Naidheachdan

Atharrachadh air C174

Published: 29 May 2012

Farpais C174 - Fàgail bràigh bhalla

Rann 3 - bu chorr na leanas a bhi an seo: “O bha mi glè òg nuair dh’fhag mi’ n cala…” agus CHAN E “O bha mi glè òg nuair dh’fhag mi Colla…”

« Back to Mod News List

Ceann latha iarrtasan a’ Mhòid

Published: 24 May 2012

Le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2012 a’ taomadh a-steach gach latha tha eagraichean a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, trang ag ullachadh airson tachartas na bliadhna seo, a thèid a chumail ann an Dùn Omhain airson an t-seachdamh turas.

Ged a tha mòran de thagraidhean air a thighinn a-steach mu thràth, tha An Comunn a’ dùileachadh gun tig cuid mhath fhathast ron cheann-latha ainmichte air 31 Cèitean agus tha iad a-rithist a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach sa tha e gum faighear tagraidhean làn-lìonte a-steach ron àm. http://www.acgmod.org/nationalmod/entryform

Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ bheachd seo ag ràdh, “Tha e fìor chudromach gum faigh sinn tagraidhean slàn ron cheann – latha ainmichte, cuide ri cìsean iomchaidh, gus an tèid an obair ullachaidh a thòiseachadh cho luath sa ghabhas, ann a bhith a’cur britheamhan mu choinneamh fharpaisean agus farpaisean mu choinneamh àiteachan; ma thig dàil sam bith air an obair seo, cuiridh e bacadh air foillseachadh Program a’ Mhòid, rud a chuireas dragh air luchd-leantainn a’Mhòid.

Gheibhear fiosrachadh air an làrach lìn mu dhèidhinn àmannan agus àiteachan nam farpaisean”

Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail neo Mòd Dhùn Omhain 2012 feuch an tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk neo www.dunoonmod2012.org

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

Royal Bank of Scotland

Royal Bank of Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD