Naidheachdan

Innealan Eadar-theangachaidh

Published: 14 Nov 2017

​​Am b’ urrainn dha duine sam bith a bh’ aig Fosgladh Oifigeil a’ Mhòid am bliadhna ann an Ionad Nibheis, An Gearasdan, dèanamh cinnteach gun deach na h-innealan eadar-theangachaidh aca a thilleadh aig deireadh na h-oidhche. Tha àireamh de dh’innealan nach deach a thilleadh fhathast. Ma tha fear agaibh, cuiribh fòn thugainn air 01851 703487.

Mòran taing,

Sgioba a’ Chomuinn

« Back to Mod News List

Aigeallan Airgid 2018

Published: 14 Nov 2017

​Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2018 ‘s e tàladhcuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e òran-seilgecuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mod News List

​Cothrom 2 thiocaid VIP a bhuannachadh airson Mòd 2018

Published: 01 Nov 2017

Chaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a stèidheachadh san Òban ann an 1891. ’S e comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig prìomh amas a’ Mhòid agus chan eil Fèis eile coltach ris ann an saoghal na Gàidhlig. Gach bliadhna tha mìltean de dhaoine a’ tighinn chun a’ sgìre far am bi am Mòd ga chumail agus bidh seo a’ toirt milleanan not a-steach a dh’eaconomaidh na h-Alba.

Bhiodh sinn fada na bh’ ur comain nam b’ urrainn dhuibh an ceisteachan goirid seo a lìonadh a-steach airson innse dhuinn barrachd mun luchd-amharc againn. Bidh ceistean ann a’ faighneachd carson a bha sibh aig a’ Mhòd agus na beachdan a bh’ agaibh mun tachartas san fharsaingeachd. Cuideachd, tha ceistean ann mu na thathas a’ cosg san àite. Tha seo a’ toirt beachd dhuinn air dè seorsa buaidh eaconomachd a bh’ aig a’ Mhòd ann an sgìre Loch Abar. Na lìonaibh seo mur a bheil sibh air a shon.

Thèid na ceisteachanan gu lèir aig a bheil seòladh, àireamh-fòn agus seòladh post-d a thoirt còmhla agus thèid aon a thaghadh airson dà thiocaid VIP a bhuannachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhainn 2018.

Lìonaibh a-steach an ceisteachan an seo

CEANN-LATHA: 27/11/2017


[This survey is processed by an independent company on An Comunn Gàidhealach’s behalf]


« Back to Mod News List

Taing Mhòr

Published: 30 Oct 2017

Tha luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich air ais ag obair seachdain as dèidh Mòd air leth soirbheachail ann an Loch Abar.

Taing mhòr a-rithist dhan a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa: Bòrd-Stiùiridh a’ Chomuinn; an sgioba a chuidich sinn ann an Oifis a’ Chomuinn agus aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid; Comataidh Ionadal a’ Mhòid; na stiùbhardan; an luchd-taic againn; na britheamhan agus na cathraichean againn; na farpaisich; an luchd-èisteachd agus muinntir Loch Abar. Cha bhiodh Mòd ann gun bh’ ur taic.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2017 ribh uile agus gu faic sinn sibh ann an Dun Òmhainn eadar 12 - 20 den Dàmhair 2018.

​Cuimhnichibh gum faigh sibh dealban a’ Mhòid bho làrach-lìn Graham Hood an seo.

« Back to Mod News List

Fiosrachadh cudromach dha Farpaisich

Published: 09 Oct 2017

​Dàil air Farpaiseach

Ma thachras gum bi dàil air farpaiseach ann a bhith a’ faighinn gu farpais sam bith aig an àm iomchaidh, feumaidh e/i fios a chur chun Àrd-stiùbhard no aon de luchd-taic aige/aice ann an àite na farpais gu am faighear fios mun dàil gu Cathraiche na farpais.

Stiùireadh dha Farpaisich

Chan faod farpaisich leabhar, làmh-sgrìobhainn, no leth-bhreac de cheòl a chleachdadh ann am farpais, ach a-mhàin ann am farpaisean ionnstramaid ciùil.

Ionad Fiosrachaidh Mòd 2017

Bidh Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Gheibhear tiocaidean a’ Mhòid agus progràman bhon Ionad Fiosrachaidh. Ma tha sibh air tiocaidean no prògraman a cheannach air-loidhne, faodar an togail an seo cuideachd.

Bileagan Breithneachaidh

Gheibhear bileagan breithneachaidh airson gach farpais aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Nota: Bu chòir farpaisich feitheamh co-dhiù 2 uair a-thìde às deidh crìoch farpais mus tog iad bileagan breithneachaidh aig an deasc.

Pìosan ainmichte Mòd 2018

Gheibhear Leabhran nam Pìosan Ainmichte airson Mòd 2018 aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Pàirceadh aig an Lime Tree, An Gearasdan

Cha bhi pàirceadh ri fhaotainn airson tahcartasan Mòid a bhios a’ gabhail àite aig an Lime Tree. Thèid na h-àiteachan a tha ann a chleachdadh do luchd-chleachdaidh ciorramach a-mhàin. Bidh pàirceadh ri fhaighinn tarsaing an rathaid mu choinneamh an Lime Tree fhèin ge-ta, ann am ‘Pàirc-chàraichean Ceann an Iar- Fuirich Fada’ (comharraichte mar àireamh 1 air mapa nam pàirce-chàraichean).

Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh gar leantainn air Facebook no Twitter airson fiosrachadh fhaighinn seachdain a’ Mhòid.

« Back to Mod News List

Parcadh aig a' Mhòd - 2017

Published: 20 Sep 2017

Bidh ​tàillean pharcaidh Comhairle nan Gàidhealtachd fhathast air dòigh seachdain a’ Mhòid. Gheibh sibh mapa de na h-àitichean pharcadh anns a’ Ghearasdan. Bidh oifigear trafaig a’ dol timcheall na h-àitichean parcadh fad na seachdain.

« Back to Mod News List

***STIÙBHARDAN**

Published: 20 Sep 2017

​Leis gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 dìreach ceitheir seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin.

Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte anns a’ Mhòd agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal.

Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Comataidh Ionadail Loch Abar.

« Back to Mod News List

Tiocaidean a' Mhòid 2017 rim faighinn air loidhne

Published: 15 Sep 2017

Tha sinn toilichte gu bheil Prògram a’ Mhòid agus tiocaidean airson tachartasan a’ Mhòid a-nis rim faighinn AIR LOIDHNE

Bidh tiocaidean rim faighinn anns na h-oifisean againn agus sa Ghearasdan a dh’aithghearr. Cumaibh sùil a-mach airson tuilleadh fiosrachach an seo.

**Bidh sinn a’ cur a-mach na h-òrdughan gu lèir nuair a thig am Prògram. Tha dùil againn am Prògram fhaighinn ann an dà sheachdain**

« Back to Mod News List

Àireamhan Farpaiseach gun Samhail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017

Published: 13 Sep 2017

​Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu Loch Abar an ath mhìos (Dihaoine 13 Dàmhair – Disathairne 21 Dàmhair) airson bliadhna don Fhèis a tha coltach a bhios gun samhail, agus àireamhan farpaiseach an dùil a bhith nas àirde na 3,600 – an àireamh as àirde ann an deich bliadhna.

Thèid an tachartas naoi-latha de cheòl, ealain agus spòrs Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan airson a’chiad uair ann an deich bliadhna agus, am-bliadhna, bheirear aoigheachd do riochdairean bho bhailtean beaga is mòra nach fhac am Mòd fad ghinealaichean.

An-uiridh thug am Mòd a-steach £2.5m airson na sgìre aoigheachd, na h-Eileanan an Iar, agus tha luchd-eagrachaidh misneachail gum bi an aon sheòrsa buaidh ri fhaicinn ann an Loch Abar, a tha ainmeil airson coimhearsnachd bhlàth agus aoigheil.

Tòisichidh an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba air Dihaoine 13 Dàmhair le caismeachd lòchranach, anns am bi na ceudan de dhaoine a’ coiseachd ann an soilleireachd nan lòchrain tro shràidean a’ Ghearasdain.

Thig a’ chaismeachd gu crìch aig Ionad Nibheis far an tèid an tachartas fosglaidh air adhart agus air an àrd-ùrlar bidh Raibeart MacDhonnchaidh a choisinn am Bonn Òir, Ross MacUilleam agus buidheann ciùil dùthchail Na h-Òganaich anns a bheil buannaiche Bonn Òir, a’ cur fèis na bliadhna seo air bhog.

Tha Am Mòd mar an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Chithear na mìltean de dh’fharpaisich à Alba agus bho air feadh an t-saoghail, eadhon buidheann de dh’fharpaisich Ameireaganach am-bliadhna, a’ gabhail pàirt no an làthair aig còrr air 200 farpais a’ toirt a-steach dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas agus dràma, a bharrachd air ceòl is òrain Ghàidhlig.

Taobh ri taobh ris na farpaisean, bidh Iomall a’ Mhòid le prògram beòthail le lànachd de cheòl traidiseanta, leabhraichean gan cuir air bhog, mòran chuirmean agus cruthan ealain de gach seòrsa fad na seachdain. Gheibhear prògram iomaill na Fèise, a thèid a chuir air bhog an-diugh cuideachd, an seo agus air na meadhanan sòisealta agus thèid a chuairteachadh tro Thìm an Òbain a bharrachd air a bhith ann an taighean-seinnse, taighean-òsta agus àiteachan eile air feadh Loch Abar.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich; “Tha sinn air ar dòigh a’ tilleadh don Ghearasdan airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna agus tha e air leth misneachail a bhith a’ dèanamh sin le àireamhan farpaiseach gun samhail. Tha bliadhna gu math trang air a bhith againn a’ tighinn nas dlùithe air an fhèis, eadar a bhith a’ ruith Chlasaichean Ciùil a’ Mhòid a tha cho tarraingeach, a’ brosnachadh na cloinne gus pàirt a ghabhail ann, agus Acadamaidh a’ Mhòid a tha a’ toirt luchd-teagaisg le Gàidhlig gu 14 sgoil air feadh na h-Alba – agus mar sin tha e math a bhith faicinn àireamhan mòra mar thoradh air an sin. Tha sinn toiliche gu bheil luchd-ciùil ainmeil bhon sgìre againn le Raibeart MacDhonnchaidh, Ross MacUilleam agus Na h-Òganaich mar phairt den tachartas fosglaidh am-bliadhna, agus bi seo na fhìor thòiseachadh math do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2017.”

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach, Alister MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Loch Abar, sgìre den Ghàidhealtachd far a bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar fhathast na pàirt den choimhearsnachd. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail oir tha an tachartas seo a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh e math fàilte a chuir air luchd-turais don Ghàidhealtachd, nam measg feadhainn bho thall thairis, a gheibh tlachd bhon chàirdeas a bhios ann, an raon farsaing de dh’fharpaisean seinn agus ciùil, na h-iomadh cèilidhean, òraidean agus diofar thachartasan a tha mar phàirt de phrògram inntinneach an iomaill. Tha am Mòd a’ cur a’ Ghàidhlig air àrd-ùrlairean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, leis gu bheil e a’ toirt seachad cothrom a’ chuid as fheàrr de ar cànan, cultar a thaisbeanadh, anns na sgìrean far a bheil sinn beò, ag ionnsachadh agus ag obair.

“Tha mi cinnteach gun toir am Mòd buaidh adhartach air an sgìre agus tha sgrùdaidhean oifigeil a’ dearbhadh gu bheil e a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre anns am bidh an tachartas. Bu math leam an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt do Chomataidh Ionadail a’ Mhòid ann an Loch Abar airson an cuid saothair, gu sònraichte co-cheangailte ri togail airgid, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do Mhòd Loch Abar. Le dìreach mìos ri dhol, cumaibh ag ullachadh agus gach soirbheachas don h-uile farpaiseach bhon Ghàidhealtachd.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha dualchas Gàidhlig na h-Alba mar phàirt mhòr de ar dearbh-aithne nàiseanta. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson seo a chomharrachadh, gu sònraichte tro Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd na h-Alba. A-rithist, tha prògram làn de cheòl, Dhannsa Gàidhealach, dhràma agus barrachd, aig an luchd-eagrachaidh don choimhearsnachd Ghàidhlig às gach cuid Alba agus thall thairis, a bheir tlachd dhaibh.

Gu dearbh tha Alba na fhìor àrd-ùrlar math airson tachartasan cultarail agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an fhèis ainmeil eadar-nàiseanta seo ann an ceann mìos.”

Thuirt Stiùiriche Coimhearsnachd agus Ceangal Luchd-ùidhe aig CalMac, Brian Fulton: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na fhìor thachartas mòr ann am mìosachan CalMac agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith tighinn don Ghearasdan, le cinnt gum bi sin an-còmhnaidh na thachartas tlachdmhor as fhiach a chumail air chuimhne.”

Shane O`'Rua
Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10)

Ciara MacDonald (11), Owen MacRaild (9), Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10), Seumas MacFarlane (10), Seumas Stevenson (9)

« Back to Mod News List

Aite Fuirich

Published: 25 Aug 2017

​Ma tha sibh fhathast a’ lorg aite fuirich airson Mod Naiseanta Rioghail na bliadhna seo, faic gu h-iosal:

Mrs Johanna MacGillivray

Dontra

Banavie

Fort William

PH33 7PB

Tel: 01397 772 349

1 House sleeps 5

1 Chalet sleeps 4

« Back to Mod News List

Piping Competitions

Published: 05 Jul 2017

​​Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart!

Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne farpaisich phìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-staigh ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, as dèidh a’ cheann-latha seo.

Cha ghabh sinn iarrtasan airson farpaisean sam bith ach farpaisean pìobaireachd.

« Back to Mod News List

Ceann-latha 30/06/2017

Published: 30 Jun 2017

​​Tha agaibh gu MEADHAN OIDHCHE A-NOCHD (30/06/017) airson iarrtas a chur a-steach airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Feumaidh sibh iarrtas a chur a-steach air loidhne aig enter.ancomunn.co.uk

Cha ghabh sinn foirmean tro post-dealain no tron phost.

Ma tha ceistean agaibh a thaobh an iarrtas agaibh, cuir fios thugainn air 01463 709705 no 01851 703487 suas gu 5f.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bh’ur faicinn ann an Loch Abar san Dàmhair! ☺

♪♫♪♫♪♫♪♫

« Back to Mod News List

​SUAICHEANTAS ÙR IS AMASAN ÀRDA AIR AM FOILLSEACHADH AIRSON MÒD GHLASCHU 2019

Published: 23 Jun 2017

Thàinig clann-sgoile bho air feadh Ghlaschu còmhla an-diugh (Dihaoine 23 Ògmhios) gus an suaicheantas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an 2019 fhoillseachadh.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail ann an Glaschu ann an 2019 – bidh 29 bliadhna ann an uair sin bho chaidh am Mòd a chumail sa bhaile mu dheireadh – agus chaidh suaicheantas ùr a dhealbh airson Mòd Ghlaschu a tha na shamhla beòthail is ealanta air an fhèis iomraitich a mhaireas seachdain agus far an tèid bratach cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal a thogail an àirde sa bhaile-mhòr uair eile.

Tha e na amas do Chomataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2019, le taic bho Chomhairle Baile Ghlaschu agus Glaschu Beò, An Comunn Gàidhealach a chuideachadh le bhith cur Mòd adhartach is lèirsinneach air dòigh a bhios cuideachd a’ sealltainn spèis do dhualchas is freumhan cultarach a’ Mhòid.

Tha a’ bhuidheann-dhealbhachaidh shoirbheachail a tha stèidhichte ann an Glaschu, An Còmhlan Cruthachail, air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Chomataidh Ionadail gus suaicheantas a dhealbh a bhios na shamhla iomchaidh air a’ Mhòd an dà chuid ann an stuthan clò-bhuailte agus thar nam meadhanan sòisealta. Thathar an dòchas gum bi an ìomhaigh ùr, bhrosnachail seo a’ togail ùidh sa Mhòd am measg luchd na Gàidhlig agus dhaoine aig nach eil an cànan agus gum bi i gam piobrachadh gu bhith gabhail pàirt sna farpaisean, a’ toirt taic dhan Mhòd mar luchd-obrach saor-thoileach agus gu bhith dol ann mar luchd-èisteachd.

Bidh taghadh farsaing de dh’fharpaisean ann a-rithist aig Mòd 2019 airson clann agus inbhich – a’ gabhail a-steach aithris is còmhradh, seinn agus farpaisean ciùil. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid na farpaisean airson Dannsa Gàidhealach is Pìobaireachd a chumail aig àm ùr aig a’ Mhòd gus an gabh comasan is sgilean nam farpaiseach tàlantach seo an taisbeanadh aig cridhe na fèise.

A thuilleadh air na farpaisean, bidh prògram iongantach is farsaing aig Iomall a’ Mhòid far am bi cuid den luchd-chiùil as fheàrr a th’ ann an Alba a’ cluich fad seachdain a’ Mhòid agus airson beagan làithean ron Mhòd, le cuid de na seinneadairean is luchd-ciùil as cliùitiche a th’ ann bho am measg nan Gàidheal a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Thuirt Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn, Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019: “Nuair a shoirbhich leis an tairgse bho Ghlaschu airson Mòd 2019 a chumail, bha fios againn gum feumamaid ìomhaigh is suaicheantas beòthail a chruthachadh gus an fhèis a chur air adhart agus a chuireadh an cèill do mhuinntir Ghlaschu gu bheil am Mòd fosgailte dhan a h-uile duine agus gum bi fàilte air a h-uile duine. Tha sinn airson sealltainn gum faod duine sam bith a dhol an sàs ann an cultar na Gàidhlig, chan eil e gu diofar ged nach eil Gàidhlig aca.

“Nuair a chluinneas daoine ceòl is seinn ann an cànan sam bith, tha e gan toirt còmhla, agus tha sinne mar Chomataidh Ionadail air a chur romhainn gum brosnaich sinn an àireamh as motha de dhaoine as urrainn dhuinn gu bhith dol an sàs sa Mhòd agus tha sinn airson gun toir muinntir Ghlaschu taic dhan tachartas agus gun gabh iad tlachd ann an dualchas beairteach nan Gàidheal , dualchas a tha na phàirt de chultar a’ bhaile aca fhèin.”

Thuirt an Comhairliche Daibhidh MacDhòmhnaill, Iar-Cheannard Comhairle Baile Ghlaschu agus Ball de Ghlaschu Beò: “Tha ceangal air a bhith aig a’ bhaile seo ris a’ Chomunn Ghàidhealach fad còrr is 120 bliadhna bho chaidh am Mòd a thòiseachadh ann an 1891. Tha e cha mhòr 30 bliadhna bho bha am Mòd ann an Glaschu agus leis an t-suaicheantas ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh tha sinn ceum nas fhaisge air an latha nuair a thilleas am Mòd ann an 2019.

“Tha Comhairle Baile Ghlaschu a’ toirt taic do dh’adhartachadh na Gàidhlig tron Phlana Ghàidhlig againn, agus tha am Plana sin na bhunait don obair againn a thaobh na Gàidhlig ann am foghlam, coimhearsnachdan, àiteachan-obrach, na h-ealain, na meadhanan, dualchas, turasachd agus a thaobh a bhith cur na Gàidhlig air adhart agus a’ meudachadh nan cothroman a th’ ann gus an cànan a chleachdadh. San latha an-diugh, mar eisimpleir, tha barrachd sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig ann an Glaschu na gheibhear ann an cha mhòr sgìre sam bith eile ann an Alba, ’s iad a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan na h-aon sgìrean far a bheil barrachd.

“Cuideachd, tha cliù eadar-nàiseanta aig Glaschu mar àite fìor ghoireasach airson tachartasan mòra, agus le bhith cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail thèid cur ris a’ chliù sin agus bidh e mar bhun-stèidh làidir air an gabh togail sna bliadhnaichean ri thighinn gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart ann an Glaschu.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Ghlaschu às dèidh cha mhòr deich bliadhna fichead. Tha cliù aig a’ bhaile air feadh an t-saoghail mar àite air leth airson ceòl agus nan ealain agus tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an suaicheantas seo a’ nochdadh beothalachd is brìgh a’ Mhòid agus spiorad Ghlaschu fhèin. Tha am Mòd am measg nam prìomh thachartasan cultarach a bhios gan cumail gach bliadhna, far am faic sibh na Gàidheil agus iomadh duine eile bho air feadh an t-saoghail aig na diofar thachartasan is farpaisean a bhios ann. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte chridheil bho mhuinntir Ghlaschu ann an 2019.”

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt daingeann de dh’eachdraidh is cultar Ghlaschu. Tha Gàidheil air a bhith fuireach sa bhaile fad iomadh linn, agus tha ath-bheothachadh air tighinn air a’ chànan sa bhaile san latha an-diugh, agus àrdachadh mòr air tighinn air an àireimh de sgoilearan FtG sa bhaile thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh.

Thathar an dùil gum bi trì bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu ann an 2019, a bharrachd air àrd-sgoil agus na sgoiltean-àraich ceangailte riutha, agus tha ro-innleachd èifeachdach airson nan ealain agus a’ Ghàidhlig a chur air adhart am measg dhaoine a’ toirt taic dhan fhoghlam sin.

Thèid farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 a chumail san Talla Chonsairt Rìoghail, Glaschu eadar Dihaoine 11 – Disathairne 19 Dàmhair, agus bidh mìltean de dh’fharpaisich bho air feadh Alba agus bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn dhan bhaile gus pàirt a ghabhail ann an dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas is dràma, agus ceòl agus seinn na Gàidhlig.

« Back to Mod News List

Farpaisean Litreachais 2017

Published: 12 Jun 2017

​​Tha tìde gu leòr agaibh fhathast airson pìosan litreachais a chur a-steach airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

« Back to Mod News List

Iomain Cholmcille a’ còmharrachadh deich bliadhna de shoirbheachas aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Published: 09 Jun 2017

​Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan am–bliadhna-sa, a’ còmharrachadh deich bliadhna mar thachartas cho soirbheachail a tha ann ann an saoghal spòrs na Gàidhlig ann an Alba. Thèid an fharpais a chumail air an 14mh den Dàmhair an lùib Mòd Loch Abair 2017

Feumaidh Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair air a’ phàirc agus feumaidh i a bhith ga cleachdadh air a’ phàirc cuideachd. Is e seo a a’ chaid uair a chaidh an fharpais a chumail mar phàirt den Mhòd na eachdraidh fhada shoirbheachail.

Chaidh Iomain Cholmcille a ruith airson a’ chiad uair anns an Òban mar phàirt de Fhèill Chaluim Chille air an deicheamh latha den Ògmhios 2007. On uairsin, tha e air a bhith ga cumail ann an Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Tha i air leudachadh o aon gheam eadar Alba agus Cumann Micheal Breathnach gu bhith a’ toirt a-staigh sgiobaidhean eile, Fir Uladh o Cheann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Tha co-fharpais ann a-nise cuideachd eadar na boireannaich às an dà dhùthaich, le Còrn Sgàthaich ga cluich gach bliadhna.

Am –bliadhna-sa, bidh co-fharpais òigridh ann do dh’òigridh Loch Abair far am bi iad ag ionnsachadh beagan Gàidhlig tro bhith a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Ionnsaichidh iad mu dheidhinn na sgilean a tha an-sàs ann an iomaniocht cuideachd le coidseadh mus faigh iad cothrom geam eadar an dà sgioba Èireannach a choimhead air An Àird anns a’ mhadainn.

Thuirt Eòghan Stiùbhart a tha air a bhtih na cho-ordanaiche Albannach on a thòisich an tachartas o chionn deich bliadhnaichean “Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan aig an aon àm ri Mòd Loch Abair. Tha e a’ suidheachadh an tachartais iongantaich a tha seo aig cridhe cultarach na Gàidhlig agus ’s e cothrom air leth a th’ ann a bthih ag ionnsachadh o chèile an dà chuid mu chànan agus mu spòrs”

“Tha mòran rudan brosnachail a’ tachairt thall ann an Èirinn an-dràsta a thaobh strì airson còraichean cànain agus tha sinn an dòchas gun tog muinntir na h-Alba spionnadh o ar n-aoighean Èireannach. Is iomadh neach òg a bhrosnaich sinn gus Gàidhlig a bhruidhinn a-rithist le Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn a dhol o neart gu neart.”

Chuir Seumas Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, fàilte chridheil air a’ chompairteachas “Tha An Comunn Gàidhealach air ar dòigh a bhith a’ cumail na farpaise eadar-naiseanta iomain airson Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. Chan eil àrd-urlar nas fhèarr ann airson na farpaise na am Mòd Nàsieanta Rìoghail, an fhèis as motha airson Ealain Ghàidhlig ann an Alba. Cuideachd, tha e glè fhreagarrach gu bheil an fharpais a’ tachairt ann an Loch Abar, sgìre le dualchas iomain làidir. Tha an fharpais cudromach gu cultural dhan dà chànan, Gàidhlig agus Gaeilige, le bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar na coimhearsnachdan Gàidhealach anns gach dùthaich.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail farpais a h-uile bliadhna airson iomain co-dhiù, agus cha tèid dearmad a dhèanamh air sin. Thèid Cùpa a’ Mhòid do sgiobaidhean ionadail a chumail cuideachd air an aon latha aig àite eile anns an sgìre. Uile gu lèir, ’s e fèis iomain air leth thar Loch abair a bhios ann.

Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid o Cholmcille, compairteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Èirinn is Alba a leudachadh is a neartachadh.

Bidh Iomain Cholmcille ag obair ann an compairteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair air a’ phròiseact seo còmhla ri Sgioba Iomain a’ Ghearasdain cuideachd.

« Back to Mod News List

​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017, Loch Abar-Farpaisean Pìobaireachd

Published: 19 May 2017

Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart! Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-steach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, an-dèidh a’ cheann-latha sin.

Bidh am Mòd a’ tilleadh gu Loch Abar airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna, ‘s thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Àrdsgoil Loch Abar am bliadhna Disathairne 14mh Dàmhair 2017

Thuirt Moira Robastan, Màidsear na Pioba, Còmhlan Pìoba Loch Abar agus ball de Chomtaidh Ionadail a’ Mhòid, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. ‘S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig Loch Abar a thaobh na Pìobaireachd ‘s tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns an sgìre.”

Feumar foirmean airson farpaisean pìobaireachd a chur a-steach gu An Comunn Gàidhealach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017. Faodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne: enter.ancomunn.co.uk. Faodar foirm iarrtais a luchdachadh a-nuas agus air a chur a-steach tron phost cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na farpaisean fhèin sa chlàr-eagair an seo.

Tha farpaiean C108 (caismeachd) agus farpaisean C109 (srath spè & ruidhle), a bha roimhe do dh’ aois 13-15, a-niste fogailte do dh’ fharpisich fo 15 bliadhna a dh’aois. The farpaisean C130 (MSR) and C131 (port cruinn), a bha roimhe do dh’ aois 16-18, a-niste fosgailte do dh’ fharpisich fo 19 bliadhna a dh’ aois. Thathas a’ cur an cuimhne farpaisich na h-òigridh mu dheidhinn fharpais fhosgailte Phìobaireachd fo aois 19 bliadhna, ‘s bidh farpais ùr ann do dh’fharpisich fo aois 13, a’ cluich port mall Gàidhealach air an fheadain.

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Loch Abar eadar 13mh agus 21mh Dàmhair 2017.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air am fòn, 01463 709705 air neo air a’ phost-d: info@ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Farpais Ùr B327

Published: 10 May 2017

​Tha farpais ùr againn dha inbhich am bliadhna: Farpais B372. ‘S e farpais fosgailte a th’ ann dha cluicheadairean a’ bhogsa agus an fhìdheall. Gheibhear barrachd fios bho clàr a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬

« Back to Mod News List

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean

Published: 13 Apr 2017

​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2017 tron phost agus ro 30 Ògmhios 2017 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

*Farpais A234*

Published: 28 Mar 2017

​​Tha sinn air an òrain ainmichte airson an fharpais seo atharrachadh.

‘S e ‘Maighdean Loch nan Eala’ a th’ ann an àite ‘Eilean Cholla’.

Cuiribh fios gu mairi@ancomunn.co.uk airson leth-bhreac de dh’òrain fhaighinn.

« Back to Mod News List

Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 15 Mar 2017

Tha Sgeama Measaidh nan cairtean a’ toirt taic agus spionnadh do dh’fharpaisich an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, gus am faigh iad na cairtean a tha dhith orra airson pàirt a gabhail ann an cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid. Ri linn seo, tha Sgeama a’ Chomuinn gu mòr a’ cur ris an àrdachadh de fhileantas a-measg inbhich agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Faodar iarrtas a chur gu An Comunn Gàidhealach gus measadh a dhèanamh aig àm sam bith den bhliadhna ach tron t-Sultain. B’ fheàrr leis a’ Chomunn Ghàidhealaich nam b’ urrainn do dhaoine Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid.

Bidh agaibh ri Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtas a’ Mhòid an ath bhliadhna.

Ma tha sibh airson latha measaidh a chur air dòigh no ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh na measaidhean, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu 01463 709 705.

« Back to Mod News List

Oidhche Fosgailte- Mòd Loch Abar 2017

Published: 02 Feb 2017

​Tha Comataidh Ionadail Mòd Loch Abar a’ cumail Oidhche Fosgailte air Diluain 6 An Gearran, 7f aig ‘Oisean a’ Mhòid’ air Àrd-Shràid a’ Ghearasdain.

Gheibhear fios mu dheidhinn: de th’anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, luach eaconamach dhan sgìre agus ciamar a ‘s urrainn dhuibh a bhith an sàs ro làimh no tron tachartas san Dàmhair.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh brath chun an duilleag aca no cuiribh post-d thuca air lochabar2017@gmail.com

Bidh fàilte chridheil romhaibh.

« Back to Mod News List

Àite-fuirich rim faotainn- Mòd Loch Abar 2017

Published: 05 Jan 2017

Two rooms within walking distance of Lochaber High School available to rent during the week of the Mod in Lochaber. They are a double and a twin, on ground floor level and served by a toilet/bathroom/shower.

Shared kitchen and sitting room facilities will also be available.

Please phone Isabel on 01397 703 819 for more information

« Back to Mod News List

Aigeallan Airgid 2017

Published: 09 Nov 2016

Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2017 ‘s e ‘eileanan’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e ‘seòladh’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mod News List

Shuttle Bus

Published: 17 Oct 2016

​Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur bus air dòigh a bhios a’ dol timcheall Tallaichean a’ Mhòid tron t-seachdain.

Ma sibh airson bus a chuir air dòigh- cuiribh fòn gu 07795291551

« Back to Mod News List

Massed Choirs 2016

Published: 12 Oct 2016

​​

Please note that the time for this year’s Massed Choir event has changed to 11.30am

« Back to Mod News List

e-Prògram a' Mhòid 2016

Published: 12 Oct 2016

​Am bliadhna, tha prògram digiteach ri fhaotainn airson feadhainn a tha air Prògram a’ Mhòid fhaighinn air-loidhne.

As dèidh dhuibh am prògram fhaighinn bhon siostam air-loidhne againn bidh lethbhreac ri fhaotainn air coimpiutairean, tablets no smartphones a tha freagarrach airson faidhlean pdf.

Tha sinn an dòchas gu bheil an siostam seo a’ cordadh ribh agus gu bheil e feumail airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn Mòd nan Eilean Siar 2016.

« Back to Mod News List

BBC Alba a' Craoladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 Beò às na h-Eileanan an Iar

Published: 11 Oct 2016

​​

Bidh BBC ALBA a’ craoladh prògraman làitheil bho Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna anns na h-Eileanan an Iar, nam measg tri prògraman beò bho phrìomh cho-fharpaisean chliùiteach a’ Mhòid.

Is e am Mòd, a tha air a chuir air chois leis a’ Chomunn Gàidhealach, an fhèill as cliùitiche do dh’ealain, ceòl, dùthchas is cànain aig coimhearsnachd na Gàidhlig.

Bidh BBC Gàidhlig a’ riochdachadh prògraman na seachdain bho Dhiluain 17mh gu Dihaoine 21mh Dàmhair a bhios a’ nochdadh air BBC ALBA.

Am-bliadhna, airson a’ chiad uair a-riamh, bidh prògraman beò a’ tighinn gu luchd-amhairc bhon là mu dheireadh den Mhòd le na còisirean mòra a’ strì ann am farpais Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn. Bidh seo a thuilleadh air an dà phrìomh fharpais do sheinneadairean fa leth, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain agus Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin.

Seo na bhios BBC ALBA a’ craoladh bhon Mhòd:

• Diluain 17mh, 10.00-11.30f – cuid de na thog duaisean bhon chiad là aig Mòd na Cloinne, nam measg an dithis a chaidh urramachadh le Bonn Cuimhneachan Sheumais C. Mhic a’ Phì.
• Dimàirt 18mh, 10.00-11.30f – bidh òigridh a’ nochdadh sa phrògram seo, nam measg am balach agus a’ chaileag a bhuinnig Buinn Airgid phrìseil a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
• Diciadain 19mh, 7.30-10.00f – Cathy, beò le Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich le Màiri Anna NicUalraig agus Gillebride Mac ‘Ille Mhaoil a’ toirt seachad mìneachadh air na seinneadairean. Cuideachd air a’ phrògram bidh iadsan a bhuannaich Buinn Airgid airson inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.
• Diardaoin 20mh, 7.30-10.00f – craoladh beò bho fharpais Bonn Òir an t-Seann Nòis. Bidh dithis chliùiteach, an craoladair Mòrag Dhòmhnallach agus an seinneadair Sgitheanach Art MacCarmaig, a’ tilleadh a thoirt beachd air an t-seinn. Bidh na còisirean buannachdail bho fharpaisean nan Còisirean Dùthchail, a chumar air an là sin, a’ nochdadh cuideachd.
• Dihaoine 21mh, 1.30-5.00f – beò bho fharpaisean nan còisirean a tha a’ strì gus Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn a chosnadh. Bidh Calum Màrtainn à Leòdhas agus Lisa NicNèill a tha a’ teagasg ceòl ann am Barraigh a’ toirt thugainn mìneachadh air a’ cho-fharpais a thuilleadh air an fharpais airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.
• Dihaoine 21mh, 10.00-11.30f – blas bho na còisirean a bhuannaich na prìomh dhuaisean sna lathaichean a dh’fhalbh. Cluinnear òrain bho na Còisirean Sgìreil a thog Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh agus Geall-dùbhlain Esme Nic a’ Ghobhainn. Bidh na còisirean buannachdail bho fharpaisean nan Còisirean Dùthchail a’ nochdadh, nam measg an fheadhainn a bhuannaich Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim McaMhaighstir Caimbeul.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha sinn cho toilichte prògraman cho tlachdmhor a chraoladh bho Mhòd na bliadhna-sa às na h-Eileanan an Iar. Bidh BBC ALBA a’ toirt barrachd gu luchd-amhairc gach là bho na prìomh fharpaisean. Ann an cuideachd Chathy bidh sgioba cliùiteach a’ toirt bheachdan agus mìneachadh fhads a tha na prògraman a’ dol a-mach beò”.

Bidh Radio nan Gàidheal a’ tairgse craoladh co-amail de na bhios a’ nochdadh air BBC ALBA a thuilleadh air prògraman a bharrachd. A bharrachd air prògram beò bho chuairtean deuchainn Bonn Òir an t-Seann Nòis madainn Diardaoin aig 9m, cluinnear na còisirean dùthchail feasgar Diardaoin aig 1.30f a’ farpais airson Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul. Saoil am buannaich Còisir Ghàidhlig Mhealbhaich agus Còisir Ghàidhlig An Eilein Mhuilich am-bliadhna a-rithist? Dihaoine, bidh prògraman a’ Mhòid a’ tòiseachadh aig 10.00m le fàilte bho Mhòrag Dhòmhnallach do chèilidh cliùiteach Mire ri Mòir, agus gu leòr de dh’òrain bhon fheadhainn a choisinn duaisean.

Tha BBC Radio nan Gàidheal cuideachd gu bhith a’ craoladh sreath phrògraman co-cheangailte ris an fhèis, Seòid a’ Mhòid agus Anna Dholaidh nam measg. Cuiridh Seòid a’ Mhòid air Diluain aig 12.03f a’ phrosbaig air cuid de na ceudan a tha a’ dèanamh obair gu saor-thoileach airson an tachartas a chur air dòigh. Air Dimàirt aig 12.03f, Anna Dholaidh, sgeulachd Anna NicLeòid à Leòdhas a tha fad bhliadhnaichean air a bhith a’ toirt cuideachadh do sheinneadairean san t-seann nòs agus iad a’ dèanamh deiseil airson pàirt a ghabhail sa Mhòd.

Thèid naidheachdan cuideachd a chraoladh tron t-seachdain le Aithris na Maidne agus Aithris an Fheasgair air rèidio agus An Là air BBC ALBA a’ toirt prìomh naidheachdan a’ Mhòid chun an luchd-èisteachd agus luchd-amhairc.

Bidh gach prògram, a thuilleadh air na pìosan as fheàrr bhon Mhòd, ri fhaighinn air an làrach http://www.bbc.co.uk/alba.

« Back to Mod News List

Choir Practice Rooms

Published: 07 Oct 2016

​Tha na h-àitichean gu h-ìosal a’ toirt cothrom do choisirean a tha airson practas a dhèanamh ro farpaisean.

Cuiribh fios thuca airson tuilleadh fios agus airson àite fhaighinn:

Sea Angling Club: 01851 702 021

The Crown Hotel: 01851 703 734

Banca Rìoghail na h-Alba, Steòrnabhagh: 01851 763 806

« Back to Mod News List

Fiosrachaidh mu dheidhinn Tiocaidean a' Mhòid 2016

Published: 27 Sep 2016

Tha tiocaidean rim faotainn airson tachartasan Iomall a’ Mhòid agus cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Iomall a’ Mhòid an seo.

Prìsean

Fosgladh Oifigeil
Official Opening

£5 (Buill: An Asgaidh)
£5 (Members: Free)

_________________________________________________________________________________________________________________________

Ar Cànan ‘s ar Ceòl: Cèol nan Innse Gall
Ar Cànan ‘s ar Ceòl: A Hebridean musical showcase

Cèilidh Phìobaireachd
Piping Ceilidh

Fuaigh Fosgail
Fuaigh Fosgail

Solas
Solas

Farpais Crìochnachaidh an Aigeallain Airgid
Silver Pendant Final

Farpais Crìochnachaidh an Dràma
Drama Finals

Farpais Crìochnachaidh nam Bonn Òir
Gold Medal Final

Farpais Latharna agus an t-Siorraim
Combined Rural Choirs

Farpais Crìochnachaidh an t-Seann Nòis
Traditional Final

Mac-talla Cogaidh
E
choes of War

Cèilidh Thraidiseanta an Neach-Gairm
Convener’s Traditional Cèilidh

Farpais Thulaich Bhardainn & NicDhonnchaidh
Combined Area Choirs (Lovat & Tullibarnine & Margrat Duncan)

Àite Mo Ghaoil
Place Of My Heart

£12 (Buill: £6)
£12 (Members: £6)

__________________________________________________________________________________________________________________________

Gach Sgeul
Story Telling

£8 (Buill: £4)
£8 (Members: £4)

__________________________________________________________________________________________________________________________

Càit am faigh mi tiocaidean?

Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan seo ron a’ Mhòd bho Oifis a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Steòrnabhagh no air a’ fòn: 01851 703 487.

Bidh tiocaidean rim faotainn tron t-seachdain aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid, Sgoil MhicNeacail.

* * *

Tiocaidean airson Fuaigh Fosgail rim faotainn bho Oifis a’ Chomuinn no Bùth MhicGilleBhràith, Baile a’ Mhanaich agus Taigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh.

Tiocaidean airson Cèilidh Phìobaireachd rim faotainn bho Bhùth AC MacLean, Bàgh a’ Chaisteil

* * *

Cuideachd, geibhear tiocaidean airson na tachartasan a leanas bhon Lanntair, Steòrnabhagh: Solas, Farpais Crìochnachaidh an Dràma & Àite Mo Ghaoil

* * *

TIOCAIDEAN RI FHAOTAINN AIR LOIDHNE BHO http://enter.ancomunn.co.uk/tickets

Ma tha sibh nur ball, feumaidh àireamh ballrachd a bhith agaibh nuair a tha sibh a’ ceannach thiocaidean. Mur eil fios agaibh air an àireamh agaibh no ma tha ballrachd agaibh, cuiribh fios gu aon de na h-oifisean againn air 01463 709 705 no 01851 703 487.

Ma tha sibh airson ballrachd a thoirt a-mach, tadhlaibh air: www.ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu aon de na h-oifisean againn. Gheibh buill a’ Chomuinn lùghdachadh suas gu 50% air a’ chiad thiocaid airson tachartas sam bith – ‘se sàbhaladh mòr a tha seo dhuibh, gu h-àraidh ma bhios sibh a’ frithealadh mòran fharpaisean tro sheachdain a’ Mhòid!

Ballrachd:
£15 – Inbhich

£5 - Oileanaich

« Back to Mod News List

Mapa airson Mòd nan Eilean Siar

Published: 22 Sep 2016

​Geibhear mapa a’ sealltainn thallaichean agus àitean parcaidh ann am Baile Steòrnabhaigh airson Mòd nan Eilean Siar 2016 gu h-ìosal.

Mapa Baile Steòrnabhaigh

« Back to Mod News List

​Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 13 Sep 2016

Cuimhnichibh dèanamh cinnteach ma tha feum agaibh air measadh Gàidhlig a dhèanamh mus gabh sibh pàirt ann an farpaisean.

Ma tha feum agaibh air cairt fhaighinn airson Mòd nan Eilean Siar 2016, cuiribh fios gu Seonag Anderson airson measadh a chuir air dòigh seachdain a’ Mhòid.

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil feum aig inbhich a tha airson Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich no Bonn Òr an t-Seann Nòis a dhèanamh air cairt fhaighinn gach trì bliadhna.

Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh measadh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach tro mheadhain post-dealain gu

seonag@ancomunn.co.uk neo cuiribh fòn gu:

01463 709 705

« Back to Mod News List

*** STIÙBHARDAN***

Published: 08 Sep 2016

​Leis gu bheil Mòd nan Eilean Siar 2016 dìreach còig seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin. Tha Neach-Gairm ùr Comataidh Tallaichean agus Stiùbhardachd, Iain MacArtair, a bhuineas do Chàrlabhagh, misneachail mu na dùbhlain a bhios mu choinneamh fhèin agus a’ chomataidh anns na seachdainnean a tha romhainn.

“Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. Le suas gu 30 làrach dha cleachdach aig an aon àm, tha e cudromach gu bheil gu leòr dhaoine deònach taic a thoirt seachad. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte ann am Mòd nan Eilean Siar 2016 agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal”.

Mar a mhìnich Iain:

Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Oifis a’ Chomuinn Ghàidhealaich air 01851 703487 agus leigidh Peigi fios gu Iain MacArtair agus Comataidh Tallaichean agus Stiùbhardach gu bheil sibh air ùidh a chlàradh.

« Back to Mod News List

Duaisean

Published: 28 Jul 2016

Bu chòir dhuibh a bhith mothachail gur e DILUAIN 1 LÙNASTAL 2016 an ceann-latha airson duasain Mòd an Òbain 2015 a thilleadh gu Oifis a’ Chomuinn an Inbhir Nis no Steòrnabhagh. Bu chòir dha na duaisean a bhith glan agus le ainmeanan nuair a thilleas iad.

Taing mhòr dhan a h-uile duine a thill na duaisean mu thràth, le ainmeanan agus air an glanadh.

Ma tha duileaghadas agaibh a thaobh seo, cuiribh fòn gu Oifis Inbhir Nis air 01463 709 705


« Back to Mod News List

C42A

Published: 25 Jul 2016

​​Ann an roinn na h-òigridh anns na h-earranan ainmichte, bu chòir a bhith C42A seach C42, ‘s e mearachd rianachd a tha seo. ‘S e ‘A’ ghaoth’ am pìos fhèin agus ‘s ann dha chlann eadar 11-12 a tha an fharpais.

« Back to Mod News List

Uploading Own Choice Submissions on the Online System

Published: 30 Jun 2016

​- All entries must be paid for before you can submit own choice pieces

- When you have paid for the competition, click on the ‘Manage Submissions’ button (on left hand side of screen)

- You will see the competitions which require own choice music

- Click Add and you will be directed to a page which will allow you to search your computer for your files

- Once selected, upload and finalise the files for your entry to be complete.

- The status of these entries will change to ‘submissions require approval’. An Comunn Gàidhealach staff will be checking andapproving entries in the coming months

Please note: own choice submissions for junior storytelling competitions C21, C25, C41, C41A & C89 are not necessary. However, the system will require for you to upload a document for your submission for your entry to be shown as complete. We ask that you please upload a blank document for this submission.

« Back to Mod News List

Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ teannadh airson tagraichean air-loidhne

Published: 23 Jun 2016

​​Tha tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a’ taomadh a-steach, ach thathas a’ cur an cuimhne daoine gu bheil an ceann là airson iarrtasan air-loidhne mu choinneamh farpaisean a’ teannadh dlùth. Tha gu deireadh na mìos aig daoine, 30mh den Ògmhìos, a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns na h-Eileanan Siar, airson an t-siathamh turas.

Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, “Tha làn-chothrom aig farpaisich cur a-steach an cuid iarrtasan on a chaidh an ceann-latha a leudachadh fad mìos na b’ fhaide. Tha an siostam iarrtais ùr againn a chaidh a leasachadh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad air a dheagh chleachdadh le farpaisich mu thràth, le dùil gum bi fad a bharrachd a’ cur a-steach ro 30mh Ògmhìos. Bu mhath leinn cluinntinn bho fharpaiseach sam bith ma tha trioblaid sam bith aca le bhith a’ cur a-steach iarrtas, agus faodar comhairle a thoirt seachad le seo.”

“Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a chraoladh beò a-rithist air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Chuirear fàilte mhòr air na h-atharrachaidhean seo le farpaisich agus luchd-èisteachd le chèile ‘s tha sinn toilichte gum faigh luchd-coimhid ‘s luchd-èisteachd nas fharsainge an cothrom coimhead air na farpaisean seo a-nist.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Tormod Dòmhallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh dha na h-Eileanan an Iar. “Tha e air leth freagarrach gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar seach gur e bun-stèidh a’ Mhòid beartas ar cànan is cultar a’ thaisbeanadh. `S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan agus bi luchd-frithealaidh a’ Mhòid cinnteach gum faighear fàilte fìor Ghàidhealach anns na h-Eileanan am bliadhna-sa.”

Tha Comhairle nan Eilean Siar fhèin a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh dha na h-Eileanan, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh, Sgioba na Gàidhlig, Doileag NicLeòid: “Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil don Ghàidhlig anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Tha sinn air a bhith adhartach le cleachdadh na Gàidhlig agus le bhith a’ togail inbhe a’ chànain agus le sin tha e freagarrach gum bi prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail anns na h-Eileanan san Dàmhair.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14-22 Dàmhair 2016. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modnaneileansiar2016.com.

« Back to Mod News List

Seirbheis-Bìdhe aig a’ Mhòd

Published: 20 Jun 2016

​Bithear a’ toirt seachad Seirbheis-Bìdhe aig Mòd nan Eilean Siar bho Ionad-bìdhe Sgoil ‘Ic Neacail, Steòrnabhagh rè seachdain a’ Mhòid. Gheibhear dìnnear, biadh teth, blasad-bìdhe, tì/cofaidh agus bèicearachd-dachaigh gach latha dhen Mhòd bho 10m-4f. Bithidh lòn ri fhaighinn aig Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar cuideachd le bhith ag òrdachadh ro-làimh.

Ma tha an còisir agaibh biadh fhastadh aig amannan sònraichte tron t-seachdain, faodar fios a chur gu Louise Laing, post-d: louise.laing@cne-siar.gov.uk neo fòn: 01851 822 733, ro-làimh.

Thèid clàr-bìdh a chuairteachadh gu buidhnean sam bith aig a bheil ùidh.

« Back to Mod News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016, na h-Eileanan an Iar- Farpaisean Pìobaireachd

Published: 10 May 2016

​Tha obair ullachaidh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a-nis aig àrd-ìre agus bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd gum feumar tagraidhean a bhith a-steach ro Dihaoine 8mh Iuchar 2016, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch neo neo-chrìochnaichte a gheibhear an-dèidh a’ cheann-latha sin.

‘S e seo an t-siathamh turas a thèid am Mòd a chumail sna h-Eileanan an Iar ‘s thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla am bliadhna Disathairne 15mh Dàmhair 2016

Thuirt Pauline Craib, rùnaire Comunn Phìobaireachd Uibhist is Bharraigh, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. ‘S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig na h-Uibhistich a thaobh na Pìobaireachd ‘s tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns na h-Eileanan , mar sin, ‘s ann gu math iomchaidh a tha e gun till farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid dhan na h-Eileanan seo.”

Feumar foirmean airson farpaisean pìobaireachd a chur a-steach gu An Comunn Gàidhealach ro Dihaoine 8 Iuchar 2016. Faodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne: http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/entryform. Faodar foirm iarrtais a luchdachadh a-nuas agus air a chur a-steach tron phost cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na farpaisean fhèin sa chlàr-eagair aig: http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Thathas a’ cur an cuimhne farpaisich na h-òigridh mu dheidhinn fharpais fhosgailte Phìobaireachd fo aois 19 bliadhna, an roghainn fhèin .‘S e seo an ceathramh bliadhna a tha an fharpais ga ruith.

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan an Iar eadar 14mh agus 22mh Dàmhair 2016.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air am fòn, 01463 709705 air neo air a’ phost-d: info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Ceann-lath Ùr airson Mòd 2016

Published: 22 Mar 2016

Bu chòir dhuibh a bhith mothachail gu bheil sinn air na cinn-latha atharrachadh airson foirmean agus earrainnean ainmichte Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

Ma tha sibh a’ cuir foirmean thugainn sa’ PHOST, feumar seo a dhèanamh ro 31 Cèitean 2016. Ma thig foirmean thugainn tron phost as dèidh an ceann-latha seo, CHA TÈID GABHAIL RIUTHA.

Ma tha sibh a’ cuir bh’ ur pìosan fèin-thaghte thugainn tron PHOST, feumar seo a chur thugainn ro 31 Cèitean 2016 cuideachd.

Tha ceann-latha ùr ann airson duine sam bith a tha airson cuir a-steach airson farpaisean air-loidhne. Bidh agaibh gu 30 Ògmhios 2016 airson cuir a-steach airson farpaisean tron làrach-lìn. ‘S e seo an ceann-latha airson pìosan fèin-thaghte a chur a-steach air-loidhne cuideachd.

CHA GHABH sinn foirmean no pìosan fèin-thaghte tro post-dealain idir.

Feuch nach fhàg sibh seo chun a’ mhionaid mu dheireadh, gun fhios nach bidh duilgheadasan sam bith agaibh.

Mar a bhios sibh mothachail, tha sinn air a bhith ag obair air an siostam air-lòidhne againn thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad agus tha sinn an dòchas gun cleachd a’ mhòr-chuid de na farpaisich an goireas seo. Leis gu bheil mìos a bharrachd
aig farpaisich ri cuir a-steach airson farpaisean air-loidhne, tha sinn an dòchas gun toir seo air barrachd an siostam seo a chleachdadh. Ma bhios cuideachadh sam bith a dhìth oirbh leis, cuiribh fios thugainn aig àm sam bith.

CINN-LATHA

Tron phost – 31 Cèitean 2016

Pìosan fèin-thaghte tron phost – 31 Cèitean 2016

Air-loidhne – 30 Ògmhios 2016

Pìosan fèin-thaghte air-loidhne – 30 Ògmhios 2016

Leis gum bidh feadhainn de na sgoiltean a’ dùnadh airson saor-làithean na Sàmhraidh ro cheann-latha an t-Ògmhios, dèanaibh cinnteach gun cuir sibh àireamh-fòn air na foirmean agaibh far am faigh sinn grèim oirbh thairis air na saor-làithean. Ma bhios duilgheadasan sam bith ann agus mur a bidh dòigh againn faighinn grèim oirbh, dh’ fhaodadh seo buaidh a thoirt air an àite agaibh san fharpais.

Feuch gun cuir sibh an fhiosrachadh cudthromach seo air adhart gu farpaisich, tidsearan, Rùnairean sam bith agus mar sin air adhart a bhios a’ dèiligeadh ris na foirmean agaibh.

« Back to Mod News List

Cuairt a’ Mhòid

Published: 02 Feb 2016

Leis Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh chun na h-Eileannan an Iar am-bliadhna, chìthear sgioba a’ Chomuinn a’ tarring orra le ‘Cuairt a’ Mhòid’ sa Ghearran ‘s a’ tadhail air sgoiltean air feadh Eilean Leòdhais. Thèid Cuairt a’ Mhòid a
chumail thairis air seachdain gus aire a’ Mhòid a thogail agus clann a bhrosnachadh a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a thèid a chumail san Dàmhair, 2016. Bidh Seumas Greumach, Manaidsear a’ Mhòid, agus Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, a’ stiùireadh an sgioba le luchd-ciùil ionadail, Andy Yearly, Louisa Barron agus Stephen Drummond nam measg. Mar phàirt den Chuairt seo agus, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, bithear a’ cur cuideam air dòighean innse sgeulachdan, rud a chòrdas ris a’ chloinn.

Chaidh Cuairt a’ Mhòid a stèidheachadh an-uiridh san Òban ‘s iad a’ tadhail air 12 sgoiltean sa sgìre. Bha an Iomairt gu math soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd agus gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga.

Bidh am Mòd a’ tighinn dha na h-Eileanan airson an 6mh turas na eachdraidh am bliadhnas tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi làn-riochdachadh aige bho nah-Eileanan air fad.

Thuirt Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, “S e sgeama a tha ann an Cuairt a Mhòid a tha An Comunn Gàidhealach airson cumail a’ dol gach bliadhna ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte, airson aire chloinne a tharraing gu na Mòdan ionadail agus nàiseanta ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho na h-Eileanan fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu h-àraidh leis gu bheil na h-Eileanan làn thàlant a leithid.”

Thathas an dòchas gum bi sgioba a’ Chomuinn a’ tadhail air sgoiltean air feadh nan Eilean Siar nas fhaide sa bhliadhna. Thuirt Seonag, “Gu mì-fhortanach, cha cheadaich an tìde dhuinn faighinn timcheall a h-uile sgoil sna h-Eileanan an triop seo, ach tha sinn airson ceilidh air sgoiltean sna Hearadh, an Uibhist agus ann am Barraigh roimhe a’ Mhòid.

Bha suas ri 10,000 neach a’ frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh, a chunnacas farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia a’ gabhail pàirt. Aig fèis iomall a’ Mhòid bidh cuirmean, seiseanan, òraidean is eile ann an diofar àiteachan air feadh na fèise naoi-latha.

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a chumail sna h-Eileanan an Iar eadar 14-22 Dàmhair. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh tadhailibh air: www.ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Club 400 Mòd nan Eilean Siar

Published: 29 Jan 2016

Meal an naidheachd dha John Y Moireach, Ceann Loch Gilp, a fhuair an 1mh duais (£250) ann an Club 400 Mòd nan Eilean Siar san Fhaoilleach. Fhuair Joan Bower, Dùn Deagh an 2mh duais (£100) agus fhuair Ealasaid NicIlleathain, Steòrnabhagh, an 3mh duais (£50).

Thèid duaisean an ath mhìos a thogail air an 26mh den Ghearran 2016.

« Back to Mod News List

Club 400 Mòd nan Eilean Siar

Published: 15 Dec 2015

Meal an naidheachd air John Y Murray, Ceann Loch Gilp, a bhuannaich £250 ann an Club 400 Mòd 2016 airson an t-Samhain. Chaidh £100 gu Elizabeth NicIllethain, Steòrnabhagh agus £50 gu Dòmhnall Macleòid, Steòrnabhagh.

Thèid Club 400 an Dùbhlachd a chumail air an 18mh den Dùbhlachd, dìreach ron an Nollaig!

« Back to Mod News List

Duaisean Leabhraichean Mòd 2015

Published: 02 Dec 2015

Thàinig grunn leabhraichean a-steach thugainn airson farpaisean Mòd na bliadhna seo.

Tha sinn a’ cur meal a naidheachd air an fheadhainn a fhuair na duaisean. Seo iad gu h-ìosal:



Leabhar Cloinne

‘Cairistìona Camaillean’

Ùghdar / Author: Catriona

NicIlledhuibh

Air a chlò-bhualadh le / Publisher: Acair

Mu dheidhinn an leabhar seo: Tha Cairistìona diùid. Nuair a bheir a’ ghaoth leatha i gu eilean beag Gàidhealach, feumaidh i dòigh a lorg gus tilleadh dhan fhàsaich. An tèid i am falach, no am bi misneachd gu leòr aice gus cuideachadh iarraidh?

Leabhar Deugairean

‘Saighdearan nan Sràidean’

Ùghdar: Fiona Nic an Aba

Air a chlò-bhualadh le: Acair

Mu dheidhinn an leabhar seo: Nuair a bha Caitlin NicRathna boil a’ falbh a Ghlaschu air saor-làithean, cha do smaoinich i riamh gum biodh fadachd oirre tilleadh. Ach rinn na thachair ann an Glaschu dragh mòr do Chaitlin.

Leabhar Inbhich


‘Dol Fodha na Grèine / The Going Down of the Sun’

Ùghdar: Comunn Eachdraidh Nis

Air a chlò-bhualadh le: Acair

Bha Dol Fodha na Grèine air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Saltire na bliadhna seo. Mealaibh ur naidheachd airson seo!

Mu dheidhinn an leabhar seo: Cruinneachadh de dhealbhan agus sgrìobhaidhean bhon sgìre eadar Sgiogarstaigh agus Baile an Truiseil, Eilean Leòdhais. Air fhoillseachadh le Acair ann an co bhonn le Comunn Eachdraidh Nis, a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon Chogadh Mhòr.

‘Se leabhar dà-chànanach a tha seo.

« Back to Mod News List

Brot is Milsean

Published: 16 Nov 2015

​Thig còmhla rinn airson brot is milsean gu math blasta Dihaoine 20mh Samhain. Bidh sinn a’ togail airgead airson Mòd nan Eilean Siar 2016

An dòchas gum faic sinn ann sibh!

« Back to Mod News List

Duilleagan Breithneachaidh

Published: 16 Nov 2015

Thathar an dòchas gum bi na duilleagan breithneachaidh a bha air fhàgail às dèidh Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain a chuir a-mach sa phost ro deireadh na seachdaine. Mur eil iad agaibh ro Dihaoine, cuir fios thugainn ann an oifis a’ Chomainn Inbhir Nis.

01463 709 705

« Back to Mod News List

Errannan Ainmitche

Published: 13 Nov 2015

Earrannan Ainmichte rim faotainn airson Mòd nan Eilean Siar 2016!

Gheibhear an ceannachd air-loidhne an seo.

No ‘s urrainn dhuibh an ceannachd,aig aon de na h-oifisean againn:

An Comunn Gaidhealach
Taigh Bhaile an Athain,
40 Sraid Hunndaidh,
Inbhirnis.
IV3 5HR

Fon: 01463 709705

Post-d: info@ancomunn.co.uk



Clarsach

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh bho:

Michelle Kelly,
Rianadair Comunn na Clarsaich Studio G43,
Out of the Blue Drill Hall,
36 Sraid Dalmeny,
Dun Eideann.
EH6 8RG

Fon:0131 554 0212

Post-d:office@clarsachsociety.co.uk

« Back to Mod News List

Mòdan ri thighinn

Published: 16 Oct 2015

Mòd nan Eilean Siar - 14-22 Dàmhair 2016

Mòd Loch Abar - 13-21 Dàmhair 2017

Mòd Dhùn Omhain - 12-20 Dàmhair 2018

Mòd Ghlaschu - 11-19 Dàmhair 2019

« Back to Mod News List

Ceilidh na Cloinne

Published: 10 Oct 2015

​Oidhche spòrsail dha clann agus teaghlaichean. Beagan ùine airson faochadh fhaighinn bho na farpaisean Diluain agus Dimàirt!

« Back to Mod News List

Cearcall Ciùil

Published: 10 Oct 2015

​Tha tòrr a’ dol anns an Òban an t-seachdain seo. Thigibh gu na taighean-seinnse airson deagh cheòl is craic

« Back to Mod News List

Fighe

Published: 10 Oct 2015

​Obair ùr bho Raonaid Walker a tha air duaisean a chosnadh, stèidhichte air òrain is ruitheaman bho ghnìomhachas aodaich na h-Alba. Bidh Art MacCarmaig agus Fiona Nic an t-Sealgair cuideachd nam pàirt den taisbeanadh fìor mhath seo. Ann an co-bhann le Comunn Dunollie

« Back to Mod News List

Seann Bhaile an Òbain

Published: 10 Oct 2015

​Gabh iongnadh mu na caractaran agus na suidheachaidhean a tha air cumadh a thoirt air an Òban thar nam bliadhnaichean le Bob MacCulloch agus ceòl tùsail bho Erik Spence agus Dave Mason.

« Back to Mod News List

Mìorbhall Nam Beann

Published: 10 Oct 2015

​Balaich Dhonnchaidh Bhàin le Iain MacPhàrlain aig an stiùir deiseil gus deagh oidhche a thoirt dhuibh bho na sgrìobh bàrd Earra-Ghàidheal Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a’ toirt taic don tachartas seo.

« Back to Mod News List

App a’ Mhòid Nàiseanta 2015

Published: 09 Oct 2015

​Dèan cinnteach gun luchdaich thu sìos an App gun dàil airson fiosrachadh air Mòd an Òbain 2015!

« Back to Mod News List

Clàraidhean de luchd-buannachaidh co-fharpaisean a’ Mhòid aig Stiùidio a' BHBC

Published: 07 Oct 2015

​Clàraidhean de luchd-buannachaidh co-fharpaisean a’ Mhòid aig Stiùidio a’ BHBC, BBC Studio, St. Columba Church Hall, Corran Brae, Oban

Diluain 12mh agus Dimairt 13mh (Na dorsan a’ fosgladh eadar 6.00f agus 6.20f)
Dihaoine 16mh (Na dorsan a’ fosgladh eadar 8.45f agus 9.15f)

Airson tiocaid cuir fòn gu 07624 910 525

Barrachd fiosrachadh

« Back to Mod News List

Foirm airson ticeadan Mòd 2015

Published: 10 Sep 2015

Gheibhear foirm airson ticeadan Mòd na bliadhna seo gu h-ìosal.

Foirm Ticeadan Mòd 2015

« Back to Mod News List

Àite ruith-thairis

Published: 09 Sep 2015

Tha Ionad Achadh na Creige airson cuireadh a thoirt do chòisirean, seinneadairean ‘s luchd-ciùil eile na bothain againn a chleachdadh airson ruith-thairis rè seachdainn a’ Mhòid. Ma bhios ùidh agaibh ann a bhith a’ cleachdadh àite ruith-thairis, feumaidh sibh clàradh cho luath ‘s ghabhas.

Cuiribh fios gu info@obancommunitiestrust.org.uk.

« Back to Mod News List

Prògram Mòd 2015

Published: 08 Jun 2015

Bidh prògram oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015 ri cheannach bho Dihaoine 2mh den Dàmhair.

Thèid foirmean a sgaoileadh nas fhaisg air an àm ma bhios sibh airson òrdugh a chur thugainn.

« Back to Mod News List

Pìobaireachd aig Mòd 2015

Published: 08 Jun 2015

The Royal National Mòd will take place in Oban this year with the piping competitions taking place on Saturday 10th October 2015.

Both senior and juniors entries for any piping competitions must be submitted to An Comunn Gàidhealach by Friday 10th July 2015. Please find attached an entry form; entries can also be made online at: http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/entryform. Details about the competitions themselves can be found by downloading the syllabus at: http://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Junior competitors are also reminded of the open junior Pìobaireachd competition for under-19 years of age. It is now in its third year and the competition is competitor’s choice.

Please forward this information to anyone you think may be interested in taking part in the Mòd piping.

For any further information, please visit www.ancomunn.co.uk and our Facebook page.

« Back to Mod News List

Atharrachadh ann an Clàr a' Mhòid

Published: 20 May 2015

Fhad ’s a tha ainmean thagraichean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015 a’ taomadh a-steach gach latha, tha buidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach trang ag ullachadh airson tachartas na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns an Òban airson an t-siathamh turas deug na eachdraidh. Ged a chaidh mòran de thagraidhean fhaighinn mu-thràth, tha dùil aig a’ Chomuinn Ghàidhealaich gun tig mòran fhathast a-steach eadar seo agus an ceann-latha de 1 Ògmhios 2015. Tha e fìor chudromach gum faighear tagraidhean crìochnaichte a-steach ann an deagh ùine.

Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ bheachd seo a bharrachd air a bhith ag ainmeachadh atharrachadh ann an clàr na farpais ainmeil Cuairt Dheireannach Bonn Òir a’ Chomuinn. “Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a-nis a chraoladh beò air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Thèid farpaisean ullachaidh airson Buinn Òir a’ Chomuinn a chumail, mar as àbhaist, tron latha Diciadain, agus thèid farpais ullachaidh an t-Seann Nòis a-nis air adhart tron latha Diardaoin. Thèid farpaisean ullachaidh an Aigeallain Airgid air adhart madainn Diciadain agus a’ Chuairt Dheireannach air adhart air an fheasgair.

Tha An Comunn Gàidhealach an dòchas gun cuir gach cuid na farpaisich agus an luchd-èisteachd fàilte air na h-atharrachaidhean sin. Chuireadh sinn fàilte air tagraidhean a bhith a’ tighinn a-steach ann an tìde agus tha e cudromach gun toir gach neach sùil air an làrach-lìn agus air na clàran gus am faigh iad dearbhadh air atharrachaidhean sam bith a chaidh an toirt a-steach am-bliadhna. Faodar tagraidhean a bhith air an cur a-steach air loidhne cuideachd.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Donnchadh Dòmhnallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh don Òban. “Tha a’ Chomataidh Ionadail a-nis a’ faicinn toradh an cuid oidhirpean thairis air an dà bhliadhna a dh’ fhalbh, agus tha sinne agus gach neach san Òban, a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cuir fàilte air sean is òg gu prìomh thachartas ann am mìosachan cultarail na h-Alba. Leis gur e seo “sgìre breith” a’ Mhòid, tha sin a’ ciallachadh gu bheil Mòd san Òban an-còmhnaidh sònraichte math. Leis gu bheil goireasan fìor mhath ann airson farpaisean is tachartasan eile tha am baile eòlach air dèiligeadh ri Mòd agus gheibh sibh faireachdainn den seo nuair a ruigeas sibh. Nì sinn ar dìcheall nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus am bi fìor chuimhne mhath agaibh air ur turas chun bhaile.”

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid cuideachd a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh don Òban, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh Taigheadas, Gàidhlig, Coimhearsnachd is Cultar air Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Robin Currie: “Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air leth toilichte a bhith a’ toirt taic don tachartas am-bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air mòran fharpaisich is luchd-tadhail don tachartas.”

Thèid Am Mòd Nìaseanta Rìoghail a chumail anns an Òban eadar 9-17 Dàmhair 2015. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail no Mòd an Òbain, feuch an tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modanobain2015.com.

« Back to Mod News List

Mòd air Chuairt

Published: 08 Apr 2015

Taisbeanadh leasachaidh gu bhith a’ toirt spionnadh do àireamhan sgoilearan

Leis gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’

tilleadh chun dachaigh aige san Òban am-bliadhna, thathas a’ dèanamh oidhirpean

gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga. Ged a bha

àireamhan fharpaisich san fhèis Ghàidhlig ann an Inbhir Nis an-uiridh na b’

àirde na bha a-riamh roimhe, is e dìreach triùir òganach à sgìre an Òbain a

shiubhail gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd gus pàirt a ghabhail ann.

A-nis, agus am Mòd a’ tighinn don Òban airson an

16mh turas - b’ ann sa bhaile seo a chaidh a’ chiad tachartas a chumail ann an

1892 - tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi

làn-riochdachadh aige bho sgìre Latharna.

Tha manaidsear a’ Mhòid Seumas Greumach a’ toirt

Taisbeanadh Leasachaidh a’ Mhòid air adhart, a chaidh timcheall 12 sgoil air

feadh an Òbain is Latharna gus com-pàirt a bhrosnachadh anns a’ Mhòd Nàiseanta

Rìoghail eadar 9-17 Dàmhair. Thug Seumas cuid den luchd-ciùil as tàlantaich air

Taobh an Iar na Gàidhealtachd timcheall sgoiltean ann an Taigh an Uuillt, An

Apainn, A’ Chonghail, Am Barra Calltainn, Aird Fheàrna, Cill an Inbhir, An Dùn

Beag, Eisdeal, agus Ach na Creige, Naomh Cholm Cille agus Pàirc an Òban, a

bharrachd air Àrd-sgoil an Òbain.

Fhad ’s a bha iad a’ tadhal air Bun-sgoil Cholm

Chille Dihaoine sa chaidh, thuirt Seumas: “Tha na sgoilearan agus an

luchd-teagaisg air ùidh shònraichte a nochdadh anns gach sgoil. Bha sinn an

dùil an Taisbeanadh Leasachaidh a chleachdadh gus taic ùrachadh ann an sgìrean

eile san dùthaich ach is e an Òban an fhìor àite airson tòiseachadh seach gun

deach àireamh nam farpaisich òga sìos o chionn ghoirid. Tha mothachadh a-measg

luchd-teagaisg ris am bi sinn a’ bruidhinn mun Mhòd ach chan eil iad uile mothachail

air an taic as urrainn dhuinn a thoirt do sgoiltean. Tha sinn airson gum bi

sgìre an Òbain air a riochdachadh gu làidir aig tachartas na bliadhna-sa oir

tha tàlant sònraichte ann agus luchd-teagaisg ciùil a tha fìor mhath.”

A-measg an luchd-ciùil aig Taisbeanadh Leasachaidh

a’ Mhòid bha Sìleas Nic na Ceàrdaich (A’ Chonghail), Moireach Willis (Liosmòr)

agus Fionnlagh Wells (An Òban) a thug mòr thoileachas dha na sgoilearan leis a’

chiùil beòthail aca. Chaidh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Earraghàidheal

Donnchadh MacNèill agus Oifigear Leasachaidh Dràma Fèisean nan Gàidheal

Dùbhghlas Beck an sàs a’ leasachadh sgilean dràma nan sgoilearan agus thug

Tosgaire Gàidhlig 2014 is an craoladair Kirsteen NicDhòmhnaill an eòlas aice

air a’ Mhòd seachad do na sgoilearan.

Aig ìre ionadail, tha a’ chomataidh eagrachaidh a

tha an sàs le Mòd an Òbain am-bliadhna air aontachadh Acadamaidh a’ Mhòid a

stèidheachadh, a chuireas luchd-teagaisg a-steach do sgoiltean ag amas air

barrachd com-pàirt àrdachadh. Bidh am pròiseact seo rudeigin coltach ri Club a’

Mhòid ann am Muile a tha làn-stèidhichte a-nis, agus a tha air a bhith na

mheadhan air mòran fharpaisich bhon eilean a thoirt air adhart gu bhith gu

làidir an sàs aig Mòdan o chionn ghoirid.

Thuirt Donnchadh Dòmhnallach, Neach-gairm a’

Chomataidh Ionadail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015: “Is e pròiseact pìleat

a tha ann an Acadamaidh a’ Mhòid a tha sinn an dòchas a leanas às deidh a’

Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna; tha sinn airson gum bi clann sgoile bhon

Òban agus Latharna a’ leantainn a bhith an sàs ann am farpaisean a’ Mhòid. Tha

na h-àireamhan air a bhith a’ tuiteam ach tha na tidsearan glè thrang agus tha

mòran de phàrantan airson an cuid cloinne a thoirt air falbh air saor-làithean

fad làithean-saora san Dàmhair, nuair a bhios an Mòd a’ dol air adhart.”

Bithear an dùil gum bi suas ri 10,000 neach a’

frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a chuireas fàilte air

farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus

Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia. Aig fèis iomaill a’ Mhòid bi

cuirmean, seiseanan, òraidean is cleasachd sràide ann an diofar àiteachan air

feadh na fèise naoi-latha.

« Back to Mod News List

Stovies, Ceilidh & Dannsa san Òbain

Published: 24 Mar 2015

​Oidhche le stovies, cèilidh agus dannsa san Òbain a’ cruinneachadh airgead airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015.

« Back to Mod News List

Ceann-latha mu dheireadh airson Mòd Ionadail an Òbain

Published: 24 Mar 2015

Cuimhnichibh gu feumar cuir a-steach airson farpaisean Mòd Ionadail an Òbain ro Disathairne 4 Giblean. Feumar earrannan fèin thaghte agus cosgaisean sam bith a chur a-steach an uairsin cuideachd.

Cuiribh a h-uile càil gu:

Fùran

Ionad Gàidhlig

Tallaichean a’ Chorrain

An t-Òban

PA34 4AB

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh bho Moira Dunlop aig moiradunlop@btinternet.com

« Back to Mod News List

Iomall Mòd 2014 air Youtube

Published: 19 Feb 2015

Blasad beag de na rudan a b’ fheàrr a bha a’ dol aig Iomall Mòd Inbhir Nis, 2014. B’ e Iomall Mòid a bu mhotha a chunnacas is a chualas riamh aig Mòd le aoigheachd Ghàidhealach, ceòl agus òrain Ghàidhlig…agus abair gun do chòrd e ris an t-sluagh!

https://www.youtube.com/watch?v=F3Wsx8H43_E

« Back to Mod News List

Mòd 2014 A' Cruthachadh £3.5 Millean

Published: 02 Feb 2015

Tha rannsachadh air sealltainn gun chuir Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 £3,547,661 a-steach don chomhearsnachd ghnìomhachais ann an Inbhirnis – còrr air £1millean nas àirde na targaid an tachartais.

Tha an aithisg, air a lìbhrigeadh le ‘The Market Specialists’ a’ sealltainn gun tharraing an fhèis naoi-latha, a chaidh air adhart eadar 10-18 Dàmhair 2014 ann an Inbhirnis, còrr air 9000 neach-tadhail sònraichte, agus gun tàinig 78% dhiubh bho thaobh a-muigh a’ bhaile-mhòir a thug aoigheachd dhith. Bha 67% ann an Inbhirnis a dh’ aon ghnothach airson Am Mòd a fhrithealadh, agus bha 25% a’ còmhnaidh ann am Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.

Is e An Comunn Gàidhealach a bhios a’ cur an tachartas air adhart, agus is i an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Tha na h-àireamhan a’ dearbhadh cho cudromach sa tha Am Mòd, chan ann a-mhàin ann am mìosachan cultarail na h-Alba ach don eaconomaidh aice cuideachd, oir thuirt 74% den luchd-frithealaidh nach biodh iad air turas a thoirt don àite tron t-seachdain sin, mura biodh gun robh an fhèis ann.

Tha Am Mòd a’ faighinn aoigheachd ann am baile no baile-mòr eadar-dhealaichte gach bliadhna agus tha seo chan ann dìreach gus a bhith a’ toirt daoine an sàs ann an dualchas na Gàidhlig, ach cuideachd gus spionnadh a thoir don eaconomaidh ionadail. Tha na co-dhùnaidhean bhon fhèis ann an 2014 a’ sealltainn gu robh teachd a-steach mòr ann bho thasgadh Chomhairle na Gàidhealtachd san tachartas, le £19 ga chosg anns an sgìre riaghlaidh aca fa chomhair gach £1 a chuir iad a-steach, agus gun dh’ èirich seo gu £25 aig ìre ionadail fa chomhair gach £1 a chuir iad a-steach.

Bha am fèisteas 2014 na phrìomh thachartas am measg na bha a’ comharrachadh Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd agus chomharraich seo an tachartas a’ tilleadh a dh’ Inbhirnis mar sgìre aoigheachd às deidh 17 bliadhna; agus bha a’ bhuaidh aige gun samhail. Fhuair taighean-òsta, taighean-bìdh agus bùithtean a’ bhaile-mhòir buannachd às leis gu robh 60% de luchd-frithealaidh a’ fuireach ann an taigh-òsta, taigh-aoigheachd, àite-fuirich air mhàl no òsdail, agus an ùine fuirich cuibheasach do luchd-aoigheachd fad-oidhche aig ìre 4.2 latha. Bh’ innis 62% de luchd-frithealaidh na fèis gun robh iad anns na bùithtean co-dhiù aon uair (25% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”) agus 59% a’ tadhal air taighean-seinnse co-dhiù aon uair (24% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”) agus bha 86% ag ithe a-muigh co-dhiù aon uair (55% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”).

Chaidh 200 farpais air adhart aig àm a’ Mhòid, agus chuir faisg air 100 tachartas air an Iomall ris a’ bheothalachd a bha ann an Inbhirnis. Chaidh bùthan-obrach, leughaidhean-leabhair, seiseanan thig is feuch, cuirmean is cèilidhean air adhart aig gach àm de latha is oidhche air feadh Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd. Thàinig luchd-tadhail bho air feadh na h-Alba, na RA, Canada agus eadhon na United Arab Emirates

Mar thoradh air an fhaireachdainn, thuirt 61% gu robh “beothalachd” na fèise “gu mòr nas àirde” no “nas àirde” na bha dùil aca agus thuirt 59% gu robh Inbhirnis mar bhaile-mòr a’ cheart cho drùiteach, agus an aon cheudad a’ nochdadh gun tigeadh iad air ais chun bhaile-mhòir san àm ri teachd airson saor-làithean/ùine ghoirid, Thuirt 16% eile gur dòcha gun dèanadh iad sin.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: Tha sinn uamhasach toilichte leis an aithisg seo, gu sònraichte leis gun nochd i gu robh 37% de luchd-frithealaidh ag ionnsachadh no ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh agus tha sinn airson an àireamh sin fhaicinn a’ fàs.

“Tha seo a’ dearbhadh luach an tachartais agus an toradh a dh’ fhaodadh a bhith aige do bhailtean-mòra aoigheachd, luchd-maoineachaidh is buidhnean-taic malairteach eile - tha sinn a’ cur luach mhòr nan cuid taic agus feum againn gu lean e. Dh’ fhaodadh gum biodh an toradh seo air a bhith na b’ àirde buileach nam biodh sinn air maoineachadh a bharrachd fhaighinn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn thairis air na cnapan-stara a tha ga dhèanamh duilich dhuinn taic ionmhais fhaighinn don Mhòd
bho, gu sònraichte, Alba Chruthachail, oir chan eil e air a bhith comasach dhuinn a-riamh an cuid taic fhaighinn.

“Feumaidh mi an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd, còmhla ri ar buidhnean-taic dìleas, ar comataidh ionadail ann an Inbhirnis agus a h-uile neach-obrach saor-thoileach a bha a’ strì gus dèanamh cinnteach gum biodh 2014 cho sònraichte math, ach taing cuideachd don h-uile duine a thàinig gu bhith nan farpaisich agus gus na tachartasan againn a fhrithealadh - a-nis air adhart chun Òban ann an 2015, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri ur faicinn an sin”.

Thuirt Martin Dorchester, Manaidsear Riaghlaidh CalMac, prìomh bhuidheann taic malairteach a’ Mhòid: “Tha sinn a-riamh air a bhith mothachail gu bheil Am Mòd a’ toirt buaidh mhòr eaconamach air na sgìrean anns a tèid a chumail cho nmath ri bhith na thaisbeanadh luachmhor airson cànan is cultar na Gàidhlig. Bu chòir meal an naidheachd a chuir air a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd Inbhirnis airson an cuid saothair agus tha mi cinnteach gum bi iad air an dòigh nuair a gheibh iad na-mach gun chuir an obair mhòr aca uidhir a-steach don eaconomaidh ionadail.”

Bidh Mòd 2015 a’ dol air adhart eadar 9 – 17 Dàmhair anns an Òban agus tha e a-nis san 123 bliadhna aige.

Thuirt Pròbhaist Inbhirnis, an Comhairliche Ailig Greumach: “Bha e na thoileachas mòr dhuinn aoigheachd a thoirt do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2014 ann an Inbhirnis. Tha soirbheachas mòr an tachartais ìre cruinneil seo a’ dearbhadh gu soilleir buannachdannneaconomach na Gàidhlig a bharrachd air a bhith a’ cur cuideam air a’ bhuaidh chultarail is dhualchais a tha cho cudromach don Ghàidhealtachd. Is e fìor àite math a th’ ann an Inbhirnis airson tachartasan is fèisean nàiseanta leis gu bheil e cho bàidheil, cho goireasach a thaobh siubhal, cho làn de dh’ àiteachan fuirich agus cho aoigheil agus an raon sùbailte a th’ ann de dh’àiteachan goireasach. Tha an aithisg seo a’ daingneachadh comais Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd airson a bhith a’ toirt aoigheachd do thachartasan nàiseanta is eadar-nàiseanta agus bidh sinn ag obair gus tuilleadh a bharrachd a thàladh don Ghàidhealtachd.

“Tha sinn air-leth toilichte gun do chuir taic a’ phobaill agus taic na Comhairle uidhir de theachd a-steach sònraichte don bhaile-mhòir. Tha seo air a bhith na bhuannachd dha solaraichean àite-fuirich, taighean-bìdh is bùithtean agus thàinig àrdachadh cuideachd anns an àireamh de dhaoine a bha a’ tadhal air diofar àiteachan aig àm sa bhliadhna far nach bidh uidhir de dhaoine an làthair. Tha e cuideachd iomchaidh a chomharrachadh gun chruthaich am Mòd fìor fharsaingeachd de chraoladh adhartach ‘sna meadhanan gu nàiseanta don bhaile-mhòir agus don sgìre mun cuairt.

Lean e air “Às deidh aoigheachd a thoirt don Mhòd san Dàmhair agus do Dhuaisean Thraidiseanta na h-Alba san Dùbhlachd, tha sinn a-nis a’ coimhead ar adhart ri bhith a’ toirt aoigheachd do dh’ Fhèis nam Meadhanan Ceilteach sa Ghiblean!”

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Tha sinn toilichte gu bheil ar cuid tasgaidh anns a’ Chomunn Ghàidhealaich na bhuannachd chan ann a-mhàin don Ghàidhlig, ach cuideachd a’ cruthachadh fìor bhuannachdan eaconomach ge bith càite am bi am Mòd a’ dol. Tha seo na thuilleadh dearbhadh air buannachdan deimhinnte sòisealta is eaconomach na Gàidhlig mar a dhearbh an sgrùdadh a cho-mhaoin sinn le IGE, a’ nochdadh gum faodadh luach de dh’ àireamh eadar £81.6m is £148.5m ngach bliadhna a bhith innte do dh’ eaconomaidh na h-Alba.”

Thuirt Mìcheal Cantlay, Cathraiche VisitScotland: “Is e Am Mòd Nàiseanta Riòghail aon de na prìomh thachartasan a tha sa phasgan bliadhnail againn de thachartasan cultarail, agus tha an rannsachadh seo a’ dearbhadh cho cudromach sa tha e do dh’ eaconomaidh luchd-turais. Tha an tachartas a’ tàladh àireamhan mòra de luchd-turais gach bliadhna, a tha an uairsin a’ cur airgead a-steach do ghnìomhachasan ionadail agus do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha dàimh fad-ùine againn leis a’ Mhòd tron sgioba stiùiridh thachartasan againn EventScotland, agus ann an 2014 bha an tachartasn cuideachd mar phàirt de phrògram mòr-thaitneach Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd, le ceudad àrd de luchd-turais bho thaobh a-muigh a’ bhaile-mhòir agus bha e gu sònraichte misneachail gun deach ùidh a bharrachd a nochdadh às a dheidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.”

A’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2014 bha Comhairle na Gàidhealtachd, IGE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, Banca Rìoghail na h-Alba, ÙTA, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Post Rìoghail.

« Back to Mod News List

Prògram Iomall a' Mhòid

Published: 15 Oct 2014

Chithear Prògram Iomall a’ Mhòid an seo:

« Back to Mod News List

Ceannaichibh Prògram a' Mhòid agaibh

Published: 13 Oct 2014

​Faodaidh tu prògram a’ Mhòid 2014 a cheannach bhon ionad-fàilte aig Eden Court Theatre. Ceannaichear na prògraman aig £6 no £4 airson buill a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

« Back to Mod News List

App a' Mhòid!

Published: 09 Oct 2014

Na caill dad de na tha dol air adhart aig a’ Mhòd, luchdaich sìos an app againn! Dèan sgrùdadh beò a rèir cluicheadair, ainm no farpais. Dreachd Android gu bhith a-muigh a dh’ aithghearr http://tinyurl.com/q7u4tqx

« Back to Mod News List

Prògram a' Mhòid

Published: 04 Oct 2014

Tha Prògram a’ Mhòid a-nise ri cheannachd anns na h-oifisean againn ann an Steòrnbhagh agus Inbhir Nis, agus cuideachd bho Comhairle nan Lebhraichean ann an Glaschu.

Ma tha sibh ag iarraidh oirnn leth-bhreac a chur thugaibh sa’ phost, cuiribh fòn thugainn air 01851 703 487.

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 19 Sep 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mios seo:

£250 M V Laycock, Inbhir Nàrann

£100 Aonghas G MacLeòid, Inbhir Nis

£50 Heather Chaimbeul, Inbhir Nis

Mealaibh ur naidheachd!

« Back to Mod News List

Pàirceadh @ Mòd 2014

Published: 19 Sep 2014

Fiosrachadh air goiresan pàircidh airson busaichean is càraichean aig Mòd Inbhir Nis, 10-18 Dàmhair 2014:

Fiosrachadh air pàirceadh airson busaichean eadar 10-18 Dàmhair 2014:

Sràid Àrd Rois-chan fhaodar fuireach nas fhaide na 2 uair a thìde eadar 10m-5f (Diluain-Disathairne), chan fhaodar pàirceadh aig uair sam bith eile.

·

Chan fhaighear pàirceadh idir aig prìomh thogalach na Comhairle air sràid Ghleann Urchadain.

Bidh pàirceadh do bhusaichean ri fhaotainn fad an latha air Longman Drive cuideachd (air a ruith le D & E Coaches).

Fiosrachadh air pàirceadh airson càraichean eadar 10-18 Dàmhair 2014:

Gheibhear pàirceadh poblach aig Cùirt Eden feumar tighinn tràth gus àite fhaighinn. Chan eil Cùirt Eden ach beagan mhionaidean air falbh bho mheadhan a’ bhaile. ·

Tha pàirceadh ‘Pay & Display’ ri fhaotainn don phoblach ri taobh Cathair-Eaglais Inbhir Nis.

·

Gheibhear pàirceadh taobh a-muigh Àrd-sgoil Inbhir Nis Diciadain fad na seachdain.

·

Airson tuilleadh pàircidh ann an Inbhir Nis,thoir sùil air a’ mhapa an cois an fhiosrachaidh seo.

« Back to Mod News List

Mòd Nàiseanta Rìoghail @ Blas

Published: 09 Sep 2014

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba, a’ dol ann an com-pàirt ri Fèis Blas a tha a’ dol air adhart eadar Dihaoine 5 is Disathairne 13 Sultain gus a bhith an sàs ann an cuirmean ann an dachaighean cùraim agus ospadalan air feadh na Gàidhealtachd.

Le dùil ri tachartas ciùil gach oidhche, bidh an dà fhèis a’ co-obrachadh air sia cinn-latha agus àiteachan, gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine tlachd bho chultar na Gàidhlig.

A’ tòiseachadh le ‘Còisir G’, còisir Ghàidhlig Òigridh na Gàidhealtachd, a’ seinn ann an Dachaigh Cùraim Ach an Eas an Inbhir Nis air Disathairne 6 Sultain, bidh tachartasan eile a’ toirt a-steach còmhlan cèilidh Mo Creach a’ cluich airson luchd-còmhnaidh Taigh Srath Alain, Srath Pheofhair air Dimàirt 9mh, agus cluicheadair ionnstramaid Rhona Shutharlanach an còis sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch aig Taigh Srath Bhùrn, Geàrrloch air Diardaoin 10mh.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e fìor chothrom math a tha seo do gach cuid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus fèis Blas rudeigin a thoirt air ais don choimhearsnachd. Tha cultar na Gàidhlig dathtach agus beairteach gu leòr airson tlachd a thoirt don h-uile duine, agus mar sin is e seo an cothrom as fheàrr gus dèanamh cinnteach gum faigh iadsan nach urrainn a thighinn a-mach gu na h-àiteachan cluiche eòlas fhaighinn air na tha againn ri thabhann.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tilleadh a dh’ Inbhir Nis airson a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair. Leis gur e seo a’ chiad uair againn air ais anns a’ bhaile-mhòir bho 1997, bidh seo sònraichte math. Is e Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd ris an robh fadachd againn a bhios ann!”

Thuirt Art MacCarmaig bho Fèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha os cionn Fèis Blas: “Tha e na thoileachas dhuinn a bhith ag obair còmhla ris a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ceòl Beò A-nis agus Ceòl ‘sna h-Ospadalan gu bhith toirt luchd-ciùil agus seinneadairean a-steach do dhachaighean cùraim agus ospadalan mar phàirt de phrògram coimhearsnachd a bhios a‘ dol air adhart air feadh na fèise. Tha fòcas sònraichte aig Blas air a bhith a’ toirt òigridh an sàs agus bidh mòran a’ nochdadh taobh ri taobh ri cuid den luchd-ciùil agus seinneadairean as fheàrr anns na 43 prìomh thachartasan aig an fhèis. Tha sinn air leth toilichte gum bi cuid den fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair a’ faighinn cothrom air na sgilean coileanaidh aca a gheurachadh anns na seiseananan sin a’ toirt tlachd dha daoine ‘s dòcha nach urrainn a thighinn a-mach gu cuid de na tachartasan sin.”

Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an FhèisChultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba. Is e seo an 122mh bliadhna den tachartas, agus is i an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Is e seo am prìomh thachartas ann an comharrachadh Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd.

Is e An Comunn Gàidhealach, aon de na buidhnean Gaidhlig nàiseanta as sine agus as cliùitiche san t-saoghal a bhios a’ cuir an tachartas naoi-latha air adhart eadar Dihaoine 10 gu Disathairne 18 Dàmhair. Bheir e a-steach farpaisean ann an Dannsa Gàidhealach, Ceòl is Òrain Ghàidhlig, Spòrs, Litreachas is Dràma, a’ toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig aig gach ìre pàirt a ghabhail ann. Tàlaidh e na mìltean de dh’ fharpaisich agus luchd-èisteachd bho air feadh na h-Alba, na RA agus bho gach ceàrnaidh den t-saoghal nam measg na SA, Astràilia agus Canada, gu Inbhirnis.

Ann an 2014 chithear an tachartas Iomaill as motha a-riamh a’ dol air adhart taobh ri taobh ris na farpaisean. Bheir seo a-steach cuirmean, bogadh leabhraichean is CDn, seiseanan ciùil, bàrdachd, dannsa agus cruthan ealain eile de gach seòrsa.

« Back to Mod News List

Dreach Prògram Mòd 2014

Published: 28 Aug 2014

Gheibhear dreach prògram airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo gu h-ìosal. (Cuimhnichibh nach eil ann ach dreach, agus ‘s dòcha gun tèid atharrachaidhean a dhèanamh fhathast).

Dreach Prògram Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014


Bidh prògram oifigeil a’ Mhòid ri cheannach a dh’ aithghearr.

« Back to Mod News List

Farpais A272 Am Bràighe

Published: 09 Jul 2014

The Music Committee have issued changes to the following prescribed piece. The changes are explained below and should be adhered to for these pieces.

If you have any queries regarding these changes, please don’t hesitate to contactJames Graham at james@ancomunn.co.uk or telephone 01463 709 705.

A272 Am Bràighe

Verse 2: line 1-should read, ‘…’s do bhruachan…’

« Back to Mod News List

Iomall as Motha a-rìamh aig Mòd 2014

Published: 03 Jul 2014

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, am Fèis Cultarail Gàidhlig as motha an Alba, a chumail an Inbhirnis as t-foghar seo airson a’ chiad uair bho 1997. Is e seo an 122mh bliadhna den tachartas, agus is e an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba.

Is e An Comunn Gàidhealach, aon de na buidhnean Gaidhlig nàiseanta as sine agus as cliùitiche san t-saoghal a bhios a’ cuir an tachartas naoi-latha air adhart eadar Dihaoine 10 gu Disathairne 18 Dàmhair. Bheir e a-steach farpaisean ann an Dannsa Gàidhealach, Ceòl is Òrain Ghàidhlig, Spòrs, Litreachas is Dràma, a’ toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig aig gach ìre pàirt a ghabhail ann. Tàlaidh e na mìltean de dh’ fharpaisich agus luchd-èisteachd bho air feadh na h-Alba, na RA agus bho gach ceàrnaidh den t-saoghal nam measg na SA, Astràilia agus Canada, gu Inbhirnis.

Thathas an dùil gun toir am Mòd spionnadh don bhaile-mhòir, a’ tòiseachadh le caismeachd beòthail le Lòchrain eadar Caisteal Inbhirnis agus Cùirt an Aodainn- am prìomh àite airson an tachartas - far an tèid an tachartas fosglaidh a chumail. Am measg an luchd-ciùil a tha cinnteach a bhith ann aig an fhosgladh, tha Skipinnish agus an còmhlan dùthchail Albannach, Gria.

Ann an 2014 chithear an tachartas Iomaill as motha a-riamh a’ dol air adhart taobh ri taobh ris na farpaisean. Bheir seo a-steach cuirmean, bogadhleabhraichean is CDn, seiseanan ciùil, bàrdachd, dannsa agus cruthan ealain eile de gach seòrsa. Tha timcheall air dusan taigh-seinnse air gealltainn gum bi iad a’ tabhann ceòl traidiseanta Ceilteach san togalach, agus bidh cleasachd sràid a’ dol air adhart air feadh a’ bhaile-mhòir. Bheir an Iomall a-steach Caisteal Urchadan air bruachan Loch Nis, Gearasdan Sheòrais agus Ionad Tadhail Chùil Lodair agus gach sgìre mun cuairt.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn uamhasach toilichte a bhith a’ tilleadh a dh’ Inbhirnis airson a’’ chiad uair ann an 17 bliadhna agus a bhith a’ toirt leinn an Iomall as motha ann an eachdraidh an tachartais.

“Is e farpais cridhe a’ Mhòid agus tha sinn air àireamh mhath de thagraidhean fhaighinn am-bliadhna. Tha an Iomall cuideachd a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn Dualchas na Gàidhlig a thoirt gu luchd-èisteachd ur, Gàidheil is Goill còmhla agus a bhith a’ taisbeanadh luchd-ciùil tàlantach bho air feadh an t-saoghail leis a’ phrògram tarraingeach de thachartasan a th’ againn”.

Am measg prìomh thachartasan an Iomaill bidh Cuirm nam Fìdhlear oidhche Shathairne aig Cùirt an Aodainn. Thèid aoigheachd a thoirt don chuirm ann an co-bhonn ri “Blazin in Beauly” fo stiùir ciùil Bruis MacGriogair bho Blazin’ Fiddles, agus anns a’ chuirm chithear còrr is ceud fìdhlear, nam measg cluicheadairean ainmeil bho air feadh an t-saoghail, a bharrachd air buidhnean ionadail, agus tha coltas gum bi seo mar an fhìor chuirm fìdhlearachd as tarraingeach ann an Alba. Thèid cuirm shònraichte gus an 100mh ceann-bliadhna den Chiad Chogadh a chumail feasgair Diciadain, còmhla ris an neach-ciùil Erik Spence, a tha air pìos ciùil a sgrìobhadh gus a dhol leis a’ bhàrdachd “Banntrach Cogaidh” a sgrìobh an t-Urr. Iain Macleòid nach maireann. Bidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus Còisir Bun-sgoil Lochàrdail a’ gabhail pàirt ann.

Cluinnear cuideachd cuirmean le Skerryvore, an còmhlan seinn Cruinn agus Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionghain ainmeil. Bidh cluicheadairean ainmeil leithid Eòghann MacEanruig, Barluath agus an clàrsair ainmeil Catriona NicAaoidh a’ cluich aig àm lòin ann an Taigh a’ Bhaile eachdraidheil Inbhirnis, agus bidh luchd-ciùil cuideachd aig àiteachan-tadhail inntinneach leithid Caisteal Urchadan, Blàr Chùil Lodair agus Gearasdan Sheòrais.

Bheir na Mòr-chòisirean, le còmhlain pìoba, madainn Disathairne far am bi na ceudan de luchd-còisir a’ seinn, fèis chiùil na seachdain gu crìch.

Thuirt Pròbhaist Inbhirnis, an Comhairliche Ailig Greumach: “Tha a’ choltas ann gum bi Mòd Inbhirnis 2014 na thachartas as fheàrr a bh’ ann a-riamh. Bha Mòd Ionadail Inbhirnis a chaidh a chumail o chionn ghoirid uamhasach soirbheachail, agus tha daoine a’ toirt an aire gu mòr a-nis gum bi Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tighinn don bhaile-mhòir san Dàmhair. Bidh an raon farsaing de thachartasan agus Iomall mòr a’ Mhòid a’ toirt tlachd mòr do gach cuid an t-sluagh ionadail agus do luchd-turais.”

Thuirt Dàibhidh Boag, Stiùiriche Cleachdaidh Gaidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, “Tha an taic leantainneach a tha sinn a’ toirt don Chomunn Ghàidhealach na dhearbhadh air a’ chudrom a tha am Bòrd a’ cuir air an cuid obrach anns na coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, a bharrachd air a bhith a’ stèidheachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha na tachartasan sin a’ cuideachadh le bhith a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig am measg a’ mhòr-shluaigh agus tha iad nam fìor chothroman math do luchd-labhairt na Gàidhlig, sean is òg, airson a bhith a’ cruinneachadh agus a’ cleachdadh an cuid cànain”.

Thuirt Màrtainn Dorchester, Stiùiriche Riaghlaidh CalMac “Tha CalMac air a bhith air-leth toilichte taic a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson grunn bhliadhnaichean. Tha dà bhuannachd ann an sin le bhith an toiseach a’ daingneachadh ar taic don Ghàidhlig agus cuideachd a’ toirt cothrom gun samhail dhuinn a bhith a’ coinneachadh agus a’ conaltradh ri daoine bho air feadh ar lìonra fad na seachdain sin. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tighinn a dh’ Inbhirnis agus tha sinn cinnteach gum bi e na fhìor thachartas air am bi cuimhne aig a h-uile duine a tha an sàs ann.”


A’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail tha Comhairle na Gàidhealtachd, IGE, Alba Cruthachail, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, Banca Rìoghail na h-Alba, ÙTA, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Post Rìoghail.

Thuirt Pòl Bush OBE, Àrd-oifigear EventScotland: “Is e comharrachadh agus taisbeanadh sònraichte de dhualchas cultarail na h-Alba a tha sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a tha a’ toirt ìomhaigh mhòr don dùthaich a h-uile bliadhna. Tha sinn air a bhith ag obair le sgioba a’ Mhòid bho 2004, agus tha e na thoileachas mòr dhuinn a bhith a’ leantainn le ar taic mar phàirt den ghealladh againn a thaobh an Ro-innleachd Ghàidhlig Nàiseanta. Leis gu bheil sinn a’ comharrachadh Tilleadh Dhachaigh na h-Alba 2014, bidh am Mòd aig teis mheadhan prògram Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd - sreath fad dà mhìos de thachartasan eadar seann nòs is co-aimsireil.”

Airson an làn phrògram tachartais agus mion-fhiosrachaidh, tadhal air www.ancomunn.co.uk no airson tachartasan an Iomaill tadhal air www.modinbhirnis.co.uk

Airson fosrachadh meadhanan feuch an cuir thu fios gu Wire Media, 0141 440 6761

Kirsty Atkinson, kirsty@wire-media.co.uk, 07736 281 684

Ewan MacGill, Ewan@wire-media.co.uk, 07834 459 955

« Back to Mod News List

Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid

Published: 30 May 2014

Cuimhnichibh gur e A-MÀIREACH an ceann latha airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

Gheibhear cuir a-staigh airson farpaisean air-loidhne aig:

http://enter.ancomunn.co.uk/users/add

« Back to Mod News List

Karaoke Gàidhlig an Inbhir Nis

Published: 22 May 2014

Disathairne 31 Cèitean, 2014 @ 7.30f.

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 22 May 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean Club 400 na mìos seo:

£250 Morven NicLeòid, Inbhir Nis

£100 Jane Riddick, a’ Mhanachainn

£50 Floranne Reid, Ros Mhaircnidh


Mealaibh ur naidheachd!

« Back to Mod News List

Còisirean

Published: 21 May 2014

Please note that the rule for Junior choral and senior choral competitions stating, “Prescribed pieces may be sung, if necessary, a semi-tone higher or lower than the set key” is no longer applicable and all choirs may sing prescribed pieces in their own chosen key.

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 21 Apr 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean Club 400 na mìos seo:

£250 Jean Mackay, Inverness

£100 Peggy Mackintosh, Inverness

350 C.A. Hollas, Inverness

Mealaibh ur naidheachd!

« Back to Mod News List

Siostam Air-loidhne

Published: 21 Apr 2014

Gheibhear cuir a-staigh airson farpaisean na bliadhna seo air-loidhne a dh’ aithghearr.

Mur a bheil e comasach dhuibh cuir a-staigh airson farpaisean air-loidhne, faodar foirm a chur thugainn sa’ phost. Gheibhear na foirmean an seo no cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

« Back to Mod News List

Atharrachadh air Farpaisean

Published: 16 Apr 2014

Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean.

Clàr-eagair Òigridh 2014

Clàr-eagair nan Inbheach 2014

(Tha na h-atharrachaidhean is ùr ann an dearg).

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2014.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Ceartachadh air Òrain Ainmichte

Published: 31 Mar 2014

Tha Earrannan Ainmichte airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2014 a-nise rim faighinn. Ma bhios atharrachaidhean sam bith ann, cuiridh Comataidh Ciùil fiosrachadh sam bith air an làrach-lìn.

Bithibh mothachail de na atharrachaidhean a leanas.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios gu Seumas Greumach aig james@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn thuige air 01463 709 705.



A221 Mo chailin donn ògVerse 5, line 3 should read;

Nach cosg anns a’ bhliadhn’
blaigh trian a’ ghallain

C78

Please note that the two pieces for C78 that appear in the ‘Còisirean òigridh, luchd-ionnsachaidh’ booklet for Mòd 2014 have been amended and redrafted. These are being reissued to choirs competing in this competition. To get the correct, amended copies please contact An Comunn Gàidhealach at info@ancomunn.co.uk.

A234 ‘O gur mis’ tha sona dheth’:

Verse one is to be sung again at the end of the song.

C44A Hè gràdh, hò gràdh

Chorus to be sung after verse 3 and verse 4 only

C44A Hè gràdh, ho gràdh

Bar 11-the A on the word ‘ghràdh’ should be a B, making two consecutive B’s

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 19 Mar 2014

The winners in the March draw were:

£250 Margaret NicIllinnein, Steòrnabhagh

£100 E M Dhòmhnallach, Inverness

£50 Seumas MacMhathain, Am Blàr Dubh

Mealaibh ur naidheachd!

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 17 Feb 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 Mrs K.A. Mackellar, Allt Eireann

£100 Iain MacAmhlaigh, Eilean Leòdhais

£50 E.M. Dòmhnallach, Inbhir Nis

Mealaibh ur naidheachd!

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 17 Feb 2014

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 Mrs K.A. Mackellar, Allt Eireann

£100 Iain MacAmhlaigh, Eilean Leòdhais

£50 E.M. Dòmhnallach, Inbhir Nis

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 12 Feb 2014

Seo an fheadhainn a fhuair na duaisean mu dheireadh:

£250 Dòmhnall MacArtair, Inbhir Nis

£100 Iain Moireasdan, Broughty Ferry

£50 Audrey Barnett, Inbhir Nis

Mealaibh ur naidheachd!

Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann an Club 400 Inbhir Nis

Cuiribh fios gu: Dòmhnall Macleòid: donald@macleod668.orangehome.co.uk

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 07 Jan 2014

Seo an fheadhainn a fhuair na duaisean airson a’ mhios a chaidh seachad:

£250 Murdina Mackay, Inbhir Nis

£100 Seumas Caimbeul, Drochaid Alain

£50 Shona Chaimbeul, Inbhir Nis

Mealaibh ur naidheachd!

Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann an Club 400 Inbhir Nis, cuiribh fios gu:

Dòmhnall MacLeòid - donald@macleod668.orangehome.co.uk

« Back to Mod News List

Farpais an Aigeallain Airgid

Published: 13 Dec 2013

Thathas a’ cur ann an cuimhne farpaisich an Aigeallain Airgid gum feumar na cuspairean sònraichte, a chaidh a thaghadh airson farpaisean A252 (Mnathan) agus A253 (Fir,) a leantainn. Aig Mòd 2014, ‘s e Gaol an cuspair do na mnathan (A252) agus ‘s e Cogadh a bhios ann do na fir (A253).

Thèid na cuspairean ainmeachadh gach bliadhna air clàr-eagair inbheach a’ Mhòid agus air liosta nam pìosan ainmichte.

Thèid na cuspairean seo a thaghadh gach bliadhna leis a’ Chomataidh Chiùil ‘s bidh iad ag atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna. Thathas an dòchas gum bi roghainn de dh’ òrain nas farsainge aig farpaisich ri linn an atharrachaidh seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun atharrachadh seo, cuiribh fios dhan Chomunn Gàidhealaich: info@ancomunn.co.uk neo air am fòn: 01463 709705.

« Back to Mod News List

Farpaisean Còisir Aois 13-18

Published: 20 Nov 2013

Tha atharrachadh ann an cruth farpaisean nan còisirean òigridh, aois 13-18, am bliadhna.

Thèid farpaisean nam fileantaich agus farpaisean nan luchd-ionnsachaidh a chur còmhla agus farpaisean fhosgailte a chumail airson an dà roinn seo. Mar sin, ‘s eòrain airson farpaisean C110, C111 & C112 a dh’ fheumar ionnsachadh airson an dà chuid, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Cuirear às de dh’ fharpaisean C113, C114 & C115 bho seo a-mach.

« Back to Mod News List

Club 400 Inbhir Nis

Published: 28 Oct 2013

Seo an fheadhainn a fhuair duaisean na mìos seo:

£250 - Alison NicMhathain, Am Blàr Dubh

£100 - Carol NicAoidh, Caol Loch Aillse

£50 - Mrs M V Laycock, Inbhir Nàrann

« Back to Mod News List

Mòran Taing

Published: 21 Oct 2013

Uill, a chàirdean, siud Mòd eile seachad. Abair seachdain sònraichte cuideachd! Taing mhòr dhan a h-uile duine a bha an sàs ann - bha e dìreach sgoinneil!

Tha na h-oifisean againn dùinte an t-seachdain-sa, bidh sinn fosgailte a-rithist Diluain sa’ tighinn.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd an t-seachdain ribh uile. Chì sinn ann an Inbhir Nis sibh an ath bhliadhna!

Mòran taing dhuibh uile!

« Back to Mod News List

Còisearan

Published: 16 Oct 2013

​Tha sinn an dòchas gun tèid gu math dha na còisirean a bhios a’ seinn a-màireach! Tha sinn cinnteach gun robh iad trang ag ullachadh fad an latha an diugh… bidh sinn coimhead air adhart ri ur faicinn a-màireach!

« Back to Mod News List

Àrd-Ùrlar @ Taisbeanadh a' Mhòid

Published: 16 Oct 2013

​Ma tha còisirean, seinneadairean no cluicheadairean sam bith timcheall a-màireach no Dihaoine, nach tig sibh gu am Piazza, ann am Pàislig, far a bheil Taisbeanadh a’ Mhòid. Tha àrd-ùrlar againn an sin agus bhiodh e math beagan ceòl a bhith againn!

« Back to Mod News List

Seann-Nòs

Published: 16 Oct 2013

Seo liosta de na farpaisich a bhios a’ gabhail pàirt ann am farpais criochnachaidh an t-​Seann Nòs, Diardaoin 17mh den Dàmhair aig 7.30f:

1. Michelle MacNeil

2. Tormod Macleòid

3. Eilidh Munro

4. Neil MacRitchie

5. Hannah Knight

6. Calum Angus Macdonald

7. Iseabail Nic an t-Sagairt

8. Ruairidh MacCormaig

9. Joan Morrison

« Back to Mod News List

Am Bonn Òr

Published: 16 Oct 2013

Thèid farpais criochnachaidh am Bonn Òr a chumail air Diardaoin an 17mh den Dàmhair aig 9m. Seo liosta den fheadhainn a bhios a’ nochdadh:

1. Dòmhnall Iain Brown

2. F Ann Maclean

3. Robert Robertson

4. Eilidh Munro

5. Ross Crichton

6. Alison NicAnnain

7. John Howieson

8. Ceitidh Smith

9. Ruairidh Mac an t-Saoir

« Back to Mod News List

Aigeallan Airgid

Published: 16 Oct 2013

​​Chaidh na farpaisich a leanas troimhe gu farpais criochnachaidh an Aigeallan Airgid a-nochd:

1. Michelle McManus

2. Donald Maciver

3. Ainsley Hamill

4. Pòl Younger

5. Ellen Beard

6. Campbell Mackenzie

7. Jackie Cotter

8. Lawrence Butler Perks

9. Donna Dugdale

10. Alastair Gray


« Back to Mod News List

Duilleagan Breithneachaidh

Published: 14 Oct 2013

Tha duilleagan breithneachaidh bho farpaisean Disathairne agus farpaisean an diugh ri fhaighinn ann an Talla Bhaile Phàislig. Bidh seo fosgailte eadar 9-5 gach latha. Ach mur am faigh sibh cothrom a thighinn ann airson an togail, cuiridh sinn a-mach thugaibh iad sa’ phost!

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

Royal Bank of Scotland

Royal Bank of Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD