Measaidhean Gàidhlig

Tha Sgeama Measaidh nan cairtean a’ toirt taic agus spionnadh do dh’ fharpaisich an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, gus am faigh iad na cairtean a tha a dhìth orra, airson pàirt a ghabhail ann an cuid de dh’ fharpaisean a’ Mhòid. Tha an sgeama ann mar slat-tomhais gus fileantas fharpaisich a dhearbhadh anns na farpaisean agus a chumail aig àrd ìre. Ri linn seo, tha sgeama a’ Chomuinn gu mòr a’ cur ris an àrdachadh de fhileantas a-measg inbhich agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Chaidh Sgeama Measaidh nan cairtean atharrachadh ann an 2012, agus, bhon uair sin, thathas a’ faicinn tòrr dhaoine a’ dèanamh oidhirp le bhith a’ cosnadh cairt tron sgeama.

Tha eisimpleirean de chomhraidhean rim faotainn gu h-ìosal. Chithear na structaran as cudromaiche a dh’ fhaodar a bhith air an cleachdadh agus inbhe gach comhraidh a dh’ fheumas a choileanadh aig gach ire. Bidh liosta sgrudaidh aig gach neach-measaidh gus deanamh cinnteach gu bheil ceartas is cothromachd anns na measaidhean.

Tha agaibh ri Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid a-nis.

Faodaidh farpaisichean goireasan ionnsachaidh sam bith a chleachdadh gus an inbhe fileantachd a choileanadh a dh’ fheumas iad airson cairt a ghleidheadh ach tha An Comunn Gaidhealach a’ moladh gum faodar tadhail air

www.learngaelic.net

.



Gheibhear tuilleadh fiosrachadh gu h-iosal:



Learners Guide.pdf



SGEAMA MEASAIDH A (3).pdf



Ire 1 comhraidhean.pdf



Ire 2 Comhraidhean.pdf



Ire 3 comhraidhean.pdf



Ire 4 comhraidhean.pdf



Ire 5 Comhraidhean.pdf



Ire 6 comhraidhean.pdf



Ire 7 comhraidhean.pdf



Ire 8 Comhradh.pdf

Ma tha sibh airson latha measaidh a chur air dòigh no ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh na measaidhean, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no curibh fòn gu 01463 709 705.

Connect with Us

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council