04 May 2023
Theid Mòd Ionadail Chataibh & Ghallaibh a chumail air an 3mh den t-Ògmhìos 2023 anns a’ ...
19 Jan 2023
Bidh cuid de na Mòdan Ionadail a’ coimhead ri Coinneamhan Bliadhnail agus cinn-latha ...
08 Sep 2021
Gu mì-fhortanach bha againn air am Mòd aig an deireadh sheachdain a chur dheth. Tha ...
18 Mar 2024
Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte fàilte a chuir air Coinneach Combe mar ...
11 Mar 2024
Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 15mh ...
02 Mar 2023
Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 17mh den Mhà...
’S e an fhèis chultarach Ghàidhlig as motha ann an Alba a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bheir seo cothroman do urrasairean ’s luchd taice am bathair ’s na seirbheisean aca a bhrosnachadh fhad ’s chuireas iad taic ri dualchas chultarach Ghàidhlig na h-Alba.
Tha an taic chunbhalach a gheibhear bho cheàrnaidhean poballach mar na h-ùghdarrasan ionadail sna h-Eileanan Siar, Earra-Ghàidheal is Bhòid, An Eaglais Bhreac, a’ Ghaidhealtachd, Peairt ’s Ceann Rois agus Companaidhean Iomairtean Ionadail sàr chudromach do leasachadh a’ Mhòid san àm ri teachd mar Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
Tha dlùth dhàimh air a bhith aig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn o chionn fhada dhan Ghàidhealtachd, na h-Eilean agus taobh siar na h-Alba mar sheirbheis aiseagan cudromach, agus tha iad air a bhith nam prìomh urrasairean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail bhon a bha e sa Leargaidh Ghallda ann an 2002.
Tha na prìomh bhuidhnean Ghàidhlig eile a leithid Bòrd na Gàidhlig, agus Comhairle nan Leabhraichean cuideachd a’ toirt taic chudromach dhan Mhòd.
Luchdaich sìos pasgan Urrasachd / Maoineachaidh