Naidheachdan

ATHARRACHADH AIR RIAGHAILTEAN 2010 - SANAS NAIDHEACHD

Published: 09 Apr 2010

Atharrachadh air Riaghailtean Mòd 2010

Tha obair ullachaidh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 a-nis aig àrd-ìre agus tha Gallaibh ag ullachadh airson aoigheachd a thoirt don tachartas bliadhnail seo airson a’ chiad uair nan eachdraidh. Thathas an dùil gun tàladh prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba suas ri 8,000 neach don sgìre taobh a-staigh an tachartais naoi-latha san Dàmhair, a’ toirt fìor thogail don sgìre, gu h-eaconamach agus gu dualchasach.

Tha buidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, air ainmeachadh grunn atharrachaidhean ann an riaghailtean a’ Mhòid a thig gu buil aig Mòd 2010. Tha iad sin a’ toirt a-steach a bhith a’ cur pìosan ciùil fèin-roghnaichte gu h-iomlan a-steach ro 30 Ògmhios. Mur a dèanar sin, gearraidh oifis a’ Mhòid 3 comharraidhean bho chomharradh iomlan an fharpaisich anns gach farpais iomchaidh. Cuideachd am-bliadhna thathas ag iarraidh àrdachadh beag anns an àireamh den fheadhainn aig a bheil cairtean fileantachd airson cuid de fharpaisean còisir a-rèir an amas fad-ùine adhartas fhaighinn ann an ìrean fileantachd buill chòisirean. Airson mion-fhiosrachadh mu na h-atharrachaidhean sin, tadhlaibh air ar làrach-lìn.

Thuirt Rianadair a’ Mhòid, Rena NicAsgaill, “Tha e deatamach gum bi gach farpaiseach làn-mhothachail air na h-atharrachaidhean sin sna riaghailtean mus cur iad an ainm a-steach airson farpaisean. Gheibhear làn-liosta de na riaghailtean bho làrach-lìn a’ Chomuinn neo le bhith a’ cur fòn gu oifis a’ Mhòid air 01463 709705.”

Chì Mòd 2010 ann an Gallaibh An Comunn Gàidhealach a’ dèanamh fìor oidhirp a bhith a’ fastadh nas urrainn dhaibh de bhritheamhan aig a bheil sgilean gach cuid anns a’ Ghàidhlig agus ann an ceòl. Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Macleòid, “Ann a bhith a’ cumail ris na h-amasan againn a bhith a’ brosnachadh cleachdaidh na Gàidhlig agus a’ neartachadh luach a’ chànain san latha ’n-diugh, tha sinn airson ìre a ruigsinn far am bi againn, airson farpaisean iomchaidh, co-aontachadh de bhritheamhan Gàidhlig le eòlas aithnichte air ceòl, agus britheamhan ciùil aig a bheil eòlas agus tuigse air a’ Ghàidhlig. Tha sinn mu thràth air grunn leis na comasan sin a chomharrachadh a bhiodh nar beachd-sa iomchaidh airson an uallach seo a ghabhail, a bheireadh, gun teagamh, àrdachadh don pròiseas breithneachaidh, a b’ urrainn am breithneachadh aca a lìbhrigeadh anns a’ Ghàidhlig mar a bhiodh sin iomchaidh, agus a dh’àrdaicheadh creideas an tachartais. Dh’fhaodadh gun toireadh am pròiseas seo beagan ùine gus a thoirt gu buil gu h-iomlan, ach tòisichidh e am-bliadhna aig cuid de Mhòdan Ionadail agus aig a’ Mhòd Nàiseanta.” Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Mhòd 2010 an Gallaibh, feuch an tadhail sibh air ar làrach-lìn.

« Back to Mod News List

Farpais Ùr dha Sgoilearan ann an Ghallaibh is Chataibh

Published: 06 Apr 2010

Cuach Comataidh Sgìre Lochabair

Bidh cothrom aig sgoilearan air feadh sgìre Ghallaibh is Chataibh cur a-steach airson farpais ùr aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Chaidh Cuach Comataidh Sgìre Lochabair a thoirt seachad don Chomuinn Ghàidhealach gus sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh am-measg òigridh. Thèid an duais a thoirt seachad don sgrìobhaiche is fheàrr bhon sgìre anns a bheil am Mòd a’ gabhail àite gach bliadhna.

Tha an fhairpais seo fosgailte dha duine sam bith aig àois àrd-sgoil air 1mh den Dàmhair 2010, bho sgìre Ghallaibh is Chataibh a-mhàin. Thèid an duais seo a thoirt seachad aig Latha Litreachais air Diciadain 13mh den Dàmhair mar phàirt de phrògram oifigeil Mòd 2010.

Feumaidh gach farpaiseach sgrìobhadh co dhiù 200 facal, mu eachdraidh an sgìre aca fhèin. Bu chòrr dhaibh am pìos sgrìobhaidh a chur a-steach le foirm iarrtais gu An Comunn Gàidhealach, 109 Sràid na h-Eaglaise, Inbhirnis, IV1 1EY ro 31mh den Chèitean.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Marina NicLeòid aig marina@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn air 01851 703 487.

« Back to Mod News List

FOIRMICHEAN IARRTAIS 2010

Published: 05 Apr 2010

CUDTHROMACH Feumar na foirmichean iarrtais oifigeil a chleachdadh ‘s a chur thugainn air loidhne no tron phost leis an airgead cheart gu Rena NicAsgaill, An Comunn Gàidhealach, 109 Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis IV1 1EY ro 31mh an t-Ogmhios 2010. FIOSRACHAIDH ÙR Feumar a-nise ur òrain taghte a bhith a-staigh ro 30mh an t-Òg mhios no caillear 3 puingean bho ur comharrachadh gu h-iomlan.

« Back to Mod News List

RIAGHAILTEAN ÙR AIRSON MÒD NÀISEANTA 2010

Published: 05 Apr 2010

A thuilleadh air a’ chlàr-eagair, feumar farpaisich Riaghailtean a’ Mhòid a leughadh. Bu chòirear an sgrùdadh gu mionaideach leis gun tèid an cuir às an fharpais mura tèid an leantainn.

Rules of An Comunn Gaidhealach (amended Mar 2010).doc

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council