Naidheachdan

Mìos ri dhol gus an cuir Costa an Iar fàilte air fèis Ghàidhlig

Published: 11 Sep 2024

Dannsa Gàidhealach
Dannsa Gàidhealach

​Ann an dìreach mìos, bidh baile àlainn an t-Òban air leth trang leis a h-uile càil iongantach a bhios a’ dol aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus e a’ tilleadh dhan Costa an Iar.

Bidh an tachartas cultarail Albannaich sa bhaile bho 11 – 19 Dàmhair 2024 agus tha muinntir an Òbain agus an sgìre mun cuairt ag ullachadh airson an 17mh Mòd Nàiseanta, gus am bi e na dheagh thachartas.

Le iarrtasan farpaisean cha mhòr an treas cuid nas àirde na bha iad an-uiridh am Pàislig, ann an 2024 bidh àireamh fharpaisich cho àrd ’s a bha iad ro CHOVID. Tha gnìomhachasan agus luchd-ciùil an Òbain deiseil gus fàilte chridheil a chuir air luchd-labhairt agus luchd-taic na Gàidhlig.

Tha Comataidh Ionadail Mòid an Òbain air sreath chlasaichean Gàidhlig a chuir air dòigh do ghnìomhachasan na sgìre agus an luchd-obrach gus am faigh daoine fàilte cho math ’s a ghabhas. Tha Mòd an Òbain agus Ionad Gàidhlig Furan air clasaichean an asgaidh a chuir air dòigh ann an Tallaichean a’ Chorrain, prìomh ionad a’ Mhòid agus gnìomhachasan na sgìre ag ionnsachadh abairtean Gàidhlig feumail.

Bidh cuideachd cothrom aig gnìomhachasan an Òbain air farpais sgeadachaidh uinneige ron Mhòd, agus bidh bùithtean is eile air an sgeadachadh le stoidhle a fhreagras air an tachartas cultarail.

Tha iarrtas cuideachd air luchd-ciùil na sgìre a tha a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chuir air tàlant agus pailteas ciùil nach gabh tomhas dhan bhaile aca.

Tha neach-ciùil ionadail Joanie Garvin air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta an Earra-Ghàidheal fad bhliadhnaichean. Am measg a teaghlach luchd-ciùil proifeiseanta tha a nighean, Anna Garvin, ag obair air film don taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheil a bhios aig Mòd an Òbain.

Thuirt Jonie Garvin agus i air a dòigh: “Tha an còmhnaidh deagh fhaireachdainn san Òban nuair a bhios am Mòd Nàiseanta aig baile! Tha an t-uabhas feadhainn òga againn ag ionnsachadh ceòl traidiseanta sa sgìre agus tha am baile air leth moiteil às na còmhlain pìoba, Fèis Latharna agus Sgoil Chiùil Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain. ’S e sàr chothrom a th’ anns A’ Mhòd Nàiseanta dhaibh an cuid sgilean a chleachdadh air àrd-ùrlar agus brosnachadh fhaighinn o chàch. Tha mi air bhioran gum bi an t-Òban làn ceòl beò ann an iomadach àite, le rudeigin a fhreagras air a h-uile duine!”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Mòd na bliadhna sa a’ teannadh oirnn agus an t-Òban deiseil gus fàilte a chuir air Gàidheil às gach ceàrnaidh. Tha e air a bhith gu math misneachail fhaicinn mar a tha a’ choimhearsnachd agus gnìomhachasan a chuir fàilte air an tachartas. Le àireamh fharpaisich air fàs agus ullachadh a’ dol gu math, bidh sinn air leth toilichte muinntir an Òbain agus a h-uile duine a bhios an lùib A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an sàs ann an cànan is cultar na Gàidhlig ann an dìreach mìos.”

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairliche Jim Lynch: “Tha sinn uile air bhioran agus sinn ag ullachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain. ’S sinne a tha pròiseil às ar dualchas Gàidhlig an Earra-Ghàidheal is Bhòid is bidh sinn toilichte fàilte a chur air daoine às gach àite aig tachartas na bliadhna sa.”

Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland: “Tha tachartasan cudromach nar coimhearsnachdan agus bidh an t-Òban na dheagh àrd-ùrlar agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhachaigh san Dàmhair. Mar phrìomh thachartas cultar Gàidhlig na h-Alba, bheir e deagh bhuaidh sòisealta, eaconamach agus cultarail dhan choimhearsnachd agus cothrom dhan h-uile duine a tha an sàs ceangalan a dhèanamh ann an dòigh spòrsail.

Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ cumail a’ dol a’ toirt taic leantainneach dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bidh sinn a’ coimhead air adhart ri cultar Gàidhlig na h-Alba a chomharrachadh ann am mìos.”

Thathar an dùil gum bi na mìltean ann am baile an t-Òbain an luib prògram air leth làn farpaisean, cuirmean-ciùil, bùthan-obrach is tachartasan iomaill. Bidh farpaisich às gach ceàrnaidh de dh’Alba agus àitean eile an sàs ann am farpaisean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus Dannsa Gàidhealach.

Tòisichidh am Mòd Dihaoine 11 Dàmhair le cuirm-chiùil Mànran, còmhlan traidiseanta a th’ air iomadach duais a chosnadh, aig Tallaichean a’ Chorrain. Air feadh na seachdain bidh cuirmean, taisbeanaidhean, cuir air bhog leabhraichean, tachartasan cloinne agus spòrs agus tòrr eile ann am Prògram an Iomaill, gus an dùin Trail West am Mòd Disathairne 19 Dàmhair.

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban. Tha tiogaidean na prìomh thachartasan rim faighinn an seo air Eventbrite.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council

BID4Oban

BID4Oban

The Gordon and Ena Baxter Foundation

The Gordon and Ena Baxter Foundation