Eachdraidh

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891. ‘S e a’ phrìomh fhèille Ghàidhlig, a’ comharrachadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig ‘s a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig ‘s ciùil, dannsadh Gàidhealaich, dràma, spòirs ‘s litreachais. Ged as ann stèidhichte air farpaisean a tha e, tha e cuideachd a’ tàbhachd tachartasan mi-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ‘s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan ‘s cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas.

A bharrachd air a bhith na àrd-ùrlar eadar-nàiseanta gus cànan ‘s cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, bheir am Mòd buaidh mhòr chultarach ‘s eacanomaigeach dhan àite far an tèid a chumail, a’ tarraing shanasachd nàiseanta ‘s eadar-nàiseanta agus a’ togail ìomhaigh na àite. Tha am Mòd cuideachd na chothrom bhliadhnail do Ghàidheil ‘s Ghall cruinneachadh ri chèile gus càirdeas a dhaingneachadh ‘s dàimhean ùra a neartachadh.

Tha an taic bho bhuidhnean a leithid Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Banca Rìoghail na h-Alba, Am Posta Rìoghail, BBC na h-Alba agus Uisge Beatha a’ Bhotail Dhuibh air Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhaingneachadh mar phrìomh fhèille chultarach na Gàidhlig ann an Alba.

Tha an taobh eadar-nàiseanta dheth a’ sìor fhàs le taic bho EventScotland agus VisitScotland agus tha na prìomh bhuidhnean leasachaidh Albannach Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Pròiseact nan Ealan agus Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig cuideachd a’ cur an taic ris.


Tha Leabhar Làimhe a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a nis ri fhaotainn an seo.


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council