Naidheachdan

Barra Mod Starts Today!

Published: 30 Sep 2011

Toisichidh Mod Ionadail Barraigh is Bhatarsaigh an diugh ann am Barraigh. B’ ann anns na 1930’an a chaidh Mod Ionadail a chumail ann am Barraigh mu dheireadh! Theid farpaisean a chumail an diugh agus a-maireach.

Tha an comataidh ionadail agus na farpaisich air a bhith ag obair cruaidh anns na miosan a chaidh seachad, ag ullachadh airson a’ Mhod Ionadail. Tha Riona Whyte, Oifigear Modan Ionadail airson An Comunn Gaidhealach, air a bhith ag obair leis a’ chomataidh gus program a’ Mhoid a thoirt ri cheile.

Tha sinn an dochas gun teid gu math dhaibh uile aig a’ Mhod Ionadail agus bidh fadachd oirnn gus am faic sinn co gheibh na duaisean!

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh bho Jane NicNeill air jdouglasmacneil@aol.com.

« Back to Mod News List

Or is Orain Disathairne!

Published: 27 Sep 2011

Òr is Òrain

DISATHAIRNE SEO TIGHINN!

1MH DAMHAIR

Caberfeidh

7.30f

Iain Murchadh Moireasdan – 1965

Iain MacAoidh – 1972

Murchadh Iain MacCoinnich – 1979/89

Cathie Ann NicLeoid – 1979

Iain ‘Tonkan’ Domhnallach – 1990

Domhnall Angaidh MacMhathain – 1994

Iain MacAmhlaigh – 1998

Jenna Cumming – 2002/03

Tormod Mac a’ Ghobhainn – 2003

Mairead Nic a’ Laomainn – 2010

Ceol bho Graham MacIllinnein agus Anndra Yearley

Fear an Taighe – John A MacIomhair

Ticeadan £10 bho Oifis a’ Chomuinn

Fon : 01851 703487

« Back to Mod News List

Bathair a' Mhoid a-nise ri fhaotainn!

Published: 27 Sep 2011

A’ coimhead airson tiodhlac airson neach aig a bheil a h-uile sian? Uill, tha comataidh ionadail Mòd nan Eilean Siar air bathar a cheannach a fhreagras air an dearbh neach a tha sin. Mar phàirt den oidhirp gus airgead a chruinneachadh airson Mòd nan Eilean Siar, chaidh leabhar còcaireachd ullachadh a tha a’ taomadh le reasabaidhean de gach seòrsa! Bhiodh fàilte air leithid de leabhar ann an cidsin sam bith, agus airson prìs cho saor ri £8, carson nach ceannaich sibh dha no thrì airson caraidean, càirdean no fiùs feadhainn a tha ag obair còmhla riut! Cuideachd thathar air aparan sònraichte Mòd nan Eilean Siar a chruthachadh agus gheibhear sin airson £5 no carson nach ceannaich sibh an dà rud airson £12. Ma tha ùidh agaibh, nach tadhal sibh air Oifis a’ Chomuinn ann an Steòrnabhagh, no tog a fòn thuca air 01851 703487.

Tha a’ chomataidh cuideachd toilichte ainmeachadh gu bheil bathar oifigeil a’ Mhòid a-nis ri fhaotainn. Tha hoodies agus zoodies ri fhaighinn, le suaicheantas ùr spaideil, agus gheibhear iad ann an difear dhathan agus meudan. Tha a h-uile coltas ann gu bheil iad gu bhith tarraingeach do shean is òg ‘s mar sin thathar ag iarraidh òrdughan fhaighinn a-steach cho luath sa ghabhas. Cuideachd tha an cothrom muga oifigeil Mòd Nàiseanta nan Eilean Siar agus pocannan beag is mòr air a bheil suaicheantas a’ Mhòd a cheannach.

Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach leig fios thugainn gu duilleag Mòd nan Eilean Siar air Facebook, thig a-steach gu Oifis a’ Chomuinn no bruidhinn ri ball den chomataidh.

Cuideachd tha Oifis a’ Chomuinn gu bhith fosgailte air Disathairne 1 agus 8mh Dàmhair gus cothrom a thoirt do dhaoine bathar agus tiogaidean a cheannach.

« Back to Mod News List

Cuidich Comataidh nam Mnathan?

Published: 27 Sep 2011

Tha Fo-chomataidh mnathan comataidh ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011 a’ sireadh dhaoine a bhiodh deònach cuideachadh le bhith ag ullachadh tì, cofaidh agus bèicearachd tro sheachdain a’ Mhòid aig na diofar àitean far am bi farpaisean a’ gabhail àite. Mar a mhìnich Neach Gairm am fo-chomataidh, Moira NicIlleathain:

“Bhiodh sinn air leth toilichte cluinntinn bho neach sam bith a tha deònach cuideachadh. Tha mòran nithean a’ tighinn còmhla airson dèanamh cinnteach gu bheil Mòd soirbheachail agus air a dheagh ruith agus ‘s e pàirt cudromach dha rìreabh a tha seo a tha a’ sealltainn cho sònraichte agus aoigheil sa tha Mòdan ‘s na h-Eileanan. Ma tha sibh deònach a bhith timcheall airson uair a thìde, madainn, feasgar no fad là, bhiodh sinn air ar dòigh glan cluinntinn bhuaibh”.

Ma tha sibh deònach cuideachadh leig fios gu Moira NiIlleathain air 07769812361 no air a’ phost-dealain gu moira.maclean@btinternet.com. No faodaidh sibh tadhal a-staigh gu Oifis a’ Chomuinn ann an Steòrnabhagh.

« Back to Mod News List

Mod 5k Success

Published: 26 Sep 2011

MOD 2011 5K EVENT HAILED A SUCCESS!

The 2011 Mòd nan Eilean Siar 5k event has been hailed a tremendous success by organisers Marina MacLeod and Evelyn Coull. Despite the huge downpour that began half an hour before the race started and which continued for the first mile or so of the course over 120 people took part in the race.

The first male home, in an incredible time of 16 minutes and 27 seconds, was Iain MacCorquodale, who hails from North Uist and is a member of the North Uist Amateur Athletics Club. Due to an injury sustained round the course Iain was unable to receive his trophy from Convenor of the local organising committee, Alex MacDonald, as he was at the time being attended to at the Accident & Emergency Department of Ospadal nan Eilean where three stitiches were placed in his knee!

The first female to cross the finish line was a member of a Stornoway Running and Athletics Club, Stornoway girl, Rebecca Munro with a time of 22 minutes and 40 seconds. Rebecca was delighted to receive the splendid trophy, which incorporates the Mod 2011 logo, from Alex MacDonald and commented that ‘it was by far by nicest trophy I have ever won!’

The event was attended by young and old and clearly the damp weather conditions had no impact on the fantastic atmosphere. With less than three weeks until the start of Mòd nan Eilean Siar 2011, which runs from the 14th to the 22nd of October 2011, this was an excellent way of promoting the event to a new audience.

Below: First Male crosses the finish line, Iain MacCorquodale of North Uist; First Female, Rebecca Munro receives her trophy from Alex MacDonald, Convenor of the Local Organising Committee


« Back to Mod News List

108mh MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL A’ TILLEADH GU NA H-EILEANAN AN IAR

Published: 15 Sep 2011

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan is dualchas na Gàidhlig, am-bliadhna a’ siubhal gu na h-Eileanan an Iar airson an còigeamh uair ann an eachdraidh 120 bliadhna, sia bliadhna às dèidh dha tadhal mu dheireadh air na h-eileanan ann an 2005.

Tha an tachartas ochd-latha seo de cheòl, dannsa, dràma, ealain is litreachas na Gàidhlig, a bhios a’ ruith bho Dhihaoine 14 gu Disathairne 22 Dàmhair, an dùil na mìltean de luchd com-pàirt a thàladh a bhios a’ toirt a-steach làn choimhearsnachd nan Eilean - Leòdhas, Na Hearadh, Beinn na Faoghla, Barraigh is na h-Uibhistean.

Fo stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a’ bhuidheann as sine agus as measail a-measg nam buidhnean Gàidhlig air fad, is e fèis farpaiseach a tha anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ tàladh fharpaisich bho choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na RA, Èirinn, Àstràlia, a’ Ghearmailt, Canada agus na SA agus thathas ga fhaicinn mar an tachartas as motha a tha air mìosachan na Gàidhlig.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn uamhasach toilichte a bhith toirt Am Mòd air ais gu na h-Eileanan an Iar am-bliadhna; sgìre le eachdraidh làidir ann a bhith a’ lìbhrigeadh deagh thachartas dha gach cuid luchd com-pàirt is luchd-amhairc. Tha a’ Chomataidh Eagrachaidh Ionadail air a bhith uamhasach trang gus dèanamh cinnteach gum bi tachartas na bliadhna air leth soirbheachail agus le raon farsaing de thachartasan air an iomall; chuirinn ìmpidh air a h-uile duine a thighinn a-mach gus faicinn na bhios a’ dol air adhart aig a’ Mhòd.

“Mu thràth tha sinn air àireamhan mòr de thagraidhean fhaighinn bho dhaoine de gach aois airson pàirt a ghabhail ann am farpaisean na bliadhna agus tha sinn air tagraidhean fhaighinn bho àiteachan cho fad às ri Canada, na United Arab Emirates, California agus Virginia.”

Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail gheibh daoine raon farsaing de chothroman pàirt a ghabhail ann am farpaisean, a’ toirt a-steach chan e a-mhàin luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig ach cuideachd feadhainn a tha air ùr thòiseachadh air a’ chànan ionnsachadh.

Air ionmall a’ Mhòid, tha cothrom ann gach bliadhna dha Gàidheil agus Goill a bhith a’ cruinneachadh gus càirdeas ùrachadh neo eòlas fhaighinn air caraidean ùra. Am-bliadhna tha tachartasan a’ toirt a-steach chèilidhean, oidhcheanan ciùil air àrd-ùrlar, dannsa an rathaid gach oidhche, taisbeanaidhean eachdraidheil, bùthan-obrach ciùil ‘gabh an cothrom’, agus òraid cuimhneachaidh Aonghais Mhicleòid.

Tòisichidh an Fhèis air Dihaoine 14 Dàmhair le cuirm-fosglaidh tràth san oidhche agus às dèidh sin bìdh cèilidh traidiseanta ann gus blas a thoirt do luchd-tadhail air na tha romhpa fad na seachdain farpaiseach a tha air thoiseach.

Bidh farpaisean dha-rìribh a’ tòiseachadh Diluain 17 Dàmhair, a’ cur air bhog seachdain làn de chiùil, òrain, dannsa, dràma, spòrs and litreachas na Gàidhlig.

Thèid farpaisean na cloinne air adhart aig toiseach na seachdain agus bidh faisg air 1,700 leanabh bho air feadh na dùthcha an sàs annta.

Cumar na cuairtean-ullachaidh airson Buinn Òr an t-Seann Nòs agus Buinn Òr a’ Chomuinn air Diciadain 19 Dàmhair agus bidh na cuairtean deireannach ann Diardaoin 20 Dàmhair. Thèid co-dhùnadh mu dhuaisean òir-mhiannach MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Mhàiread NicDhonnchaidh air Dihaoine 21 Dàmhair mus tèid a’ chuirm dheireannaich air adhart. Thig cùisean gu crìch aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011 air Disathairne 22 Dàmhair nuair a chruinnicheas na Mòr-chòisirean le caismeachd ann an Ceàrnag Phearsabhail, le còmhlain pìoba ionadail aig an stiùir.

An-uiridh chaidh am Mòd gu Gallaibh airson a’ chiad uair; don tachartas soirbheachail sin thàinig HRH Diùc Bhaile Bhòid agus thug e seachad duaisean Bonn Òr a’ Chomuinn don dithis a bha soirbheachail san fharpais sin, Joy Dunlop agus Iain MacIlleathain. Ghabh còrr is 2,000 farpaiseach pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 agus shiubhail mìltean de luchd-tadhail gu Gallaibh airson an tachartais.

Thuirt Ailig Dòmhnallach, Neach-gairm, Comhairle nan Eilean Siar agus Neach-gairm Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011: “Mar an neach-gairm air gach cuid Comhairle nan Eilean Siar agus comataidh eagrachaidh ionadail Mod nan Eilean Siar 2011, tha mi air leth toilichte an cothrom a ghabhail gus fàilte a chur air a’ Mhòd air ais gu na h-Eileanan an Iar airson an 5mh uair na eachdraidh. Chan eil suidheachadh nas fheàrr ann airson an tachartais comharrachaidh fad-seachdain seo de chànan is chultar na Gàidhlig, na na h-Eileanan an Iar mar mhòr-sgìre dualchasach na Gàidhlig.

“Tha a’ Ghàidhlig stèidhichte ann an cridhe na h-eileanan seo, far a bheil sluagh a tha a’ comharrachadh a’ chànain anns gach raon dem beatha làitheil: anns an dachaigh, san raon obrach agus anns a’ choimhearsnachd. Tha Comhairle nan Eilean Siar moiteil a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig agus nì sinn ar làn-dhìcheall a h-àite cheart a chumail agus a bhrosnachadh aig cridhe cultar beartach dualchas na h-Alba.”

Thuirt Phil Preston, Stiùiriche Riaghlaidh Caledonian Mac a’ Bhriuthainn (CalMac): ”Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail aon de na sàr-thachartasan bliadhnail aig CalMac agus tha sinn air leth toilichte a bhith tighinn a Steòrnabhagh a tha na phàirt cho cudromach den lìonra againn. Is e deagh chothrom a th’ann an seo a bhith a’ coinneachadh agus a’ ceangal ri daoine air feadh na sgìre againn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte orra don t-seann bhus Mac a’ Bhriuthainn againn, a tharraing uidhir de dh’aire ann an Inbhir Theòrsa an-uiridh.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Àrd-oifigear Gnìomh aig EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta: ”Tha EventScotland toilichte a bhith a’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist am-bliadhna. A’ comharrachadh ceòl is cultar na Gàidhlig, tha Am Mòd a’ toirt tlachd dha mòran dhaoine air feadh an t-saoghail, a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh na h-Alba agus sàr-dhualchas ionmholta na dùthcha.”

A’ toirt an taic don Mhòd, tha Comhairle nan Eilean Siar, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.

Airson làn-phrògram na Fèise agus mion-fhiosrachadh, tadhlaibh air www.acgmod.org


SGEIDEAL THACHARTASAN A’ MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL – 2011

Ceann-là

Tachartas Àite*
Dihaoine 14 Dàmhair Tachartas fosglaidh An Lanntair
Disathairne 15 Dàmhair Cuairt-dheireannach Cupa Iomain a’ MhòidLionacleit
Cuirm nam Fìdhlearan Ionad Spòrs Leòdhais
Didòmhnaich 16 Dàmhair Seirbheis Eaglais a’ MhòidTalla Bhaile Steòrnabhaigh
Aoradh Ceilteach

Eaglais Martin’s

Diluain 17 Dàmhair Cuirm na Cloinne Ionad Spòrs Leòdhais
Dimàirt 18 Dàmhair Cuirm na CloinneIonad Spòrs Leòdhais
Diciadain 19 Dàmhair Duaisean LitreachaisSeòmar na Comhairle
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir A220 / A221 Talla Cruinneachaidh, Sgoil MhicNeacail
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir A222 / A223 Eaglais Naomh Chaluim Chille
Cuairt dheireannaich An Aigeallan Airgid Ionad Spòrs Leòdhais
Cuairt dheireannaich an Drama An Lanntair
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir – Seann NòsTalla Cruinneachaidh, Sgoil MhicNeacail
Diardaoin 20 Dàmhair Dannsa Gàidhealach Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh
Cuairt dheireannaich Bonn Òr a’ ChomuinnIonad Spòrs Leòdhais
Cuairt dheireannaich a’ Bhuinn Òir – Seann NòsIonad Spòrs Leòdhais
Cèilidh an Neach-gairm – Seann NòsAn Lanntair
Dihaoine 21 Dàmhair MacShimidh is Thulaich Bhàrdainn Ionad Spòrs Leòdhais
Màiread NicDhonnchaidh Talla Bhaile Steòrnabhaigh
A’ Chuirm DheireannaichIonad Spòrs Leòdhais
Disathairne 22 Dàmhair Caismeachd mòr-chòisirean is chòmhlain pìoba Ceàrnag Phearsabhail

* Dh’fhaodadh na h-àiteachan atharrachadh. Faic an làrach-lìn airson dearbhadh.

« Back to Mod News List

Ceilidh is Dannsa ann an Uibhist

Published: 15 Sep 2011

MÒD 2011 CÈILIDH & DANNSA

DIHAOINE 23 SULTAIN

TALLA CHAIRINIS

8f

Iain Macamhlaigh

Mischa Nic a’ Phearsain

Neillie Fearghasdan

Seumas Caimbeul

Peigi Chaimbeul

Pàdraig Hughes

Pàdraig Moireasdan

Màiri NicAonghais

Oileanaich Colaiste Bheinn a’ Bhaoghla

Còmhlain Phìob Sgoil Lionacleit

Còmhlain Phìob Uidhist

Dannsa le

Còmhlain Iain Aonghas Macleòid

Bàr

Raffle

£7 / £5 aig an doras

« Back to Mod News List

Cothrom Bonn Or 1925 a Cheannach

Published: 02 Sep 2011

Tha cothrom ann bonn òir a chaidh a bhuannachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1925, a cheannach. ‘B e Donalda Robertson a bhuannaich an duais sònraichte seo aig Mòd Ghrìanaig ann an 1925.

‘Se 9ct a th’ anns am bonn òir seo agus tha e a’cothromachadh mu 30gm.

Thèid airgead sam bith a thèid a thogail mu choinneamh cosgaisean còisir òg a dhol gu Mòd nan Eilean Siar 2011.

Ma tha sibh airson am bònn òir seo a cheannach, cuiribh fios gu Una NicLeòid aig: macleoduna@hotmail.com

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council