Eachdraidh a’ Chomuinn

Tha An Comunn Gàidhealach na bhuidheann saor-thoileach le inbhe carthannais. Chaidh a stèidheachadh anns an Òban ann an 1891 mar dhòigh airson cànan is cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ toirt misneachd do dhaoine a bhith a’ cleachdadh, a’ teagaisg agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha e an sàs ann an eachdraidh, litreachas, ealain agus ceòl Gàidhlig. Aig an fhìor thoiseach bha An Comunn an sàs anns a bhith a’ stèidheachadh fèis Ghàidhlig, a’ cleachdadh tè a bha ann an Eisteddfod anns a’ Chuimrigh mar shamhla. ’S e “Am Mòd” a thug iad air an fhèis seo agus as dèidh 100 bliadhna soirbheachail chaidh aithne a thoirt dhan Mhòd tron Aonta Rìoghail. Tha an fhèis aithnichte a-nis mar Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.

’S e an àireamh carthannais aig a’ Mhòid SCO01282.

Mar is trice ’s e An Comunn a th’ aig daoine air, an àite An Comunn Gàidhealach. Tha e a-measg nam prìomh buidhnean a tha a’ riochdachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Amasan a’ Chomuinn Ghàidhealaich

A bhith a’ brosnachadh cànain, cultair, eachdraidh is dualchas nan Gàidheal aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta le bhith:

  • A’ brosnachadh a’ chànain aig ìre choimhearsnachd
  • A’ brosnachadh foghlaim, litreachais, ceòl, dràma agus ealain na Gàidhlig
  • A’ lorg Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig agus ag iarraidh air buidhnean poblach a bhith a’ cleachdadh a’ chànain bho latha gu latha, le bhith ag obair ann an compàirteachas le buidhnean eile a tha ag obair airson cànan agus cultar na Gàidhlig.
  • ’S e buidheann neo-phoileataigeach a th’ anns a’ Chomunn agus tha ballrachd fosgailte gu neach sam bith aig a bheil na h-amasan gu h-àrd.

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council