Coinneamh Bhliadhnail Meur Inbhir Nis

Published: 07 Nov 2018

Thèid Coinneamh Bhliadhnail Meur Inbhir Nis a chumail air Dimàirt 4 Dùbhlachd 2018 aig 7f ann an Oifis a’ Chomuin, Taigh Bhaile an Athain, 40 Sràid Hunndaidh, Inbhir Nis, IV3 5HR.

Bidh fàilte chridheil oirbh uile.

Back to ACG News List

Brot is Mìlsean an Inbhir Nis

Published: 07 Nov 2018

Back to ACG News List

Cuairt-litir Dàmhair

Published: 02 Nov 2018

Bheir sùil air a’ chuairt-litir againn airson fiosrachadh & dealbhan bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus naidheachdan bho saoghal na Gàidhlig…

Back to ACG News List

Còisirean Sgìreil

Published: 24 Oct 2018

​Tha sinn air leth thoilichte innse dhuibh gun deach Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh gu Còisir Ghàidhlig Shruighlea agus gun deach Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn gu Còisir Ghàidhlig Lodainn. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

Gheibhear dealbhan bho Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo air làrach-lìn Graham Hood.

Back to ACG News List

Còisirean Dùthchail 2018

Published: 24 Oct 2018

Tha sinn toilichte innse gur e Còisir Ghàidhlig Mhealabhaich a choisinn Sgiath Latharna am bliadhna agus choisinn Bùrach Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul - meal an naidheachd oirbh uile!

Gheibhear dealbhan de na còisirean dùthchail an seo: http://www.grahamhoodphotography.com/proofing/royal-national-mod-thursday-18th-october-2018/gallery​

Back to ACG News List

Buinn Òir an t-Seann Nòis 2018

Published: 19 Oct 2018

‘S iad Steaphanaidh Chaimbeul agus Ciaran Iòsaph MacAonghais a bhuannaich Buinn Òir an t-Seann Nòis am bliadhna. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

Gheibhear dealbhan bho farpaisean Diardaoin agus Dihaoine an seo:

Diardaoin 18 Dàmhair - Thursday 18 October

Dihaoine 19 Dàmhair - Friday 19 October

Back to ACG News List

Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna 2018

Published: 18 Oct 2018

Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna 2018

À Dùn Bàrr bho thùs, tha Iseabail na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu a thug bliadhna sechad aig Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna. Bha ùidh aice riamh ann an cànanan ach cha b’ ann gus a’ bhliadhna mu dheireadh aice ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig a fhuair i an cothrom Gàidhlig a dhèanamh ‘son a’ chiad uair. Bhon uair sin tha Iseabail air obair ionmholta a dhèanamh, is i a-nis fileanta sa Ghàidhlig is air leth dealasach mun chànan anns a h-uile dòigh.

Back to ACG News List

Luchd-buannachaidh Buinn Òir a' Chommuinn 2018

Published: 18 Oct 2018

Ruairidh Cormack, Port Rìgh agus Ceitidh Chaimbeul, Inbhir Nis, luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2018, . Mealaibh bh’ ur naidheachd!

Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson dealbhan bho farpaisean Diciadain:

http://www.grahamhoodphotography.com/proofing/royal-national-mod-2018-wednesday-17th-october?fbclid=IwAR0luncedcKU-d4rYSFL54dF_GLSfezyTREEDfr9iiIgp1eS3gIXaDARX-Q

Back to ACG News List

An Aigeallan Airgid 2018

Published: 18 Oct 2018

Eileen Duncan, Tunga agus Mikie MacEanraig, Keiss, luchd-buannachadh An Aigeallan Argid 2018. Mealaibh bh’ ur naidheachd!

Back to ACG News List

Farpais Crìochnachaidh am Bonn Òir

Published: 17 Oct 2018

Gheibh sibh liosta de na farpaisich a tha a’ dol troimh gu Farpais Crìochnachaidh nam Bonn Òir a-nochd. Mealaibh bh’ ur naidheachd- tha sinn a’ guidhe gun tèid a h-uile càil gu math.

Back to ACG News List

Dealbhan a' Mhòid

Published: 17 Oct 2018

Bruthaibh air an ceangal seo airson dealbhan Mòd na bliadhna seo:

www.grahamhoodphotography.com

Back to ACG News List

Comharran

Published: 17 Oct 2018

Cumaibh sùil air na comharran tron làrach-lìn againn.

http://enter.ancomunn.co.uk/competitions/winners/event_id:7

#Mòd2018 #YOYP2018

Back to ACG News List

Prògram Iomall a' Mhòid 2018

Published: 04 Oct 2018

Clioc air an dealbh gu h-ìosal airson Prògram Iomall a’ Mhòid 2018 fhaicinn:

Back to ACG News List

Poileasaidh Prìobhaideach & Dìon Dàta

Published: 25 May 2018

Tha sinn air am Poileasaidh Prìobhaideach & Dìon Dàta againn atharrachadh. Gheibh sibh am poileasaidh an seo.

Ma tha cèist sam bith agaibh a thaobh seo, cuiribh fios gu:

Iain Moireasdan,
Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich

Taigh Bhaile an Athain,
40 Sraid Hunndaidh,
Inbhir Nis
IV3 5HR

Back to ACG News List

Seirbheis Tiodhlacadh Iain Macleòid

Published: 16 Jan 2018

​Thèid seirbheis tiodhlacadh Iain Macleòid, nach maireann, a chumail air Dihaoine 19/01/18 aig 11.30m ann an Eaglais Shaor Chàrlabhaigh an Leòdhas leis an tiodhlacadh ann an Cladh Dhal Mòr. Thèid seirbheis a chumail san Eaglais aig 9f oidhche Dhiardaoin. Tha sinn a’ cuimhneachadh air an teaghlach anns na làithean a th’air thoiseach.

Back to ACG News List

A’ caoidh sàr Ghàidheal!

Published: 05 Jan 2018

Chaill sinn sàr Ghàidheal gu h-obann Diardaoin an 4 latha den Fhaoilleach agus ‘s e buile uamhasach a th’ ann am bàs Iain MhicLeòid aig 66 bliadhna a dh’aois, agus bi ionndrainn mhòr air a chuid dìchill agus dealas ann an saoghal na Gàidhlig.

Ach ‘s ann dhan dlùth theaghlach a th’ air am fàgail a tha ar prìomh smaointinn agus co-fhaireachadh an toiseach is a bhanntrach Cairistiona, a mhac Calum, agus a nighean Màiri is a cèile Kevin, agus peathraichean Iain is an cuid theaghlaichean uile, a’ feuchainn ri cothachadh ris a chall dhuilich seo nam measg. Tha sinn a’ guidhe neart agus furtachd dhaibh.

Bha Iain a’ cur taic ri leasachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna ach bho leig e dheth a dhreuchd ann am poileas Lodain is nan Crìochan ann an 2000 chaidh a chuid obrach às leth a’ chànain am meud gu mòr. Am measg iomadh iomairt eile bha Iain na Chathraiche air Comunn nam Pàrant, na bhall air bòrd Chomunn na Gàidhlig, na bhall air Bòrd na Gàidhlig, agus air bòrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich far an tug e cuideachd deich bliadhna mar Cheann-suidhe. Nuair a leig Iain sin dheth aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn toiseach 2017, thuirt e gun robh an dreuchd air a bhith na urram mhòr dha agus bha e moiteil gun robh “an Comunn a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

Às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich bu mhath leamsa daingneachadh às ùr cho uasal ’s a tha sinne as na rinn Iain dhan bhuidheann seo agus dhan Ghàidhlig san fharsaingeachd, agus bha sinn air leth moiteil gun deach aithne phoblach a thoirt dha mòr-shaothair Iain nuair a bhuilich Sabhal Mòr Ostaig urram Sàr Ghàidheal air aig ceumnachadh bhliadhnail na colaiste san fhoghar 2017.

Dhomh fhìn b’ e urram a bh’ ann eòlas fhaotainn air Iain thar faisg air còig bliadhna fichead, agus tha mi a’ guidhe sìth mhaireann dha ceatharnach!

Tha sinn mothachail gum bi mòran airson fiosrachadh seirbheis tiodhlacaidh fhaotainn agus foillsichidh sinn sin cho luath sa gheibh sinn dearbhadh bhon teaghlach.

Ailean Caimbeul

Ceann-suidhe a Chomuinn Ghàidhealaich

Tha mi gu mòr an comain an Àrd Ollamh Dòmhnall Meek airson cead nam faclan grinn seo a sgrìobh e nuair a chual’ e naidheachd bàis Iain fhoillseachadh an seo. Mar is àbhaist tha bàrdachd Dhòmhnaill a’ bruidhinn gu h-ealanta às ar leth uile.

IAIN MACLEÒID
Nach maireann

Thàinig naidheachd sa mhadainn
A thug bròn orm is smalan
Gun do leagadh an gaisgeach MacLeòid.

Mar chraobh chinnteach na daraich,
Sheas e làidir is daingeann
A’ toirt dùbhlan don ghaillinn ‘s e beò.

Fo gheugan bha fasgadh
Do gach neach a bha labhairt
Ann an cànan nan Gàidheal mar an còir;

Gu socrach ‘s gu gasda,
Anns an sgoil is an dachaigh,
Bheireadh Iain dhaibh taic agus treòir.

Ann an sràid a’ phrìomh bhaile
Bha a’ Ghàidhlig fo aire,
‘S e cur loinn agus mais’ air a seòl.

Mar cheannard bha snas air,
Gun àrdan, gun charachd,
Ach gu h-iriosal, tapaidh na dhòigh.

Gun fhiosda leagadh an darag
Le buille tuaighe bha aithghearr,
‘S chaidh ar grian is ar latha fo sgòth.

A Leòdaich uasail, a charaid,
Tha do bhàs-sa gar crathadh,
‘S tha naidheachd na maidne gar leòn.

Domhnall E Meek - 5.01.18


Back to ACG News List

Cèilidh an t-Seann Bhliadhn’ Ùr aig Comunn Gàidhealach an Òbain

Published: 20 Dec 2017

Thèid Cèilidh an t-Seann Bhliadhn’ Ùr aig Comunn Gàidhealach an Òbain a chumail air Disathairne 13mh den Fhaoilleach 2018 aig 7.30f ann an Talla a’ Chlachair, Sràid Albany, An t-Òban.

Feuch gun sgaoil sibh am fiosrachadh seo gu neach sam bith a bhiodh airson a bhith an làthair.

Back to ACG News List

Cuairt-litir Sultain

Published: 29 Sep 2017

​Seo agaibh an ath iris den chuairt-litir againn:

Cuairt-litir ACG Sultain 2017

Back to ACG News List

Bratach Albannach Ùr aig Taigh Bhaile an Athain

Published: 14 Sep 2017

​Chaidh bratach Albannach a chur an àrd aig Taigh Bhaile an Athain airson ceanglaichean eachdraidheil is dualchas eadar An Comunn Gàidhealach agus Urras Nàiseanta na h-Alba a chomharrachadh.

Back to ACG News List

Tormod MacIlleathain

Published: 01 Sep 2017

​‘S ann duilich a bha sinn nuair a chuala sinn an naidheachd gun do chaochail Tormod MacIlleathain, aig aois 80, air an 31mh den Lùnastal.

‘Be duine air leth tàlantach a bh’ ann an Tormod, air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig is fad is farsaing. Bha e ainmeil ann an comadaidh agus mar chleasaiche, seinneadair, neach-teagasg, bàrd, sgrìobhagair agus sàr-phìobaire. Bhiodh e cuideachd ainmeil airson a bhith a’ toirt taic agus misneachd dha òigridh agus dha luchd-ciùil thairis air na bliadhnaichean.

Ann an 1967, choisinn e Bonn Òir a’ Chomuinn agus chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn- an aon duine a fhuair an dà dhuais seo anns an aon bhliadhna.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air a theaghlach agus a charaidean aig an àm duilich a tha seo.

Tormod MacIlleathain
Tormod MacIlleathain

Back to ACG News List

Còisir Gàidhlig an Iar Thuath a’ sireadh Buill Ùr

Published: 01 Aug 2017

​Tha Còisir Gàidhlig an Iar Thuath a’ lorg fir agus sopranos airson an Còisir aca, airson pàirt a ghabhail ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

“Bidh sinn a’ gabhail pàirt ann am farpaisean a thèid a chumail anns a’ Ghearasdan air an 18mh den Dàmhair. Gheibhear taic le na facail / ceòl. Chan fheumar a bhi fileanta sa’ Ghàidhlig ach feumar a
bhith dèidheil air a bhith seinn!


“Bidh sinn a’ coinneachadh gach oidhche Dhiardaoin .

“Ma tha ùidh agaibh, nach cuir sibh fios thugainn.”

https://www.facebook.com/coisirghaidgliganiarthuath/

Back to ACG News List

Bùthan-obrach Comunn nan Còisirean

Published: 24 May 2017

​Tha e na thlachd do Chomunn nan Còisirean innse gu bheilear a’ cumail dà bhùth-obrach gus sgilean stiùirichean còisirean Gàidhlig a leasachadh. Fhuairear taic-airgid airson nam bùthan-obrach bhon mhaoineachadh ‘Tasgadh’ aig Alba Chruthachail. Tha iad seo a’ leanntainn air dà bhùth-obrach a chaidh a chumail leis a’ Chomunn Ghàidhealach bho chionn trì bliadhna.

Thuirt Dòmhnall MacLeòid, a tha na bhall de Chomunn nan Còisirean, “As dèidh dhuinn beagan rannsachaidh a dhèanamh, bha e follaiseach gun robh stiùirichean còisir a’ cur fàilte air trèanadh is taic bho stiùirichean aig a bheil sàr eòlas, airson an cuid sgilean a leasachadh. Tha fhios nach eil e furasta neo dha-rìreabh, comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a chumail a’ dol neo a stèidheachadh mura h-eil na goireasan is eile aca. Tro na bùthan-obrach seo ge-ta, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a’ dèanamh seo.”

Tha na bùthan-obrach fosgailte do stiùiriche còisir sam bith ach gu h-àraidh ag amas air stiùiriche còisir òigridh aig a bheil ùidh agus miann còisir a leasachadh neo a chruthachadh as ùr. Thèid a’ chiad fhear a chumail anns an Ionad Spectrum ann an Inbhir Nis air an 24mh den Ògmhios bho 0930-1530, air a stiùireadh leis an neachd-ciùil agus stiùriche Còisir an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich. Thèid fear eile a chumail ann an Glaschu nas fhaide sa bhliadhna, air a stiùireadh le stiùiriche cliùteach Cèolraidh Ghàidhlig Ghlaschu, Coinneach MacThòmais, ‘s thèid fiosrachadh a sgaoileadh mun seo nas fhaisge air an àm. Cha bhi gach bùth-obrach a’ cosg ach £25.

Thuirt Coinneach MacThòmais, a bhios a’ lìbhrigeadh a’ bhùth-obrach an Glaschu, “Tha mi fhìn air a bhith an sàs ann an còisirean Gàidhlig fad bhliadhnichean mòra ‘s tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cumail taic ris na stiùirichean agus a’ toirt seachad dhaibh beagan den t-eòlas a fhuair mi fhìn thairis air an àm sin. Aig a’ cheann thall, tha sinn airson ‘s gum tig àrdachadh air àireamhan de chòisirean Gàidhlig san fharsaingeachd ‘s gu dearbh, bhiodh e math dhà neo trì còisirean Gàidhlig eile fhaicinn stèidhichte air feadh na dùthcha.”

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a’ frithealadh nam bùthan-obrach seo, cuiribh fios gu Dòmhnall MacLeòid: donniemaroot@hotmail.co.uk, fòn. 07900 512 614.

Back to ACG News List

Tha Acadamaidh a’ Mhòid air an Rathad

Published: 17 May 2017

​Tha Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach agus Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd Nàiseanta Loch Abar ag obair ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh air thoiseach air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an Loch Abar ann am meadhan na Dàmhair.

Tha sgoiltean ann an sgìre Loch Abar an-dràsta a’ faighinn cothrom com-pàirt a ghabhail ann am Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid, far a bheil oidean Gàidhlig agus oidean ceòl traidiseanta a’ tadhal air sgoiltean anns an sgìre gus oideachadh cànain is ciùil a thoirt do sgoilearan.

Bidh Acadamaidh a’ Mhòid a’ dèanamh cinnteach gu bheil aithne freagarrach air a thoirt do Ghàidhlig, òrain is bàrdachd Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta ann an sgoiltean, agus gum bi cothrom aig sgoilearan oideachadh fhaighinn anns na raointean seo. Bheir seo taic do dhaoine òga gus ullachadh airson a’ Mhòid.

An-dràsta, tha 14 sgoiltean san sgìre air cothrom a ghabhail a bhith an lùib Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid. Tha am Pròiseact cuideachd a’ gabhail a-steach sreath de Thaisbeanaidhean Rathaid airson a’ Mhòid, agus Oifigearan bhon Chomunn Ghàidhealach a’ tadhal air sgoiltean gus aire a thogail mun Mhòd agus mu dhòighean san urrainn do sgoilearan com-pàirt a ghabhail anns na farpaisean is na tachartasan. Thathar an dòchas gum bi barrachd dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt sa Mhòd air sgàth seo.

Thuirt Mgr Raghnall Camshron, Cathraiche na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, “Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chuir Meur Loch Abar – meur ionadail a’ Chomuinn – air dòigh oide gus sgoilearan anns na 3 bun-sgoiltean ionadail ullachadh airson Mòd Sgìre Loch Abar.

“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach, air Fèisean nan Gàidheal a thoirt an lùib seo gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh airson oideachadh a sgaoileadh gu 14 sgoil thar na sgìre san fharsaingeachd agus sgoilearan ullachadh airson an dà Mhòd Ionadail agus airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. ’S e fìor dheagh naidheachd a tha seo agus bheir e spionnadh do bheartas cultarail is cànain a leanas airson iomadh bliadhna. Tha seo cuideachd a’ toirt fianais thràth air na buannachdan cultarail is eaconamach a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tabhann dhan sgìre.”

Lean e air adhart, “Tha Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a’ com-pàirteachadh sheinneadairean is sheanachaidhean eòlach is cliùiteach bhon sgìre mu thimcheall, nam measg Joy Dunlop, Màiri Anna NicUalraig, Seònaid Chaimbeul agus Sìleas Nic na Ceàrdaich. Bu toil leinn an cothrom a ghabhail taing a thoirt dhan luchd-eagrachaidh, na h-oidean agus na Ceannardan-sgoile a tha an sàs sa phròiseact.”

Thuirt a’ Bh-uas Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal, “Tha a bhith a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ dèanamh ceòl Gàidhlig, gu h-àraid ann an suidheachadh buidhne, na dheagh eisimpleir air na nithean as fheàrr mun Churraicealam airson Sàr-mhathais. Le bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach, tha cothrom air a bhith againn sgioba oidean air leth a chur air dòigh, agus is urrainn dhan phrògram a tha sinn air a chur ri chèile taic a thoirt do luchd-obrach agus brosnachadh a thoirt do chloinn – aig an aon àm a’ sealltainn dhaibh gu bheil e dha-rìribh comasach òrain Ghàidhlig ionnsachadh ge brith dè an t-eòlas a th’ agad roimhe air a’ chultar. Cuideachd, tha tòrr fealla-dhà na lùib!”

Thuirt Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha Acadamaidh a’ Mhòid na dheagh eisimpleir air Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach, Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd 2017 agus Fèisean nan Gàidheal a bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus pròiseact innleachdach a lìbhrigeadh, a bheir buannachd dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail com-pàirt ann. Tha sinn taingeil airson na taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Maoin nam Pàtranach agus airson nan tabhartasan bho theaghlaichean Theàrlaich MhicColla nach maireann agus Sheòrais Mhic a’ Ghobhainn nach maireann.”

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail Comunn Gàidhealach an Òbain

Published: 11 May 2017

​​Bidh Coinneamh Bhliadhnail Comunn Gàidhealach an Òbain a’ gabhail àite air Dimàirt an 23mh den Chèitean aig 7.30f ann an Ionad Gàidhlig Furan, Tallaichean Chorrain, An t-Òban.

Tha fàilte air daoine a tha nam buill a-cheana agus cuideachd air buill ùra.

Back to ACG News List

​Tha An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr

Published: 27 Mar 2017

​An dèidh 10 bliadhna mar Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealaich tha Iain Macleòid a’ leigeil dheth an dreuchd agus thathas a’ cur fàilte air Ailean Caimbeul na àite.

’S e Sgitheanach a th’ann an Ailean, a tha a’ fuireach an Inbhir Nis, agus a tha air a bhith an sàs ann an obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail o chionn iomadh bliadhna. Tha e air a bhith na stiùiriche air Bòrd-stiùiridh a’ Chomuinn o chionn ochd bliadhna.

Chuir Iain Macleòid fàilte air an naidheachd, “Tha Ailean air cliù a chosnadh dha fhèin ann an coimhearsnachd na Gaidhlig agus bidh an eòlas a th’aige ann an craoladh agus ann an saoghal na Gàidhlig air leth feumail anns an dreuchd. Gu dearbh, tha Ailean glè aithnichte dhan mhòr shluaigh an lùib obair a’ Mhòid a’ lìbhrigeadh prìomh fharpaisean a’ Mhòid. Gu pearsanta, tha e air a bhith na urram mòr dhomh a bhith nam Cheann-suidhe agus tha cinnt agam gu bheil an dreuchd gu bhith aig fear a leasaicheas gu mòr obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid. Tha a’ bhuidheann a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

As dèidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Loch Abar thuirt Ailean Caimbeul, “Bu mhath leam taing a thoirt do dh’ Iain Macleòid airson a shaothair thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha obair Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich gu bhith, dùbhlanach ach tlachdmhor. Ged a tha obair mhòr romham tha mi mothachail air na cothroman a tha an lùib na h-obrach.

Tha na buidhnean-taic air an dàingeachadh agus tha e comasach dhuinn leasachadh a dheànamh air cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig thairis air na bliadhnachan tha romhain. Nì sinn ar dicheall airson cuir ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhi a’ brosnachadh obair a’ Chomuinn.”

Tha an obair seo air leth cudromach ann a bhith a’ conaltradh eadar luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus na coimhearsnachdan a tha toirt taic dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Rinn Ailean Caimbeul moladh air an obair a bha Seònaid air a dhèanamh. “Tha Seònaid air a bhith na stiùir air cùl an tachartais agus tha dòigh nàdarrach agus sgilean sònraichte aice ri bhith dèiligeadh ri gach suidheachadh. Tha sinn fada an comain Seònaid airson an obair mhòr a rinn i agus tha sinn an dòchas gum bi i gar comhairleachadh anns na bliadhnachan ri teachd nuair a tha feum air an leithid a thaic.

Ailean Caimbeul
Ailean Caimbeul

Back to ACG News List

An Comunn Gàidhealach a’ Comharrachadh Tìodhlac bho Mhaoin ‘The Patron's Fund’

Published: 14 Feb 2017

​Tha An Comunn Gàidhealach air tìodhlac £2,500 fhaighinn bho ‘The Patron’s Fund’, maoin carthannais a chaidh a chur air bhonn airson obair nam buidhnean carthannais air am a bheil a’ Bhànrigh na pàtran a chomharrachadh air a 90mh co-là-breith aice.

Tha timcheall air £750,000 ri fhaotainn eadar faisg air 300 carthannas agus buidnean eile anns an Rìoghachd Aonaichte agus an Co-fhlaitheas. Fhuaira’ Mhaoin tabhartasan fialaidh bho grunn luchd-taic: gnothachasan; sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd.

Bidh An Comunn Gàidhealach a’ toirt taic dha “Acadamaidh a’ Mhòid” leis an tìodhlac seo. Gheibh òigridh ann an Sgìre Loch Abar cothrom airson sgilean ciùil agus Gàidhlig ionnsachadh agus a leasachadh le oideachadh proifeiseanta ann an ceòl Gàidhlig, òrain Gàidhlig, bàrdachd agus aithris sgeulachd.

A bharrachd air sgilean ùr ionnsachadh, togaidh Acadamaidh a’ Mhòid misneachd agus thathar an dòchas gum faic sinn barrachd clann a’ gabhail pàirt aig a’ Mhòd anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Gheibhear barrachd fiosraichadh air a’ Mhaoin, (Àireamh Catharannais: 1164171), aig: info@thepatronsfund.org.uk no air loidhne www.thepatronsfund.org.uk

Back to ACG News List

Foillseachan a' Chomuinn Ghàidhealaich rim faotainn air-loidhne

Published: 06 Dec 2016

​Tha faisg air 300 foillseachan a’ Chomuinn Ghàidhealaich a-nis ann an Àite Didseatach an Leabharlann Nàiseanta aig http://digital.nls.uk/an-comunn-gaidhealach

Tha an cruinneachadh seo, ann an Gàidhlig agus Beurla, a’ gabhail a-steach pàipearan-naidheachd, aithrisean bhliadhnail, leabhraichean foghlaim, prògraman agus litreachas eile co-cheangailte ris a’ Mhòd. Tha prògraman a’ Mhòid a-nis air-loidhne- nach toir sibh sùil agus ’s dòcha gum fainich sibh cudeigin!

Tha An Deò-Grèine agus An Gàidheal cuideachd ann an seo ma tha ùidh agaibh ann an brosnachadh na Gàidhlig tron fhicheadamh lìnn. Anns an àm ri teachd, tha sinn an dùil ceòl bhon Mhòd a chuir dhan chruinneachadh.

Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mun chruinneachadh seo, no ma tha foillseachah a’ Chomuinn Ghàidhealaich agaibh-sa bhiodh feumail na chruinneachadh, nach cuir sibh fios gu Jennifer Giles, (j.giles@nls.uk no cuiribh fòn gu 0131-623-3910)

Back to ACG News List

Clò a' Chomuinn Ghàidhealaich

Published: 10 Oct 2016

​Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.Bha an clò air a dhealbh anns a’ mhuilinn ann an Siaboist, an Leòdhas a’ cleachdadh dathan a’ Chomuinn san dealbhadh. Bidh sinn a’ reic bathair a-chaidh a dhèanamh leis a’ chlò agus chithear e ann an cuid de na tallaichean aig a m a’ Mhòid.

Bha companaidhean ionadail, Leòdhasach, By Rosie agus Rarebird a-measg an feadhann a rinn stuthan reic mar sporanan, pocanan airson maise-gnu is, ta idhean
agus flasgaichean-pòcaid.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla ri Harris Tweed Hebrides airson clò sònraichte a chruthachadh a bhios a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh.

“Tha sinn toilichte a bhith a’ tilleadh gu na h-Eileanan an Iar airson Mòd na bliadhna-sa agus chan eil dòigh nas fheàrr airson seo a chomharrachadh na a bhith ag obair còmhla ri companaidh cho cliùiteach ri Harris
Tweed Hebrides.”

Thuirt Margaret Ann NicLeòid, Stiùiriche Leasachaidh Margaidheachd Harris Tweed Hebrides:

“Tha ceangal làidir eadar cultar na Gàidhlig agus an Clò Hearach. Mar sin, tha e gu math na darrach gu bheil an Clò Mòr air a chomharrachadh an lùib tachartas mar Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tha a’ togail inbhe na Gàidhlig gu h-àiridh nuair a tha am Mòd a’ tilleadh dhan choimhearsnachd againn fhìn.”

Back to ACG News List

Cuairt-litir Sultain 2016

Published: 04 Oct 2016

​Seo agaibh an ath iris den Chuairt-litir againn. Gheibhear tòrr fiosrachadh a thaobh Mòd nan Eilean Siar 2016 is eile!

Cuairt-litir Sultain 2016

Back to ACG News List

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Published: 26 Sep 2016

​A bheil seann phrògraman ceòl agaibh nach eil a dhìth oirbh? Ma tha, bhiodh Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba toilichte cluinntinn bhuaibh.

Tha An Leabhar-lann a’ cuir prògraman a’ Mhòid a th’ aca air loidhne airson stòr dàta digiteach a chruthachadh. Tha seo a’ ciallachadh gum bi na cruinneachaidhean aca ri faotainn air loidhne agus cha leigibh sibh leas a dhol dhan Leabhar-lann fhèin airson am faicinn- goireas air leth san àm ri teachd.

Ach, chan eil na prògraman gu lèir aca agus, mar sin– tha iad airson ur cuideachadh. ’S e seann phrògraman ro 1996 a tha dhìth gu h-àraid. Ma ’s urrainn dhuibh an cuideachadh, cuiribh fios gu Jennifer Giles air 0131-623-3910 no cuiribh post-d thuice air j.giles@nls.uk.

Bidh bòrd aig Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba seachdainn a’ Mhòid mar phàirt de Thaisbeanadh a’ Mhòid agus bhiodh iad glè thoilichte ur coinneachadh an sin.

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG Màrt

Published: 04 Apr 2016

Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-muigh. Bruthaibh an seo airson a leughadh.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu alison@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG Faoilleach

Published: 01 Feb 2016

Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-muigh. Bruthaibh an seo airson a leughadh.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Air a chur dheth - Suipear Burns Inbhir Nis

Published: 26 Jan 2016

Burns Supper – Saturday 30th January 2016

Due to the low numbers that have expressed a wish to attend this event it has unfortunately had to be cancelled.

We apologise for this and hope that those that had wished to attend are not too inconvenienced and that you are able to make alternative arrangements for this date.

To the artistes and all that had prepared for the event a special apology.

Marlene Yule

Branch Secretary

Back to ACG News List

Bùth-obrach Salm

Published: 12 Jan 2016

​Bùth-obrach an Dùn Èideann…

Back to ACG News List

Suipear Burns an Inbhir Nis

Published: 12 Jan 2016

Suipear Burns le ​Meur Inbhir Nis…

Back to ACG News List

Dannsa Oidhche Chalainn an Inbhir Nis

Published: 01 Dec 2015

Dannsa Oidhche Chalainn an Inbhir Nis…

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG Samhain

Published: 01 Dec 2015

Tha an ath iris den Chuairt-litir againn a-nis ri fhaighinn.

Bruthaibh an seo airson iris Samhain 2015.

Cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk ma tha sibh airson leth-bhreac den Chuairt-litir fhaighinn air post-d gach mìos.

Back to ACG News List

An Aigeallain Airgid 2016

Published: 13 Nov 2015

​Feumaidh farpaisich ann an A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2016, ’s e ‘cumha’ cuspair an òrain do dh’ fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ’s e ‘gaol’ cuspair an òrain do dh’ fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

Bidh seo air a dhearbhadh anns a’ char-eagair a dh’ aithghearr.

Back to ACG News List

Glasgow Islay Gaelic Choir Celebration Dinner

Published: 07 Sep 2015

How time flies! Kirsteen Grant has been conducting the
Glasgow Islay Gaelic Choir for 25 years and to celebrate this wonderful
achievement a Dinner will be held in Hillhead Sports Club, 32, Hughenden
Road, Glasgow, G12 9XP on Friday 27th November at 7pm for

7.30pm. Cost £25 including a drink on arrival.

If you wish to attend please respond to Neil Murray, 58, Munro Road, Glasgow, G13 1SG by 31st
October enclosing a cheque for £25 (made payable to Glasgow Islay
Gaelic Choir) together with your personal details and any specific
dietary requirements

The Choir look forward to the company of as many as possible joining them on this very special occasion.

Back to ACG News List

Cuairt-litir Lùnastal

Published: 07 Sep 2015

Tha an ath iris den chuairt-litir againn a-muigh.

Bruthaibh air an ceangal gu h-ìosal airson an iris seo agus irisean sam bith eile a leughadh.

Cuairt-litir ACG

Back to ACG News List

Ceitidh Anna NicLeòid (NicIlleathain)

Published: 15 May 2015

‘S ann glè dhuilich a bha sinn cluinntinn an dè gun do chaochail Ceitidh Anna NicLeòid (NicIlleathain). Bhiodh Ceitidh Anna air a bhi 102 bliadhna a dh’ aois air an 18mh den t-Ògmhios.

Choisinn Ceitidh Anna Bonn Òrr a’ Chomuinn ann an 1938 aig Mòd Ghlaschu. Rugadh Ceitidh Anna NicIlleathain, à Ceann a Deas Bhràgair air 18 Ògmhios, 1913.

‘S ann an taigh cùram Dùn Berisay ann an Steòrnabhagh a bha i air a bhith fuireachd anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air teaghlach Ceitidh Anna aig an àm dhuilich a tha seo.

Back to ACG News List

Fònaichean Oifis Steòrnabhaigh

Published: 06 May 2015

Tha trioblaidean air a bhith againn le na fònaichean ann an oifis Steòrnabhagh airson dhà no trì làithean. Tha sinn duilich mu dheidhinn seo ach thathas air innse dhuinn gum bidh iad air ais ag obair ann an làtha no dhà eile.

Faodair fònadh gu oifis Inbhir Nis air 01463 709 705 ma bhios cuideachadh sam bith a dhìth oirbh.

Mòran taing.

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG

Published: 02 Apr 2015

Tha an ath iris den chuairt-litir ri fhaighinn gu h-ìosa.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu Marina NicAoidh air 01851 703 487 no cuiribh post-d gu marina@ancomunn.co.uk.

Cuairt-litir Màrt 2015

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail ACG a-nochd

Published: 13 Mar 2015

Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail a-nochd (Dihaoine 13 Màrt) aig 6.30f ann an Cùirt Eden.

Tha fàilte air buill a Chomuinn a thighinn ann.

Mòran taing

Back to ACG News List

Coinneamhan Poblach MG Alba

Published: 23 Feb 2015

MG ALBA A’ SIREADH BHEACHDAN CHOIMHEARSNACHDAN

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air sreath choinneamhan phoblach a chur air dòigh airson cothrom a thoirt do dhiofar choimhearsnachdan ann an Alba beachdan a thoirt seachad air na tha fa-near do na meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd. Thèid na choinneamhan a’ chumail mar a leanas:

Diardaoin 5 Màrt - Glaschu - Coffee & Craic - 5f

Dihaoine 6 Màrt - Glaschu - Oilthigh Ghlaschu - 2f

Diardaoin 12 Màrt - An t-Eilean Sgitheanach - Sabhal Mòr Ostaig - 7f

Dihaoine 13 Màrt - Inbhir Nis - Taigh-òsta Waterside - 12.30f

Diluain 16 Màrt - An t-Òban - Taigh-òsta Caledonian - 12.30f

Diluain 16 Màrt - An Gearasdan - Taigh-òsta West End - 5.30f

Diciadain 18 Màrt - Tiriodh - An Talla - 7f

Diardaoin 19 Màrt - Leòdhas - Comunn Eachdraidh Nis - 7f

Dihaoine 20 Màrt - Uibhist a Deas - Ionad Cothrom - 12.30f

Dihaoine 20 Màrt - Barraigh - Sgoil Coimhearsnachd Bàgh a’ Chaisteil - 7.30f

A bharrachd air na coinneamhan seo tha cothroman eile ann beachdan a thoirt seachad tro cheisteachan air-loidhne agus gheibh sibh an ceangal air làrach-lìn www.mgalba.com.

Airson àite a ghleidheadh no tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan aig murdo.morrison@mgalba.com no 01851 705550

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail a' Chomuinn

Published: 18 Feb 2015

Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine 13 Màrt 2015 aig 6.30f ann an Cùirt Eden.

Tha fàilte air buill a Chomuinn a thighinn ann.

Mòran taing

Back to ACG News List

Dreuchd Ceannard Sgoile - Loch Abar

Published: 11 Feb 2015

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ togail sgoil Ghàidhlig ùr anns a’ Ghearasdan agus thathar a’ sireadh Ceannard-sgoile air stèidh mhaireannach.

Bidh an sgoil ùr a’ tabhann àite-ionnsachaidh is goireasan fìor mhath airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre, agus bidh cothrom ann sgoil a chruthachadh le caractar gu tur Gàidhlig. Thathar a’ cur fàilte air tagraidhean bho thidsearan le teisteanas is eòlas, a tha fileanta a’ bruidhinn na Gàidhlig agus a leughas is a sgrìobhas i cuideachd.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Norma Young, Manaidsear Foghlaim na Sgìre, air 01478 613697.

Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE aig www.myjobscotland.gov.uk.

Mura h-urrainn dhuibh iarrtas a chur a-steach air-loidhne agus sibh airson pasgan iarrtais far-loidhne fhaighinn, cuiribh fios gu Business Support HR Hub C&L, Fòn: 01349 868640 (post-gutha 24 uair) a’ toirt seachad àireamh fiosrachaidh na dreuchd.

Mus tèid an neach-dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìon nam Buidhnean So-leònte.

Tha pasgan ath-shuidheachaidh cuimseach aig a’ Chomhairle agus dh’fhaodte gum bi seo ri fhaotainn dhan tagraiche shoirbheachail.

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh gu h-ìosal:

https://www.myjobscotland.gov.uk/councils/highland-council/jobs/head-teacher-primarygaelic-essential-bun-sgoil-ghaidhlig-loch-abarcaol-fort-william-7300

Back to ACG News List

Làrach-lìn Comataidh Mòd an Òbain a-nis beò

Published: 11 Feb 2015

Tha làrach-lìn Comataidh Ionadail Mòd an Òbain 2015 a-nis “beò”. Feuch gun cùm sibh sùil air an làrach seo airson faighinn a-mach mar a tha a’dol dhaibh le bhith ag ullachadh airson An Dàmhair.

Bidh iad a’ leasachadh agus ag ùrachadh an làrach eadar seo agus seachdain a Mhòid. Tha iad an dòchas gum bidh e na chuideachadh dhuibh ma tha sibh am beachd tighinn chun a Mhòd.

www.modanobain2015.com

Back to ACG News List

Club 400 Mòd nan Eilean Siar

Published: 10 Feb 2015

Seo an fheadhainn a fhuair na duaisean mu dheireadh:

1mh - £100 - Beatrice Nicleòid, Steòrnabhagh

2mh - £60 – Dòmhnall Màrtainn, Steòrnabhagh

3mh - £40 – Tormod Dòmhnallach, Nis

Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann an Club 400 Mòd nan Eilean Siar 2016, gheibhear foirm gu h-ìosal.

Foirm Club 400 Mòd 2016

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG

Published: 03 Feb 2015

Tha an ath iris den chuairt-litir againn ri fhaighinn an seo.

Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu Marina NicAoidh aig marina@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn air 01851 703 487.

Back to ACG News List

Inverness Field Club

Published: 15 Jan 2015

The Inverness Field Club is holding a lecture which I think might interest your members, Roddy Maclean will be talking on the subject “Marsh Marigold or Lus Buidhe Bealltainn” Gaelic perspectives on our native plants including uses for food, dyeing and healing.

The lecture will be held in Millburn Academy, Diriebught Road, Inverness on , Wednesday, 21st January 2015 starting at 7.30 p.m.

We would like to invite your members to join us at the concession price of £2.

Back to ACG News List

Tachartas Còisir Comar nan Allt

Published: 14 Jan 2015

Thèid consairt agus cèilidh a chumail le Còisir Ghàidhlig Comar nan Allt air Disathairne 28 Gearranann an Talla Bhaile Comar nan Allt aig 7.30f. COsgaidh ticeadan £8 agus gheibhear iad bhon Rùnaire, Uilleam McEvoy, aig william.mcevoy2@ntlworld.com no cuiribh fòn thuige air 07913047703.

Back to ACG News List

Duilgheadasan le fòn Sty

Published: 12 Jan 2015

Ma tha sibh air a bhith fònadh thugainn ann an Steòrnabhagh, tha sinn duilich ach tha rudeigin ceàrr air an loidhne againn.

Faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig peigi@ancomunn.co.uk / marina@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu oifis Inbhir Nis air 01463 709 705.

Mòran taing



Back to ACG News List

Bliadhna Mhath Ùr

Published: 06 Jan 2015

Tha na h-oifisean againn fosgailte a-rithist as dèidh saor-laithean na Nollaig.

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile!

Back to ACG News List

Tiodhlacan Nollaig @ Bùth a' Chomuinn

Published: 16 Dec 2014

Bheil sibh air a h-uile càil a cheannach airson na Nollaig? Mur a bheil, tha measgachadh de rudan againn an am Bùth a’ Chomuinn a bhiodh

math airson tiodhlacan Nollaig!

(Cuimhnichibh gu bheil buill a’ Chomuinn a’ faighinn lùghdachadh 10% anns a’ bhùth).

Bidh sinn a’ dùnadh air Dimàirt an 23mh den Dùbhlachd airson saor-làithean na Nollaig agus fosgailte a-rithist air Diluain an 5mh den Fhaoilleach.


Back to ACG News List

Bùth a' Chomuinn

Published: 03 Dec 2014

Tha tòrr ri cheannachd ann am Bùth a’ Chomuinn. Ma tha sibh airson òrdugh a chur thugainn, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn air 01851 703 487.

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG

Published: 02 Dec 2014

Tha an iris mu dheireadh den chuairt-litir againn ri fhaicinn an seo.

Ma tha sibh airson càil a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk ron 15mh den Dùbhlachd.

Mòran taing

Back to ACG News List

Dealbhan Mòd 2014

Published: 30 Oct 2014

Chithear dealbhan bho Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa an seo.

Bidh cothrom agaibh feadhainn dhiubh òrdachadh bho Graham Hood, Dealbhadair Oifigeach a’ Mhòid, tron làrach-lìn aige fhèin:

Postd: info@grahamhoodphotography.com

www.grahamhoodphotography.com

Back to ACG News List

Fiosrachadh

Published: 30 Oct 2014

Tha na h-oifisean againn fosgailte a-nise. Tha sinn an dòchas gun do chòrd Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ribh - taing mhòr a-rithist dhan a h-uile a bha an sàs ann.

Tha tòrr post-dealain agus teachdaireachdan ri dhol troimhe agus tha sinn trang a’ dol tron a h-uile càil a tha sin an t-seachdain seo.

Tha duilleagan breithneachaidh, duaisean airgid agus mar sin air adhart ri dhol a-mach cuideachd. Bheir seo beagan ùine cuideachd oir tha an uidhir ann.

Thèid duilleagan breithneachaidh sam bith nach deach an togail aig a’ Mhòd a chur a-mach anns a’ phost, chun t-seòladh a chur sibh thugainn air na foirmean agaibh.

Chithear an seo dealbhan oifigeil a’ Mhòid le Graham Hood. Bidh measgachadh dhiubh againn anns an ath iris den chuairt-litir, a bhios a’ tighinn a-mach aig deireadh an t-Samhain.

Mòran taing

Back to ACG News List

Oifisean Dùinte airson na Nollaig

Published: 19 Oct 2014

​ Tha na h-oifisean againn dùinte bho Diciadain 23 Dùbhlachd. Bidh sinn fosgailte a-rithist air Diciadain 5 Faoilleach

Chì sinn sibh an ath-bhliadhna - mòran taing dhuibh uile!

Back to ACG News List

Am Bonn Òir

Published: 16 Oct 2014

Meal an naidheachd air Eilidh NicCarmaig (Port Rìgh) agus Aonghas MacLeòid (Inbhir Nis) a bhuannaich Buinn Òir a’ Chomuinn an diugh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis!

Gheibhear liosta den fheadhainn a fhuair duaisean Mòd na bliadhna seo aig: http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/results-2014/#daysThursday

Back to ACG News List

Farpais Crìochnachaidh an t-Seann Nòis

Published: 15 Oct 2014

Thèid farpais crìochnachaidh an t-Seann Nòis a chumail an ath oidhche aig 7.30f ann an Cùirt Eden. The Traditional Final will take place tomorrow evening at 7.30f ann an Cùirt Eden. The running order is as follows:

1. Kirsty Netta NicFhionghuin, Tobar Mhoire
2. Neil MacRisnidh, Càrlabhagh
3. Ceitlin L R Smith, Eilean Leòdhais
4. Ruairidh MacCarmaig, Port Rìgh
5. Karen Elder, Barraigh
6. Tormod MacLeòid, Càrlabhagh
7. Ellen NicDhòmhnaill, Inbhir Nis
8. Torquil MacLeòid, Steòrnabhagh
9. Kerrie Finlay, A’ Mhanachainn

Back to ACG News List

Farpais Crìochnachaidh Am Bonn Òir

Published: 15 Oct 2014

Thèid farpais crìochnachaidh am Bonn Òir a chumail madainn a-màireach (Diardaoin) aig 9m ann an Cùirt Eden. The Gold Medal Final will take place tomorrow morning at 9am in Eden Court. The running order for the Gold Final is as follows:

1. Ceitlin L R Smith, Eilean Leòdhais
2. Iain Gordon, Inbhir Narann
3. Isabel NicLeòid, Càrlabhagh
4. Dòmhnall-Iain MacIlleDhuinn, Glaschu
5. Eilidh NicCarmaig, Port Rìgh
6. Aonghas MacLeòid, Inbhir Nis
7. Ainsley V Hamill, Càrdanros
8. John Howieson, An t-Eilean Sgitheanach

Back to ACG News List

Aigeallan Airgid

Published: 15 Oct 2014

Thèid farpais crìochnachaidh an Aigeallan Airgid a chumail a-nochd, ann an Cùirt Eden aig 7.30f. The Silver Pendant Final will take place this evening at 7.30f in Eden Court. The running order is as follows:

1. Kirsten Laurie, Ìle
2. Fergus Muir, Ìle
3. Donna Dugdale, Tobar Mhoire
4. Iain Eachann Ros, Inbhir Nis
5. Ellen L Beard, Dùn Èideann
6. Hector Mackechnie, Samharaidh
7. Rena Gertz, Prestonpans
8. Campbell Mackenzie, Steòrnabhagh

Back to ACG News List

Sradagan @ a' Mhòd

Published: 15 Oct 2014

Back to ACG News List

Mòd Barraigh & Bhatarsaigh

Published: 23 Sep 2014

​Thèid Mòd Ionadail Barraigh is Bhatarsaigh a chumail aig an deireadh sheachdain!

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG

Published: 14 Jul 2014

Gheibhear an ath iris den chuairt-litir againn gu h-ìosal:

Cuairt-litir ACG - Ògmhios


Ma tha sibh airson sùil a thoirt air irisean eile, bualaibh air an ceangal seo:

Cuairt-litir ACG

Back to ACG News List

Cuairt-litir ACG

Published: 11 Jun 2014

Gheibhear an ath iris den chuairt-litir againn an seo: Cuairt-litir ACG

Ma tha sibh airson naidheachdan no tachartasan sam bith a chur dhan ath iris, cuiribh fios gu marina@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid

Published: 15 May 2014


Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ teannachadh air tagraichean

Le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 a’ taomadh a-steach gach latha, tha eagraichean a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach trang ag ullachadh airson tachartas na bliadhna seo, a thèid a chumail ann an Inbhir Nis airson a’ chiad turas bho 1997.

Ged a tha mòran de thagraidhean air a thighinn a-steach mu thràth, tha An Comunn a’ dùileachadh gun tig cuid mhath fhathast ron cheann-latha ainmichte air 31 Cèitean 2014 agus tha iad a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach ‘s a tha e gum faighear an tagraidhean làn-lìonte a-steach ann an àm.

Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, “Tha e cudromach, mus cuir sibh a-staigh ur tagraidhean, gun seall sibh air an làrach-lìn agus air na clàran-eagair (syllabuses) airson dearbhadh dè na h-atharraichean a chaidh a dhèanamh am bliadhna. Tha feadhainn de na farpaisean anns nach robh mòran fharpaiseach sna dhà no trì bhliadhnachan mu dheireadh air an leigeil às, le farpaisean eile air an cur còmhla am-bliadhna; tha seo air a mhìneachadh air an làrach-lìn. Tha sinn an dòchas gun còrd Mòd Inbhir Nis ribh nuair a thig e, ‘s tha a h-uile coltas gur e tachartas sònraichte a bhios ann am-bliadhna.”

Rinn Neach-gairm na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, Ailean Caimbeul, moladh air soirbheachas leantainneach agus leasachadh prìomh fhèis chultarach na Gàidhlig . “Mura biodh am Mòd a’ còrdadh ri daoine, cha bhiodh iad a’ nochdadh aige, agus tha na h-àireamhan a tha a’ gabhail pàirt agus an sluagh mòr a tha a’ frithealadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna na dhearbhadh air a’ mheas a th’ aig luchd-cleachdaidh agus luchd-taice na Gàidhlig air a’ chuirm chliùitich seo!

“Ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh 2014 tha sinn a’ dèanamh oidhirp shònraichte ach am bi am Mòd as fheàrr riamh romhaibh ann an Inbhir Nis le aoigheachd agus càirdeas mar bu dual ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, agus bidh fiughair cuideachd ri fàilteachadh chàirdean a bhios a’ tilleadh gu dùthaich an sinnsear far feadh an t-saoghail!”

Tha seachd bliadhna deug ann bho bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis mu dheireadh agus thathas a’ deànamh fiughair ris tilleadh gu cathar-bhaile na Gàidhealtachd. Thuirt an comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha daoine air feadh Alba air bhioran gu bheil am Mòd a’ tilleadh dhachaigh chun na Gàidhealtachd airson Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh 2014. Thathas a’ tuigsinn gur ann am meud a tha tagraidhean airson a’ Mhòid a’ dol gach là, le dùil ri farpisich cho fada is farsaing ri sgìre Ghallaibh aig tuath, gu Ceann Loch Chille Chiarain aig deas. Bu mhath leam meal an naidheachd a chur air Comataidh Ionadail a’ Mhòid airson na h-obrach ionmholta a tha iad air a bhith a’ deànamh, le bhith a’ togail airgid is a’ cur air dòigh thachartasan airson iomall a’ Mhòid, prògram de thachartasan a tha gu bhith air leth tarraingeach do theaghlaichean agus luchd-turais.

Tha a’ Chomairle toilichte dha-rìreabh taic a chumail ri Mòd 2014, mar aon de na prìomh bhuidhnean taic, ‘s gu dearbh ‘s e am Mòd fhèin aon dhe na prìomh ghnìomhan chomharrachaidh anns a’ Plana Ghàidhlig againn. Chìthear piseach air eaconomaidh na sgìre cuideachd nuair a thig am Mòd san Dàmhair. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas dha na farpaisich gu lèir.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail neo Mòd Inbhir Nis 2014 feuch gun tadhail sibh air www.acgmod.org neo www.modinbhirnis2014.com

Back to ACG News List

Niall MacEachairne

Published: 14 May 2014

Tha sinn glè dhuilich leis an naidheachd a th’ againn gun do chaochail Neil MacEachairne.

Tha seirbheis gu bhith air a chumail ann an Inbhir Pheofharain a-màireach (15/05/14) aig 11m.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air a theaghlach aig an àm dhuilich seo.

Back to ACG News List

Cuirm Bhliadhnail Còisir Ghàidhlig Shruighlea

Published: 22 Apr 2014

​Thèid Cuirm Bhliadhnail Còisir Ghàidhlig Shruighlea a chumail Dihaoine seo tighinn, 25 Giblean, aig 7.30f ann an Talla Victoria, Dùn Bhlàthain.

Back to ACG News List

Homecoming Scotland

Published: 10 Apr 2014

Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ nochdadh anns an iris gu h-ìosal airson ‘Homecoming Scotland’.

(Le Scottish Provincial Press)

http://edition.pagesuite-professional.co.uk/launch.aspx?eid=e4bf034e-04f9-4a4b-95bf-99be22d933cc

Back to ACG News List

Foirmean Mòd 2014 ri fhaighinn a-nise

Published: 19 Mar 2014

Tha foirmean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 a-nise ri fhaighinn an seo.

Bidh cothrom agaibh cuideachd cuir a-staigh airson na farpaisean, air loidhne, anns na seachdainean a tha romhainn.

Cumaibh sùil air na naidheachdan air an làrach-lìn againn, air Facebook agus Twitter airson faighinn a-mach cuin is urrainn dhuibh sin a dhèanamh.

Ma bhios fiosrachadh sam bith eile a dhìth oirbh a thaobh farpaisean na bliadhna seo, cuiribh fios thugainn aig àm sam bith.

Fòn: 01463 709 705

Post-d: info@ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 19 Mar 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 Margaret NicIllinnein, Steòrnabhagh

£100 E M Dhòmhnallach, Inverness

£50 Seumas MacMhathain, Am Blàr Dubh

Mealaibh ur naidheachd!

Back to ACG News List

Còisir Ghàidhlig Baile Ghobhainn

Published: 17 Mar 2014

Bidh oidhche mhòr aig Còisir Ghàidhlig Baile Ghobhainn ann an Glaschu air Diciadain 26 Màrt 2014.

Back to ACG News List

Atharrachadh air C78

Published: 17 Mar 2014

Bithibh mothachail gu bheil sinn air atharrachaidhean a dhèanamh air an dà phìos airson farpais C78. Tha sinn a’ cuir na pìosan a-mach gu na còisirean a-rithist, le na h-atharrachaidhean ùr. Ma tha sibh ag iarraidh leth-bhreac, cuiribh fios thugainn: info@ancomunn.co.uk.

Back to ACG News List

Cèilidh Teaghlaich

Published: 14 Mar 2014

​Cèilidh Teaghlaich aig Comataidh Mòd an Òbain

Back to ACG News List

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Published: 14 Mar 2014

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a’ comharrachadh 60 bliadhna.

Back to ACG News List

Coinneamh Bhliadhnail a' Chomuinn

Published: 05 Mar 2014

Cuimhnichibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail Dihaoine seo tighinn, 7 Màrt 2014 @ 6.30f ann an Seòmar MhicIlleathain, Eden Court, Inbhir Nis.


Back to ACG News List

Fèis Chlàrsach Dhùn Èideann

Published: 25 Feb 2014

​Thèid Fèis Chlàrsach Dhùn Èideann a chumail eadar an 4mh agus an 9mh den Ghiblean 2014.

Back to ACG News List

Na Lochies ann an Inbhir Nis

Published: 20 Feb 2014

​Tha Meur Inbhir Nis den Chomunn Ghàidhealaich a’ toirt thugaibh oidhche le Na Lochies.

Back to ACG News List

Prògram Comhairleachaidh Gàidhlig 2014

Published: 20 Feb 2014

An e sgrìobhadair le Gàidhlig a th’ annad?

A bheil beachd-smuain sam bith agad airson dealbh-chluich?

Am-bliadhna, ann an com-pàirteachas le Stiuidio Dràmairean na h-Alba, tha sinn a’ sireadh iarrtasan airson sgeama comhairleachaidh ùr do dhràmairean Gàidhlig.

Bidh dithis sgrìobhadairean air an taghadh airson prògram comhairleachaidh bho dhràmaire stèidhichte, ar Co-phàirtiche Ealain Ghàidhlig, Iain Fionnlagh MacLeòid, gus taic a thoirt do leasachadh air dealbh-chluich ùr. ’S e cothrom a tha seo air sgilean sgrìobhaidh dràma a thoirt am feabhas agus in-shealladh luachmhor fhaotainn air a’ phròiseas sgrìobhaidh dràma agus air an dreuchd fhèin.

Gheibh gach sgrìobhadair trì seiseanan comhairleachaidh bho Fhionnlagh thar ùine de shia mìosan. Bidh co-dhiù aon turas theatar air a chur air dòigh aig an àm seo, a thuilleadh air bùithtean-obrach taic agus cothroman air riochdairean bho Theatar Nàiseanta na h-Alba a choinneachadh agus proifeiseantaich theatar eile.

Ceann-latha deireannach airson iarrtasan: Dihaoine 28 Màrt 2014


A bheil mi ion-roghnach airson a’ phrògraim Comhairleachaidh?

• Is e sgrìobhadair le Gàidhlig a th’ annad aig ìre sam bith nad dhreuchd, a’ fuireach ann an Alba no à Alba agus a’ fuireach an àiteigin eile;

• Tha beachd-smuain sònraichte agad a tha thu an dòchas a leasachadh tro chomhairleachadh;

• Chan fheum dhut a bhith air obair a thoirt gu buil, fhoillseachadh no chraoladh;

• Chan e oileanach ann am foghlam làn-ùine a th’ annad (’s e sin, 16 uairean a thìde no barrachd san t-seachdain) aig toiseach a’ Phrògraim Comhairleachaidh. Dh’fhaodadh gum beachdaichear air iarrtasan bho dhaoine fa leth a tha ag obair aig ìre phroifeiseanta an taobh a-staigh saoghal film is ealan, a tha a’ gabhail cùrsa ionnsachaidh os làimh, ach bidh seo an crochadh air mar a tha e a’ ceangal ris a’ chùrsa agad.

• Bidh tu saor bhon Iuchair 2014 airson sia mìosan gus obrachadh air an sgriobt agad, a’ coinneachadh trì tursan ris an neach-iùil agad san ùine seo;

• Tha dleastanas ort a thaobh sgriobt chrìochnaichte a liubhairt airson an àrd-ùrlair ro dheireadh a’ phròiseis.

Ciamar a chuireas mi a-steach iarrtas?

Gus cur a-steach airson comhairleachaidh, feuch gun solaraich thu (ann an Gàidhlig NO Beurla):

• Litir a’ mìneachadh carson a bu mhath leat a bhith air do chomhairleachadh agus cho dealasach ’s a tha thu a thaobh an comas sgrìobhaidh dràma agad a leasachadh;

• Am mion-fhiosrachadh agad agus eachdraidh-beatha ghoirid a’ mìneachadh d’ eòlais air sgrìobhadh gu ruige seo;

• Làimhseachadh air aon duilleig a thaobh beachd-smuain a chòrdadh riut a leasachadh;

• Earrann de dheich duilleagan den sgrìobhadh agad agus geàrr-iomradh den phìos bhon tàinig an earrann. (Bhiodh sinn fada nad chomain nan cuireadh tu seo a-steach ann an Gàidhlig le eadar-theangachadh gu Beurla).

Feuch gun cuir thu sin uile a-steach air post-d mar aon sgrìobhainn ann an cruth Word no PDF gu info@playwrightsstudio.co.uk ro Dihaoine 28 Màrt 2014 le ‘Iarrtas Comhairleachaidh Gàidhlig’ san loidhne cuspair.

Air an làimh eile, nam b’ fheàrr leat an t-iarrtas agad a chur tron phost, seòl e le do thoil gu:

Iarrtasan Comhairleachaidh

Stiuidio Dràmairean Alba

CCA, 350 Sràid Sauchiehall

Glaschu

G2 3JD

Thèid beachdachadh air an iarrtas agad le pannal air am bi Iain Fionnlagh MacLeòid, Seòras Aza-Selinger (Manaidsear Litreachail, Theatar Nàiseanta na h-Alba) agus Fiona Sturgeon Shea (Stiùiriche Cruthachail, Stiuidio nan Dràmairean, Alba). Thèid buil a’ bheachdachaidh fhoillseachadh gun a bhith nas fhaide na An Cèitean 2014, agus an comhairleachadh a’ tòiseachadh san Iuchair 2014.

Ceistean bitheanta

’S e Albannach a th’ annam ach tha mi stèidhichte an àiteigin eile. Am pàigh sibh mo chosgaisean siubhail?

A rèir far a bheil thu stèidhichte, dh’fhaodadh gum bi sinn comasach air beagan a chur ris na cosgaisean agad, do chuideachadh a’ lorg maoineachadh eile, beachdachadh air roghainnean eile leithid Skype. Na leig leis an seo do chur dheth gus iarrtas a chur a-steach, ma tha thu ion-roghnach.

Back to ACG News List

​Club 400 Inbhir Nis

Published: 17 Feb 2014

​Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 Mrs K.A. Mackellar, Allt Eireann

£100 Iain MacAmhlaigh, Eilean Leòdhais

£50 E.M. Dòmhnallach, Inbhir Nis

Mealaibh ur naidheachd!

Back to ACG News List

Còisirean Òigridh - Atharrachadh Riaghailtean

Published: 14 Feb 2014

Please note that the rule for Junior choral and senior choral competitions stating, “Prescribed pieces may be sung, if necessary, a semi-tone higher or lower than the set key” is

no longer applicable and all choirs may sing prescribed pieces in their own chosen key.

Back to ACG News List

Brot is Cofaidh Inbhir Nis

Published: 12 Feb 2014

Back to ACG News List

Còisirean Òigridh

Published: 12 Feb 2014

Tha An Comunn Gàidhealach a’ foillseachadh gu bheilear a’ cur sgeama air bhog gus còisirean òigridh Gàidhlig ùra a stèidheachadh. ‘S ann an co-bhann le Comunn nan Còisirean a tha an sgeama a tha ag amas air a bhith ag àrdachadh àireamhan de chòisirean Gàidhlig. Thathas a’ tabhann bhùthan-obrach agus trèanadh do chòisir ùr sam bith agus gheibhear taic practigeach eile ann a bhith a’ lorg òrain is co-sheirmean agus a leithid.

Thuirt Coinneach MacThomais, Cathraiche Comunn nan Còisirean, “Tha an àireamh de chòisirean òigridh Gàidhlig a tha a’ frithealadh Mhòdan air crìonadh rè nam beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Tha fhios nach eil e furasta neo dha-rìreabh, comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a stèidheachadh mura h-eil na goireasan is eile aca. Tron sgeama seo ge-ta, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a’ dèanamh seo.”

Tha an sgeama seo fosgailte do chòisir ùr sam bith aig a bheil ùidh agus miann còisir a chruthachadh as ùr. ‘S e an t-seinneadair is an stiùiriche còisir Gàidhlig, Joy Dunlop, a bhios a’ cumail taic ris a’ Chomuinn ann a bhith a’ lìbrigeadh bhùthan-obrach is trèanadh do chòisirean ‘s i a’ dèanamh fiughar ri bhith ag obair còmhla riutha. Thuirt Joy, “Tha mi fhìn air a bhith an sàs ann an còisirean Gàidhlig bho aois gu math òg ‘s tha mi fhathast nam bhall de chòisir inbheach agus nam stiùiriche do chòisir eile. Tha mi air buannachdan nach gann fhaighinn a-mach às ‘s tha an t-seinn agam air a thighinn air adhart gu mòr mar thoireadh air an sin. ‘S e rud sòilsealta is tlachdmhòr a th’ ann dha-rìreabh a dh’ aindeoin na h-obrach cruaidh a tha na luib. Bhiodh e math dhà neo trì còisirean Gàidhlig eile fhaicinn stèidhichte air feadh na dùthcha.”

Ma tha ùidh agaibh anns an sgeama seo, cuiribh fios gu Seumas Greumach aig a’ Chomunn airson barrachd fiosrachaidh: james@ancomunn.co.uk. Fòn: 01463 709705. www.ancomunn.co.uk

Back to ACG News List

Cuairt-litir Faoilleach 2014

Published: 06 Feb 2014

Gheibhear gu h-ìosal an ath iris den Chuairt-litir againn:

Cuairt-litir ACG Faoilleach 2014

Back to ACG News List

Robin Banks

Published: 04 Feb 2014

‘S ann gu math duilich a tha sinn ag innse gun chaochail Robin Banks aig an deireadh sheachdain, aois 81. Bha Robin na shàr charaid dhan Chomunn Gàidhealach airson iomadh bliadhna. Bha e ag obair gu dìleas a’ cuideachadh le Mòdan Ionadail agus Nàiseanta airson faisg air trì fichead bliadhna. Ged a bha Robin a’ fulang le trioblaidean slàinte airson ùine mhòr, ‘s ann gu math cabhagach a chaochail e. Ionndrainnidh sinn uile Robin gu mòr.

Tha seirbheis gu bhith air a chumail air Dihaoine 7mh Gearran aig 1f ann an Seann Eaglais Paraiste an Òbain agus an uairsin aig Cladh Pennyfuir.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air Ishbel aig an àm duilich a tha seo.


Back to ACG News List

Taigh Cèilidh an Inbhir Nis

Published: 24 Jan 2014

​Oidhche de cheòl traidiseanta le ceòl bho feadhainn de na seinneadairean agus cluicheadairean is ainmeil air a’ Ghàidhealtachd.

Back to ACG News List

Buth-obrach

Published: 24 Jan 2014

Ceòl nan Còisir

Isle of Mull Hotel, Craignure

Choral Workshop with Mary Ann Kennedy
Open to all but focusing mainly on the rural choirs prescribed SATB and the rural Puirt-a-Beul.

Saturday, February 22nd
Workshop 11am-5pm
Carvery Dinner £15
Ceilidh from 8.30pm

Please bring along your musical instruments for the ceilidh!”

Special B&B Rate is available at £20 per person - Quote Donna Dugdale, Mull Gaelic Choir workshop when booking to get room discount (Hotel phone: 01680 812 544)

Please contact Donna Dugdale DRamsay7S@hotmail.co.uk for details and to book a place at the workshop.


Back to ACG News List

Cothrom Ùr taic-airgid

Published: 24 Jan 2014

TAIC FREUMHAN COIMHEARSNACHD 2014-15

A bheil ùidh agaibh beagan taic fhaighinn airson Gàidhlig a bhrosnachadh san sgìre agaibh?

Tha an sgeama taic-airgid Taic Freumhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig fosgailte a-nis do dh’iarrtasan ùra, gus cuideachadh pròiseactan a bhios a’ brosnachadh agus a’ meudachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus foirm iarrtais air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig www.gaidhlig.org.uk/bord/cothroman-taic-airgid/taic-freumhan-coimhearsnachd.php no cuiribh fòn gu 01463 225454, no post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.org.uk.

’S e Dihaoine 14 Gearran 2014 an latha mu dheireadh airson tagradh a chur a-steach.

Back to ACG News List

Happy New Year

Published: 06 Jan 2014

​Happy New Year to you all!

Our offices are now open after the Christmas break. We hope you all had a good time over the holidays.

We are now looking forward to a new year at An Comunn and to this year’s Royal National Mod in Inverness!

If you have any information on any forthcoming events, information about your Provincial Mod, any meetings or so on, let us know and we can publicise them for you on our website, in our newsletter and via our Facebook page.

Happy New Year to you all!

Back to ACG News List

Tòmas Mitchell

Published: 03 Dec 2013

Le bàs Tòmas Mitchell chaill sinn sàr Ghàidheal agus bidh eòlaich anns gach àite a’ cuimhneachadh air fìor dhuine gasta. Bha e iriosal na ghiùlain ach daingeann na dhìlseachd dha theaghlach agus dha charaidean, agus cuideachd dhan Ghàidhlig is a dualchas.

Born in Govan in 1933 Tom’s early life experience was of Glasgow but when World War 2 was declared on 3rd September 1939 Tom was shipped off to his grandmother in Tarscabhaig, and later to live with an uncle and aunt in Achadh na Cloiche. “Chaidh an cogadh a ghairm Latha na Sàbaid, is bha mise air falbh dhan Eilean Sgitheanach Diluain!” Tom spent the following five and a half years in Skye attending Tocabhaig Primary School and mastering the Gaelic language which he used with such pride for the rest of his life.

Returning to Glasgow after the War Tom completed his schooling and found employment in the print industry, and after a few years he was a lino-type operator working for the Daily Express in Glasgow.

Tom was a keen dancer and it was at Govan Town Hall that he met his future wife and soul-mate Rachel, and they were apparently exceptional dancers. Tom and Rachel married in 1955 and 3 days later Tom departed for national service, training initially with the Camerons in Lanark and then with the Royal Scots Fusiliers at Edinburgh, and from there to Penang Island in Malaya where he became a specialist dog-handler trailing terrorists. Rachel wrote to Tom every day of his national service and he kept and treasured these letters!

Following national service Tom resumed his work with the Daily Express until production of the paper was relocated to Manchester in 1974. Tom was a member of the workers cooperative involved in the unsuccessful venture to launch the Scottish Daily News in 1975.

Having lost his newspaper job Tom joined the ambulance service and trained as a paramedic, and as with everything he did Tom was a caring and dedicated ambulance man who received many commendations over his 27 years service, delivering many babies and supporting hundreds of families in very difficult situations.
Tom and Rachel were a treasured double-act assisting at Local Mods and at 47 consecutive National Mods up to the Dunoon event in 2012, and in March this year An Comunn Gàidhealach rightly recognised this extraordinary voluntary commitment by presenting Tom and Rachel with specially commissioned gold medals in appreciation of their work. “Fhuair mise bonn-òr gun facal a sheinn!!” (I got a Gold Medal without singing a note!) Tom jokingly said in a recent radio programme!

Tom Mitchell was a very special person. The kind of friend everybody needs but that not everyone is fortunate enough to find. He was quietly unassuming, but strong and intensely loyal to his family and friends, and to his language and culture. Tom will be remembered for his consistently smart appearance, his unfailing courtesy and friendly smile, and his firm handshake. His son and daughter acknowledge their good fortune to have had a father who was always there when they needed him, and who supported them in whatever they wanted to do.

Tom’s many friends and acquaintances will be thinking fondly of Rachel, his wife of 57 years, and their family as they face the future without him.
Sàr Ghàidheal da-rìribh, agus bidh sinn ga ionndrainn!

AC

Back to ACG News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 25 Nov 2013

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 Audrey Barnett, Inbhir Nis

£100 Heather Chaimbeul, Inbhir Nis

£50 Carol NicAoidh, Caol Loch Aillse

Back to ACG News List

Fèis Gheamhraidh an Òbain 2013

Published: 22 Nov 2013

Tha Furan (Ionad Gàidhlig an Òbain) a’ cuir air bhonn grunnd thachartasan Gàidhlig mar phàirt de dh’Fhèis Gheamhraidh an Òbain 2013.

Seo na tha a’ tachairt:

Diluain 25mh den t-Samhain

Bùth-obrach Blasad Gàidhlig Faclan is abairtean feumail anns a Ghàidhlig

Àite:Furan, Tallaichean Chorrain

Àm: 7f – 8.30f

Cosgais: £2

Dimàirt 26mh agus Diciadain 27mh den t-Samhain

Blasad Seinn Gàidhlig le Màiri Catherine NicNìll

Àite: Furan, Tallaichean a’ Chorrain

Àm: 7f – 8.30f

Cosgais: £2

Diardaoin 28mh den t-Samhain

Farpuis-Cheist Taigh-seinnse

Àite: Taigh-seinnse an Stiùideo

Àm: 7.30f

Cosgais: £2


**Bidh cuideigin le Gàidhlig anns gach sgioba**

Tha gach tachartas freagarrach airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

Airson àite a ghleidheadh neo airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fòn gu 01631 567 886.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu-dheidhinn Fèis a Gheamhraidh, thigibh gu:

www.obanwinterfestival.com

Back to ACG News List

Tòmas Mitchell

Published: 19 Nov 2013

Tha sinn glè dhuilich leis an naidheachd a th’againn gun chaochail Tòmas Mitchell, sàr charaid dìleas a bh’againn aig a’ Chomunn Ghaidhealach o chionn iomadh bliadhna. Chaochail Tom feasgar na Sabaid. Bha e 80 bliadhna a dh’aois.

Tha seirbheis gu bhith air a chumail air Diciadain 27 Samhain aig 2.30f ann an Luaithreachan na h-Eaglaise Brice. Tha tì/cofaidh gu bhith ri fhaotainn ann an Talla Arm an t-Saoraidh ann an Comar nan Allt as deidh an t-seirbheis.

Tha an teaghlach air iarraidh oirnn taing a thoirt airson an iomadh taic agus teachdaireachd a tha iad air fhaighinn thairis air na seachdainnean a-chaidh seachad.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air Raonaid agus an teaghlach air fad aig an àm duilich tha seo.

Back to ACG News List

Madainn Cofaidh an Inbhir Nis

Published: 15 Nov 2013

Back to ACG News List

HIE a' Lorg Buill a' Bhùird

Published: 01 Nov 2013

Tha Ministearan na h-Alba airson suas ri trì buill ùra a chur an dreuchd air Bòrd Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE). Gheibhear tuilleadh fiosrachadh aig:

http://applications.appointed-for-scotland.org/pages/job_search_view.aspx?jobId=562&JobIndex=4&categoryList=&minsal=0&maxsal=150000&workingPatternList=&keywords=&PageIndex=1&Number=13

Ceann-latha airson tagraidhean – 15 Samhain 2013.

Ma tha ùidh agaibh, cuiribh fios gu:

Craig Wilson

Scottish Government

Public Appointments Centre Of Expertise

E1 Spur, Saughton House

Broomhouse Drive

Edinburgh

EH11 3XD

0131 244 4372

craig.wilson@scotland.gsi.gov.uk


Back to ACG News List

Suipear & Dannsa

Published: 29 Oct 2013

Back to ACG News List

Dealbhan Mòd 2013

Published: 13 Oct 2013

T​ha dealbhan oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ri fhaicinn air an làrach-lìn gu h-ìosal.

Bidh Graham Hood, dealbhadair oifigeil a’ Mhòid, a’ cur dealbhan ùr air an làrach-lìn aige gach latha.

Ma bhios sibh airson dealbhan sam bith òrdachadh, cuiribh fios gu Graham.

http://grahamhoodphotography.com/viewing/

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD