A’ caoidh sàr Ghàidheal!

Published: 05 Jan 2018

Chaill sinn sàr Ghàidheal gu h-obann Diardaoin an 4 latha den Fhaoilleach agus ‘s e buile uamhasach a th’ ann am bàs Iain MhicLeòid aig 66 bliadhna a dh’aois, agus bi ionndrainn mhòr air a chuid dìchill agus dealas ann an saoghal na Gàidhlig.

Ach ‘s ann dhan dlùth theaghlach a th’ air am fàgail a tha ar prìomh smaointinn agus co-fhaireachadh an toiseach is a bhanntrach Cairistiona, a mhac Calum, agus a nighean Màiri is a cèile Kevin, agus peathraichean Iain is an cuid theaghlaichean uile, a’ feuchainn ri cothachadh ris a chall dhuilich seo nam measg. Tha sinn a’ guidhe neart agus furtachd dhaibh.

Bha Iain a’ cur taic ri leasachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna ach bho leig e dheth a dhreuchd ann am poileas Lodain is nan Crìochan ann an 2000 chaidh a chuid obrach às leth a’ chànain am meud gu mòr. Am measg iomadh iomairt eile bha Iain na Chathraiche air Comunn nam Pàrant, na bhall air bòrd Chomunn na Gàidhlig, na bhall air Bòrd na Gàidhlig, agus air bòrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich far an tug e cuideachd deich bliadhna mar Cheann-suidhe. Nuair a leig Iain sin dheth aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn toiseach 2017, thuirt e gun robh an dreuchd air a bhith na urram mhòr dha agus bha e moiteil gun robh “an Comunn a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

Às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich bu mhath leamsa daingneachadh às ùr cho uasal ’s a tha sinne as na rinn Iain dhan bhuidheann seo agus dhan Ghàidhlig san fharsaingeachd, agus bha sinn air leth moiteil gun deach aithne phoblach a thoirt dha mòr-shaothair Iain nuair a bhuilich Sabhal Mòr Ostaig urram Sàr Ghàidheal air aig ceumnachadh bhliadhnail na colaiste san fhoghar 2017.

Dhomh fhìn b’ e urram a bh’ ann eòlas fhaotainn air Iain thar faisg air còig bliadhna fichead, agus tha mi a’ guidhe sìth mhaireann dha ceatharnach!

Tha sinn mothachail gum bi mòran airson fiosrachadh seirbheis tiodhlacaidh fhaotainn agus foillsichidh sinn sin cho luath sa gheibh sinn dearbhadh bhon teaghlach.

Ailean Caimbeul

Ceann-suidhe a Chomuinn Ghàidhealaich

Tha mi gu mòr an comain an Àrd Ollamh Dòmhnall Meek airson cead nam faclan grinn seo a sgrìobh e nuair a chual’ e naidheachd bàis Iain fhoillseachadh an seo. Mar is àbhaist tha bàrdachd Dhòmhnaill a’ bruidhinn gu h-ealanta às ar leth uile.

IAIN MACLEÒID
Nach maireann

Thàinig naidheachd sa mhadainn
A thug bròn orm is smalan
Gun do leagadh an gaisgeach MacLeòid.

Mar chraobh chinnteach na daraich,
Sheas e làidir is daingeann
A’ toirt dùbhlan don ghaillinn ‘s e beò.

Fo gheugan bha fasgadh
Do gach neach a bha labhairt
Ann an cànan nan Gàidheal mar an còir;

Gu socrach ‘s gu gasda,
Anns an sgoil is an dachaigh,
Bheireadh Iain dhaibh taic agus treòir.

Ann an sràid a’ phrìomh bhaile
Bha a’ Ghàidhlig fo aire,
‘S e cur loinn agus mais’ air a seòl.

Mar cheannard bha snas air,
Gun àrdan, gun charachd,
Ach gu h-iriosal, tapaidh na dhòigh.

Gun fhiosda leagadh an darag
Le buille tuaighe bha aithghearr,
‘S chaidh ar grian is ar latha fo sgòth.

A Leòdaich uasail, a charaid,
Tha do bhàs-sa gar crathadh,
‘S tha naidheachd na maidne gar leòn.

Domhnall E Meek - 5.01.18


Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council