Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail 2013 a chumail ann an Pàislig

Published: 23 Feb 2010

Tha An Comunn Gàidhealach, buidheann-eagrachaidh A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, air ainmeachadh aig a‘ choinneamh bhliadhnail aca air Dihaoine 19 Gearran 2010 gur ann am Pàislig a thèid Mòd 2013 a chumail. Is e seo a’ chiad uair a chaidh am Mòd a chumail ann am Pàislig.

Thuirt Iain Macleòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich “Tha An Comunn air faighinn agus air beachdachadh air tagraidhean bho riaghaltasan ionadail a thaobh an teannachadh mòr san eaconomaidh a tha a’ bualadh orra aig an àm seo. Tha am Bòrd Stiùiridh air beachdachadh air an seo agus air co-dhùnadh gu bheil feum a-nis air a’ phròiseas dealbhaidh trì-bliadhna airson Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chur air chois, a leudachadh gu ceithir bliadhna gus barrachd cothrom a thoirt do riaghaltasan ionadail agus luchd-taic a’ Mhòid a bhith ag ullachadh airson an Fhèis. Le bhith ag ainmeachadh far an tèid tachartas 2013 air adhart, tha seo mar a ‘chiad cheum air an t-slighe gu bhith a’ stèidheachadh cearcall dealbhaidh nas fhaide.”

Chur Meur Phàislig den Chomuinn Ghàidhealaich tagradh a-steach gus aoigheachd a thoirt don Mhòd ann an 2011 agus a-rithist ann an 2012. Tha an dàil seo bho 2011 air cothrom a thoirt do luchd-eagrachaidh ionadail an fho-structair ionadail a neartachadh agus air cothrom a thoirt dhaibh conaltradh a chumail san eadar-ama le luchd-eagrachaidh Mòd 2008 san Eaglais Bhreac agus Mòd 2009 san Òban.

Bha an Comunn Gàidhealach airson a dhaingneachadh le bhith a’ toirt Mòd 2013 a Phàislig gum brosnaich seo fàs ann an luchd-labhairt is luchd-taic na Gàidhlig ann an Siorrachd Roinn Friù is ann an Glaschu le bhith gan toirt nas fhaisge air a’ Mhòd airson a’ chiad uair bho chaidh Mòd Àrd Ruigh air adhart ann an 1993. Chriochnaich Mgr Macleòid le bhith ag ràdh: “Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil uallach oirnn am Mòd a thoirt gu na coimhearsnachdan Gàidhlig a tha a’ fàs air feadh na h-Alba, a bharrachd air coimhearsnachdan sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha fichead bliadhna ro fhada bho nach robh Mòd ann an Iar-mheadhan na h-Alba agus tha mi cinnteach gun cur a h-uile duine fàilte air a’ Mhòd seo.”

Sheall measadh eaconamach a rinnear air Mòd Nàiseanta Rìoghail 2009 gun fhritheal barrachd air 8,500 luchd-turais air Mòd an Òbain 2009. Chaidh am buannachd eaconamach don sgìre a mheasadh aig còrr is £2.3 millean agus gu robhas a’ faighinn fìor bhuannachd de £14 a-mach às a h-uile £1 a bhathas a’ cur ris an tachartas.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council