agaibh Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn, a’ toirt seachad Crùn a’ Bhàird do Rody.

Back to ACG News List

Cuairt-litir an t-Sultain

Published: 30 Sep 2021

Gheibhear an seo ceangal chun ath iris den chuairt-litir againn.

Cuairt-litir Sultain (ancomunn.co.uk)

Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur thugainn airson an ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cèilidh mun Chagailt a-nochd!

Published: 09 Sep 2021

​A-NOCHD!

Cèilidh mun Chagailt còmhla ri Ellen Dòmhnallach a-nochd aig 7.30f air Zoom. Tha tiocaidean saor ‘s an-asgaidh tro Eventbrite agus tha fàilte bhlàth romhaibh uile pàirt a ghabhail ann! Siuthadaibh!

Clàraibh an seo:

https://fb.me/e/2B4Y0hCYT

Back to ACG News List

Taisbeanadh Gàidhlig aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis

Published: 02 Sep 2021

Tha comharrachadh tarraingeach agus brosnachail air a’ Ghàidhlig ga ghealltainn as t-fhoghar aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann am baile-mòr Inbhir Nis.

Bheir an tachartas fad ochd làithean sealladh beag air àbhaisteachd a’ tilleadh, agus luchd-eagrachaidh an t-subhachais ainmeil seo a’ foillseachadh prògram anns am bi sreath de fharpaisean is chuirmean-ciùil, an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne.

Bidh tachartas na bliadhna seo a’ co-mheasgachadh fharpaisean is chuirmean-ciùil aghaidh-ri-aghaidh le clàr lìonmhor de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios air an craobh-sgaoileadh fad na seachdaine. Thèid barrachd fiosrachaidh mun t-susbaint sruthaidh air-loidhne ainmeachadh sna seachdainean a tha ri teachd.

Air a stèidheachadh ann an 1891, bidh fèis na bliadhna seo a’ gabhail àite bho 8 - 16 Dàmhair 2021 ann an ionad aoigheachd Chùirt an Easbaig – a’ chiad tachartas a’ gabhail àite a-staigh san ionad sin bho 2020.

Bidh na prìomh fharpaisean, a’ gabhail a-steach farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 13 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 14 Dàmhair, nam pàirt de na h-imeachdan air an lìbhrigeadh gu pearsanta, còmhla ri prìomh fharpaisean na h-òigridh. An àite farpaisean ainmeil nan còisirean, mar thoradh air nach robh e comasach dhaibh a bhith a’ tighinn còmhla, thèid comharrachadh sònraichte air seinn chòisirean ann an Gàidhlig a chumail.

Taobh ri taobh leis na farpaisean, thathar an dùil grunn tachartsan beò a chur air adhart mar phàirt den eileamaid chorporra de shubhachas na bliadhna seo, a’ gabhail a-steach cuirm fosglaidh bheòthail air Dihaoine 8 Dàmhair sam bi ceòl bhon chòmhlan ùr Staran, còmhla ri Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain agus an seinneadair Gàidhlig ainmeil, Maighread Stiùbhart.

Air ainmeachadh mar “fuaim ùr na h-Alba thraidiseanta”, bidh Donnchadh Siosalach na stiùir air sreath de rionnagan ciùil air Disathairne 9 Dàmhair. Air an àrd-ùrlar bidh Mairearad Green, Seumas Donnchadh MacCoinnich agus Còmhlan Taighe Ar Cànan ’s Ar Cèol, ri taobh cuid den luchd-ciùil òga as tàlantaiche a tha a’ tighinn am bàrr air a’ Ghàidhealtachd, ’s iad a’ comharrachadh dualchas ciùil beòthail is soirbheachail na Gàidhealtachd.

Bidh am fìdhlear Lauren NicCholla a’ taisbeanadh pìos obrach air ùr-choimiseanadh, air a bhrosnachadh le tachartasan is sgeulachdan bhon chosta timcheall Linne Mhoireibh, a’ rannsachadh thachartasan fìor co-cheangailte ri muir, oirthir, coimhearsnachd is call. Còmhla ri Lauren air Dimàirt 12 Dàmhair bidh Mairearad Green, Anna Massie agus Raonaid Newton.

Ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, bidh na h-àireamhan cuibhrichte aig tachartasan corporra a tha air am planadh; ach ma thèid cuibhreachaidhean a lasachadh, feuchaidh an luchd-eagrachaidh ris na h-àireamhan a mheudachadh far an gabh sin a dhèanamh.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gun tèid againn air na nithean as fheàrr a ghabhas a thabhann ann an cultar na Gàidhlig, a thaisbeanadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith dùbhlanach ach tha comas air cuid de dh’eileamaidean a’ Mhòid a thoirt air ais ann an dòigh thar-chinealach, na spionnadh mòr don tachartas agus don choimhearsnachd de fharpaisich, luchd-gnìomhaidh agus luchd-leantainn.

“Is e nì drùidhteach a bhios ann a’ cluinntinn gnìomhadh beò a’ seirm a-mach à Cùirt an Easbaig aon uair eile, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air daoine à Inbhir Nis agus bho air feadh Alba a thighinn agus tlachd a ghabhail còmhla à ceòl agus òrain Ghàidhlig. Bheir an eileamaid air-loidhne de phrògram na bliadhna seo cead dhuinn luchd-èisteachd a ruighinn air feadh an t-saoghail agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cànan, cultar agus spiorad nan Gàidheal a chomharrachadh leis na mìltean air feadh na cruinne.”

Thuirt An Comhairliche, Calum Rothach, “Tha sinn air ar dòigh gu bheil am Mòd gu bhith a’ tachairt ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus san sgìre mun cuairt. Mar a tha fios againn uile, mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte bha e agus tha e fhathast dùbhlanach a bhith ag eagrachadh a leithid sin de thachartasan, ach tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail air adhart ann an dòigh ùr-ghnàthach a’ leasachadh cothlamadh de fharpaisean is thachartasan tar-chinealach, a tha ann an co-rèir ri riaghailtean COVID-19.

“Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mar aon de na fèisean Gàidhlig is cultair as cudromaiche ann an Alba, mar sin tha e iomchaidh gun gabh e àite ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd
far a bheil mòran ionadan-cruinneachaidh, a’ gabhail a-steach Cùirt an Easbaig far am bi a’ mhòr-chuid de thachartasan a’ dol air adhart, agus tha e fìor fhreagarrach airson aoigheachd a thoirt do cho-mheasgachadh de phrìomh thachartasan do dhaoine de gach aois.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri tachartasan a choimhead air-loidhne agus ris na tachartasan aig an t-subhachas mhòr seo a fhrithealadh fad naoi latha, a’ comharrachadh ar cànan
is ar cultar saidhbhir gan taisbeanadh air feadh an t-saoghail.”

Thuirt An Leas-Phròbhaist, An Comhairliche Bet NicAlasdair, “Tha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, bha e an seo mu dheireadh ann an 2014 agus chruthaich e beòthalachd gu leòr sa bhaile. Bha cumail air an tachartais àrd-ìomhaigheil seo ann an Inbhir Nis dha-rìribh cudromach don choimhearsnachd gnothachais sa bhaile. Ach,
tha sinn a’ tuigsinn gum bi Mòd 2021 eadar-dhealaichte mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte agus na cuingealachaidhean làithreach, ach bidh am modh-obrach co-mheasgaichte tarraingeach do luchd-amhairc bho cheàrnaidhean agus dhùthchannan eile. Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gu fàilte a chur air na com-pàirtichean chun a’ bhaile agus a’ guidhe gach soirbheachadh
dhaibh.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland, “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ faicinn Mòd na bliadhna seo a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis san Dàmhair le taic bho Bhliadhna Chostaichean is Uisgeachan 20/21 agus Maoin Ath-shlànachaidh Thachartasan na h-Alba, a’ dèanamh an tabhartais freagarrach do thachartas tar-chinealach agus a’ leantainn air adhart a’ riochdachadh cultar na Gàidhlig agus na h-Alba air àrd-ùrlar na cruinne.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn dha-rìribh toilichte a bhith comasach air ar taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail a’ dol. Bidh cuid de na prìomh fharpaisean gan cumail ann an Inbhir Nis na spionnadh mòr don choimhearsnachd Ghàidhlig, agus nì na tachartasan air-loidhne cinnteach gun urrainn cànan is cultar na Gàidhlig a bhith na thlachd do dhaoine air feadh an t-saoghail.

“Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air a’ Chomunn Ghàidhealach agus air buidhnean Gàidhlig eile a tha air a bhith ag obair cruaidh thar nan 18 mìosan mu dheireadh, gus a dhèanamh cinnteach gum faigh mòran daoine buannachd fhathast à èisteachd ri agus com-pàirteachadh ann an cultar na Gàidhlig a dh’aindeoin gach cruadal ris a bheilear a’ cothachadh, agus a bhith nam pàirt de choimhearsnachd chruinneil stèidhichte air cànan na Gàidhlig.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne, Maoin
Mathas Coitcheann Inbhir Nis agus SQA.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ ruith bho Dihaoine 8 - 16 Dàmhair 2021. Faic am prògram slàn a-nis aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn bho oifis Chùirt an Easbaig www.eden-court.co.uk.

Back to ACG News List

Cuairt-litir - Lunastal

Published: 26 Aug 2021

​Gheibhear ceangal gu cuairt-litir na mios seo gu h-iosal:

https://www.ancomunn.co.uk/images/uploads/Cuairt-litir_ACG_Lunastal_2021.pdf

Back to ACG News List

C​EANN-LATHA IARRTASAN AIR A LEUDACHADH

Published: 30 Jul 2021

Tha an ùine a’ ruith airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail an dà chuid, air loidhne agus ann an Inbhir Nis am bliadhna. Bu mhath, ge-tà, leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean chun an 27mh Lùnasatal.

Tha sin a’ toirt barrachd cothrom do dhaoine cur a-steach agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn, “Le sgoiltean fhathast air làithean saora an t-samhraidh agus duiligheadasan le suidheachadh COVID-19 fhathast a’ toirt buaidh air ar beatha làitheil, tha sinn airson ùine a bharrachd a thoirt do
dhaoine iarrtasan a chur a-steach airson a’ Mhòid, an dà chuid air loidhne agus na farpaisean ann an dà-rìribh. Mar sin, tha sinn gu bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide chun 27mh Lùnastal. Tha cothrom a
bharrachd a-nise aig sgoiltean agus sgoilearan pàirt a ghabhail. Tha daoine air oidhirp nach gann a dhèanamh le an cuid thagraidhean gu ruige seo, ann am farsaingeachd de roinnean ‘s tha sinn a’ toirt taing dhaibh airson sin.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail san Dàmhair. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn, feuch gun tadhal sibh air: www.ancomunn.co.uk//nationalmod/mod2021

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn - Iuchar

Published: 29 Jul 2021

Tha cuairt-litir a’ Chomuinn ri fhaotainn an seo.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Clàradh airson farpaisean a' Mhòid

Published: 29 Jul 2021

​Tha sinn mothachail gun robh duilgheadasan aig feadhainn agaibh le bhith a’ clàradh airson farpasiean an dè, leis gun robh an làrach-lìn againn sìos. Tha e ag obair gu h-àbhaisteach a-rithist, mar sin, ‘s urrainnear clàradh mar bu chòrr.

Back to ACG News List

Farpaisean aig Cùirt Eden

Published: 22 Jul 2021

​​Thèid cuid de prìomh fharpaisean a’ Mhòid a chumail ann an da-rìreabh ann an Cùirt Eden am bliadhna, eadar an 8mh agus an 16mh den Dàmhair. Bidh fàilte chridheil air farpaisich gu Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis.

Abair gun do dh’ ionndrainn sinn a bhith ag èisteachd ri farpaisean Mòd, beò ann an talla!

Ma tha ùidh agaibh anns na farpaisean a leanas, clàraibh ro Dihaoine 30 Iuchar.

Òigridh / Junior:

Silver Pendant 13-15 Fluent
Traditional 13-15 Fluent
Traditional 16-18 Fluent
Prescribed 13-15 Learner
Traditional 16-18 Learner

Inbhich / Senior:
Gold Medal
Silver Pendant
Prescribed
Duet
Quartet

https://www.ancomunn.co.uk//nationalmod/mod2021

Back to ACG News List

Ceann-latha Mòd Inbhir Nis 2021

Published: 22 Jul 2021

​​‘S e Dihaoine 30 Iuchar an ceann-latha airson cuir a-steach airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2021. Ma tha sibh anns an t-suidheachadh far a bheil duiligheadas agaibh bhideothan a chruinneachadh agus a chur thugainn ron cheann-là, cuiribh fios thugainn cho luath ‘s a ghabhas.

Back to ACG News List

​An Seachdamh Tonn

Published: 15 Jul 2021

Tha an leabhar ùr aig Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, An Seachdamh Tonn, a-nis ri fhaotainn! Mar Bhàrd a’ Chomuinn, seinneadair agus clàrsair (a-measg tàlantan eile), ‘s i aon de na sgrìobhaidearan as inntinniche a th’ ann an Sandaidh ann an saoghal na Gàidhlig an latha an-diugh.

Chaidh Sandaidh aithneachadh mar sgrìobhadair cùmhachdail as dèidh a’ chiad leabhar aice, “Red Lichen” (2016). Le guth làidir, boireanta a’ tighinn troimhe sa sgrìobhadh aice, ‘s ann tric a bhios i a’ cnuasachadh measgachadh de chuspairean ùidhmhor.

Anns an leabhar ùr aice, gheibhear blasad de bhàrdachd àlainn aig Sandaidh, le cruinneachadh de dhàin agus òrain eadar-dhealaichte, neartach.

Gheibhear an leabhar ùr bho Sandaidh tro larach-lìnn Acair an seo: https://bit.ly/36CMVFD

Back to ACG News List

Cuairt-litir a' Chomuinn

Published: 01 Jul 2021

​Tha an ath iris den chuairt-litir a-nis ri fhaotainn an seo.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council