Eachdraidh a’ Chomuinn

Tha An Comunn Gàidhealach na bhuidheann saor-thoileach le inbhe carthannais. Chaidh a stèidheachadh anns an Òban ann an 1891 mar dhòigh airson cànan is cultar nan Gaidheal a bhrosnachadh.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ toirt misneachd do dhaoine a bhith a’ cleachdadh, a’teagaisg agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e an sàs ann an eachdraidh, litreachas, ealain agus ceòl Gàidhlig. Aig an fhìor thoiseach bha An Comunn an sàs anns a bhith a’ stèidheachadh fèis Ghàidhlig, a’ cleachdadh tè a bha ann an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh mar shamhla. ’S e “Am Mòd” a thug iad air an fhèis seo agus as dèidh 100 bliadhna soirbheachail fhuair am Mòd an aithneachadh air an robh e airidh nuair a bhuilich a’ Bhànrigh an Aonta Rìoghail air. ’S e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a th’ air a-nis.

Tha a Bhànrigh na cùl-taic den Chomunn Gàidhealach, ’s e an àireamh carthannais aig a’ Mhòid SCO01282.

Mar is trice ‘s e An Comunn a th’ aig daoine air, an àite An Comunn Gàidhealach. Tha e a-measg nam prìomh buidhnean a tha a’ riochdachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Amasan a’ Chomuinn Ghaidhealaich

A bhith a’ brosnachadh cànain, cultair, eachdraidh is dualchas nan Gàidheal aig ìreanionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta le bhith:

  • A’ brosnachadh a’ chànain aig ìre choimhearsnachd
  • A’ brosnachadh foghlaim, litreachais, ceòl, dràma agus ealain na Gàidhlig
  • A’ lorg Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig agus ag iarraidh air buidhnean poblach a bhith a’ cleachdadh a’ chànain bho latha gu latha, le bhith ag obair ann an compàirteachas le buidhnean eile a tha ag obair airson cànan agus cultar na Gàidhlig.
  • ‘S e buidheann neo-phoileataigeach a th’ anns a’ Chomunn agus tha ballrachd fosgailte gu neach sam bith aig a bheil na h-amasan gu h-àrd


Proudly Sponsored By

The National Trust for Scotland

The National Trust for Scotland

Main Commercial Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

Royal Bank of Scotland

Royal Bank of Scotland

Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

Royal Mail

Royal Mail

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Highlands and Islands Enterprise

Highlands and Islands Enterprise

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2014 Supporter

CEANGAIL A' NIS CUAIRT-LITIR AGAINN DO ÙR-NAIDHEACHD