Naidheachdan

Caithness Mòd photos now in Galleries

Published: 25 Jan 2011

For a taste of the Caithness Mòd 2010 please go to the Gallery section of the Mòd Naiseanta Rioghail web page. Alternatively you can click on the link below.
A selection of photos are arranged by day and if you would like a print, please contact Graham Hood Photography direct. Many thanks to Graham for the use on our website of these excellent photographs.
http://www.acgmod.org/nationalmod/gallery

« Back to Mod News List

Naidheachdan bho Comataidh Mòd 2011

Published: 12 Jan 2011

Uill, cò chreideadh e ach tha 2011 air ruighinn! Agus abair bliadhna a tha gu bhith air thoiseach oirnn ‘s gun ach deich mìosan gus an gabh Mòd Nàiseanta Rìoghail nan Eilean Siar àite! Bha mìos thrang aig a’ chomataidh anns an Dùbhlachd, ach tha sinn toilichte a ràdh gun deach tòrr airgead a chruinneachadh!

Bha cèilidh air leth aig taigh òsta a’ Chaladh ann an Steòrnabhagh air Oidhche Chalainn agus abair gun do chòrd an oidhche ris gach neach a bha an làthair. Chaidh còrr air ochd ceud not a chruinneachadh agus bha e follaiseach gun do chòrd e ri daoine fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùr am measg chàirdean agus charaidean. Taing mhòr dhan a h-uile duine a thàinig chun a’ chèilidh agus taing shònraichte dhaibhsan a chuidich air an oidhche.

Abair gu robh là soirbheachail dha rìreabh aig a’ chomataidh aig bùth Tesco’s ann an Steòrnabhagh air Diciadain 22 Dùbhlachd 2010. Chaidh còrr air £1600 a chruinneachadh tro bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a’ pacaigeadh bhagaichean! Ach a thuilleadh air sin, fhuair sinn taic bho Cluba Bhogsa agus Fidheall Leòdhas agus na Hearadh. Bha buill thàlantach a’ Chluba an làthair aig doras Tesco le ceòl fad an là agus abair gun robh daoine fialaidh len cuid airgid! Taing mhòr dhan a h-uile neach a chuidich air an là.

Bha Comataidh na Mnathan trang dha rìreabh tro mhìos an Dùbhlachd agus iad a’ reic thiogaidean airson hampair Nollaig. Agus abair gur e duais air leth a bha seo, làn dhèideagan àlainn! Chaidh còrr air £1300 a chruinneachadh agus aig a cheann thall ‘s e Màiri Faller a tha ag obair aig a’ Chomhairle a bha soirbheachail. Abair prèasant Nollaig thaitneach!

Bidh cèilidhean agus gu leòr eile a’ dol tro 2011 anns gach ceàrnaidh de na h-Eileanan, ann an oidhirp barrachd airgead a chruinneachadh agus cumaidh sinn fios ruibh mu na tachartasan sin. Cuideachd, tha a’ Chomataidh an-dràsta a’ coimhead ri càr ùr a cheannachd agus cluinnidh sibh barrachd mun sin anns na seachdainean a tha romhainn. Dhuibhse a tha dèidheil air ruith, thèid an dàrna Mòd nan Eilean Siar 5k a chumail anns a’ Ghearradh Chruaidh aig toiseach an Foghar – ùine gu leòr airson tòiseachadh air an trèanadh airson sin, mar sin chan eil leisgeil sam bith aig duine!

Ma tha beachdan sam bith agaibh fhèin air dòighean ùr ghnàthach agus inntinneach airson airgead a chruinneachadh, no ma tha sibh airson taic a thoirt dhuinn ann an dòigh sam bith; an dà chuid aig àm a’ Mhòid agus ann a bhith ag ullachadh mu choinneamh an tachartas iongantach seo, bhiodh sinn toilichte dha rìreabh cluinntinn bhuaibh. Cuir fios gu Rùnaire a’ chomataidh ionadail, Doileag NicLeòid air dnicleoid@cne-siar.gov.uk. No ma tha sibh ann am baile Steòrnabhaigh nach tadhail sibh air Oifis a’ Chomuinn ann an Ceàrnag Phearsabhail. Le ur taic nì sinn cinnteach gum bi Mòd nan Eilean Siar 2011 na thachartas air leth! www.modnaneileansiar.com

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council