Naidheachdan

Bliadhna na h-Òigridh 2018

Published: 22 Aug 2018

​Bidh fios aig cuid agaibh gur e Bliadhna na h-Òigridh a th’ ann am bliadhna. Tron bhliadhna, bidh sinn a’ faicinn tòrr chothroman dha òigridh air feadh na h-Alba gus na tàlantan na h-Òigridh a chomharrachadh. Mar phàirt de seo, bidh sinn a’ cruthachadh cothroman ùr airson dèanamh cinnteach gu bheil na tàlantan aca air thaisbeanadh.

Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, ’s e a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig aon de na prìomh amasan againn.

Am bliadhna, le taic bho EventScotland, tha cothrom againn pròiseactan a bharrachd a chur air dòigh dha òigridh. O chionn goirid, tha oidean bho FèisSgoil air a bhith a’ dol a-steach dha na sgoiltean ann an sgìre Dhùn Omhain gus clann a deasachadh airson farpaisean a’ Mhòid. ’S e fìor deagh chothrom a th’ ann dha òigridh airson na sgilean Gàidhlig is ceòl aca a leasachadh agus tha sinn an dòchas gum bi na seiseanan seo a’ toirt misneachd dhaibh airson farpaisean a’ Mhòid a dhèanamh cuideachd.

’S e fìor dheagh chothrom a th’ ann dha òigridh a tha airson na sgilean Gàidhlig agus ceòl aca a leasachadh. Cuideachd, tha e math airson misneachd a

Cuideachd, tha sinn a’ ruith bùthan-obrach Dràma dha òigridh ann an Dùn Omhain agus thathas an dòchas gum faic sinn na dealbhan-cluiche aca air an àrd-ùrlar aig a’ Mhòd san Dàmhair.

Tha sinn cuideachd airson cothroman a thoirt dha chlann a bhios a’ cluich camanachd aig a’ Mhòd. Bidh sinn ag obair còmhla ri Comunn na Camanachd gus geama camanachd a chur air dòigh aig a’ Mhòd ro Cupa Camanachd a’ Mhòid.

Tha sinn cuideachd air Comataidh ùr a chruthachadh mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh airson òigridh aig a bheil ùidh mhòr anns a’ Ghàidhlig agus a’ Mhòd. Tha sinn airson cothrom a thoirt dha òigridh airson na beachdan aca a thoirt air adhart air na tha iad airson faicinn a’ tachairt aig a’ Mhòd. Tha an Comataidh seo làn beachdan ùr agus brosnachail airson am Mòd a dhèanamh nas spòrsail agus tarraingeach dha òigridh. Tha sinn gu bhith ag obair cruaidh còmhla riutha airson na beachdan aca a thoirt gu buil.

Nach cum sibh siùil air an làrach lìn againn agus na duilleagan meadhanan sòisealta againn airson barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan Bliadhna na h-Òigridh againn. Airson barrachd fiosrachadh mu Bhliadhna na h-Òigridh, nach tadhal sibh air an làrach-lìn aca: https://young.scot/yoyp2018/

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD