​Tha An Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air Ceann-suidhe ùr

Published: 27 Mar 2017

​An dèidh 10 bliadhna mar Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealaich tha Iain Macleòid a’ leigeil dheth an dreuchd agus thathas a’ cur fàilte air Ailean Caimbeul na àite.

’S e Sgitheanach a th’ann an Ailean, a tha a’ fuireach an Inbhir Nis, agus a tha air a bhith an sàs ann an obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail o chionn iomadh bliadhna. Tha e air a bhith na stiùiriche air Bòrd-stiùiridh a’ Chomuinn o chionn ochd bliadhna.

Chuir Iain Macleòid fàilte air an naidheachd, “Tha Ailean air cliù a chosnadh dha fhèin ann an coimhearsnachd na Gaidhlig agus bidh an eòlas a th’aige ann an craoladh agus ann an saoghal na Gàidhlig air leth feumail anns an dreuchd. Gu dearbh, tha Ailean glè aithnichte dhan mhòr shluaigh an lùib obair a’ Mhòid a’ lìbhrigeadh prìomh fharpaisean a’ Mhòid. Gu pearsanta, tha e air a bhith na urram mòr dhomh a bhith nam Cheann-suidhe agus tha cinnt agam gu bheil an dreuchd gu bhith aig fear a leasaicheas gu mòr obair a’ Chomuinn agus a’ Mhòid. Tha a’ bhuidheann a-nis ann an suidheachadh làidir ann a bhith a’ leasachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig.”

As dèidh Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Loch Abar thuirt Ailean Caimbeul, “Bu mhath leam taing a thoirt do dh’ Iain Macleòid airson a shaothair thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha obair Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich gu bhith, dùbhlanach ach tlachdmhor. Ged a tha obair mhòr romham tha mi mothachail air na cothroman a tha an lùib na h-obrach.

Tha na buidhnean-taic air an dàingeachadh agus tha e comasach dhuinn leasachadh a dheànamh air cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig thairis air na bliadhnachan tha romhain. Nì sinn ar dicheall airson cuir ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhi a’ brosnachadh obair a’ Chomuinn.”

Tha an obair seo air leth cudromach ann a bhith a’ conaltradh eadar luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus na coimhearsnachdan a tha toirt taic dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Rinn Ailean Caimbeul moladh air an obair a bha Seònaid air a dhèanamh. “Tha Seònaid air a bhith na stiùir air cùl an tachartais agus tha dòigh nàdarrach agus sgilean sònraichte aice ri bhith dèiligeadh ri gach suidheachadh. Tha sinn fada an comain Seònaid airson an obair mhòr a rinn i agus tha sinn an dòchas gum bi i gar comhairleachadh anns na bliadhnachan ri teachd nuair a tha feum air an leithid a thaic.

Ailean Caimbeul
Ailean Caimbeul

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council