Naidheachdan

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan Òban ann an 2028

Published: 25 Feb 2026

Mòd an Òbain 2024

​Chaidh a dhearbhadh an-diugh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan Òban, far an robh a’ chiad Mòd a-riamh, is a’ bhaile ainmichte far am bi prìomh fhèille cànan, cultar is ealain na Gàidhlig ann an 2028.

Aithnichte mar chreathail a’ Mhòid bhon fhìor thoiseach ann an 1892, dhearbh an Òban cho freagarrach ’s a tha e nuair a bha Mòd Nàiseanta air leth soirbheachail sa baile ann an 2024.

Sgaoil an naidheachd - air Seachdain na Gàidhlig - nuair a dh’aontaich coinneamh Làn Chomhairle aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, far an deach buannachdan cultarail, eaconamach agus foghlaim A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail aithneachadh.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail thairis air naoi làithean ann an àite eadar-dhealaichte an Alba gach bliadhna. ’S e an fhèis Gàidhlig as motha an Alba far am bi farpaisean, cuirmean-ciùil, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus seiseanan.

B’ e 2024 an 17mh turas a bha Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban 133 bliadhna o na thòisich e. Chuir an tachartas cultarail mìorbhaileach fàilte air 9,000 neach-tadhail agus thug e buannachd eaconamach nach beag £3.6 millean dhan sgìre. Tha an luchd-eagrachaidh ag iarraidh sin a leudachadh ann an 2028.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Gach uair a thèid sinn dhan Òban, dearbhaidh am baile a chliù mar ‘Chreathail a’ Mhòid’, mar sin tha sinn air ar dòigh tilleadh an 18mh turas ann an 2028. Le Comataidh Ionadail èasgaidh an sàs is taic chudromach na Comhairle is luchd-èisteachd Earra-Ghàidheil, tha fios againn gu bheil deagh Mhòd Nàiseanta Rìoghail eile air fàire. Bheir gach àite rudeigin sònraichte dhan fhèis agus ’s cinnteach gum bi blàths agus aoigheachd Mòd an Òbain follaiseach uair eile.”

Thuirt Innes MacCuinn, Cathraiche, Comunn Gàidhealach an Òbain: “Tha Comunn Gàidhealach an Òbain air ar dòigh fàilte a chur air ais dhan Mhòd Nàiseanta ann an 2028. Às dèidh Mòd soirbheachail ann an 2024, tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith ag obair cuide ri An Comunn Gàidhealach, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus a’ choimhearsnachd air fad gus a bhith cinnteach gur e tachartas a dh’fhaodadh ar baile a bhith moiteil às a bhios ann am Mòd an Òbain 2028. Tha àite cudromach aig a’ Ghàidhlig agus ar cultar ann an coimhearsnachd an Òbain agus tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith a’ comharrachadh sin agus a’ togail air ann an ullachadh agus lìbhrigeadh Mòd Nàiseanta 2028.”

Thuirt an Comhairliche Luna Martin, Stiùiriche Polasaidh Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Tha sinn air ar dòigh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan Òban ann an 2028. ’S e tachartas air leth cudromach a th’ ann, na dhearbhadh air cudromachd cànan is cultar na Gàidhlig is a’ taisbeanadh ar dualchas ealanta. Bheir am Mòd buannachdan cultarail agus eaconamach, trusaidh e luchd-tadhail, taic do ghnìomhachasan ionadail agus na dhearbhadh gun urrainn do dh’Earra-Ghàidheal is Bhòid tachartasan nàiseanta a chuir air bhonn. Nì sinn fiughair ri obrachadh leis A’ Chomunn Gàidhealach gus am bi fèis soirbheachail is brosnachail air thoiseach oirnn.”

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu am bliadhna eadar 9mh is 17mh Dàmhair 2026 is anns Na h-Eileanan Siar eadar 8mh is 16mh Dàmhair 2027.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 san t-Òban, eadar 6mh is 14mh den Dàmhair.

« Back to Mòd News List

Iarrtasan Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026 a’ fosgladh

Published: 04 Feb 2026

Sgioba òran luaidh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025

​Tha An Comunn Gàidhealach, luchd-eagrachaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ fosgladh iarrtasan tachartas am bliadhna, a bhios an Glaschu, an-diugh.

Tillidh an tachartas dhan bhaile as motha an Alba eadar 9 – 17 Dàmhair 2026. Bidh an tachartas, a tha 134 bliadhna a dh’aois, air ais am baile mòr nan Gàidheal.

Tha eachdraidh làidir aig A’ Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu, chaidh a chumail sa bhaile 12 tursan, mu dheireadh ann an 2019.

Mar dhachaigh do choimhearsnachd luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, roinn ealain is ciùil beòthail, ionadan air leth agus aithnichte air feadh an t-saoghail airson tachartasan mòra: tha am baile deiseil gus fàilte a chuir air Mòd 2026.

Tha luchd-eagrachaidh A’ Chomuinn Ghàidhealaich an-dràsta a’ sireadh farpaisich de gach aois is le diofar sgilean, a chuireas iarrtasan a-steach gus am bi iad an lùib an fhèis Ghàidhlig as motha san t-saoghal, clach-mhìle chudromach ann an clàr-ama a’ Mhòid.

Bha Mòd an-uiridh, air a chumail ann an Loch Abar air leth soirbheachail le 1,900 farpaiseach an sàs.

Thairis air naoi làithean, bidh raon diofar fharpaisean a-rithist aig A’ Mhòd, nam measg seinn còisir, seinn aon-neach, bogsa-ciùil, clàrsach, dràma, bàrdachd, sgeulachdan, ealain agus Cogadh nan Còmhlan.

Faodaidh farpaisich iarrtasan a chlàradh an seo (enter.ancomunn.co.uk) ro mheadhan-oidhche Didòmhnaich 31d Cèitean.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Nì sinn uile ar slighe a Ghlaschu ann an 2026 agus Am Mòd a’ tilleadh dhan bhaile as motha an Alba. Tha e na clach-mhìle mhòr iarrtasan fhosgladh agus sinn ag amas air na h-àireamhan mòr a bh’ againn an-uiridh a bhith am follais uair eile. Tha farpaisean aig cridhe a’ Mhòid agus iad a’ brosnachadh daoine an sgilean Gàidhlig a leasachadh. A bharrachd air sin, leasachaidh iad càirdeasan, pròis agus coimhearsnachd. Tha in-ghabhail aig teas-mheadhan a’ Mhòid agus gheibh gach pàirt de chultar na Gàidhlig cothrom a bhith air beulaibh an t-sluaigh. Brosnachaidh sinn a h-uile duine a dhol an sàs ann an tachartas am bliadhna ann an Glaschu.”

Gach bliadhna bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an àite eadar-dhealaichte an Alba agus is e an fhèis as motha a tha a’ comharrachadh cànan, cultar, spòrs agus na h-ealain Gàidhlig.

A bharrachd air farpaisean, bheir prògram an iomaill cuirmean-ciùil, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus seiseanan air feadh a’ bhaile.

Bheir Am Mòd seachad buannachdan eaconamach agus cultarail dhan àite far am bi e a’ brosnachadh is a’ leudachadh na Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu ann an 2026, eadar 9mhis 17mh den Dàmhair.

Gliog an seo gus iarrtas a chuir a-steach.

Gabhaidh faidhlichean cudromach co-cheangailte ri Am Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026, a leithid riaghailtean, stiùireadh, clàran-eagair agus atharrachaidhean air pìosan ainmichte, luchdachadh a-nuas an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow