Urrasachd

‘S e an fhèis chultarach Ghàidhlig as motha ann an Alba a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bheir seo cothroman do urrasairean ‘s luchd taice am bathair ‘s na seirbheisean aca a bhrosnachadh fhad ‘s chuireas iad taic ri dualchas chultarach Ghàidhlig na h-Alba.

Tha an taic chunbhalach a gheibhear bho cheàrnaidhean poballach mar na h-ùghdarrasan ionadail sna h-Eileanan Siar, Earraghaidheal is Bhòid, a’ Ghaidhealtachd, Peairt ‘s Ceann Rois agus Companaidhean Iomairtean Ionadail sàr chudromach do leasachadh a’ Mhòid san àm ri teachd mar Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha dlùth dhàimh air a bhith aig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn o chionn fhada dhan Ghaidhealtachd, na h-Eilean agus taobh siar na h-Alba mar sheirbheis aiseagan cudromach, agus tha iad air a bhith nam prìomh urrasairean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail bhon a bha e sa Leargaidh Ghallda ann an 2002.

Tha na prìomh bhuidhnean Ghàidhlig eile a leithid Bòrd na Gàidhlig, agus Comhairle nan Leabhraichean cuideachd a’ toirt taic chudromach dhan Mhòd.

Luchdaich sìos pasgan Urrasachd / Maoineachaidh


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council