Naidheachdan

Pàislig gu bhith a' toirt aoigheachd don 110mh Mòd Nàiseanta

Published: 15 Aug 2013

PRÌOMH PHRÒGRAM AN TACHARTAIS GÀIDHLIG GA AINMEACHADH


Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, am prìomh thachartas Albannach a tha a’ comharrachadh dualchas cànain is cultair na Gàidhlig, am-bliadhna a’ siubhal gu Pàislig airson a’ chiad uair san eachdraidh 121 bliadhna aige.


Thathas an dùil gun tàladh an comharrachadh ochd-latha de cheòl, dhannsa, dhràma, ealain is litreachais na Gàidhlig, a thèid air adhart eadar Dihaoine 11 is Disathairne 19 Dàmhair, na mìltean de luchd com-pàirt is luchd-tadhail.


Is e An Comunn Gàidhealach, a’ bhuidheann Gàidhlig nàiseanta as sine agus as cliùitich a th’ann, a bhios a’ cur Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air adhart, agus bidh seo a’ toirt a-steach farpaisean a bhios a’ tàladh dhannsairean Gàidhealach, phìobairean, luchd-ciùil, sheinneadairean is fharpaisich eile bho choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail.


A-nis anns an 121mh bliadhna bho chaidh a stèidheachadh, tha eachdraidh mhòr is chliùiteach aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha e air fàs gu bhith mar an fhèis as cudromaich don Ghàidhlig ann an Alba, gu cunbhalach a’ toirt aoigheachd do luchd-labhairt na Gàidhlig is do fharpaisich bho cho fad às ri Astràilia, na SA agus Canada.


Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: Tha e na thoileachas mòr dhuinn Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thoirt a Phàislig airson a’ chiad uair.


Tha e air-leth misneachail a bhith a’ faicinn ged is e seo a’ chiad uair a thug sinn am Mòd a Phàislig, gu bheil àireamh mhòr de thagraidhean air a thighinn a-steach bho inbhich is bho chlann air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha faisg air 3,000 luchd com-pàirt air an ainmean a chlàradh mu-thràth, agus mar sin tha sinn ag aithneachadh gum bi am Mòd seo air-leth trang agus beòthail, agus na h-àireamhan de fharpaisich gu math faisg air an àireamh a bha aig Mòd 2009 anns an Òban.


Tha sinn a’ moladh saothair na comataidh ionadail agus a’ toirt taing do na buidhnean a tha a’ cur an taic ris an tachartas seo ann am meadhan na h-Alba, agus tha sinn an dòchas gun tig mòran còmhla rinn airson deagh sheachdain anns a’ bhaile.


Chaidh a’ chiad Mòd a chumail ann an 1892, agus bhon uairsin tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air fàs gu bhith mar an dàrna fèis as cudromaich ann an Alba, a’ fàs nas tlachdmhoire do dhaoine, le luchd-tadhail a’ tighinn bho cho fad às ri Astràilia, na SA agus Canada. Tha ceangal air a bhith eadar Am Mòd agus an Teaghlach Rìoghail bho 1912, tha a’ Bhan-rìgh fhèin na neach-taic do bhuidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, agus tha buill den Teaghlach Rìoghail gu tric a’ tadhal air an tachartas, nam measg A’ Mhòrachd Rìoghail Diùc Baile Bhòid a thadhail air a’ Mhòd ann an 2010 nuair a thug Gallaibh aoigheachd don tachartas airson a’ chiad uair.


Thuirt an Comhairliche Marc Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Comhairle Siorrachd Roinn Friù: Tha e na thoileachas mòr dhuinn a bhith a’ cur fàilte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a Phàislig airson a’ chiad uair.


Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air na mìltean de luchd-tadhail don sgìre fhad’s a bhios am Mòd an seo agus tha mi cinnteach gum bi gu leòr aca ri dhèanamh is ri fhaicinn fhad’s a tha iad an seo.


Air feadh Siorrachd Roinn Friù tha fìor cheanglaichean siubhail math agus dualchas àilteireach làidir, agus bithear a’ taisbeanadh seo aig àm a’ Mhòid.


Leis gu bheil fèis an “Spree” a’ dol air adhart aig an aon àm, bidh fìor fhaireachdainn cuirmeil anns a’ bhaile air feadh an Dàmhair.


Ged is e gu sònraichte tachartas farpaiseach a tha anns a’ Mhòd, tha buaidh mòr sòisealta agus uallach na chois. Le bhith a’ brosnachadh agus a’ comharrachadh dualchas na Gàidhlig gu poblach air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta, tha e a’ cuideachadh le bhith a’ toirt daoine is coimhearsnachdan - Gàidheil is Goill - còmhla. Tha e a’ toirt brosnachadh do dhaoine fa-leth is do bhuidhnean a tha tàlantach, na tàlantan sin a leasachadh agus adhartachadh san roinn phoblaich.


Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt raon farsaing de chothroman dha farpaisich, eadar gu bheil iad fileanta sa Ghàidhlig no aig ìre thràth de bhith ag ionnsachadh a’ chànain.


Bidh an tachartas a’ tòiseachadh Dihaoine 11 Dàmhair le caismeachd le lòchrain air eagrachadh leis a’ chomataidh ionadail agus a’ toirt a-steach cuid de fharpaisich agus muinntir na sgìre ionadail a’ coiseachd bho Thaigh-tasgaidh Phàislig gu Talla Bhaile Phàislig, a’ comharrachadh toiseach Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa. Thèid tachartas fosglaidh tarraingeach air adhart ann an Talla Bhaile ùr-sgeadaichte Phàislig tràth san àrd-fheasgair, agus bheir seo a-steach luchd-ciùil, dannsairean is seinneadairean.


Thuirt Màrtainn Dorchester, stiùiriche riaghlaidh Calmac: Tha CalMac air a bhith toilichte taic a chumail ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson grunn bhliadhnaichean. Tha dà bhuannachd an cois seo - a’ toirt taic don Ghàidhlig agus cuideachd a’ toirt dhuinn cothrom gun samhail a bhith a’ coinneachadh agus a’ ceangal a-steach ri daoine bho air feadh na lìonra againn thairis air fad seachdain. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tighinn gu Pàislig agus tha sinn cinnteach gum bith e na thachartas cuimhneachail don h-uile duine a bhios an sàs ann.


Mar as àbhaist bidh Disathairne a’ toirt aoigheachd don gheama iomain bliadhnail agus am-bliadhna bidh sgioba Chaolais Bhòid a’ cluich an-aghaidh Glaschu Meadhan Earra-ghàidheal. A bharrachd air an sin bidh farpais mòr ball-coise eadar dà sgioba a thèid ainmeachdadh a dh’aithghearr. Thèid Cuirm nam Fìdhlearan air adhart cuideachd san deireadh sheachdain seo le na ceudan de luchd-ciùil a’ taisbeanadh na sgilean ciùil aca. Is àbhaist fèill mhòr a bhith air tiocaidean an tachartais seo agus cha bhith luchd-tadhail airson cothrom frithealaidh a chall.


Tòisichidh farpaisean na cloinne aig toiseach na seachdain le faisg air 1,735 leanabh bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt. Tha an àrdachadh ann an àireamh nam farpaiseach aig Mòd na Cloinne mar fhaileas air a’ bhuaidh a tha Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig a-nis a’ toirt air ath-bheothachadh na Gàidhlig ann am meadhan na h-Alba. Bidh cuairtean ullachaidh Bonn Òr an t-Seann Nòis agus Bonn Òr a’ Chomuinn ann Diciadain 16 Dàmhair agus an uairsin na cuairtean deireannach Diardaoin 17 Dàmhair.


Thèid duaisean miannach Mhic Shimidh is Thulaich Bhàrdainn is Mhàiread NicDhonnchaidh a thoirt seachad air Dihaoine 19 Dàmhair mus tèid cuirm na h-oidhche mu dheireadh air adhart. A’ toirt cùisean gu crìch aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2013 cruinnichidh na Mòr-chòisirean madainn Disathairne 20 Dàmhair gus òrain a sheinn air beulaibh Talla Bhaile Phàislig.


Air an iomall gheibh Gàidheil is Goill an cothrom bliadhnail aca coinneachadh gus càirdeas a thogail is ùrachadh. Am measg thachartasan iomaill am-bliadhna tha cèilidhean, tachartasan ciùil, fealla-dhà airson a’ chiad uair, agus tha farpais Ceanadach NicIllÌosa ann an cruth eadar-dhealaichte am-bliadhna. Bidh suas ri sia farpaisich anns gach cuairt ullachaidh agus thèid an seinneadair as fheàrr anns gach cuairt a bharrachd air an neach as fheàrr san dàrna h-àite troimhe chun chuairt dheireannaich oidhche Haoine 18 Dàmhair. Thèid gach cuairt a chumail ann an Taigh-seinnse “Hamishes Hoose” am Pàislig air feadh seachdain a’ Mhòid. Gheibh am buannaiche duais a’ Cheanadaich NicIllÌosa a chaidh a thoirt seachad le teaghlach Chaluim Ceanadach is Anna NicIllÌosa nach maireann.


Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail gu Pàislig. Tha sinn an dùil gun tog Mòd ann am Pàislig, agus na thèid fhoillseachadh na chois, barrachd ùidh anns a’ Ghàidhlig agus cuideachd gum bi e na bhrosnachadh dha pàrantan cothrom a ghabhail air na goireasan foghlaim a tha rim faighinn tron Ghàidhlig, leis na buannachdan a tha nan cois dhan cuid cloinne.


Bheir am fòcas a bheir am Mòd don Ghàidhlig san sgìre seo tuilleadh spionnadh don chonaltradh a tha againn leis an Riaghaltas Ionadail anns an sgìre seo agus nan sgìrean mun cuairt a thaobh mar as fheàrr a thèid coinneachadh ri barrachd is barrachd iarrtais agus mar as urrainnear daoine òga a bhrosnachadh gus beachdachadh air cùrsa-beatha fhaighinn sa Ghàidhlig.


Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faighinn taic bho Comhairle Siorrachd Roinn Friù, Caledonian Mac a’ Bhriuthain, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.


Thuirt Pòl Bush OBE, Prìomh Oifigear Gnìomh aig EventScotland: Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna a-rithist, tachartas a tha aithnichte air feadh an t-saoghail mar phrìomh chomharrachadh de chànan is dhualchas na Gàidhlig. Tha sinn toilichte gu bheil uidhir gu bhith a’ gabhail pàirt ann agus tha e misneachail gu bheil an tachartas a’ cumail suas taic ùr bho mheadhan na h-Alba. Leis na tha a’ dol air adhart dha mìltean de chlann is inbhich, agus a’ dol aig an aon àm ris An Spree am-bliadhna, bu chòir gum biodh an t-seachdain na fhìor chomharrachadh de chultar is dhualchas ann am Pàislig.


Tha an Spree (10 gu 20 Dàmhair) a’ tilleadh gu Pàislig às deidh tòiseachadh soirbheachail ann an 2012 agus bidh seo a dh’aon ghnothach a’ dol air adhart aig an aon àm ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.


Airson làn-fhiosrachadh mu phrògram an tachartais, tadhail air làrach-lìn A’ Chomuinn.


AN DEIREADH


Airson fiosrachadh do na meadhanan dèan conaltradh ri:


Tracy Simpson aig DADA air 0141 222 2266 / 07515 066358 / tracy.simpson@dada.co.uk


Chris Brown aig DADA air 0141 222 2266 / chris.brown@dada.co.uk

Fiosrachadh mu na deilbh:


Ruby O’Hagan, 6, Bun-sgoil Thorn, Baile Eòin ag ullachadh airson an Dannsa Gàidhealach aice mus gabh i pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a bhios ann am Pàislig airson a’ chiad uair bho thòisich e o chionn 121-bliadhna.


Ruaidhri Irivine, 17, Acadamaidh Dhùbhghlas, Muileann Dhàibhidh a’ cluich na clàrsaich aige fhad ‘s a tha Ruby O’Hagan, 6, Bun-sgoil Thorn, Baile Eòin ag ullachadh airson an Dannsa Gàidhealach aice mus gabh i pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a bhios ann am Pàislig airson a’ chiad uair bho thòisich e o chionn 121-bliadhna.


Caragh NicFhionghuin, 15, agus Abbie NicNèill, 16, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ag ullachadh airson an Dannsa Gàidhealach aca mus gabh iad pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a bhios ann am Pàislig airson a’ chiad uair bho thòisich e o chionn 121-bliadhna.


Ruaidhri Irivine, 17, Acadamaidh Dhùbhghlas, Muileann Dhàibhidh a’ cluich na clàrsaich aige fhad ‘s a tha buannaiche farpais fhosgailte na h-Eòrpa is Bhreatainn Abbie NicNèill,16, agus Ruby O’Hagan, 6, ag ullachadh airson an Dannsa Gàidhealach aca mus gabh iad pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a bhios ann am Pàislig airson a’ chiad uair bho thòisich e o chionn 121-bliadhna.

Notaichean do luchd-deasachaidh

  • Is e An Comunn Gàidhealach, a’ bhuidheann Gàidhlig nàiseanta as sine agus as cliùitich a th’ ann a tha a’ cur air adhart Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, fèis fharpaiseach a tha a’ tàladh farpaisich bho choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na RA, Èireann, Astràilia, A’ Ghearmailt, Canada agus na SA agus thathas dha fhaicinn mar an tachartas Gàidhlig as motha a th’ ann gach bliadhna.
  • EventScotland: Tha EventScotland ag obair gus Alba a dhèanamh na fhìor àrd-ùrlar airson tachartasan. Le bhith a’ leasachadh pasgan inntinneach de thachartasan spòrs is cultar tha EventScotland a’ cuideachadh le bhith a’ togail inbhe eadar-nàiseanta na h-Alba agus a’ fàs an eaconomaidh le bhith a’ tàladh barrachd luchd-turais. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu EventScotland, na prògraman maoineachaidh aca agus naidheachdan às ùr tadhal air www.EventScotland.org. Lean EventScotland air Twitter @EventScotNews. Tha EventScotland na phàirt de VisitScotland, a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a tha a’ margaideach Alba mar cheann-uidhe dha luchd-turais air feadh an t-saoghail, a’ toirt taic don ghnìomhachas turasachd agus a’ fàs turasachd seasmhach ann an Alba.
  • Bliadhna Nàdair na h-Alba: Is e iomairt a tha ann am Bliadhna Nàdair na h-Alba www.visitscotland.com/natural airson bòidhchead agus àrainneachd nàdarra gun samhail na h-Alba a thaisbeanadh, agus gus cosgais turasachd fhàs anns gach ceàrnaidh den dùthaich. Is e com-pàirteas a th’ann eadar Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, EventScotland agus Dualchas Nàdair na h-Alba.

—>

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail - Clàr de thachartasan 2013

Ceann-latha Tachartas Àite*
Dihaoine 11 Dàmhair Tachartas fosglaidh Talla Bhaile Phàislig
Disathairne 12 Dàmhair Cuairt Dheireannach Cupa Iomain a’ Mhòid Caolas Bhòid v. Glaschu Meadhan Earra-ghàidheal Pàirce Thornly
Cuirm nam Fìdhlearan Abaid Phàislig
Pìobaireachd Sgoil Ghràmair Phàislig
Didòmhnaich 13 Dàmhair Seirbheis a’ Mhòid Abaid Phàislig
Diluain 14 Dàmhair Cuirm na Cloinne Talla Bhaile Phàislig
Dimàirt 15 Dàmhair Cuirm na Cloinne Talla Bhaile Phàislig
Diciadain 16 Dàmhair Duaisean Litreachais Prìomh Oifisean Comhairle Siorrachd Roinn Friù (Seòmraichean Pòsaidh) - Ri dhearbhadh
Cuairtean Ulllachadh nam Buinn Òir Eaglais Cuimhneachaidh Coats
Cuairt Dheireannach an Agallain Airgid Talla Bhaile Phàislig
Cuairt Dheireannach an Dràma Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba (Talla Brough)
Cuairt Ullachadh Buinn Òir an t-Seann Nòis Eaglais Cuimhneachaidh Coats
Diardaoin 17 Dàmhair Dannsa Gàidhealach Oilthigh Taobh an Iar na h-Alba
Cuairt Dheireannach Buinn Òir a’ Chomuinn Talla Bhaile Phàislig
Cuairt Dheireannach Buinn Òir an t-Seann Nòis Talla Bhaile Phàislig
Dihaoine 18 Dàmhair Mac Shimidh & Thulaich Bhàrdainn Talla Bhaile Phàislig
Màiread NicDhonnchaidh Talla Bhaile Phàislig
Cuirm Deireannach Talla Bhaile Phàislig
Disathairne 19 Dàmhair Na mòr-chòisirean Coinnich air beulaibh Talla Bhaile Phàislig


* faodaidh seo atharrachadh. Cum sùil air an làrach-lìn airson a bhith cinnteach.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council