Naidheachdan

Cuairt a’ Mhòid

Published: 02 Feb 2016

Leis Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh chun na h-Eileannan an Iar am-bliadhna, chìthear sgioba a’ Chomuinn a’ tarring orra le ‘Cuairt a’ Mhòid’ sa Ghearran ‘s a’ tadhail air sgoiltean air feadh Eilean Leòdhais. Thèid Cuairt a’ Mhòid a
chumail thairis air seachdain gus aire a’ Mhòid a thogail agus clann a bhrosnachadh a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a thèid a chumail san Dàmhair, 2016. Bidh Seumas Greumach, Manaidsear a’ Mhòid, agus Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, a’ stiùireadh an sgioba le luchd-ciùil ionadail, Andy Yearly, Louisa Barron agus Stephen Drummond nam measg. Mar phàirt den Chuairt seo agus, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, bithear a’ cur cuideam air dòighean innse sgeulachdan, rud a chòrdas ris a’ chloinn.

Chaidh Cuairt a’ Mhòid a stèidheachadh an-uiridh san Òban ‘s iad a’ tadhail air 12 sgoiltean sa sgìre. Bha an Iomairt gu math soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd agus gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga.

Bidh am Mòd a’ tighinn dha na h-Eileanan airson an 6mh turas na eachdraidh am bliadhnas tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi làn-riochdachadh aige bho nah-Eileanan air fad.

Thuirt Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, “S e sgeama a tha ann an Cuairt a Mhòid a tha An Comunn Gàidhealach airson cumail a’ dol gach bliadhna ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte, airson aire chloinne a tharraing gu na Mòdan ionadail agus nàiseanta ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho na h-Eileanan fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu h-àraidh leis gu bheil na h-Eileanan làn thàlant a leithid.”

Thathas an dòchas gum bi sgioba a’ Chomuinn a’ tadhail air sgoiltean air feadh nan Eilean Siar nas fhaide sa bhliadhna. Thuirt Seonag, “Gu mì-fhortanach, cha cheadaich an tìde dhuinn faighinn timcheall a h-uile sgoil sna h-Eileanan an triop seo, ach tha sinn airson ceilidh air sgoiltean sna Hearadh, an Uibhist agus ann am Barraigh roimhe a’ Mhòid.

Bha suas ri 10,000 neach a’ frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh, a chunnacas farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia a’ gabhail pàirt. Aig fèis iomall a’ Mhòid bidh cuirmean, seiseanan, òraidean is eile ann an diofar àiteachan air feadh na fèise naoi-latha.

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a chumail sna h-Eileanan an Iar eadar 14-22 Dàmhair. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh tadhailibh air: www.ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council