Bùthan-obrach Comunn nan Còisirean

Published: 24 May 2017

​Tha e na thlachd do Chomunn nan Còisirean innse gu bheilear a’ cumail dà bhùth-obrach gus sgilean stiùirichean còisirean Gàidhlig a leasachadh. Fhuairear taic-airgid airson nam bùthan-obrach bhon mhaoineachadh ‘Tasgadh’ aig Alba Chruthachail. Tha iad seo a’ leanntainn air dà bhùth-obrach a chaidh a chumail leis a’ Chomunn Ghàidhealach bho chionn trì bliadhna.

Thuirt Dòmhnall MacLeòid, a tha na bhall de Chomunn nan Còisirean, “As dèidh dhuinn beagan rannsachaidh a dhèanamh, bha e follaiseach gun robh stiùirichean còisir a’ cur fàilte air trèanadh is taic bho stiùirichean aig a bheil sàr eòlas, airson an cuid sgilean a leasachadh. Tha fhios nach eil e furasta neo dha-rìreabh, comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a chumail a’ dol neo a stèidheachadh mura h-eil na goireasan is eile aca. Tro na bùthan-obrach seo ge-ta, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a’ dèanamh seo.”

Tha na bùthan-obrach fosgailte do stiùiriche còisir sam bith ach gu h-àraidh ag amas air stiùiriche còisir òigridh aig a bheil ùidh agus miann còisir a leasachadh neo a chruthachadh as ùr. Thèid a’ chiad fhear a chumail anns an Ionad Spectrum ann an Inbhir Nis air an 24mh den Ògmhios bho 0930-1530, air a stiùireadh leis an neachd-ciùil agus stiùriche Còisir an Òbain, Sìleas Nic na Ceàrdaich. Thèid fear eile a chumail ann an Glaschu nas fhaide sa bhliadhna, air a stiùireadh le stiùiriche cliùteach Cèolraidh Ghàidhlig Ghlaschu, Coinneach MacThòmais, ‘s thèid fiosrachadh a sgaoileadh mun seo nas fhaisge air an àm. Cha bhi gach bùth-obrach a’ cosg ach £25.

Thuirt Coinneach MacThòmais, a bhios a’ lìbhrigeadh a’ bhùth-obrach an Glaschu, “Tha mi fhìn air a bhith an sàs ann an còisirean Gàidhlig fad bhliadhnichean mòra ‘s tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cumail taic ris na stiùirichean agus a’ toirt seachad dhaibh beagan den t-eòlas a fhuair mi fhìn thairis air an àm sin. Aig a’ cheann thall, tha sinn airson ‘s gum tig àrdachadh air àireamhan de chòisirean Gàidhlig san fharsaingeachd ‘s gu dearbh, bhiodh e math dhà neo trì còisirean Gàidhlig eile fhaicinn stèidhichte air feadh na dùthcha.”

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a’ frithealadh nam bùthan-obrach seo, cuiribh fios gu Dòmhnall MacLeòid: donniemaroot@hotmail.co.uk, fòn. 07900 512 614.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council