Naidheachdan

Preasantair Tbh agus Gàidheal Ghlaschu Phil MacHugh gu bhith aig stiùir Cuirm Fhosglaidh a’ Mhòid

Published: 07 Oct 2026

Carrie NicNèill agus Phil MacHugh

Cuidichidh Phil MacHugh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chuir air a chasan ann an Glaschu Dihaoine agus e na fhear an taighe aig A’ Chuirm Fhosglaidh ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu.

Tha Phil na phreasantair air Scottish Fling an cuide ri a charaid agus an neach-ionnsachaidh Gàidhlig Martin Compston, is cuideachd air an àrd-ùrlar bidh a cho-ogha, preseantair is Gàidheal Ghlaschu Catrìona (Carrie) NicNèill.

Bha Phil agus Carrie am measg na ciad sgoilearan aig aonad Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu nuair a dh’fhosgail e ann an 1985.

Stiùiridh an dithis aca an èisteachd tro cheòl, seinn agus filmichean gus 40 bliadhna foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile a chomharrachadh.

Bidh an cuirm, Ar Cànan ’s Ar Ceòl, mar thuras o na làithean a thòisich aonad Sgoil Sir John Maxwell chun an latha an-diugh agus còig sgoiltean Gàidhlig sa bhaile.

Thèid an turas a shealltainn tro fhiolam sònraichte anns am bi ceòl a chluich orcastra sgoilearan an latha an-diugh agus an-dè, cluinnear aoighean air an oidhche cuideachd, a’ comharrachadh cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig is cho cudromach is a tha foghlam.

Thuirt Phil MacHugh: “Tha e na urram a bhith an sàs agus mo thaic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2026 a shealltainn. Tha mo cheangal ris a’ Ghàidhlig làidir.. Fhuair mi Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig aig aonadan Sir John Maxwell agus Cnoc na Pàirce eadar aoisean 4 is 17.

“’S iomadh doras a dh’fhosgail sin agus cuimhneachan a th’ agam mi air sgàth ’s an fhoghlam sin. Càirdeasan, is cothroman am pailteas. Tha a’ Ghàidhlig air buaidh nach beag a thoirt air mo bheatha is mi air mo dhòigh an cànan, cultar agus coimhearsnachd fhaicinn air àrd-ùrlar cho cliùiteach.

“Tha Am Mòd na chomharrachadh air leth air a h-uile càil a tha Gàidhlig a riochdachadh is tha mi air mo dhòigh a bhith an sàs ann an Glaschu ann an 2026.”

Thuirt Carrie NicNèill: “Bha mo theaghlach an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh FTMG, le mo mhàthair mar a’ chiad tidsear agus mo phiuthar agus mo cho-oghaichean am measg nan ciad sgoilearan. Chruthaich FTMG coimhearsnachd làidir bhon toiseach agus thug e dòchas dhan chànan is dhan chultar son an àm ri teachd. Thug na cothroman a fhuair mi tro FTMG buaidh mhaireannach air mo bheatha air fad. Mar thidsear Gàidhlig sa bhaile mi fhìn a-nise, tha e iongantach dhomh an adhartas a chaidh a dhèanamh bho na làithean tràtha sin fhaicinn.

“Tha na th’ againn an-diugh mar theisteanas air an obair chruaidh a rinn na daoine a stèidhich FTMG agus a chùm taic ris thar nam bliadhnaichean, agus tha e na urram dhomh a bhith a’ cur ri sin a-nis. Chì mi le mo shùilean fhèin a’ bhuaidh a th’ aig FTMG, chan ann a-mhàin air daoine fa leth, ach ann a bhith a’ togail agus a’ glèidheadh coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Glaschu.”

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026, far am bi mi 300 cuirm, farpais, cèilidh, taisbeanadh agus òraid a chì mu 10,000 neach tadhail. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air: Tachartasan | Events

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow