Naidheachdan

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean 2018

Published: 30 Mar 2018

​​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

Clàr-eagair Òigridh

Clàr-eagair Inbhich

Riaghailtean

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2018 tron phost agus ro 2 Iuchar2018 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

An Comunn Gàidhealach ag ainmeachadh Bailtean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 & 2022

Published: 23 Mar 2018

​Aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn, (Dihaoine an 23mh den Mhàirt) chaidh fhoillseachadh gur ann am Peairt a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, ‘s gur ann am Pàislig a bhios Prìomh Fhèis na Gàidhlig ann an 2022. Tillidh am Mòd gu Peairt airson a’ chiad turas ann an seachd bliadhna deug. Bha am Mòd mu dheireadh ann am Pàislig ann an 2013.

Chaidh fhoillseachadh aig a’ Mhòd an-uiridh gun tilleadh an Fhèis dhan dà bhaile, ach bha dàil ann a bhith ag innse gu mionaideach cò am baile dhan deidheadh am Mòd cuin, mar thoireadh air tagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2021.

Leis nach deach an là le Pàislig a thaobh an tagraidh sin, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn siostam phuingean a chleachdadh airson co-dhùnadh cò a’ shoirbhicheadh le Mòd 2021 fhaighinn, agus cò am baile dhan deidheadh an Fhèis ann an 2022.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn;

“Bha sinn ann an suidheachadh gu math àraid an-uiridh a thaobh cò a shoirbhicheadh le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 agus 2022. Bha na tagraidhean bhon dà bhaile air leth math. Mar thoireadh air an sin, roghnaich sinn gum faigheadh an dà bhaile cothrom air a’ Mhòd, Ach, cho-dhùin sinn cuideachd feitheamh ri naidheachd mu thagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte mus biodh taghadh ann a thaobh cò am baile a gheibheadh am Mòd agus cuin. Chaidh an dà bhaile a chur fo sgrùdadh gu math mionaideach a-rithist, le siostam phuingean. Fhuair Peairt beagan a bharrachd chomharran, ‘s mar sin, ‘s ann an sin a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021.

Tha sinn da-rìreabh a’ dèanamh fiughair ri Mòd Pheairt; tha seachd bliadhna deug air a dhol seachad bho bha am Mòd anns a bhaile seo mu dheireadh. Tha dàimh làidir aig a’ bhaile ri cultar nan Gàidheal. Aig a cheart àm, chaidh Mòd Phàislig 2013 a mheas mar aon den fheadhainn bu shoirbheachail bho chionn beagan bhliadhnaichean. ‘S e fìor dheagh naidheachd a th’ ann gu bheil am Mòd a’ tilleadh do bhaile a tha air na h-uimhir a dhèanamh a thaobh brosnachadh na Gàidhlig bho chionn ghoirid.

Tòisichidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 air an 12mh den Dàmhair, chun 20mh den Dàmhair ann a Dùn Omhain, a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh cànan agus cultar nan Gàidheal; eadar litreachas na Gàidhlig, ceòl, seinn agus ealain, le farpaisean do gach aois agus comas.

Thuirt an Comhairliche Murray Lyle, Ceannard Chomhairle Pheairt agus Cheann Rois;

“Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Peairt ann an 2021. ‘S e cothrom air leth a tha seo airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail agus airson cultar agus dualchas ar sgìre a chur mu choinneamh an t-sluaigh. Tha sinn air bhioran cothrom fhaighinn Prìomh Fhèis na Gàidhlig a chumail, gu sònraichte aig àm nuair a thathas a’ cur luach cho mòr air cultar, le bhith a’ cumail taic ri Taigh-Cluiche Pheairt agus ann a bhith ag ath-bheothachadh Talla Bhaile Pheairt. Cha bheag cliù Pheairt is Cheann Rois a thaobh tachartasan aig fìor àrd-ìre gu h-eadar-nàiseanta. Chan eil teagamh nach toir prìomh fhèis na Gàidhlig spionnadh air leth dhan bhaile agus dha eaconamaidh na sgìre.

Thuirt Probhaist Siorrachd Rinn Friù, Iar-Chathraiche Comataidh Ionadail a’ Mhòid:

“Tha sinn toilichte dha-rìribh gun tig am Mòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Phàislig ann an 2022. Tha muinntir Phàislig glè aithnichte mar ‘Buddies’- ‘s bidh fàilte bhlàth air Gàidheil bho air feadh Alba is fad is farsaing.

Nuair a chaidh am Mòd a chumail ann am Pàislig ann an 2013 airson a’ chiad turas-b’ e an dàrna Mòd a bu mhotha ann an eachdraidh an tachartais, le mu 8,000 duine ann thairis air naoi latha, buaidh eaconamach de £1.4 dhan sgìre, ‘s bha an t-àite air bhoil.

Thog tagradh Phàislig, ann am farpais ‘Baile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021’ ìomhaigh na sgìre mar bhaile tarraingeach an Alba. ‘S e tha fainear dhuinn a-nise, togail air soirbheachas na sgìre a thaobh tachartasan mòra, ‘s bidh am Mòd an teis meadhain sin nuair a thilleas e.

« Back to Mod News List

Cupa Camanachd a' Mhòid 2017

Published: 16 Mar 2018

Chàidh geam Cupa Camanachd a’ Mhòid a chur dheth san Dàmhair air sgàth an aimsir. Le sin, chaidh an ceann-latha atharrachadh gu Disathairne 24mh den Mhàrt, aig an Aird, sa’ Ghearasdan.

’B e sgiobaidhean a’ Ghearasdan agus Cille Mhàilidh a bha cluiche àirson Cupa a’ Mhòid. ‘S e geama league a bha seo cuideachd, mar phàirt de Roinn Nàiseanta Marine Harvest. ‘B e
sgioba Chille Mhàilidh a’ choisinn an duais 3-2. Chaidh an cupa a thoirt seachad le Dànaidh MhicRath as leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Meal an naidheachd orra!

« Back to Mod News List

Comataidh na h-Òigridh 2018

Published: 09 Mar 2018

Tha An Comunn toilichte innse dhuibh mun Chomataidh ùr againn a tha gu bhith stèidhte mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba.

Tha sinn a’ lorg 6 inbheach òg eadar 16-26 bliadhna dh’ aois airson a bhith air a’ Chomataidh ùr Gàidhlig againn. ‘S e deagh chothrom a tha seo dha òigridh am beachdan a chur air adhart.

Gheibh sibh barrachd fiosrachadh an seo.

Cuiribh fios gu Alison Bruce aig alison@ancomunn.co.uk ma tha ceist sam bith agaibh.

Ceann-latha: Diluain 2 Giblean, 12f.

Foirm-Iarrtais



Nach tadhal sibh air làrach-lìn YOYP 2018 ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn na tachartasan eile a thèid a chumail mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh.

« Back to Mod News List

Làrach-lìn Comataidh Ionadail a' Mhòid

Published: 06 Mar 2018

​Tha làrach-lìn Comataidh Ionadail a’ Mhòid beò a-nis.

Dèanaibh cinnteach gun tadhal sibh air airson fiosrachadh a thaobh Comataidh Ionadail a’ Mhòid, tachartasan airson airgead a thogail, àitichean-fuirich agus cothroman saor-thoileach!

www.moddhunomhain.com

Cuideachd, tha duilleag Facebook aca– dèanamh cinnteach gu bheil sibh gan leantainn: www.facebook.com/DunoonMod2018/

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD