Naidheachdan

Am Mòd a’ leigeil gach beannachd agus ‘ceud mìle taing’ do Ghlaschu agus fèill na bliadhna seo a’ tighinn gu crìoch

Published: 17 Oct 2026

​Bratach a’ Mhòid ga cuir fo chùram na h-Eilean an Iar a bhios a’ gabhail an uallaich an tachartas a ruith ann an 2027

Co-chòisirean aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026

Tha luchd-rianachd A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air ceud mìle taing fhàgail aig Glaschu agus Mòd na Bliadhna a’ tighinn gu crìoch.

Naoi làithean iongantach de chomharrachadh cultarail air na thadhail suas ri 11,500 neach, le an àireamh as farpaisean is luchd-tadhail as motha a-riamh, a’ gabhail pàirt ann am mu 300 farpais agus tachartas ann an 16 de thallaichean air feadh Ghlaschu.

Tha a h-uile coltas gum bi buaidh eaconamach na bliadhna-sa fiù nas motha na £3.9 millean a bh’ ann an-uiridh, le luchd-frithealaidh air meudachadh le 20% an taca ri Loch Abar, a’ toirt sealladh da-rìribh dòchasach don chànan.

Abair gu tàinig an fhèill ioma-ealain gu ceann ann an dòigh mìorbhaileach agus na ceudan de sheinneadairean Gàidhlig a’ cruinneachadh aig ìomhaigh Dhòmhnaill Dewar aig mullach Sràid Bhochanan agus Còmhlan Pìoba Chill Bhearchain air an ceann. Tha na còisirean uile a’ tighinn còmhla gu seinn gu h-aon-ghuthach ann an tachartas iomraiteach nan Co-chòisirean.

Chaidh bratach samhlachail a’ Mhòid, a bhios ga toirt seachad don sgìre sam bi am Mòd na h-ath-bhliadhna, a bhios anns na h-Eileanan an Iar ann an 2027.

Bha farpaisean teann agus mòr-mholadh a’ gabhail àite ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu agus na duaisean mòra cliùiteach rin cosnadh.

’S iad Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh a thàinig am bàrr ann am Farpaisean nan Còisirean Sgìreil. Choisinn Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu Sgiath Latharna agus Thulaich Bhàrdainn fo stiùir Iseabail Nic an t-Sagairt agus ’s iad Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh fo stiùir Iain MacCormaig.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu: “Tha mi cho fìor mhoiteil às a’ chòisir, agus cho pròiseil às gach còisir a ghabh pàirt san dà fharpais, tha na h-ìrean air a bhith sònraichte àrd. A thaobh ullachaidhean ciùil ùr, òrain ùr agus diofar dhòighean air rudan a dhèanamh, tha mi a’ faireachdainn gur e seo an seata fharpaisean as co-fharpaisiche a chunnaic mise a-riamh. Tha e gam fhàgail làn pròis mun Ghàidhlig agus le mòr mhisneachd mun Ghàidhlig agus an dleastanas a th’ ann do sheinn Ghàidhlig agus tha e a’ toirt sàsachadh dhomh a bhith nam phàirt ann an sin. Bha fhios againn gur e farpais teann is faisg a bhiodh ann. Tha mis’ a smaointinn gu bheil e na adhbhar brosnachail gu bheil seinn chòisirean Gàidhlig aig sàr àrd inbhe. Chuala sinn bho aon bhritheamh mu “inbhe cruinne” agus tha mise den bharail gu robh farpais an latha an-diugh aig an ìre sin.

“’S e sàsachadh mòr a th’ ann dhan chòisir a bhith buannachadh. Tha e a’ toirt spionnadh dhuinn agus gar brosnachadh gu barrachd rudan às annas fheuchainn agus a’ togail ìomhaigh seinn chòisir Gàidhlig. San fharsaingeachd, tha e mìorbhaileach a bhith a’ cluinntinn ullachaidhean ciùil às ùr air na fìor seann òrain Ghàidhlig a’ toirt cothrom do luchd labhairt òg na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh a bhith mar phàirt den ghluasad seo a’ dealbhadh nuadh-chumadh agus cha ghabh tomhais air a’ bhuaidh a thig às.”

Thuirt Iain MacCormaig, Stiùiriche Còisir Sgìre Phort Rìgh: “Abair latha sònraichte, abair làithean dìreach sònraichte! ’S gann gun urrainn dhomh creidsinn gu bheil air tachairt agus abair obair tha mi cho moiteil às gach neach sa chòisir, abair obair a tha iad air a chur a-staigh gu ruighinn an ìre seo agus tha mi an dòchas gum bi fìor dheagh oidhche aig gach neach. Tha e a’ ciallachadh a h-uile càil dhomh, cha mhòr nach eil e a’ ciallachadh barrachd dhomh na bha na h-oidhche a-raoir oir ’s e obair gu cruinn còmhla a tha seo, abair obair a rinn gach neach sa chòisir, tha mi cho moiteil asta, tha iad làn airidh air na comharran a choisinn iad agus tha mi an dòchas gum bi hòro-gheallaidh mòr uamhasach aca a-nis!”

Anns na Barrowlands a-raoir bha oidhche mhòr de cheòl thraidiseanta aig Gael Force 10, le na craoladairean iomraiteach Gary Innes and Joy Dunlop os cionn chùisean. Luchd-ciùil tàlantach air a bheil a h-uile duine eòlach a’ nochdadh air stèidse na Barrowlands agus na mìltean a’ dannsa Strip the Willow Arcaibh, Gay Gordon’s agus iomadach danns’ eile!

Thàinig luchd-ealain bho air feadh Alba a’ tighinn còmhla airson Duais Ealain na Gàidhealtachd aig am Briggait, le Jenny Coineagain bhon Talla Solais ann an Ullapul a’ cosnadh urram airson am pìos ealain sònraichte aicese, Camanscoille.

Thagh na britheamhan Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chuspair agus Scott Bennett, aig a bheil gailearaidh ealain, am pìos ealain a-mach à geàrr-liosta de 70, agus gheibh an neach a bhuannaich an cothrom taisbeanadh a chur air dòigh aig Mòd na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: Ceud mìle taing do Ghlaschu. Abair Mòd Nàiseanta Rìoghail a thug Glaschu dhuinn. Tha dàimh domhainn làidir aig Glaschu ris a’ Ghàidhlig agus chunnaic sinn an t-seachdain seo cho fìor làidir sa tha Gàidhlig sa bhaile. Tha dleastanas cudromach aig Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh, nar cruth-thìre cultarail agus nar fèin-aithne nàiseanta, agus gu deimhinne bha sin follaiseach.

“Tha mòran dhaoine a’ co-obrachadh còmhla ann a bhith a’ cur Mòd Nàiseanta air dòigh agus tha sinn taingeil do na farpaisich, luchd-ciùil, britheamhan, luchd-obrach saor‑thoileach, luchd compàirt, luchd-maoineachaidh agus luchd-èisteachd gus an soirbhich a leithid seo de thachartas. Chan eil teagamh nach fhaod sinn a ràdh le fìrinn gur e Glaschu “Baile Mòr nan Gàidheal.” Faodaidh sinn a-nis a bhith a’ coimhead air thoiseach oirnn gu Gàidhlig, a ceòl agus a cultar a bhith air seasmhachd làidir agus sinn a’ tilleadh gu ceàrnaidh far a bheil bun-stèidh aig a’ chànan.”

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam. Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein: “’S e urram a bh’ ann dhomh a bhith a’ fosgladh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, tachartas a bhios a’ cur am follais nan rudan as fheàrr mun Ghàidhlig. Tha e air a bhith na fhìor thoileachas a bhith a’ faicinn measgachadh nam farpaisean agus tachartasan a chaidh a chumail ann an Glaschu.

“Airson bliadhna eile tha An Comunn Gàidhealach, luchd-obrach saor-thoileach a’ Mhòid agus na farpaisich uile gu lèir air dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig Alba tlachd fhaighinn às an àrd-ùrlar nàiseanta a gheibh a’ Ghàidhlig tron fhèis seo.

“Gu sònraichte, tha mi airson gàirdeachas a dhèanamh air a’ chloinn-sgoile a chaidh an sàs is iad nan adhbhar-pròis do na sgoiltean is coimhearsnachdan aca is iad a’ sealltainn na slighe misneachail a tha ron Ghàidhlig.”

Thuirt Rob Dickson, Stiùiriche Gnìomhachas agus Tachartasan aig VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ leantainn le bhith a’ taisbeanadh an tàlant, an obair chruthachaidh agus an dealas a th’ aig cridhe cultar na Gàidhlig.

“Dh’fhoillsich tachartas na bliadhna seo farsaingeachd shònraichte de dh’àrd-ghnìomhan agus coileanadh a’ toirt ri daoine ri chèile a’ comharrachadh cànan, ceòl agus litreachas na Gàidhlig.

“Tha am Mòd a’ toirt àrd-ùrlar don Ghàidhlig agus a cultar, le cothrom a sgaoileadh agus a comharrachadh, còmhla ri eòlas sònraichte nach fhaighear ach ann an Alba, a’ misneachadh luchd-turais gu fiosrachadh a lorg mu ar coimhearsnachdan, ar n-eachdraidh agus ar dualchasan thraidiseanta. Meal-a-naidheachd air luchd buanachaidh na bliadhna seo, agus luchd-compàirt, agus gach neach a bha an sàs le bhith a’ toirt an tachartas seo gu buil le soirbheachadh èifeachdach.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Abair seachdain a tha air a bhith againn ann seo ann an Glaschu. Meal a naidheachd air a’ Chomunn Ghàidhealach, an comataidh ionadail, agus air na co-fharpaisich airson Mòd cho soirbheachail is tlachdmhor a chur air dòigh agus airson cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh is a chomharrachadh. Tha mi airson mo thaing a thoirt gu muinntir Ghlaschu cuideachd airson fàilte cho blàth a chur air na luchd-frithealaidh uile. Tha mi a-nis a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tighinn còmhla a-rithist ann an Steòrnabhagh an ath bhliadhna is mi a’ guidhe gach soirbheachas dhan sgioba-planaidh.”

Thuirt am Bàillidh Annette Christie, Cathraiche Glasgow Life agus Neach-gairm Baile Ghlaschu airson Cultar, Spòrs agus Dàimhean Eadar-nàiseanta: “Gu teagamh sam bith shoirbhich Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 aig fìor àrd inbhe, agus tha moit air Ghlaschu gun deach againn aon uair eile a bhith a’ toirt aoigheachd do phrìomh fhèill na cruinne a comharrachadh a Ghàidhlig, a ceòl agus na h-ealain.

“Thug na farpaisean chultarail chliùiteach còmhla sgaoilteach farsaing de thàlant, cuid air a bheil sinn eòlach agus cuid a tha tòiseachadh às ùr. A’ tàladh luchd-èisteachd bho air feadh na dùthcha tro phrògram fharsaing an Iomaill, ann an tallaichean air feadh a’ bhaile bha caochladh thachartasan a’ le cothrom compàirteachaidh aig a h-uile duine – eadar gu bheil an cànan aca no nach eil - agus cruinneachadh gu eòlas a chur air beartas de dh’àrd-ghnìomhan cruthachail na Gàidhlig, cuid dhiubh traidiseanta agus cuid bhon àm seo fhèin.

“Chuir fèis na bliadhna seo soillse air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig dhan dùthaich agus dhan bhaile. Thug Mòd Ghlaschu gu ar n-aire a thilleadh air gu bheil Gàidhlig a’ fighe a-steach nar n-eachdraidh agus dualchas, tha dleastanas riatanach aig a’ chànan nar fèin-aithne chultarail agus tha sinn toilichte leantainn le bhith ga misneachadh, a’ cumail taic rithe agus ga leasachadh.”

Thuirt D-I MacIlleDhuinn agus Ann Kindness, Cathraiche agus Iar-chathraiche Comataidh Ionadail Mòd Ghlaschu: “Tha sinn air ar dòigh glan le mar a chaidh an t-seachdain. Bha e nar rùn Mòd àrd-amasach a lìbhrigeadh a’ sealltainn don dùthaich agus don t-saoghal cho sònraichte sa tha Glaschu. Le cuid den tàlant as cliùitiche sa bhaile agus le cuid de na tallaichean as fheàrr san dùthaich, bha àrd-mhiann againn iad sin a thaisbeanadh agus tha sinn a’ faireachdainn gun choilean sinn an àrd-amas sin agus tòrr a bharrachd. Bho thoiseach bha ar bunait air gum bithte a’ comharrachadh an dà-fhichead bliadhna bho thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile agus rinn sinn sin. Aig gach ceann den Mhòd, bho thòisich sinn le Ar Cànan ’s ar Ceòl air 9 Dàmhair agus a’ cuir crìoch le DLÙ air an stèidse aig na Barrowlands a-raoir. ’S ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thòisich DLÙ agus tha sinn moiteil asta.

Thug Ann agus D-I iomradh air an obair mhòr a rinn an Comataidh Ionadail thairis air na h‑ochd mìosan deug mu dheireadh ag ullachadh Mòd mìorbhaileach don bhaile agus dhan fheadhainn a bha ga fhrithealadh.”

Thuirt an Comhairliche Coinneach MacLeòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar: “Tha mi airson mo mhìle dùrachd a chur air gach neach a bha an sàs le Mòd Ghlaschu a bha dha‑rìribh na sàr thaisbeanadh air cultar na Gàidhlig agus air an tàlant ciùil iongantach a tha na cois. Tha mi airson meal-a-naidheachd a chur orrasan a choisinn duaisean agus gu dearbh air na co-fharpaisich air fad a ghabh pàirt fad na seachdain. Le Mòd 2026 a’ tighinn gu ceann, tha ar n-aire a-nis a’ tionndadh gu Mòd nan Eilean Siar 2027. Tha e na mhòr-thlachd gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Na h-Eileanan an Iar, agus bidh fàilte mhòr air farpaisich, luchd-èisteachd is luchd-tadhail. ’S e àm làn subhachais a bhios ann do ar cànan agus cultar.”

Fhuair Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo taic bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

’S ann sna h-Eileanan an Iar a bhios Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna, bho 8-16 Dàmhair. Gheibhear toraidhean A’ Mhòid an seo.

« Back to Mòd News List

Soirbheachas sònraichte do sheinneadairean air Diardaoin a’ Mhòid

Published: 16 Oct 2026

​Rionnagan an t-seann nòis ag ullachadh airson cèilidh mhòr Gael Force 10 aig na Barrowlands

Còisir dùthchail aig Mòd 2026

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tighinn gu ceann an-diugh le latha mòr eile de dhuaisean rin cosnadh agus prògram làn de cheòl beò.

Abair gu robh caithream agus buaidh-ghuthan ri chluinntinn a-raoir an dèidh farpaisean Bonn Òr an t-Seann Nòis agus Còisirean Dùthchail is an fheadhainn a bhuannaich gu tur air an dòigh.

Ann am farpais an t-seann nòis far a bheil na seinneadairean a taghadh òrain thraidiseanta ’s i, Anna NicGriogair à Glaschu agus ’s e Iain MacCormaig às an Eilean Sgitheanach a choisinn na buinn.

Thug iad le chèile seachad fìor choileanadh air na h-òrain a thagh iad, agus tha Iain a-nis air dà bhonn òir a choisinn agus e air Bonn Òir a bhuannachadh ann am Pàislig ann an 2023.

Thuirt Iain MacCormaig am fear a choisinn Bonn Òr an t-Seann Nòis: “Tha mi air leth toilichte le mar a chaidh gnothaichean na h-oidhche a-nochd. Thàinig piseach air mo ghuth dìreach aig an àm cheart oir bha mi a’ fulang agus a’ strì gu mòr le gnothaichean ro làimh. Agus mar sin bha e na fhaochadh gun d’ fhuair mi tron na h-oidhche a-nochd, agus tha e nas fheàrr buileach gur e seo mar a chrìochnaich e dhomh. Tha e gu math doirbh a bhith ga chuir ann am faclan dè tha seo a’ ciallachadh dhomh, tha mis’ air a bhith a’ frithealadh mòdan fad mo bheatha agus tha mi a-nis aig aois ceithir bliadhna fichead, is cha mhòr nach eil seo mar an caibideil crìochnachaidh air mo chuid àrach.”

Thuirt Anna NicGriogair an tè a choisinn Bonn Òr an t-Seann Nòis: “Chan eil mi ga chreidsinn! ’S e urram a th’ ann seo a chosnadh ach gu sònraichte anns a’ bhaile agam fhèin, abair urram, tha mi dìreach air mo dhòigh. Bha mi a’ dèanamh mòdan nuair a bha mi na b’ òige anns a’ bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, ach ’s e a’ chiad mòd a rinn mi mar inbheach ’s e Mòd Phàislig ann an 2023, agus air sgàth ’s gu robh e ann an Glaschu, am baile agam fhèin, shaoil mi gun dèanainn e rithist agus tha mi cho toilichte gun chuir mi a-steach air a shon. ’S e urram mhòr a tha seo, tha fios agam gu bheil tòrr sheinneadairean a choisinn romham agus bi mi a’ giùlain seo trom bheatha. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Kenna Chaimbeul a thug tòrr taic dhomh le na h-òrain agus taing shònraichte do m’ athair agus mo sheanmhair air sgàth taic leis a’ Ghàidhlig agus mo bhrosnachadh leis an t-seinn agam.”

Chuir Glaschu cuideachd fàilte air a’ chiad farpaisean chòisirean inbhich le buidhnean à Muile, Ìle, Glaschu, Barraigh agus iomadh ceàrnaidh eile. Ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bha na Còisirean Dùthchail, iadsan uile a’ seinn aig àrd an comais.

’S e Còisir Sgìr’ a’ Bhac, à Eilean Leòdhais, fo stiùir Avil Allen, a thog Sgiath Latharna agus ann an Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul ’s iad Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich fo stiùir Donna Dugdale a thàinig am bàrr air chàich.

Tha aon bliadhna deug bho choisinn Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich an tiotal mu dheireadh agus ’s e Glaschu a thug dhaibh an tiotal às ùr fo stiùir Donna Dugdale, agus an turas mu dheireadh a choisinn Còisir Sgìr’ a’ Bhac, Sgiath Latharna ’s ann san Òban ann an 2024.

Thuirt Avril Allen, Stiùiriche Còisir Sgìr’ a’ Bhac: “Tha sinn air leth toilichte. Sheinn sinn na h-òrain cho math sa b’ urrainn dhuinn, gu h-àraid ar roghainn fhèin a bha làn faireachadh agus òran air a bheil sinn cho measail. Thàinig sinn far na stèidse agus thuirt sinn - ‘bheil fhios agaibh dè, chan eil diofar dè an co-dhùnadh a bhios ann,’ mar sin ’s e bonas a th’ ann buannachd.

“’S e buidheann sònraichte a th’ ann am buill a’ chòisir, tha dàimh agus càirdeas eatorra. Tha mòran aca a dh’fhàs suas còmhla ach tha iad cho fosgailte. Bha buill ùr againn am bliadhna agus tha e a’ còrdadh rinn nuair a tha daoine ag iarraidh a bhith còmhla rinn. Tha a h-uile duine gu math dòigheil. Tha iad a’ creidsinn ann a bhith ag innseadh na sgeulachd, agus a’ brosnachadh na Gàidhlig - cha b’ urrainn dhomh a bhith ag obair le buidheann nas fheàrr.

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil comataidh a’ Mhòid ann an Glaschu air obair mhòr a dhèanamh gu Mòd a tharraing a Ghlaschu. Tha iad air an dleastanas a choileanadh agus tòrr mòr a bharrachd air, agus bha an còisir aon-ghuthach ag aontachadh.”

Thuirt Donna Dugdale, Stiùiriche Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich: “Ghabh mi dìreach iongnadh- cha robh dùil againn ri àite fhaighinn san fharpais, mar sin tha sinn glan air ar dòigh. Bha sinn gu math socair agus dìreach airson gun còrdadh e rinn. B’ àbhaist do Vic Linaman, a sgrìobh ar roghainn fhèin, a bhith na bhall den chòisir. Tha e fhathast a’ cur fuinn ri chèile, agus thàinig e chun fharpais an-diugh, dìreach mus do thòisich sinn a’ seinn, agus thuirt sinn, ‘Tha Vic san èisteachd, seinnidh sinn dhath-san, agus sin an rud a rinn sinn’.

“Dè tha seo a’ ciallachadh dhuinn? Tha mise air a bhith a’ stiùireadh airson còig bliadhna, agus tha mòran obrach ri ionnsachadh mun dleastanas, ach tha an còisir sònraichte taiceil agus tha iad air leth taiceil. Bha sinn faisg air bonn nan comharran anns na bliadhnachan mu dheireadh agus le sin tha buannachd sgoinneil. Dh’obraich an còisir cho cruaidh am bliadhna agus bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur orra. Bha an inntinn is an cridhe gu tur deiseil agus chòrd e riutha.

Tha tuilleadh a’ feitheamh air luchd-èisteachd an-diugh le Farpaisean nan Còisirean Sgìreil far am bi còisirean a’ strì gu cothrom fhaighinn air Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Thatar cuideachd a’ dèanamh moladh air is a’ taisbeanadh Ealan le buidheachas do Dhuais Ealan na Gàidhealtachd aig am Briggait. Tha an tachartas seo a-nis anns an còigeamh bliadhna, agus thèid aon phìos a thaghadh bho 12 pìos-ealain air geàrr-liosta a tha a togail air a’ Ghàidhlig is a cultar no air cruth-thìre.

Tha 70 pìos sònraichte air an taisbeanadh agus chì luchd-amharc cò a tha na britheamhan Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chuspair agus Scott Bennett, aig a bheil gailearaidh ealain, air taghadh gu bhith a taisbeanadh aig Mòd na h-ath bhliadhna.

A-nochd, bidh cuid de na rionnagan as motha ann an saoghal traidiseanta na h-Alba a’ tighinn còmhla airson oidhche hòro-gheallaidh a’ cuir crìoch air seachdain a’ Mhòid aig Seòmar-dannsa iomraiteach na Barrowlands ann an Glaschu. Le Gael Force 10 bidh na seinneadairean cliùiteach a’ tilleadh chun dualchas, a’ toirt ceòl-chòmhlan dannsa-cèilidh air ais chun àrd-ùrlar le aon de na cruinneachaidhean chòmhlain as làidire air taobh siar na h-Alba.

Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Neach-gairm Comataidh Ionadail Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Abair gun d’ fhuair am Mòd fàilte bho bhaile Ghlaschu agus tha e fìor sònraichte a bhith nar fianaisean air a seo. Anns gach cuibhreann den bhaile tha faireachadh beòthail is dòigheil mun Ghàidhlig agus tha sinn pròiseil gu bheil an coileanadh a rèir an obair mhòr a rinn an comataidh gu tachartas dhan mheud seo a thoirt gu buil. Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur orrasan uile a bhuannaich na duaisean - bha sàr àrd inbhe, dealas agus spiorad coimhearsnachd cho làidir ann fad na seachdain.

“Chan eil sinn ullamh fhathast – a-nochd tha Gael Force 10 a’ dol a thoirt na naoi làithean sònraichte seo gu ceann le hòro-gheallaidh de cheòl traidiseanta na Gàidhlig. Bidh cèilidh nach fhacas mòran dha leithid aig an Barrowlands – feuch gum bi sibh ann!”

Tha Mòd Ghlaschu 2026 a’ dùnadh air madainn Disathairne le tachartas na Co-chòisirean, far am bi na ceud de luchd-còisir a’ cruinneachadh mun chuairt air ìomhaigh Dhòmhnaill MhicGilleDheòradha aig mullach Sràid Bhochanan.

Bidh an t-sràid ainmeil seo làn de cheòl Gàidhlig a’ co-dhùnadh an tachartas eachdraidheil le aonachd seinn.

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Glasgow Life, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Inbhe òr do sheinneadairean Gàidhlig air an latha as trainge aig a’ Mhòd

Published: 15 Oct 2026

Farpaisich dràma a’ Mhòid

​A-raoir ann am farpais Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich choilean na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san t-saoghal àrd inbhe òr air àrd-ùrlar Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu aig farpaisean mòra Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026.

Choisinn Mark Mac a Ghobhainn Bonn Òr nam Fear agus ’s i Iseabail Bain a thog Bonn Òr nam Ban, iad le chèile a’ foillseachadh bòidhchead agus cumhachd nan òrain Ghàidhlig, a’ cosnadh na comharran as àirde ann am farpais teann.

Tha am farpais iomraiteach seo 134-bliadhna a’ cosnadh urram dhaibhsan a bhuannaicheas. Bha an dithis bhuanaiche à Leòdhas agus iad le chèile an sàs san fharpais a’ chiad uair agus iad a-nis ann an cuideachd na seinneadairean Gàidhlig as ainmeile ann an eachdraidh agus air a bheil mòr-mheas.

Thuirt Buanaiche Bonn Òir nam Ban, Iseabail Bain, a bhuineas do Leòdhas agus i a’ fuireach ann an Astràilia: “Tha mi uamhasach toilichte agus chan urrainn dhomh a chreidsinn gu bheil mi air buannachadh. Tha e a’ ciallachadh an t-uabhas dhomh, ’s e fear de na prìomh fharpaisean aig a’ Mhòd a th’ ann agus ’s e urram a th’ ann buannachadh agus a bhith am measg na buanaichean eile a tha uamhasach soirbheachail agus seinneadairean uamhasach math ann an saoghal na Gàidhlig. Tha mi dìreach cho toilichte. Chòrd a-nochd rium, bu chaomh leam na h-òrain a bha mi a’ seinn agus bha mi a’ faireachdainn cofhurtail air an àrd-ùrlar agus mar sin chòrd e rium a bhith a’ seinn le faireachaidhean agus an dòchas gun chòrd e ris an luchd-èisteachd.”

Thuirt Buanaiche Bonn Òir nam Fear, Mark Mac a’ Ghobhainn, a bhuineas do Leòdhas agus e a’ fuireach ann an Glaschu: “Tha mi rudeigin do-chreidsinneach gun do thachair seo ach tha mi air mo dhòigh glan, tha e a’ faireachdainn mar aisling. Tha seo cho cudromach, tha mi a’ smaoineachadh gur e urram a th’ ann a bhith a’ seinn anns a’ cho-fharpais agus cuideachd còmhla ri daoine a’ seinn aig an ìre aig an robh a h-uile duine a’ seinn agus cuideachd tha mi air a bhith ag ionnsachadh mu bhàrdachd na Gàidhlig agus tha sin air a bhith a’ còrdadh rium fhad ’s tha mi air a bhith ag ullachadh airson a’ cho-fharpais. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do D-I MacIlleDhuinn agus Coinneach MacThòmais, cha b’ urrainn dhomh a bhith air a dhèanamh às an aonais.”

Chumadh farpais An Aigeallan Airgid – farpais co-ionnan do luchd-ionnsachaidh, le Laura Gormley à Balfron agus Euan D MacPhàdruig à Port na h-Apainn a’ cosnadh nam buinn. Cha ghann nach robh duaisean gan cosnadh tron latha, thog Euan Geall-dùbhlain Cuimhneachan Alasdair MhicAonghais agus ’s i Laura a choisinn Duais Cuimhneachain Mhòraig Robb agus Cuach Iain A MacRath.

Bha dràma Gàidhlig cuideachd ri fhaicinn an-raoir, le buidhnean à Uibhist, An Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Ìle agus Glaschu a’ ruith nan duaisean aig Farpais Crìochnachaidh Drma. ’S iad Cluicheadairean Uibhist a choisinn am prìomh dhuais, Cuach a’ Phàipeir Bhig, agus iad air taisbeanadh Am Faigh an Cowboy Bàs?

Tha riochd brìghmhor air cultar is òrain Ghàidhlig a leantainn an-diugh agus Am Mòd a dol a-steach dhan latha as trainge dhan tachartais.

Thòisich Diardaoin le mionaid sàmhchair ann an tallaichean a’ Mhòid gus an tubaist an Eilean Leòdhais a chomharrachadh.

Feasgar an-diugh cluinnear Farpaisean nan Còisirean Dùthchail air a bheil meas aig a’ mhòr-shluaigh agus an uairsin bidh farpaisich Bonn Òr an t-Seann Nòis a’ dol chun àrd-ùrlar. Bidh farpaisean Dannsa Gàidhealach cuideachd a’ gabhail àite an diugh. Bidh na ceudan a’ gabhail pàirt ann am farpaisean thairis air prògram an latha an-diugh.

Tha tachartasan na fèille a’ ruighinn gach ceàrnaidh den bhaile tro cheòl, òrain, film, ealan agus cultar na Gàidhlig ann am iomadh ionad is talla.

Ann Talla Chonsairt Rìoghail, bidh Ceòl is Craic a’ cur air dòigh Guth a’ Bhaile, a’ sònrachadh sgrìobhadh òrain ùra agus a’ foillseachadh tàlant as ùr. Bidh seinneadairean Màiri Nic a’ Mhaoilein agus Josie Duncan a’ seinn òrain ùra bonntaichte air an eòlas a th’ aig Gàidheil air baile mòr san latha an-diugh. Còmhla riuthasan bidh Germa Adan sgrìobhadair ciùil ainmeil à Haiti agus luchd-ciùil òga bho Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Aig Taigh Èideird, tha prògram air a chuir air dòigh le Glasgow Life, bidh cothroman eòlas fhaighinn agus compàirt a ghabhail ann an tachartasan cultarail Gàidhlig leithid Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a tha a’ toirt cuiridh do dhaoine sgeulachdan is cuimhneachain mu Sràid Sauchiehall aon de na sràidean as eòlaiche air a bheil daoine.

Air feadh Ghlaschu tha taighean-seinnse a’ cur fàilte air a’ Mhòd, le seiseanan a’ gabhail àite tron t-seachdain - am Park Bar air a bheil Gàidheil cho eòlach na measg, far a bheil ceòl beò a h-uile latha an t-seachdain seo. Dhaibhsan a tha airson leantainn gu uairean beag na maidne bidh Gluais os cionn Nice n Sleazy.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Fad na seachdain tha Glaschu air a bhith beò le Gàidhlig, ceòl is cultar, agus abair gu robh farpaisean nam Buinn Òir a-raoir dìreach mìorbhaileach. Thug na seinneadairean a bhuannaich seachad coileanadh air leth agus tha iad gu math airidh air àite ri taobh na seinneadairean eile a choisinn na Buinn iomraiteach sin thairis nam bliadhnachan.

“’S e latha mòr eile a tha seo dhan Mhòd, le ceudan le fharpaisich a nochdadh air àrd-ùrlar agus feadhainn de na farpaisean as prìseil leinn a’ tòiseachadh. Air falbh cho na tallaichean tha Gàidhlig a lìonadh gach oisean den bhaile. Tha e na mhòr thogail inntinn a bhith a’ coimhead daoine a’ tighinn còmhla agus a’ cur eòlas air ar cànan agus ar cultar ann an iomadh diofar suidheachaidh.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Taisbeanadh Ghuthan is Dàin Ghàidhlig: Fèill mhòr air an dara cuibhreann den Mhòd

Published: 14 Oct 2026

​Urram do sgoilearan fileanta agus farpaisean cliùiteach nan Inbheach a’ tòiseachadh, duaisean litreachais na measg

Farpaiseach Mòid òg

Toiseach-tòiseachaidh dara leth Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 ann an Glaschu agus abair gu bheil na duaisean airson seinn is aithris gan toirt seachad tric is bitheanta.

Thàinig prògram farpaisean fileantaich òg gu crìoch Dimàirt agus ann an Seinn Traidiseanta Aon-neach Nigheanan Fileanta 13-15, choisinn Flora Scott, còig-bliadhna deug à Sgoil an Tairbeirt, Na Hearadh an dà chuid Aigeallan Airgid an t-Seann Nòis agus Cuach Cuimhneachan Anna Cheallaidh NicDhòmhnaill airson na comharran as àirde ann seinn seann nòis. Ann am farpais nam Balach choisinn Joe Thunder còig-bliadhna deug à Ard-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Prìne-Fèilidh Airgid an t-Seann Nòis.

Ann am farpais Seinn Aon-neach aig aoisean 13-15, choisinn Rebecca Anne NicDhòmhnaill, ceithir bliadhna deug à Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla, Aigeallan Airgid A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus ann am farpais nam balach choisinn Seumas MacLeòid à Sgoil an Tairbeirt, Na Hearadh Prìne-Fèilidh Airgid A’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Bha farpaisean nan còisirean a’ cheart cho sònraichte. Ann am farpais aois 13-18 airson seinn Còisir Aon-fhuaimneach Fosgailte, thog Còisir Sgoil Sir E Scott às Na Hearadh, Geall-dùbhlain na Mnatha Uaisle Chaimbeul Bhlàirich, agus Geall-dùbhlain Aonghais M Rois airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig. Thog iad cuideachd Geall-dùbhlain Belle Chaimbeil ann am farpais Puirt-à-Beul Còisir Fosgailte 13-18, na duaisean sin a’ dèanamh an slighe gu na h-Eileanan an Iar.

Agus cha do dh’fhàg iad aig an sin e agus iad a’ toirt dhachaigh leotha Geall-dùbhlain Tìm an Òbain ann am farpais Còisir Co-sheirm Fosgailte agus Cupa na Mnatha Uasail Hobbs à Inbhir Lòchaidh airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig.

Shoirbhich cuideachd le còisirean fosgailte fo aois 13 is iadsan mar an ceudna a’ leigeil a-mach an guthan. ’S iad Còisir Òg Mhuile a thàinig am bàrr ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fileantaich a cosnadh Geall-dùbhlain Chomataidh Sgìreil Bhàideanaich agus Srathspèidh.

’S iad Còisir na h-Òige BSGI à Inbhir Nis a choisinn Geall-dùbhlain Meur Abar Phuill is an Sgìre le mar a sheinn iad an òran ainmichte, Eilean mo Ghaoil ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fileantaich fo 13 agus Cupa na Mnatha Uasail Schroder ann am farpais Còisir Puirt-à-Beul Fileantaich. Le na comharran as àirde thar na farpaisean uile thug Còisir na h-Òige BSGI dhachaigh leotha Geall-dùbhlain Cuimhneachaidh na Mnatha Uasail Anna Ghrannd na Lagain do Chòisir Co-sheirm Fileantaich còmhla ri Geall-dùbhlain Susan NicPheadrais, Caledonian Mhic a’ Bhruthainn.

Ann am farpais a tha air leth tarraingeach - Cogadh nan Còmhlan, ’s iad Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil à Barraigh a thàinig am bàrr air chàch. Bha ochdnar sa bhuidheann a fhuair taic bho Lisa NicNèill, an tidsear aca - agus chrath iad dhiubh na còmhlain eile a’ togail Cuach Ailein Tòmas MhicMhìcheil a chosnadh dhaibh pèin, còmhla ri ùine chlàraidh shònraichte aig stiùidio proifeasanta.

A’ gluasad air falbh bho chomhstrì gu cruinneachadh às annas le consart An Drochaid, bha Màiri Anna NicUalraig a bhuineas don bhaile seo òs cionn consart na rionnagan aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, is an talla làn ceòl à Ìle, Leòdhas is Na Hearadh, Muile agus Eilean Ì, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus Tiriodh.

An-diugh, gluaisidh am fòcas gu prògram farpais nan Inbhich, agus Duaisean Litreachais a’ gabhail àite. Tha farsaingeachd de dhiofar sheòrsa gan comharrachadh agus tachartas na duaisean a’ tòiseachadh aig 12f aig Colaiste Baile Ghlaschu. An làthair bidh Bàrd a’ Chomuinn, Anna C Frater, a bhios a’ tòiseachadh an dara bliadhna aice san dreuchd. An dèidh na duaisean bidh Leabhar ga chuir air bhog – Dualchasan an Eilean Sgiathanaich – ath-dheasachadh air leabhar Alasdair MhicNeacail le ogha a pheathar, Coinneach MacIllEathain.

Ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bidh farpais luchd-ionnsachaidh inbhich a’ gabhail àite agus An Aigeallan Airgid a’ feitheamh air an neach a shoirbhicheas. Bidh na mnathan a’ seinn an òran ainmichte, Ille dhuinn ’s toil leam thu, agus na fir a’ gabhail Caismeachd Chloinn Chamshroin.

Tha an t-seinn aig sàr àrd ìre a’ leantainn aig 7.30f le Farpais Crìochnachaidh Buinn Òr A’ Chomuinn Ghàidhealaich, le cuid de sheinneadairean cliùiteach shaoghal na Gàidhlig. Ann am farpais nam ban cluinnidh luchd-èisteachd an òran ainmichte An roghainn agus ann am farpais nam fir cluinnear ’S gun òlainn slàinte Theàrlaich.

A’ gluasad bho sheinn gu àrd-ùrlar, fosglaidh Co-fharpais Dràma nan Inbheach Fosgailte aig 7f ann an Òran Mór an taobh an iar Ghlaschu. Tha buidhnean à Glaschu, Inbhir Nis, Cille Mhoire agus Ìle a’ dèanamh spàirn ri Cluicheadairean Uibhist a rinn a’ chùis air an fharpais an-uiridh.

A’ cothromachadh an làn phrògram de dh’fharpaisean tha tachartasan air an iomall. Na measg tha am film goirid Beura, a’ toirt ìomhaigheachd às ùr air Bhana-dhiathan Cheilteach an urra ri nàdar, stoirmean agus geamhraidhean. Aig Bar 442 gheibhear blasad beag air Ruma, Sùgh-aitein agus Uisge-beatha. Tha cuideachd Prògram de dh’fhilmichean ghoirid GFT le trì dhiubh sin a’ togail air Call an Iolaire, le fàilte air luchd-dèanamh nam filmichean agus cothrom ceistean a chur.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich “Tha fèill mhòr air farpaisean crìochnachaidh an latha an-diugh agus fadachd air daoine gu cluinntinn co bhuannaicheas cuid de na farpaisean as cliùitiche agus as eachdraidheil. Taisbeanadh den Ghàidhlig aig an ìre as àirde, seo an fhìor chomharra air ar cànan is ar cultar, agus chan eil teagamh nach bi faireachaidhean làidir na chois.”

“Air falbh bho na farpaisean, tha comataidh ionadail na bliadhna seo còmhla ri luchd saor-thoileach air obair ionmholta a choileanadh, a’ lìbhrigeadh tachartasan air an iomall a tha beòthail, tarraingeach agus – ’s dòcha buileach cudromach – sòisealta, le làithean ann fhathast a bheir toileachas do dhaoine.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Latha mòr na fileantaich òga is Buinn is Cupan a’ feitheamh orra

Published: 13 Oct 2026

Soirbheachas Luchd-ionnsachaidh, òigridh fileanta a’ gabhail chun àrd-ùrlar, agus taisbeanadh sònraichte eileanach

Òigridh a bhuannaich duaisean litreachais

Bha latha mòr aig Luchd-ionnsachaidh òg na Gàidhlig agus duais dhan chosnadh an am prògram farpaisean òigridh aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu, agus na fileantaich òga a-nis a’ sireadh an ath chuairt de bhuinn.

An-dè bha òigridh eadar còig is naoi bliadhna deug a’ gabhail pàirt ann an 30 farpais bho bhàrdachd, innseadh sgeulachdan agus seinn òrain, mar chòisirean agus leotha fhèin, is a thuilleadh air a sin bha cleasachd is dràma.

Ghlèidh Libby Bezuidenhout, còig bliadhna deug a dh’aois às an Òban Bonn Cuimhneachain Sheumais C Mhic a Phì is ise a’ gabhail an òran ainmichte, Òran a’ Chlydesdale, agus le na comharran às àirde ann an ceòl choisinn i cuideachd Geall-dùbhlain Sìne Ghreumach, agus Geall-dùbhlain Alasdair Hamalton airson na comharran às àirde ann an Gàidhlig.

Ann am farpais Seinn Traidiseanta Measgte Aon-neach Luchd-ionnsachaidh, ’s i Zoe Leparoux, seachd bliadhna deug a dh’aois à Ùige Leòdhais a bhuanaich a chiad duais anns a’ chuibhreann 16-18 a’ togail Bonn Probhaist na h-Eaglaise Brice agus airson an treas bliadhna ann an sreath ’s e Robbie Dòmhnall MacIlleathain, còig bliadhna deug a dh’aois à Barraigh, a thàinig am bàrr anns a’ chuibhreann 13-15, a’ cosnadh Duais Dhòmhnaill MhicLeòid.

Ann am farpais Seinn Aon Neach Fosgailte 16-18 ’s e Cailean Jennet, ochd bliadhna deug a dh’aois à Àrd-sgoil an Òbain a ghlèidh duais nam balach agus Jenna Yule à Comar nan Allt a ghlèidh duais nan nigheanan.

Bha farpais pailt cho làidir ann an cuibhreann nan còisirean. Ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach fo 13, le seinn brosnachail air an Iorram Ùigeach choisinn Sèisteil Bheag, fo stiùir Riona J I Whyte, a’ togail Geall-dùbhlain Dhòmhnaill MhicPhàil agus a nighean Màiri, còmhla ri Cuach Iubailidh Airgid Chomunn Gàidhlig Dharlington airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig agus Cuach Cuimhneachaidh Mhòraig Robb airson na comharran as àirde ann an ceòl.

Ann am farpais Puirt-à-Beul Chòisirean Luchd-ionnsachaidh fo 13 thog an dearbh bhuidheann dà dhuais eile -Cupa Mhic an t-Saoir agus Geall-dùbhlain na Mnatha Uasail Olive Chaimbeul MBE

Ann am farpaisean Chòisirean fo 19 ’s iad Còisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Bric a thug dhachaigh leotha na duaisean air fad, a buannachadh farpaisean Seinn Aon-fhuaimneach, Seinn Co-sheirm agus Puirt-à-Beul – ochd duaisean uile gu lèir!

Chruinnich òigridh de chaochladh aois agus à diofar sgìrean eadar Glaschu, Inbhir Nis agus nas fhaide às aig an Ionad Sòisealta airson Duaisean Litreachais Òigridh agus aithne ga thoirt air an cuid sgrìobhadh cruthachail, ealan agus obair-fhilm.

Tha farpaisean òigridh a crìochnachadh an-diugh le na fileantaich a’ toirt chun àrd-ùrlar. Bliadhna an dèidh bliadhna tha sinn a’ faicinn gu bheil àireamh nam farpaiseach fileanta a’ dol am meud, agus an-diugh fhèin tha còrr air 1,100 farpaiseach a’ gabhail pàirt aig A’ Mhòd.

Tha fèill mhòr air farpaisean Seinn Traidiseanta Aon-neach Nigheanan agus Balaich 13-15. A’ tòiseachadh aig 9m ann am Prìomh Thalla Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, seinnidh na deugairean tàlantach seo òran Gàidhlig dhan roghainn fhèin airson duais Aigeallan Airgid an t-Seann Nòis agus Prìne-fèilidh Airgid an t-Seann Nòis.

Aig an aon àm ann an Seòmar Srath Chluaidh, tha farpaisean Seinn Aon-neach Nigheanan agus Balaich Fileanta 13-15. Seinnidh a’ chlann-nighean Thug mi mo làmh don Eileanach agus seinnidh na balaich Fàgail Ghlaschu, a’ sireadh gleidheadh Aigeallan a’ Chomuinn Gàidhealaich agus Prìne-fèilidh a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Abair cuideachd gum bi fadachd air cluinntinn Cogadh nan Còmhlan a bhios aig Cluba Glee Ghlaschu, far am bi tàlantan Gàidhlig is cheòl chòmhlanan òga air an àrd-ùrlar. Tòisichidh farpais ullachaidh aig 1f, le seachd de chòmhlain òga a’ sireadh àite am measg nan còig a thèid troimhe chun fharpais crìochnachaidh aig 7.30f. Tha na còmhlanan an dòchas Cuach Ailein Tòmas MhicMhìcheil a chosnadh dhaibh pèin, còmhla ri ùine chlàraidh shònraichte aig stiùidio proifeasanta agus Duais Cuimhneachaidh John Robertson.

Air falbh bho na farpaisean tha tachartas às annas, An Drochaid air bilean an t-sluaigh. Air a mhìneachadh mar sàr thàlant diaspora na Gàidhlig, airson a’ chiad turas ann an eachdraidh na h-Alba, a’ toirt còmhla còrr air 50 seinneadair, pìobairean agus luchd-ciùil thraidiseanta, a’ riochdachadh na seachd Comuinn Eileanach an Glaschu.

A’ tòiseachadh aig 8f, bidh an seinneadair agus craoladair Màiri Anna NicUalraig os cionn consart nan rionnagan aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, is an talla làn ceòl à Ìle, Leòdhas is Na Hearadh, Muile agus Eilean Ì, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus Tiriodh.

A’ cumail ùidh an luchd-tadhail bidh Clas Òrain is Ealain (uiseag) agus Abairtean Feumail airson a’ Mhòd, film goirid Uirsgeul na Feannaig, uile rim faicinn aig Edward House. Às dèidh làimh aig 5f bidh biadh math agus ceòl beò le An Rathad a Ghlaschu.

Ann an Colaiste Baile Ghlaschu bidh bùithtean-obrach meadhanan air an ruith le Sruth agus seiseanan Mo shaoghal obrach do dh’òigridh nach d’ fhuair cothrom frithealaidh air an Diluain agus bidh Cathar-eaglais Ghlaschu a’ toirt seachad cothrom eile airson Coinneachadh ri Ceann Tighearna.

A-steach dhan fhionnairidh, tha taghadh agaibh le Sailm nan Daoine aig Theatre Film Ghlaschu no òraid bho Aonghas Pàdraig Caimbeul air Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach aig Seòmraichean Tì Mhic an Tòisich. No, mas fheàrr leibh bidh Cèilidh Teaghlaich aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bho 6f.

Thuirt Magaidh Choineagain, Cathraiche, An Comunn Gàidhealach: “Do mhòran dhaoine tha prògram farpaisean òigridh aig bàrr an liosta agus tha sin buileach fìor am bliadhna is àireamh nam farpaisich aig ìre cho àrd sa chunnacas agus thar gach seòrsa farpais. Tha e na fhìor thoil-inntinn a bhith coimhead clann bho aois òg a’ cur luach air Gàidhlig agus air a cultar.

“Le gu bheil an inbhe a’ dol suas gach bliadhna, tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air an òigridh a thug dhachaigh buinn leotha an-dè agus tha sinn a’ guidhe deagh fhortain dha na fileantaich a tha a’ gabhail pàirt anns na farpaisean an-diugh.”

Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Neach-gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail: “Chan eil teagamh nach eil An Drochaid na tachartas air leth ann an Iomall a’ Mhòid. Tha ceangal ga dhèanamh eadar Comuinn Eileanach Ghlaschu tro am meas mòr a th’ aca uile air ceòl is òrain Ghàidhlig, tha e a gealltainn cruinneachadh eileanach nach fhacas mòran de sheòrsa – feuch nach caill sibh an cothrom.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Glasgow Life, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Bho chuairtean deireannach gu plòigh aig an iomall: Deàlradh Gàidheil òga air an ceathramh latha den Mhòd

Published: 12 Oct 2026

​​Farpaisean Luchd-ionnsachaidh a’ toirt chun àrd-ùrlar agus tachartasan brosnachaidh air an iomall

Ceòl Soisgealach aig Steisean Meadhan GhlaschuCòmhstri ceangalan agus coimhearsnachd uile comasach, is lìonmhorachd de dh’òigridh na Gàidhlig a nochdadh aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu an-diugh a’ sireadh nan duaisean agus fadachd airson plòigh an lùib Iomall a’ Mhòid.

Seachdain ùr aig A’ Mhòd a tòiseachadh le tuilleadh fharpaisean òigridh, is tallaichean Ghlaschu a’ tighinn beò le seinn, bàrdachd agus sgeulachdan gan innseadh.

Am measg na farpaisean sònraichte bidh Seinn Aon-neach Luchd-ionnsachaidh Nigheanan 13-15, a’ sireadh Bonn Cuimhneachaidh Sheumais C Mhic a’ Phì, agus Seinn Traidiseanta Measgte Aon-neach Luchd-ionnsachaidh 13-15 agus 16-18, an dòchas Duais Dhòmhnaill MhicLeòid agus Bonn Probhaist na h-Eaglaise Bric a thogail.

Am measg nan tachartasan tarraingeach eile cluinnear còisirean òigridh luchd-ionnsachaidh le seinn Còisir Aon-fhuaimneach, Còisir Co-sheirm agus Puirt-à-Beul.

Bithear cuideachd a comharrachadh sgrìobhadh, ealan agus obair-mheadhan Gàidhlig aig Duaisean Litreachais Òigridh a’ gabhail àite aig an Ionad Sòisealta.

Tha clàr Iomall a’ Mhòid a’ tabhann chur-seachadan is eile do Ghàidheil òg is an teaghlaichean, le farsaingeachd de sheisean an-asgaidh ann an dà phrìomh thalla faisg air làimh.

Aig ionad cultarail is dualchas Taigh Èideird air Sràid Sauchiehall, air a chur air dòigh le Glasgow Life, tha cuireadh an latha a thòiseachadh le teatha, cofaidh agus sgeulachd aig Sgeul is Srùbag, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean a’ comharrachadh Bliadhna Nàiseanta Leughaidh.

Cuideachd tha Bookbug Gàidhlig – seisean an-asgaidh làn plòigh do chlann fo aois sgoile agus an teaghlaichean, le taic bho Urras Leabhraichean na h-Alba. Do chlann nas sine tha cothrom ionnsachadh mun naomh-pàtranach Ceann Tighearna tro obair ciùird aig Coinnich ri Ceann Tighearna, air a chur air dòigh le Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Feasgar, tha cothrom aig seann eòlaich agus luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a thighinn gu Cupa is Cèic le Sìne agus Mairead, agus às a dhèidh bidh Seisean Ceòl Thraidiseanta Òigridh agus tha cuireadh agaibh a dhol le ionnstramaid, no guth-seinn no dìreach airson èisteachd.

Bidh cuideachd craoladh de Film goirid: 777 Bliadhnachan agus 77 Làithean leis an neach-ealain ioma-chruth Cashlin NicCoinnich, a’ lìbhrigeadh tachartas lèir-chlaisneachd, agus, Ceòl ’s Òrain le Josie Duncan agus a caraidean a’ toirt obair chliùiteach Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain chun ùrlar.

Aig Colaiste Baile Ghlaschu, tha fòcas a gluasad gu bruidhinn air slighean dreuchd. Bidh cothrom aig clann eadar ochd is dusan bliadhna feuchainn air obair preasantadh agus agallamhan tro bhùithtean-obrach Sruth air an stiùireadh le sgioba CBBC ALBA. Do chlann bho deich gu sia bliadhna deug, tha seiseanan My World of Work Live bho Leasachadh Sgilean na h-Alba a’ toirt cothruim eòlas a chur teicneòlasan ùra.

Aig deireadh latha trang bidh cothrom a h-uile duine a thighinn còmhla airson Cèilidh Teaghlaich aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu le ceòl bhon chòmhlan indie Passing Place, còmhla ri geamannan agus dannsadh gu leòr.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomunn Ghàidhealaich: “Chan eil mòran rudan a tha nas tlachdmhoire na bhith a’ coimhead is a’ cluinntinn dhaoin’ òga a’ bruidhinn Gàidhlig. An-diugh, tha luchd-ionnsachaidh air ar n-aire is sinn air ar misneachadh gu mòr leotha-san a tha tighinn chun chànan is chun chultar airson a’ chiad uair.

Ri ar farpaisich òga, gabhaibh tlachd às gach mionaid agus bithibh moiteil às na tha sibh air a choileanadh. ’S e ar teachdaireachd do luchd-tadhail, thigibh agus gabhaibh tlachd nur cuibhreann fhèin de shaoghal na Gàidhlig, biodh sin le bhith a’ cumail taice ri farpaisean ghnàthail no a’ faighinn toileachas bho phàirtean de dh’Iomall a’ Mhòid.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ dol ann an Glaschu gu Disathairne 17 Dàmhair 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean tadhailibh air https://modghlaschu2026.org.

« Back to Mòd News List

Pìobaireachd is spòrs a tàladh sluagh gu làithean fosglaidh a’ Mhòid

Published: 11 Oct 2026

Duais iomain nam ban

An treas latha a cothromachadh spòrs agus film agus cothroman airson meòmhrachadh agus adhradh

Tha Glaschu air toiseach-tòiseachaidh air leth a thoirt do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo le deireadh sheachdain loma-làn de thachartasan.

An-dè bha ‘sàr Spòrs Disathairne’ le ball-coise agus iomain a’ gabhail àite tron latha.

Air na raointean far an robh Iomain a’ Mhòid a’ gabhail àite ’s iad sgioba Obar Labhair a thàinig an bàrr ann an Cupa na h-Òigridh, a choisinn Cupa Mòd Ghlaschu dhaibhsan. Ann an Cupa a’ Mhòid airson Iomain nam Ban ’s iad sgioba Meadhan Earra-Ghàidheal Ghlaschu a choisinn Cupa Dùbhlain LearnGaelic agus ann am farpais Iomain nam Fear thog sgioba Meadhan Earra-Ghàidheal Ghlaschu Cupa an Aghaidh Mhòir.

Bha mòran a’ coimhead le miann air duaisean airgid aig Farpaisean Pìobaireachd a’ Mhòid, dìreach aon de na farpaisean gnàthasach a bha a’ dol ann an tallaichean tron bhaile.

Ann am Pìobaireachd nan Inbheach ’s e Aonghas Mac A Phì à Inbhir Nis a choisinn na Prìomh Ìrean agus Ìre A, an inbhe phroifeasanta as àirde ann am pìobaireachd aon neach, agus ’s e Ben Duncan à Dùn Èideann a thog duais Prìomh Ìre agus ìre A airson Caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle.

Choisinn Kyle Shead a bhuineas do Ghlaschu an duais airson Pìobaireachd Ìre B agus thog Callum Carn, à Sealainn Nuadh ach a-nis a’ fuireach an Glaschu Geall-dùbhlain Choinnich I MhcRath aig Ìre B caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle.

Ann am Pìobaireachd Òigridh, choisinn Moira Bruce, a tha sia bliadhna deug a dh’aois à Colaiste Gleann Almoin, Geall-dùbhlan W.G.G MacUilleam airson Pìobaireachd 16-18, agus choisinn Seonaidh Forrest às an Eilean Sgitheanach Cupa na Royal Highland Fusiliers airson Caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle airson aois 16-18.

Ann am farpaisean bho aois U16 choisinn Seumas Silcock, còig bliadhna deug a’ dh’aois às an Eaglais Bhreac a’ chiad àite ann am Pìobaireachd a’ togail Geall-dùbhlain an t-Ollamh DS MacLagain, Cuach Ruairidh Rothaich airson Caismeachd 2/4 agus Cupa Lighting Electrical airson a Srath Spè agus Ruidhle.

A’ cuir ri beòthas an latha, chaidh geàrr-liosta Duais Ealain na Gàidhealtachd 2026 fhoillseachadh aig The Briggait air taobh sear Ghlaschu. ’S iad Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chruth agus Scott Bennett, neach-sealbh gailearaidh na britheamhan am bliadhna agus thagh iadsan 12 de dh’obair-ealain bho 75 pìosan ealain rim faicinn air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Iad seo na measg:

  • Cuir air an coire! le Lillian Crichton (Deò Cruinneachadh Ealain Innse Gall)
  • Dùileach le Lydia Warren (Comann Ealain Uibhist)
  • Evening Light, Camanscoille le Jenny Choineagain (An Talla Solais, Ullapul)
  • Craobhan Fallain, Daoine Fallain le Sheila Garden (Comann Ealain Siorrachd Pheairt)
  • Tìogar Innse Gall le Nicola Neate (Comann Ealain Uibhist)
  • Fo Sgàile Mhuile le Deb Wing (Luchd-ealain Alba)
  • Learag le Sheila NicDhonnchaidh (An Talla Solais, Ullapul)
  • Tràigh Shòbhraig , Port Uairce, Àird nam Murchan le Helen L NicDhonnchaidh, Comann Ealain is Ciùird An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse)
  • Tha cuimhne aig an Talamh le Angela Scrivin (MapaEalain Earra-Ghàidheall)
  • Dàn an Uisge le Mòrag Young (Urras An Ealdhain, Loch Abar)
  • ’S iadsan an àm ri teachd le Patricia Hughes (Comann Luchd-ealain Bhàideanach agus Srath Spè)
  • Luaths le Heather Ogilvie (Comann Ealain Siorrachd Pheairt)

Leanaidh an taisbeanadh gu Disathairne 17 Dàmhair, còmhla ri taisbeanadh The Way I See It le Katherine Sutherland a bhuannaich an duais ann an 2025. Thèid buanaiche Duais Ealan na Gàidhealtachd 2026 ainmeachadh aig tachartas sònraichte air Dihaoine 16 Dàmhair.

Thàinig latha trang Disathairne gu crìoch le Cèilidh le na Cormacks – feasgar dòigheil le dibhearsain gu leòr, le aon de na teaghlaichean ciùil is cliùitich air Ghàidhealtachd, agus còmhla riutha bha aoighean sònraichte Ailean MacEanraig, Seonaidh Mac an t-Saoir, Murchadh ‘Yogi’ Camshroin, Emma NicLeòid agus Claire NicLeòid.

Leis an treas latha den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tòiseachadh, tha cothroman aig luchd-tadhail pàirt a ghabhail ann an tachartasan agus ann an creideamh agus adhradh.

Do luchd-leantainn spòrs, ’s e latha eachdraidheil a bhios ann le dràma gu leòr air an raon-cluich, le Cuach Cuimhneachaidh Iain MhicCoinnich le Alba FA an aghaidh Partick Thistle U19s aig Pàirc Petershill ann an Glaschu, far an do chluich am ‘Firhill Flyer’ mar a thugta air Iain, à Tiriodh, a’ mhòr-chuid de dhreuchd mar cluicheadair ball-coise.

Don fheadhainn a tha sireadh meòmhrachadh is ùrnaigh, bidh fàilte oirbh gu Seirbheis a’ Mhòid, a bhios a’ gabhail àite ann an Cathair-eaglais Naomh Anndra aig 2.30f, an eaglais as sine ann an Glaschu, Thèid an t-seirbheis a chraoladh beò Radio nan Gàidheal. Gus an fheadhainn òga a chumail dòigheil bidh seisean Lego Bricks Connections ann Talla na h-Eaglaise bho 2.00f gu 4.00f.

Oidhche Dòmhnaich bidh an dàrna cothrom airson meòmhrachadh le Ceòl Soisgeulach ann an Stèisean Meadhain aig 7.30f leis a’ chòmhlan soisgeulach Gàidhlig, Glòraich agus le còisir a chaidh a chur air dòigh gu sònraichte.

Don fheadhainn leis an toil filmichean bidh Theatre Film Ghlaschu a’ sealltainn Às an Eilean ag innseadh sgeulachd òganach a’ tighinn gu ìre a’ lorg slighe tro ghnàthasan, dùilean agus saoghal a choimhearsnachd ag atharrachadh. Nuair a bhios am film seachad bidh cothrom ceistean a chur air na cleasaichean Iain MacRath agus Wilma NicUalraig.

Thuirt D-I Mac ’Ille Dhuinne, Neach-gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail: “Tha Mòd a soirbheachadh nuair a tha prògram in-ghabhail cothromach ga ullachadh a’ lìbhrigeadh do gach aois, ìrean sgil agus ùidhean. Dh’obraich an sgioba air cùl Mòd Ghlaschu –An Comunn Gàidhealach, an comataidh ionadail, com-pàirtichean tachartais agus iomadh neach saor-thoileach – gu dìcheallach gus an amas sin a choileanadh.

“Air deireadh sheachdain an fhosglaidh chunnacas farpaisean càirdeil, tachartasan air an Iomall agus amannan airson sàmhchair – rudeigin dha na h-uile duine, agus mòran a bharrachd ri thighinn anns an t-seachdain a tha romhainn.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ dol ann an Glaschu gu Disathairne 17 Dàmhair 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean tadhailibh air https://modghlaschu2026.org.

« Back to Mòd News List

Glaschu a sealltainn gu bheil Gàidhlig beò is a’ soirbheachadh, agus am Mòd a’ fosgladh gu h-oifigeil

Published: 10 Oct 2026

Prìomh urraman agus foghlam Gàidhlig gan comharrachadh aig tachartas an fhosglaidh agus farpaisean a’ tòiseachadh Calum F, Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna

‘Tha Gàidhlig beò is a’ soirbheachadh’ – b’ e sin an teachdaireachd soilleir a’ tighinn bho bhaile Ghlaschu far an deach tachartas 2026 den Mhòd Nàiseanta Rìoghail fhosgladh gu h-oifigeil an-dè.

Chaidh àrainn buadhmhor a stèidheachadh bho thoiseach ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu le consart Ar Cànan ’s Ar Ceòl a’ comharrachadh ceathrad bliadhna de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu – coileanadh a dh’fhàg gu bheil Glaschu a-nis na prìomh ceàrnaidh làidir do choimhearsnachd de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a tha a sìor fhàs.

Chuala an luchd-èisteachd ceòl tron a’ cheathrad bliadhna sin, le na h-aoighean agus co-oghaichean Phil MacÙisdean agus Catrìona (Carrie) NicNèill a’ stiùireadh an fheasgair le, am measg eile, an chòmhlan indie DLÙ, còmhla ri pìos-ciùil orcastra air a thaisbeanadh gu suigeartach le sgoilearan a bha, is a tha, ann am foghlam Gàidhlig.

Ann a bhith a’ dèanamh ath-dhearbhadh air Gàidhlig mar cànan iomchaidh agus brìoghmhor, ’s ann aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu a chaidh Neach-ionnsachaidh na Bliadhna agus Caraidean a’ Mhòid ainmeachadh.

’S i Danielle Stiùbhart, a tha 27 bliadhna a dh’aois à Dùn Phàrlain, gun cheangal teaghlaich sam bith ris a’ chànan a chaidh ainmeachadh mar Neach-ionnsachaidh na Bliadhna le Sabhal Mòr Ostaig. Thòisich ùidh Danielle sa chànan tro bhith a’ togail dhealbhan ann an ceàrnaidhean far a bheil Gàidhlig agus bho bhith ag ionnsachadh tro Duolingo. An dèidh cùrsaichean aig a’ cholaiste agus gluasad dhan Eilean Sgitheanach, tha i a-nis a’ cleachdadh Gàidhlig gu làitheil anns a’ choimhearsnachd, aig clasaichean, air loidhne agus tha i dealasach misneachd a thoirt do dh’fheadhainn eile an cànan ionnsachadh.

A’ bruidhinn an dèidh Neach-ionnsachaidh na Bliadhna a bhuileachadh oirre, thuirt Danielle: ​ ​“Tha e na mhòr thlachd dhòmhsa an duais seo fhaighinn. Mar chuideigin aig nach robh Gàidhlig san teaghlach no fiù timcheall orm, tha Gàidhlig air saoghal mòr ùr fhosgladh dhomh. Tha mi air taingeil airson am fàilte a fhuair mi bho choimhearsnachd na Gàidhlig agus tha a-nis na pàirt mhòr dem bheatha! Thuirt mi uaireigin nach robh ùidh sam bith agam ann an Gàidhlig ionnsachadh, agus a-nis air dhomh ìre fileantach a ruighinn agus an duais seo fhaighinn - tha e dìreach iongantach! A-nis, chan urrainn dhomh smaoineachadh air ciamar a bhiodh mo bheath’ às aonais a’ chànain!”

A-raoir, chaidh ceathrar ùr ainmeachadh mar Charaidean a’ Mhòid, urram a chaidh a stèidheachadh ann a bhith a’ toirt aithne do sàr choileanadh coimhearsnachd don Ghàidhlig. Thàinig iad seo a Ghlaschu agus ghabh am baile seo riutha Coinneach MacThòmais, Kenna Chaimbeul agus Mairead NicLeòid – bho thùs san òrdugh sin – Ceann Loch Chille Chiaran, An t-Eilean Sgitheanach agus Dùn Èideann – còmhla ri Kirsteen Ghrannd, a rugadh faisg air baile Ghlaschu.

’S ann mar stiùiriche Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu -na GG’ - as fheàrr a dh’aithnichear Coinneach ‘Kenny’ MacThòmais, dreuchd a bh’ aige airson dà bhliadhna dheug thar fhichead – a’ togail còrr air fichead prìomh gheall-dùbhlain aig Mòdan. Tha Kenny air còrr air ceud pìos-ciùil ullachadh do chòisirean agus chaidh an coileanadh iongantach sin a chomharrachadh gu foirmeil nuair a chaidh Bonn Ìmpireachd Bhreatainn a bhuileachadh air ann an 2022.

Rugadh Kenna Chaimbeul san Eilean Sgitheanach, tha na seinneadair, neach-teagaisg agus neach-comhairle, choisinn i Bonn Òr A’ Chomunn Ghàidhealaich ann an 1959. Thug Kenna taic do bhith a’ stèidheachadh a’ chiad ullachadh bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu agus tha iomadh ginealach de sheinneadairean Gàidhlig a threòrachadh tro Fhèisean, Sabhal Mòr Ostaig agus Comann Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dannsa, a choisinn Ball Ìmpireachd Bhreatainn dhi ann an 2017.

Sheinn Mairead NicLeòid an-toiseach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1959, a cosnadh duais airson seinn san t-seann nòs, a’ leantainn sin choisinn an Aigeallan Airgid ann an 1962 agus Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1970. Bha i mar mheadhan air am buidheann cliùiteach Na h-Òganaich a’ stèidheachadh, a buannachadh farpais chòmhlain aig a’ Mhòd, a’ cluich aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Tha Kirsteen Ghrannd na buannaich air Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, na seinneadair ainmeil, na stiùiriche chòisirean agus ag ullachadh pìosan-ciùil. Tha i air a bhith a’ stiùireadh chòisirean airson cuibhreann mòr dha beatha – a’ togail Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn còmhla ri Còisir Ghàidhlig Shruighlea agus Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu. Tha Kirsteen air a bhith na britheamh aig Mòdan air feadh Alba agus Canada. Tha i cuideachd air còrr air ceud gu leth pìos ciùil ullachadh agus tha i air a bhith na Ball air Comataidh a’ Mhòid agus Comataidh Ciùil aig A’ Chomunn.

Leis a cheathrar churaidhean sin gan cuir ri Talla Urram nan Gàidheal tha aon air fhichead ball a-nis air an ainmeachadh mar Charaidean a’ Mhòid a-nis.

A’ coimhead ris an dàrna latha agus na farpaisean a fosgladh, tha am prògram fiù nas coileanta nan àbhaist, le barrachd fharpaisich ann an cànan, bàrdachd, dannsa agus ceòl.

Am measg na bu chòir fhaicinn tha Farpaisean Pìobaireachd a’ Mhòid. Bidh feadhainn fo aois 16 agus an fheadhainn eadar 16-18 aig Colaiste Baile Ghlaschu ann am Pìobaireachd Òigridh. Bidh Pìobaireachd Inbhich a’ gabhail àite aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, le prìomh chluicheadairean agus Ìre A agus Ìre B air an deuchainn ann am Pìobaireachd, Caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle.

’S ann air an dàrna latha a bhios Iomall a’ Mhòid a tòiseachadh cuideachd. A’ leantainn air a’ ghnàthas le “sàr spòrs Disathairne”, a’ tòiseachadh le Ball-coise a’ Mhòid aig Glasgow Green. Tha tachartas fad latha a’ gabhail àite le coidseadh agus geamannan airson clann fo aois 6 suas gu aois 12, air a ruith le Alba FA, agus an uairsin bidh sgioba na Gàidhealtachd fo aois 14 agus fo aois 16 a’ strì ris a chùis a dhèanamh air sgioba Ghlaschu airson Cupa Iain-Eàirdsidh MacCoinnich.

Cuideachd a’ cluich bidh cluicheadairean iomain na rìoghachd. Tòisichidh an tachartas le clann a’ farpais airson Cupa Mòd Ghlaschu. An uairsin bidh farpais airson Cupa a’ Mhòid airson Iomain nam Ban, le Meadhan Earra-Ghàidheal Glaschu a’ strì ri Obar Dobhair airson Cupa Dùbhlain LearnGaelic; agus buidhnean na fir Cupa a’ Mhòid airson Iomain nam Fear is iadsan a’ strì airson Cupa an Aghaidh Mhòir.

Air falbh bhon raon-cluich, bidh cothrom ann dhaibhsan a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu coinneachadh airson strùpag aig GME@40 Show and Tell. Feasgar, tha Seanchas an Tac an Teine – cruinneachadh neo-fhoirmeil le aoighean sònraichte ag innseadh sgeulachdan agus cothrom do dhuine sam bith na sgeulachdan aca fhèin innseadh – agus bidh bùth-obrach A’ Ghàidhlig is a’ Mhòinteach air a ruith le Ross Christie bhon bhuidheann NatureScot Ghnìomh air Mòinteach.

Agus às dèidh a h-uile a tha sin, tha oidhche mhòr a’ feitheamh oirbh ann an cuideachd teaghlach ciùil cho cliùiteach ri gin air Ghàidhealtachd, Cèilidh le na Cormacks. Bidh seo a’ gabhail àite ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu le aoighean sònraichte Ailean MacEanraig, Seonaidh Mac an t-Saoir, Murchadh ‘Yogi’ Camshroin agus na peathraichean Emma agus Claire NicLeòid.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche, An Comunn Gàidhealach: “’S e àm air leth a th’ ann a bhith a fianais am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tòiseachadh aon uair eile agus faodaidh moit a bhith air muinntir baile Glaschu air an càirdeas san coibhneas dhan tachartas. Le bhith a’ cur fàilte bhlàth chridheil air a h-uile duine gu Baile Mòr nan Gàidheal, tha prògram air leth ann a’ gabhail a-steach fileantaich, luchd-ionnsachaidh agus feadhainn a tha ùr dhan chànan is dhan chultar – a rèir coltais slighe a bhios a’ toirt fàs air luchd-leantainn dìleas na Gàidhlig tron an fhèis seo agus fada às a dèidh.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ dol ann an Glaschu gu Disathairne 17 Dàmhair 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean tadhailibh air https://modghlaschu2026.org.

« Back to Mòd News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu - Baile Mòr nan Gàidheal

Published: 09 Oct 2026

Phil MacHugh agus luchd-ciùil òga aig tachartas cuir air bhog Mòid

Tha Glaschu a’ cur fàilte air A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a tha na thaisbeanadh air leth air Gàidhlig, a cultar is a ceòl thar naoi làithean.

Tha dùil ri suas ri 10,000 farpaiseach, luchd-ealain de gach seòrsa agus luchd-tadhail a gheibh mòr thlachd ann a bhith còmhla ri chèile ann am Baile Mòr nan Gàidheal – agus am Mòd a’ tuirt thuca fèis eachdraidheil, ioma-ealain le cothrom do na h-uile eòlas fhaighinn air cultar shònraichte Albannach.

Tha prògram farsaing de chonsartan, farpaisean, taisbeanaidhean ealain, seiseanan, craoladh filmichean, caismeachd, tachartasan litreachais agus geamaichean spòrs a tòiseachadh an-diugh, air an cur ri chèile airson tlachd don h-uile duine – bho luchd-labhairt gu luchd-ionnsachaidh às ùr, chun fheadhainn a tha a’ cur eòlas air cultar na Gàidhlig airson a’ chiad uair.

Stèidhichte ann an linn Bhictoria, tha an tachartas ga chumail gach bliadhna ann am ceàrn eadar-dhealaichte de dh’Alba agus fhathast a’ tàladh na mìltean. ’S ann an 1895 a bha Mòd an Glaschu airson a’ chiad uair agus bhon uairsin tha am baile air fàilte a chuir an fhèis 12 turas, an turas mu dheireadh ann an 2019.

Tha am Mòd a tilleadh do Ghlaschu aig àm far a bheil fìor spionnadh sa chànan. Tha an àireamh fàis as motha de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa bhaile agus tha còrr air 2000 neach air iarrtas a chuir a-steach gu Mòd na bliadhna seo – eadar aois ceithir gu 80 - deiseil airson pàirt a ghabhail.

Bidh am Mòd a’ dol gu Disathairne 18 Dàmhair, ann an 16 de thallaichean Ghlaschu, nam measg Seòmar-dannsaidh Barrowland, Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Colaiste Baile Ghlaschu agus Taigh Èideird, uile deiseil airson fàilte a chur luchd-tadhail bho air feadh na h-Alba agus nas fhaid’ às.

Tha am Mòd a’ fosgladh a-nochd le comharrachadh iomchaidh air 40 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile. Tro cheòl, òrain agus dealbhan fo òrdugh shònraichte, bidh Ar Cànan ’s ar Ceòl a’ toirt urram do ghinealaich de luchd-iomairt, luchd-foghlaim agus teaghlaichean a tha air taic a thoirt do shoirbheachas a’ chànain sa bhaile.

Tha latha fosglaidh a’ Mhòid air a shònrachadh le bhith ag ainmeachadh Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna – duais bho Riaghaltas na h-Alba a’ toirt aithne do neach fa leth a tha air sàr choileanadh a dhèanamh às leth na Gàidhlig.

Am bliadhna, tha an urram seo ga bhuileachadh air Calum Fearghasdan, a stèidhich ALBA FA, a tha air geama nàiseanta na h-Alba a chleachdadh gu Gàidhlig a bhrosnachadh ’s a neartachadh a’ toirt chothroman às ùr do dhaoine an cànan ionnsachadh, a bhruidhinn agus a chleachdadh.

Rugadh e ann an Inbhir Nis agus chaidh e tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tro a dhreuchd mar chluicheadair ball-coise bha e aig acadamaidh òigridh Caledonian Inbhir Nis agus a’ cluich aig ìre phroifeasanta ann an Canada agus New Zealand. Thug an eòlas a fhuair e tro bhith ag obair thall thairis buaidh air gu tuigse mar a ghabhas cànan agus ball-coise a thoirt còmhla, agus sin ma a thoisich e air onair coiteachaidh dhan Ghàidhlig.

Tha ALBA FA a-nis a’ lìbhrigeadh prògraman ball-coise coimhearsnachd is òigridh ann an Glaschu agus air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a’ stèidheachadh a’ chiad sgioba ball-coise eadar-nàiseanta Gàidhlig. Tha Calum cuideachd a’ toirt Gàidhlig beò air na meadhanan Gàidhlig agus thatar tric a’ cur làmh air airson a bhith air prògram SpeakGaelic.

Thuirt Calum Fearghasdan an Tosgaire Gàidhlig: “’S e urram a th’ ann a bhith air m’ ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna leis A’ Chomunn Ghàidhealach agus Riaghaltas na h-Alba. Bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine aig an robh creideas sa phròiseact thar nam bliadhnachan agus an taic ionmhais do Alba FA. Às aonais an oidhirp agus an stiùir bhon choimhearsnachd cha bhiodh a’ chùis seo air a toirt gu buil.”

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear, An Comunn Gàidhealach: “Bidh na naoi làithean a tha romhainn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu, làn ceòl, tachartasan agus conaltradh. Tha seo na àm sònraichte do mhòran, le cothrom prìseil a bhith a’ còmhradh, a’ seinn, ag innse sgeulachdan agus spiorad càirdeis a’ Mhòid na fhìor bhun-stèidh air an tachartas. Tha Glaschu agus Gàidhlig a’ dol ann an glaic a chèile agus tha am baile a’ cur fàilte bhlàth chridheil air an tachartas agus tha sinn sònraichte toilichte gu bheil com-pàirt na bliadhna seo aig ìre cho àrd sa chunnacas gu ruige seo. Tha am Mòd na fhèis bheòthail ioma-ealain a far a bheil linntean de thraidisean a còrdadh gu dòigheil le ceòl is cultar an latha an-diugh – tha sinn a’ misneachadh a h-uile duine a thighinn na lùib!”

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam, Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein: “Tha e mar urram dhomh am Mòd Nàiseanta Rìoghail fhosgladh agus an duais airson Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a thoirt do Chalum Fearghasdan bho Alba FA.

“Tha am Mòd a’ cur ri beatha dhaoine ann an Alba, ’s e a’ toirt brosnachadh dhaibh. Bidh e a’ taisbeanadh na Gàidhlig aig ìre nàiseanta, ga fosgladh do dhaoine bho dhiofar shuidheachaidhean sòisealta, agus a’ tàladh fharpaiseach bho air feadh an t-saoghail.

“Sa Ghàidhlig fhèin, ’s e ‘Baile Mòr nan Gàidheal’ a chanar ri Glaschu, far-ainm a bheir iomradh air an dachaigh a tha tòrr luchd-labhairt na Gàidhlig air dèanamh dhaibh fhèin sa bhaile, bhon Tionndadh Gnìomhachais chun an latha an-diugh. Tha seo na shamhla air fàs na Gàidhlig an-diugh agus cho làidir ’s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre ionadail.
“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur an gnìomh Achd nan Cànan Albannach. Am measg cheumannan eile, bidh seo a’ neartachadh foghlam Gàidhlig airson ’s gum bi an cànan a’ sìor-fhàs ann an Glaschu, agus air feadh na dùthcha.”
“Bu mhath leinn cuideachd meal-a-naidheachd a chur air Calum MacFhearghais a chaidh ainmeachadh Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna. Tha an dealas aige a thaobh a bhith a’ cruthachadh chothroman do dhaoine òga pàirt gnìomhach a ghabhail ann an spòrs tro mheadhan na Gàidhlig airidh air an aithne seo.”

Thuirt am Bàillidh Annette Christie, Cathraiche Glasgow Life agus Neach-gairm a’ bhaile airson Cultar, Spòrs agus Ceangalan Eadar-nàiseanta: “Tha Glaschu air leth toilichte a bhith a’ cur fàilte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail aon uair eile agus a’ cur fàilte air luchd-tadhail bho thall sa bhos chun chomharrachadh as motha san t-saoghail a thaobh na Gàidhlig, a litreachas agus a ceòl.

“Tha pàirt sònraichte aig a’ Ghàidhlig ann an inbhe chultarail a’ bhaile, dachaigh do luchd-labhairt a’ chànain a tha a sìor fhàs agus do chòig sgoiltean Gàidhlig, tha Glasgow Life tro a phrògraman a’ cumail taic ri leasachadh air na h-ealain Ghàidhlig agus a brosnachadh an tuilleadh chompàirteachais.

“Tha prògram iomall Mòd 2026 le farsaingeachd le chothroman in-ghabhalach do na h-uile – eadar gum bruidhinn iad an cànan no nach bruidhinn - a thighinn còmhla agus eòlas a chur air obair chruthachail thraidiseanta agus ùr-nòsach Ghàidhlig agus mholainn gun gabhadh a’ mhòr-shluagh ùidh ann an tachartasan an fhèis iongantach seo.”

Thuirt Rob Dickson, Stiùiriche Gnìomhachais agus Tachartas aig VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail na clach-oisein ann am mìosachan cultar na h-Alba, a’ taisbeanadh doimhneachd, cruthachas agus tàladh leantainn na Gàidhlig agus a cultar.

“Tha àireamhan compàirteachaidh na bliadhna seo nam fianais air neart cultar na Gàidhlig agus an dleastanas chudromach a th’ aig a’ Mhòd ann a bhith a’ toirt cothruim do dhaoine an tàlantan fhoillseachadh agus moit a bhith aca annta.

“Tha Gàidhlig air fhighe a-steach tro thraidiseanan dualchais, ciùil agus seanchasan na h-Alba, far a bheil an eòlas a gheibh luchd-tadhail a’ ceangal dhaoine ri ar n-eachdraidh, coimhearsnachdan agus dòigh-beatha. Tha tachartasan leithid a’ Mhòid a’ taisbeanadh neart agus beòthalas cultar na Gàidhlig, a’ misneachadh luchd-èisteachd aig an taigh agus air feadh an t-saoghail.”

Thuirt Ealasaid Nic Dhòmhnaill, Ceannard (CEO), Bòrd na Gàidhlig: “Tha àite sònraichte aig Glaschu ann an cridhean nan Gàidheal, agus ’s e baile air leth a th’ ann airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ guidhe gach soirbheachas do gach neach a tha an sàs anns a’ Mhòd, tha sinn a’ cur luach mòr air an obair chruaidh agaibh, agus tha sinn cinnteach gum bi am Mòd seo ann an Glaschu na thaisbeanadh air leth de chànan, cultar agus dualchas nan Gàidheal.

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ dol ann an Glaschu gu Disathairne 17 Dàmhair 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean tadhailibh air https://modghlaschu2026.org.

« Back to Mòd News List

Preasantair Tbh agus Gàidheal Ghlaschu Phil MacHugh gu bhith aig stiùir Cuirm Fhosglaidh a’ Mhòid

Published: 07 Oct 2026

Carrie NicNèill agus Phil MacHugh

Cuidichidh Phil MacHugh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chuir air a chasan ann an Glaschu Dihaoine agus e na fhear an taighe aig A’ Chuirm Fhosglaidh ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu.

Tha Phil na phreasantair air Scottish Fling an cuide ri a charaid agus an neach-ionnsachaidh Gàidhlig Martin Compston, is cuideachd air an àrd-ùrlar bidh a cho-ogha, preseantair is Gàidheal Ghlaschu Catrìona (Carrie) NicNèill.

Bha Phil agus Carrie am measg na ciad sgoilearan aig aonad Sgoil Sir John Maxwell ann an Glaschu nuair a dh’fhosgail e ann an 1985.

Stiùiridh an dithis aca an èisteachd tro cheòl, seinn agus filmichean gus 40 bliadhna foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile a chomharrachadh.

Bidh an cuirm, Ar Cànan ’s Ar Ceòl, mar thuras o na làithean a thòisich aonad Sgoil Sir John Maxwell chun an latha an-diugh agus còig sgoiltean Gàidhlig sa bhaile.

Thèid an turas a shealltainn tro fhiolam sònraichte anns am bi ceòl a chluich orcastra sgoilearan an latha an-diugh agus an-dè, cluinnear aoighean air an oidhche cuideachd, a’ comharrachadh cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig is cho cudromach is a tha foghlam.

Thuirt Phil MacHugh: “Tha e na urram a bhith an sàs agus mo thaic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2026 a shealltainn. Tha mo cheangal ris a’ Ghàidhlig làidir.. Fhuair mi Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig aig aonadan Sir John Maxwell agus Cnoc na Pàirce eadar aoisean 4 is 17.

“’S iomadh doras a dh’fhosgail sin agus cuimhneachan a th’ agam mi air sgàth ’s an fhoghlam sin. Càirdeasan, is cothroman am pailteas. Tha a’ Ghàidhlig air buaidh nach beag a thoirt air mo bheatha is mi air mo dhòigh an cànan, cultar agus coimhearsnachd fhaicinn air àrd-ùrlar cho cliùiteach.

“Tha Am Mòd na chomharrachadh air leth air a h-uile càil a tha Gàidhlig a riochdachadh is tha mi air mo dhòigh a bhith an sàs ann an Glaschu ann an 2026.”

Thuirt Carrie NicNèill: “Bha mo theaghlach an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh FTMG, le mo mhàthair mar a’ chiad tidsear agus mo phiuthar agus mo cho-oghaichean am measg nan ciad sgoilearan. Chruthaich FTMG coimhearsnachd làidir bhon toiseach agus thug e dòchas dhan chànan is dhan chultar son an àm ri teachd. Thug na cothroman a fhuair mi tro FTMG buaidh mhaireannach air mo bheatha air fad. Mar thidsear Gàidhlig sa bhaile mi fhìn a-nise, tha e iongantach dhomh an adhartas a chaidh a dhèanamh bho na làithean tràtha sin fhaicinn.

“Tha na th’ againn an-diugh mar theisteanas air an obair chruaidh a rinn na daoine a stèidhich FTMG agus a chùm taic ris thar nam bliadhnaichean, agus tha e na urram dhomh a bhith a’ cur ri sin a-nis. Chì mi le mo shùilean fhèin a’ bhuaidh a th’ aig FTMG, chan ann a-mhàin air daoine fa leth, ach ann a bhith a’ togail agus a’ glèidheadh coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Glaschu.”

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026, far am bi mi 300 cuirm, farpais, cèilidh, taisbeanadh agus òraid a chì mu 10,000 neach tadhail. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air: Tachartasan | Events

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow