Naidheachdan

Ceann-latha Diardaoin

Published: 28 Jun 2011

Cuimhnichibh gu bheil agaibh ri ur pìosan fèin-roghnaichte a chur a steach thugainn ron 30mh den t-Ògmhios (Diardaoin sa tighinn!)

Nuair a gheibh sinn iad, cuiridh sinn fios thugaibh air post-d no sa phost ag innse gu bheil iad air ruighinn; feuch gun cuir sibh fios gu oifis Inbhirnis mur an cluinn sibh càil bhuainn.

‘S dòcha gun toir e seachdain no dha mus cur sinn fios thugaibh ged tha air sgàth’s an aireamh de phiosan a bhios tighinn a-steach thugainn aig an aon àm.

Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh seo cuiribh fios thugainn uair sa bith!

« Back to Mod News List

Gaelic Assessment

Published: 15 Jun 2011

Any competitors wishing to have a Gaelic Assessment before the Mod should contact us on 01463 709 705. If there is sufficient demand we will arrange a suitable date / location for assessments to be held.

« Back to Mod News List

Farpaisean Piobaireachd

Published: 15 Jun 2011

Mòd nan Eilean Siar 14mh-22mh Dàmhair 2011

Theid na farpaisean pìobaireachd gu leir a chumail ann an Sgoil Lionacleit, Beinn nam Faoghla air Disathairne an 15mh den Dàmhair 2011.

Gheibhear cuir a-steach airson farpaisean pìobaireachd (inbhich a-mhàin) gu 26 Lùnastal 2011. Tha an ceann-là airson cuir a-steach airson farpaisean sam bith eile a-nise seachad.

Gheibhear foirm-iarrtais gu h-ìosal, no cuiribh fios gu oifis a’ Mhòid.

Senior Piping Entry Form 2011.doc

Ma tha sibh a’ lorg fiosrachadh sam bith eile cuiribh fios gu Rena NicAsgaill, Rianadair a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, 109 Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis IV1 1EY 01463 231 226 no post-d gu rena@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Ceilidh & Dannsa an Inbhirnis!

Published: 14 Jun 2011

An Comunn Gàidhealach

Meur Inbhir Nis

Cèilidh is Dannsa

le

Còmhlan Dannsa Monach Isle

agus

Farpaisich bho Mòd Ionadail Inbhirnis 2011

Ann an Taigh-òsta Waterside

Inbhirnis

Disathairne 18mh den t-Ògmhios 2011 7.30f – 12f

« Back to Mod News List

Mod Obar Pheallaidh

Published: 13 Jun 2011

Chaidh Mòd Ionadail Obar Pheallaidh a chumail air an 10mh & 11mh den t-Ògmhios. ‘S e Mòd soirbheachail a bh’ ann agus abair gun do chòrd e ris a h-uile duine a bha an làthair.

Chìthear dealbhan agus liosta den fheadhainn a bhuannaich air duilleag Mòd Obar Pheallaidh an seo:

« Back to Mod News List

Ceann-là seachad

Published: 10 Jun 2011

Tha an ceann-là airson cur a-steach airson Mòd a-nise seachad. Ma tha ceistean sam bith agaibh mu dheidhinn seo cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

Mòran taing.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council