Naidheachdan

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air buannachd eaconamach £3.9 millean a thoirt do Loch Abar

Published: 19 Jan 2026

Caismeachd aig fosgladh Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025

Chruthaich Am Mòd Nàiseanta Rìoghail – an fhèis Ghàidhlig as motha san t saoghail – buannachd eaconamach £3.9 millean do Loch Abar, am Mòd as soirbheachail mar sin ann an sia bliadhna.

Sheall aithisg a dh’ullaich eòlaichean aig Tourism Resources Company, às leth an luchd eagrachaidh An Comunn Gàidhealach, gun robh còrr air 9,400 neach tadhail aig an tachartas, àrdachadh 4% an taca ri 2024. Thug sin deagh bhuaidh air companaidhean ionadail is barrachd airgid air a chosg sa sgìre.

Thairis air naoi làithean eadar 10 – 18 Dàmhair rinn Am Mòd An Gearasdan na ionad Gàidhlig air leth. Thathar am beachd gun deach 69 obraichean làn-ùine a stèidheachadh bho a bhith a’ cumail an tachartas sa sgìre.

Chaidh an tachartas mòr aithneachadh aig Duaisean MG ALBA, Na Trads air sgàth ’s a’ bhuaidh sa choimhearsnachd. Bha e cuideachd air leth soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig – a tha air ainmeachadh gu laghail a nis mar chànan Albannaich oifigeil.

Am measg an fheadhainn a chaidh an sgrùdadh san aithisg, chreid 83% barrachd ann an cudromachd na Gàidhlig às dèidh A’ Mhòd. Bha cuideachd 74% nas buailtiche a dhol gu barrachd thachartasan Gàidhlig, 71% airson an cuid Ghàidhlig a leasachadh agus 70% airson Gàidhlig a chleachdadh nas trice.

’S e cruinneachadh bliadhnail cudromach a th’ anns A’ Mhòd do Ghàidheil agus do luchd taic ann an Alba is air feadh an t saoghail. Chaidh dearbhadh gun robh buannachdan sòisealta na lùib cuideachd – dh’aithnich 83% gun robh e na dheagh dhòigh cruinneachadh le caraidean, bha 80% air am brosnachadh a dhol an sàs gu sòisealta agus 73% ag aithneachadh gun do rinn an tachartais feum dhan slàinte inntinn aca.

B’ e 2025 an naoidheamh turas a bha an tachartas a tha 133 bliadhna a dh’aois ann an Loch Abar, àite air leth air a shon uair eile. Bha An Gearasdan air a mholadh leis an fheadhainn a bha an làthair, thuirt 91% gur e àite math no glè mhath a bh’ ann.

Chaidh 95% den fheadhainn a fhreagair gu taighean bìdh, taighean seinnse is cafaidhean na sgìre, 89% dha na bùithtean agus 72% gu àiteachan inntinneach do luchd turais.

Chuir Am Mòd 300 tachartas fa leth air dòigh agus bha an iomaill agus deagh fhaireachdainn mun bhaile a’ còrdadh ri luchd tadhail. Chaidh an comharrachadh mar phrìomh rudan a chòrd ri daoine mu dheidhinn Mòd Loch Abar, a’ dearbhadh cho math ’s a bha an fhèis.

Tachraidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis cànan is cultar na Gàidhlig, cultar, spòrs agus ealain ann an Glaschu san Dàmhair. Tha barrachd luchd labhairt Gàidhlig sa bhaile na àite sam bith eile seach Na h Eileanan Siar agus thuirt 91% san rannsachadh gun robh iad buailteach no glè bhuailteach a thighinn gu Mòd 2026.

Dh’èirich àireamh iarrtasan farpaisich cuideachd aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, an treas bliadhna ann an sreath a thachair a leithid, le 1,900 farpaiseach an sàs. Chaidh na ceudan cuachan, gill dùbhlain, sgiathan agus buinn a thoirt seachad tron t-seachdain dhan fheadhainn a bhuannaich, ’s iad a bha airidh air na duaisean.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an taisbeanadh cultarail Gàidhlig as motha san t-saoghail agus tha an aithisg seo na dhearbhadh air cho fìor chudromach ’s a tha e ann an Alba san latha an diugh. Tha a’ Ghàidhlig dlùth cheangailte ris an eaconamaidh agus ris a’ chultar againn agus tha sinn cho pròiseil sin a chomharrachadh. Thug Loch Abar tachartas air leth seachad aig an robh deagh bhuaidh air gnìomhachasan na sgìre agus air an fheadhainn a bha an làthair. Tha am Mòd air a bhith a’ dol bho neart gu neart anns na bliadhnaichean mu dheireadh agus tha fadachd oirnn togail air an obair mhòr seo ann an Glaschu am bliadhna.”

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail na chomharrachadh gun a leithid air cànan is cultar na Gàidhlig. Tha na h-àireamhan seo a’ sealltainn na buannachd eaconamaich is sòisealta nach beag a lìbhrigeas e do choimhearsnachdan. Tha £3.9 millean a bharrachd do Loch Abar – a thuilleadh air na h-obraichean agus a’ ghnìomhachas ris an do chùm am Mòd taic – na eisimpleir dhen luach a thig bho bhith a’ tasgadh airgead anns na cànain againn.

“Thug Achd nan Cànan Albannach againn inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig air Latha Naomh Anndrais, agus bha spiorad an Achd ri fhaicinn ann an tachartas na bliadhna seo. Tha sinn a’ cumail taic ris a’ ghealltanas seo le £1.8 millean a bharrachd do dh’iomairtean Gàidhlig ann an dreachd a’ Bhuidseit againn airson 2026-27.”

Thuirt an Comhairliche Raymond Bremner, Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd: “B’ e tachartas air leth soirbheachail a bh’ ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 a sheall uair eile cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig dha eaconamaidh ar sgìre, a cheart cho math ri bhith a’ toirt misneachd cultarail dhaibhsan a tha fuireach anns A’ Ghàidhealtachd.

“Ged nach mair a’ Mhòd ach beagan a bharrachd air seachdain, fàgaidh na tachartasan dìleab mhòr a mhaireas bliadhnaichean. Trusaidh e airgead do ghnìomhachasan ionadail agus brosnachaidh e mòran dhaoine an cuid Ghàidhlig a leasachadh is a chleachdadh.

“Tha an luchd-eagrachaidh uile rim moladh airson an ùine a chosg iad tachartasan cho soirbheachail a thoirt gu buil, agus cuideachd coimhearsnachdan Loch Abar a thug seachad fàilte chridheil.”

Thuirt an Comhairle Drew Millar, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Dhearbh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail uair eile carson a tha cultar agus a’ Ghàidhlig cho prìseil, aig a bheil buannachdan eaconamach is sòisealta nach beag dhan sgìre againn.

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith pròiseil Gàidhlig a bhrosnachadh fad bhliadhnaichean, agus chì sinn buaidh shoilleir ar cuid thaic tro shoirbheachas tachartasan leithid a’ Mhòd.”

Thuirt Rob Dickson, Ceannard a’ Ghnìomhachais is nan Tachartasan aig VisitScotland: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail aig cridhe am farsaingeachd tachartasan is fèisean Albannaich, is tha e cho math buaidh làidir eaconamach agus sòisealta Mòd na bliadhna-sa fhaicinn.

“Bidh Am Mòd a’ sealltainn cho riatanach ’s a tha Gàidhlig do dh’aithne cultarail na h-Alba, ar cànan, ceòl agus traidiseanan agus e a’ brosnachadh ginealaichean ùra a dhol an sàs san dualchas aca. Tha soirbheachas an tachartas air a bhith cudromach do eaconamaidh turasachd na h-Alba, a trusadh daoine a Loch Abar agus ar tachartasan air leth.”

Thuirt Iain Robasdan, Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd Loch Abar 2025: “Abair gu bheil toraidhean an rannsachadh eaconamach math dhan Ghearasdan agus sgìre Loch Abar. Tha an Comataidh Ionadail, agus ar luchd-taic saor-thoilich, air ar dòigh gun do chuir sinn ris an seo. Cho dhùin sinn tràth gum biodh prògram iomaill àrd-amasach againn anns am biodh rudeigin dhan h-uile duine, bha e cho math nuair a thànaig e gu buil. Dh’obraich na nithean ùr againn anns an teanta an lùib ceòl, biadh, bùird, cèilidhean agus ar suaichnean Fergie gus àrainneachd a’ Mhòid a thoirt beò. Sheall am baile agus na h-ionadan gun urrainn do Loch Abar tachartasan cultarail cudromach leithid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thoirt gu buil.

“Chaidh deagh bhuaidh eaconamach a thoirt air gnìomhachasan anns gach roinn. Thathar a bruidhinn air cho math ’s a bha cùisean seachdain a’ Mhòid fhathast. Tha sinn taingeil dhan Chomunn agus do choimhearsnachd Loch Abar airson cho soirbheachail ’s a bha an tachartais agus nì sinn fiughair gus an till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san àm ri teachd. Gun tèid gu math le Glaschu ann an 2026.”

Thuirt Duncan Makison, Ceannard Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn: “Thòisich ar taic dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail o chionn 30 bliadhna agus sinn gu math pròiseil aiste. Tha e a’ còrdadh rinn taic a chumail ris an tachartas cultair bhliadhnail Gàidhlig. Tha obair chudromach againn le còisirean is luchd-èisteachd a thoirt chun fhèis is an ceòl agus an seinn air tòiseachadh gu math tric air an aiseag.

“’S aithne dhuinn cho cudromach ’s a tha Am Mòd agus cultar na Gàidhlig an Alba is na h-eileanan, ’s tha an aithisg seo a’ foillseachadh na buannachdan eaconamach dha coimhearsnachdan ionadail agus a’ leasachadh ghnìomhachasan.

“Tha ar taic dhan Mhòd na dearbhadh air taic dha coimhearsnachdan na Gàidhlig is an cultar a tha ceangal na slighean againn.”

Fhuair Mòd Nàiseanta Loch Abar taic bho EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu ann an 2026, eadar 9 is 17 den Dàmhair.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow