Naidheachdan

Farpais Ùr mar Chuimhneachan air a Cheanadach

Published: 02 May 2011

Farpais cliùiteach aig a’ Mhòd a’ cuimhneachadh Na Ceanadaich – Buannaichean Bonn Òr a’ Chomuinn

Tha An Comunn Gàidhealach toilichte ainmeachadh gum bi farpais cliùiteach ùr aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo anns na h-Eileanan an Iar. Bidh an fharpais air a chuingealachadh ri gach cuid fir is mhathan a tha air Bonn Òr a’ Chomuinn a chosnadh roimhe seo. Bithear ag iarraidh air farpaisich aon òran den roghainn fhèin a sheinn.

Gheibh an neach a bhuannaicheas an fharpais duais ùr a tha gu bhith air a toirt seachad mar chuimhneachan air Calum Ceannadach agus a bhean Anna NicIllÌosa, nach maireann. Choisinn an dithis aca Bonn Òr cliùiteach a’ Chomuinn, Calum ann an 1955 agus Anna ann an 1952. Tha teaghlach Chaluim is Anna a’ toirt seachad na duais agus thathas an dùil gum bi riochdaire bhon teaghlach aig a’ Mhòd airson a toirt seachad.

Aig aon àm bha farpais coltach ri seo aig a’ Mhòd a bha airson buannaichean a’ Bhonn Òr agus farpaisean seinn aon-neach eile, ach cha deach a chumail a’ dol bho bha Mhòd Nàiseanta 1953 anns an Òban. Gu h-inntinneach sheinn Calum fhèin anns an fharpais seo sa bhliadhna sin agus chaidh e air adhart gu bhith a’ cosnadh Bonn Òr a’ Chomuinn dà bhliadhna às dèidh sin aig Mòd Obar Dheathain, agus bha sin mar cheum brosnachaidh dhà gu bhith air leth soirbheachail mar sheinneadair cliùiteach air feadh an t-saoghail.

Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich Iain Macleòid an-diugh: “Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte a bhith a’ cur air chois an leithid seo de dh’fharpais cliùiteach aig Mòd na bliadhna-sa anns na h-Eileanan an Iar, agus tha sinn an dòchas gun gabh grunn de bhuannaichean Bonn Òr a’ Chomuinn bho dhiofar ghinealaichean pàirt ann. Tha e cuideachd freagarrach gun tèid an fharpais seo air adhart airson a ‘ chiad uair aig Mòd nan Eilean Siar mar chuimhneachan air na seinneadairean ainmeil Calum Ceannadach agus a bhean Anna NicIllÌosa a choisinn còmhla rin teaghlach làn-spèis is urram ann an saoghal seinn is ciùil na Gàidhlig. Bha iad nan fhìor thosgairean mòr don Ghàidhlig, a’ toirt ar cànan is ar cultar gu luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, agus is e cothrom math a tha an seo an dithis sheinneadair sin a chumail nar cuimhne san àm ri teachd. ”

Thuirt Fiona Ceannadach, an nighean as sine aig Calum is Anna: “Tha mo pheathraichean, Kirsteen, Morag, Morven, Deirdre agus mi fhìn uamhasach moiteil an duais seo a thoirt seachad mar chuimhneachan air ar pàrantan. Ann an iomadach dòigh, b’e cupall òrach a bha annta, le guthan brèagha beannaichte a thug tlachd agus togail dha luchd-èisteachd aig an taigh agus thall thairis. Is ann aig a’ Mhòd a thòisich a h-uile càil dhaibh le bhith a’ buannachadh am Bonn Òr agus bha sin na cheum mòr nan cùrsan-beatha agus cha do dhì-chuimhnich iad sin a-riamh. Chòrd e riutha a bhith a’ gabhail pàirt, an obair-ullachaidh gach bliadhna, an càirdeas, am fealla-dhà, an spòrs agus na cèilidhean! Tha fhios againn gum biodh iad air an dòigh le farpais ùr ga ainmeachadh mar chuimhneachan orra.”

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 31 Cèitean 2011 agus faodar an cur a-steach air-loidhne. Mar a tha fìor a thaobh farpaisean eile aig a’ Mhòd, feumar na faclan a chur a-steach chun Chomuinn Ghàidhealaich ro 30 Ògmhios.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu riaghailtean msaa, tadhlaibh air ar làrach-lìn.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council